[237]

Cumha le AONGHUS MAC LAOMUINN, ann an I. Chalum Chille do leanabh leis fein.

GUR a mis tha fo mhulad,
Air muilinns mi monrachd,
S mi caoineadh an lurain,
Tha mi uime ro bhronach,
On a chaidh thu san tulaich,
Am bheil tuille do dsheorsa,
Gur h-e sgeula mo dhunaidh,
Nach dfhuirich thu Dhomhuill.

S gur h-oil leom a thachair,
Gun do ghlacadh cho og thu,
Leis an teacaire dhàna,
Gun chairdeas do mdhoruinn,
Thug a broilleach do mhathar
Thu a ghraidh gun chead còraidh;
Oir is mis thair mo chràdh-shlad,
On la chaireadh foin fhoid thu.

Ormsa rug an fhras ghàbhaidh,
Nuair a chaireadh air bord thu,


[238] Ann ad bhradan geal lamh rium,
Gun chail ann ad choradh,
Gur h-i nollaig mo ghreadaidh,
A leag mi le doruinn,
On la chuir iad thu sinte,
Anns a chill fo na bordan.

Bha mo chion air an leanabh,
Dhfhas gu ceanalta modhar,
Riut a thogadh mo chridhe,
Thu bhi tighin am chomhail,
S tric a rinn mi riut mireag,
Gu h-iollagach ceolar;
Leam, a luaidh gum bu mhilis,
Bhi gu minig ga dphogadh.

S gu mbi sud an t-suil aluinn,
Bhaig mo phràpanach boidheach,
Beul bu mheachaire gair thu,
Pog mur fhaile nan rosan,
O dshailtean gu dmhullach,
Bu leat urram na h-ògraidh,
S nam faigheadh tu saoghal,
Bu tu gaol nam ban òga.

Bu tu mabhull as mubhlan,
S bu tu mùr ros an garadh,
Bu tu mo chaineals mo shiucar,
Mo chruit ciùils maobhar ghaire,
Bu tu maidhears mo shugradh,
S bu tun ur ghibht a chraidh mi,
On la chuir mi fon uir thu,
Tha mi bruite fom airnean.

S gur tric tighn am aire,
A liuthad car a bha dlamhan,


[239] Do luth-chleasan beadrach,
Ri cleasachd as abhachd,
Nuair a dheanainn do ghlacadh,
Ga t-altrum o dmhathair,
Bhiodh mo chridhe lan aiteas,
Bhi macnus rimghradhsa.

S cha ne t-fholachd na t-uaisle,
So ghluais thun na dàin mi,
Na soileas bhig innseadh,
Do dhisleaus do chairdean,
Ach a thoileachadh minntinn,
Mur chuimhneachan bais ort,
Los gum faicinn a ruin-ghil,
Do ghnuis mur an sgathan.

S cuime tha mi cho gorach,
Sa bhi bronach ga t-aireadh,
Ons en Ti is fearr coir ort,
Thug dhuit ordugh ar fàgail,
Dhfhios na h-urach gam buin thu,
San duslach on dthainig,
San t-anam gu rioghachd,
Na Ti a thug fas dha.

S ged tha misen so lathair,
Ann an sgaile na feola,
Agus tusa gu sabhailt,
-ri Abrams ra choisridh,
Tha mo dhuill anns an t-Slanear,
Gun tar e sinn comhla,
Chum cliu thoirt don Ard-Righ,
Ann am Pharais na gloire.

S tha mi nis an tim sgur diot,
On a chuir mi thu comhri,


[240] Do pheathraichean àluinn,
S do bhrathair bha boidheach,
Ach nam faighinn-sa màilleas,
O ghrasan na trocair,
Be mo mhiann bhi riut sinte,
Nuair a chrionadh am foid mi.

titleCumha le Aonghus Mac Laomuinn, ann an I. Chalum Chille do leanabh leis fein
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page