ORAN do DHONNACHA MAC AONGHUIS, da ’m bu cho’ ainm Donncha na beurla [This hero proposing to have the Prince crowned after the battle of Culloden with the assistance of three men, blaming those who were at that battle for not doing so when so many of them were together.] ; Le Iain Mac Thearlaich oig, duin’ uasal bh’ ann am Muile.
Fonn.— ’Se latha Raon Ruairidh, &c.
CHA n’ e goirteas mo shròine,
Ged tha dòruinn na mullach,
Chuir m’ aigne cho brònach,
Na mo chòradh fo mhulad;
Ach sar oigeir na béurla,
Air gach feill a fhuair urram,
’N deigh a bhristeadh le beisdean [Being formerly a drover, but failed.] ,
’S tric bha ’n geimnich am Muile.
Ruigidh bristeadh a Chaiptein,
Cluasan claisteachd a Phrionnsa,
Fear a fhreasdail na airc e,
Tha thu shliochd na ’m fear gasda,
Bha ’m baiteal Chath Gairbheach,
Rinn tiomna gun taise,
Agus gaisgeadh le ’n armaibh,
’Nuair thog iad corp Eachuinn,
O chasan an naimhdean,
Air an tuaghannaibh sgaiteach,
G’a ghiùlan dachaidh roimh ’n Ghalldachd.
’Nuair a spreigte piob mhor leat,
’S thu cuir an ordugh do bhrataich,
’S thu togradh gu comhruig,
Dhol an còmhail na ’m marcach,
’Nuair a ruisgeadh tu spòlta,
Nach robh lodail ri fhaicinn,
Cha bu shlachdan aig oinnsich,
Claidhe mor thoirt do ’n ghaisgeach.
’S math thig boineid le fabhar,
Air cul fainneach donn socair,
Dol an coinneadh do namhaid,
Air falair ard na sàr choiseachd,
Cha b’ e fuath Mhic a Mhàili,
Fear do ghnath na do choltais,
’N am suidhe ’s tigh thairne,
’S tu gu ’m paigheadh na botail.
’S na ’m biodh Uilleam [Duke of Brunswick.] a’s tù,
Sud na h-airm dhuit a thaghainn,
’S thu dol air t-aghaidh gu meamnach,
Gunna, sgiath, agus clogaid,
’S claidhe socrach an ceanna-bheart,
Agus ciad do luchd brochain,
’S na ’n droch chosaga’ dearga,
Chuir a’ t-aghaidh gu cogadh,
’Sa ’n deomhan gog dhiu nach marbh thu.
title | ORAN do Dhonnacha Mac Aonghuis, da ’m bu cho’ ainm Donncha na beurla |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |