[231]

Cumha Mhaighistir ChoinnichIc Coinnich fear, a Chnocain Ruaîgh, lamh-ri Ionmhuir-feorain, duin uasal deth ard fhuil, agus a choisinn cliuth thair moran eile, agus is ionndrainn anns an aite sin deth na chaochail beatha o chionn ioma linn; Le fear airid, mur gum bann le Coinneach Dingeil, gille bhaige fhein ioma bliadhna roimhe bhas.

Fonn; Cumha HuisteinIc Aoidh, le Rob Donn.

RIGH gur muladach tha mi,
Ri bhig aireadh ar truaighe,


[232] Mun uasal so dhfhag sinn,
Rinn am bas a thoirt uainne,
Gur a lionar iad cràiteach
Nach robh an cairdeas riut fuaighte,
S e sud aobhar mo chlisgidh,
Do chur an citse na h-uaighe.

Than Cnocan-ruagh so na fhasach,
On a chaireadh san uaigh thu,
S ged tha sinne dheth craiteach,
S goirte caradh na h uasail,
Do bhanntrach on dheug thu,
S tric deur air a gruaidhean,
S chan iongnadh dhi fhein sin,
As do dheigh gur a truagh i.

S e fath macains mo dhiobhuil,
Bhig innseadh do bhuaidhean,
S cha chuir mi uile an ceill iad,
Ged bhiodh cleireach ri mghualainn,
S e ro mheud an eolais,
Gu bheil e dhomhsa na chruaidh-chas,
Agus barrachd a mhulaid,
San tuil air mo ghruaidhean.

Bha thu uasals bu choir dhuit,
Gun bhi spòrsail no uaibhreach,
Cridhe glan mur an doimean,
Gun fhoill na gun fhuath ann,
Bu tu sheasadh ar coir dhuinn,
Ann am mod na an cruaidhchas;
Anns na chaidhe riut earbsa,
Cha bu chearbach a fhuaradh.

Bha thu iochdar ri feumach,
Bha thu deirceach ro thruacant’,


[233] Bha thud charaidn am feuma,
Gu ar eiginn duinn fhuasgladh,
At-aobhar eagail do dnamhaid,
Sanuair a thàraidh tu buaidh air,
Ach easan bhin ìochdar,
Sin nuair bhìodh tu ris suairce.

Bha thun urram sam prìs,
Aig gach iosal as uasal,
Ad cheann feadhna math tighe,
Agus ro mhath don tuaithchearn,
S nach feileadh sa mhal iad,
Ach bheireadh dail doibh as fuasgladh,
S ged bhiodh iad air deireadh,
Nach cuireadh orrfuadan.

Be sud an ceann teaghlaich,
Bha gu meadhrachail uasal,
Ann ad thighse chan fhaicte,
An t-airceas no ghruaimein,
Bu tu cridhe na faoileachd,
Bha gu daontachail suairce,
Bu tu fhein am Mac Coinnich,
Bha gu loinneils bu dual duit.

Leat bu toil a chainnt Ghailic,
Anns gach abhachd as duanag,
Sanuair a sheinneadh tu luinneag,
Guth bu bhinne cha chualas;
Bu toigh leat bardan as pìobrain,
S i do chis nach biodh suarach;
S ged tha do leaban diugh iosal,
Chan eil e air diochuimhn do shuairceas.

S annauasal than drasd ann,
Sheasas t-aiten am cruadail,


[234] Cha robh idir air sloinne,
Chloinn Choinnich na buaisle;
Ge mor againne Sìophort,
Cha strìochdadh tu uair dha;
Nuair bhiodh bochdannan éiginn,
Bann riutsa leughadh iad an cruaidh-chas.

Ach an t-Alasdair og ud,
Tha fiachan mor air a ghuailibh,
Mun lion e do chota,
N am bhi foirneadh na tuaithchearn;
Ach tha mo dhuilse ann fathasd,
Mac an athar bha suairce,
Air chionn deireadh a bheatha,
Nach bi nas lugha ri luaidh ris.

Ged is iomadaidh bliadhna,
Bha mi fod riaghailts fo dhuais leat,
Cha do mhothaich mi riamh uait,
Droch bhriathran no bruaidlein,
S a nis on a thriall thu,
Chaidh mo riaghailt air ghluasad;
Ach fhad sa bha thusa mairrionn,
Bho mo charaid ri mghualainn.

Be sud latha ar creiche,
Thainan teachdaire cruaidh ort,
N siath latha den chéitein,
Rinn an t-eug do thoirt uainne,
M bliadhnochd ciad deug sa h-aon deug dhiu,
Bliadhnar leiridhs ar cruadail;
S gur h-ioma neach dheth tha bronach,
Mu Ionmhuirfeorain onuair sin.

titleCumha Mhaighistir Choinnich ’Ic Coinnich fear, a Chnocain Ruaîgh, lamh-ri Ionmhuir-feorain, duin uasal deth ard fhuil, agus a choisinn cliuth thair moran eile, agus is mò ionndrainn anns an aite sin deth na chaochail beatha o chionn ioma linn
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page