ORAN le Iain Mac Codrum, agus e bhi diombach air son an eididh Ghaidhealaich thoirt uaithe, ’n deigh bliadhna Thearlach.
Fonn. —Marbhrann na h-aigionnaich.
THA mi craiteach tinn, ’s tha mi sgith lan dochair,
Ceangal air mo bhuill, cha dean mi ceum coiseachd,
Mallachd air an Righ, thug na breachdain dhinn,
Guidheam air beul sios on a shin e ’n t-osan,
Ged tha ’n stocaidh fada ’s i na cochull farsuing,
B’ annsa ’n t-osan gearr nach biodh réis o ’n t-sàil an gartan.
Luthaig thu ar cota na sgeol fharsuing,
’S luthaig thu ar brogan na ’s leoir phailte;
Mheudaich thu ar cis, ’s laoghdaich thu ar ni,
’S dh’ fhag thu sinn gun phrìs, cha ’n eil direadh againn,
Thug thu dhuinn a bhrigis, theannaich thu ar ’n easgoid,
B’ annsa ’m breachdan sgaoilte, ’n t-aodach aotrom sgiobalt.
’S olc a chulaidh oidhche, bhi ’n luib na casaig,
Cha ’n fhaigh mi cas a shineadh, cha ’n fhaigh mi cadal,
B’ fhearr an sòlas inntinn, na deich slatan singilte,
Chuirinn anns an fheile, ’n am eiridh sa mhaduinn,
Sud an t-aodach dreach’or, chumadh gaodh a’s fras uam,
Mallachd an da shaoghail air aon fhear chuir as e.
Cha ’n eil culaidh shamhraidh is fearr na ’m breachdan,
Tha e eutrom fonn’or an am an t-sneachda,
Bha e cleacht’ r’a ’n cùmhdach, aig na gaisgich lùth’or,
’S acaid air an giùlan nach eil e aca;
Chulaidh bha cur fasgaidh, air na Gaidheil ghasda,
Righ gur mor am beud, le pléid a chuir a fasan.
Cha ’n fhaca’ tu mac mathar, air sraid no faiche,
Is deise na Mac Gaidheil, le shàr phearsuinn,
Breachdan air am feile, sa chlaidhe air cul sgéithe,
Le dhagaichean cho ghleusda, nach eisd iad sradag,
Sgiath air gual’ a ghaisgich, claidhe caol na achlais,
Cha ’n eil Gall sa ’n t-saoghal, nach caochladh roimh fhaicinn.
’S math thig boineid ghorm, air chul borb an cocadh,
Cota gearr a’s feile, air sleisdean nochte,
Dhol an lathair cruadail, gu fuilteach neimhe buailteach,
A leadairt na ’m fear ruagha, bhiodh smuais ga fhosgladh,
Neart treun na ’n curaidh, cuir na ’n lann ga ’m fulang,
’Nuair chruinnicheas na Gaidheil, an lathair troda,
Le ’n geur lannan spainnteach ’sa ’n dearsadh chlogaid,
Paighidh iad gu daor, ann am fuil sa ’n gaor,
’S cha bhi bonn gun diol do bhlar Chuileodair,
Cha ’n eil urra chaidh a chreachadh, na urra chaidh a ghlacadh,
Nach fhaigh iad luchd am mioruin, gu ’n raogha diol thoirt asda.
’Nuair chluinneas fir na h-Alba, do dhearbh chais meachd,
Theid iad gu neo chearbach, fo d’ dhealbh bhrataich,
Donullaich bu dual, ’s dàine theid sa ’n ruaig,
Tailleirean cloth ruaigh, gar nach fuaigh ach strachdadh,
Le ’n cruaidh lannan sgaiteach, snaitheadh chluas a’s chlaigeann,
’S gu ’m bi àireamh cheann air a h-uile ball ’sa bhreachdan.
Gur h-oil leam ar ’n eideadh, bhi air chaochla cuma,
Ach chi mi bhi ga dhioladh mu gheata lunnainn,
Leis na fleasgaich bhiodheach, chluicheas mur na leoghuinn,
Chuireas geillt air Deorsa, ’s nach faod e fuireach,
Theid Righ Deorsa dhachaidh, sa ’m Prionns’ og a ghlacadh,
’S bidh Tearlach na Righ, ’s fearda prìs na ’m breachdan.
’S ionunn ’sa bhi ’m priosan, bhi dhith a bhreachdain,
Deanmaid urnaigh dhichiollach, a’s gheibh sinn taice,
’Nuair thig iad a nall oirnn, coig ceud mile Frangach,
Bidh Tearlach air an ceann, bidh am ball fo ’n casan,
Sud an sluagh beachdail, chuireas an gleo reachd’or,
Armailteach gu leoir, a luaitheas an cloth Catach,
’S nuair theid a mhuc a dhathadh, ’sa cuid uircein fhaileadh,
Air claidhe na air breachdan, cha bhi tuille bachdaidh.
title | Oran le Iain Mac Codrum, agus e bhi diombach air son an eididh Ghaidhealaich thoirt uaithe, ’n deigh bliadhna Thearlach |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |