[235]

ORAN do Mhoir-fhear Mac Shimidh, leis a bhard Mac Mhathan, air dha gunna fhaotainn uaithe.

GUR h-uasal am macan,
A ghluais uainn air asdar di-mairt,
Gheibhte iasgach mu dbhaile,
Agus fiadhach ad bheannaibh gu h-ard;
Guidheam bliadhna mhath ur dhuit,
Mhic Shimidho Dhuinidh nan carn,
Gu ma buaghail don aiteam,
Togail suas a chuid bhrataichean ard.

Thriath na Mòr-fhaich gum bait leam,
Bhi triall gu do gheataibh gach lo,
Dhamharc tighe nan steuda,
Gum ben t-aighear leam fhein dol na còir;
Rioghainn ùr nan ciabh clannach,
Air am faicte fiamh ghlan anns an ,
Sud an ceile tha marr-riut
S tric a dheisd mi ri farrum a ceoil.

Bann deth dchleachdain-san comhnuidh,
Dheagh Mhic Shimidh nan cornn as nam pìos.
Gach feasgarn deigh nòine,
G ol gu frasach air beoir as air fion;
Bhiodh do mhaighdionnan grinne;
Cuir an caoimhneas am binnid le gniomh,
Le ceol agus àhhachd,
Ann an talla nan clàrsachs nan cliar.

Bidh do mhaighdionnan riomhach,
Air an earradh an siodas an sròl,


[236] N’ ’Ic Illeain a Muile,
S NiMhic Dhonuill o chular nan seol,
Agus steud an fhuilt riomhaich,
O Thuiteirean dìleas nan corn,
S tha do chairdeas gun teaga,
Ri oighre Dhuinbheagain Mhic Leoid.

Dheagh Mhic Shimidh nan luth-chleas,
S nam brataichean cùraidh dethn t srol,
O Dhuinidh nan seang-each,
Farm bu mhuirneach luchd tighe ri ol;
Mus a triall duit air asdar,
A nunn uainn do Shasunn nan cleoc,
Gu ma slan thig thu dhachaidh,
Gu do thir am bi farrum a cheoil.

Seobhag shuaircthu fo iteach,
Leis an eireadh na Friseilich og,
Sud am boinne deas direach,
Dethn chinne cho dileass tha beo,
Ge be chuireadh ort gruaman,
Nam tarruing na bualadh nan stroc,
Gum biodh spéic nan lann geala,
Tarruing t-eirig a dhaindeoin no dheoin.

Thoir soraidh na dhà uam,
Gu fearaibh Cheanntaile so shuas,
Far an cinnteach a tha mi,
Am bheildo dheoch slainnte ga luaidh;
Bidh mac na cléithe na shiubhal,
Air an fheil mur bu chuibhes bu dual,
S mo mhile beannachd leibh uile,
S bidh mi falbh le mo ghunna fhéin uaibh.

Gluaisidh mis le mo chuiliobhair
Thilgeas fada, caol cuimseach, le fuaim,


[237]S cluinnear sgeul air an armachd,
Aig fir as aig seanchaidhn taobh tuath;
Gluaisidh mise mars eol domh,
O Mhac Shimidh nan ròiseal on dfhuair,
S nam biodh a ghealsair a chuspair,
Bhiodh mo lamhsa ga druideadh rim chluais.

titleOran do Mhoir-fhear Mac Shimidh
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page