[38]

Oran air blar na Tolainde am bliadhna 1799.

Le ALASDAIR MAC IONMHUINN, Coirpleir bhann an Reisimeid, Mhoir-fhear Hunndaidh, ’sa nis air Gearasdan Ionmhuir Lochaidh.

FonnAlasdair duhh Ghlinne-garaidh.

AIR mios deireannach an fhoghair,
An dara gur math mo chuimhne;
Ghluais na Breatunnaich on bhanca,
Dhiunnsaidh tachairt ris na naimhdean;
Thug Eabarcrombaidh taobh na mara
Dhiu le chanains mi gan cluinntinn;
Bha foirneadh aig Mur gu daingneann,
Cumail teine ris na naimhdean.

Thriall Eabarcrombaidhs Mur na feile,
Len laoich euchdail thun na batailt;
Tharruing iad gu h-eolach treubhach,
Luchd na beurla ri uchd catha;
Nuair a dhluith na h-airm ri cheile,
Dhubhadh na speuran len deathaich;
S gur lionor fear a bhannsan eisdeachd,
Nach do ghluais leis fein an ath-oidhch.

Dhfhag iad sinne mur a bannsa,
Fo cheannardachd Mhoir-fhear Hunndaidh;
An t-og smiorail, fearail, naimhdeil,
Nan teannadh ain-neart garn ionnsaidh;
Le bhrataichean shioda stranraich,
Rin cuid crann a damhsle muisig;
S na fir atogairt thun nam Frangach,
S iad mo ruinse chlann nach diultadh.

Bhan leoghunn colgara gun ghealtachd,
Le mhile fear sgairteil lamh-ruinn,


[39] An Camashronach garg on Earrachd,
Mur ursainn chathas na blaraibh;
Dhaontaich sinn mur aonsa bhatailt,
Le faobhar lann sgaiteach stailinn;
Cha bu ghniomh ler laoich gun taise,
Fantail air an aissan lamhach.

Bhruchd na naimhdean len trom chàdaibh,
Air muin chaich abarcadh teine;
Nuair fhuair Sasunnaich droch caradh,
Phill iad on araich nar coinneadh;
Ghlaodh Eabacrombaidh ri chuid armuinn,
Tairngneadh na Gaidheil mun coinneadh;
S tionndaidh iad an ruaig mur babhaist,
An dream ardanach neo fhoilleil.

Greasad air an aghairtsan araich
Ghluais na saighdeirean nach pillte,
Mur iolairean guineach gun chaoimhneas,
Nach bfhurasta chlaoidh le mio-mhodh;
Thug iad sgrios orra mur bhoillsgeadh
Dealanaich, ri oidhche dilinn;
Ri sior iomain rompnan naimhdean,
S neul falair roinn am picean.

Nuair a dhiondrain a chonspuinn
Moir-fhear Gordan o uchd bualta;
Sa chual iad gun robh e leointe,
Dhùraich iad le deoin an tuasaid;
Mur mhaoim do thuil nam beann mora
Bruchdadh o na neoil mur guaillibh,
Lean iad an ruaig le cruaidh spoltadh,
Gu fuilteach, mhor-bhuilleach, gruamach.

Bha Camshronaich an tus a chatha,
Air an losgadh mur an ciadna;


[40] Leonadh an ceann-feadhnaidh sgairteal,
Ri comhruig bhatailtean a liath e;
Gur sonruichtcoltach an dearcag,
San fheoil nach taisicheadh fiamh i;
Mun do chrom a ghrian fo cleochda taisgte
Phaigh sinn air an ais na fiachan.

Ged bha na Rioghalaich o Albuinn,
Na fir ainmeil, mheanmnach, phriseil;
Fada uainn ri uair a gharbh-chath,
S buaidh a bainm dhoibh ri uchd mhiltean;
Ghreas iad air an aghaidh gar teanachdadh,
Nuair a chual iad stoirm nam picean;
Be creach luchd nam breachdan balla-bhreac,
Bhi le lasair marbh nan sineadh.

Nuair chuireadh am batailt seachad,
Sa dhaireadh ar gaisgich threubhach;
Bha ioma treun fhearsan deachamh,
Le meud am braisesan streupaig;
Fuil a ruith air lotaibh frasach,
O luchd nam breachdan an fheilidh;
S i sior thaomadh leis na glacan
S truagh nach dfhaod ar gaisgich eiridh.

Tha na Frangaich math air teine,
Gus an teannar goirid uapa;
S ann mur sin a loisg iad sinne,
Ri deich mionaidean na h-uaire;
Achnuair a fhuair ar laoich gun tioma,
Dhol an aite buille bhualadh,
Bha roinnean stailinne biorach,
Sathadh guinideach mun tuairmeas.

Gum bi sin an tuairmeas smiorail,
Chinnteach, amusach, gun dearmad;


[41] Thug na leoghuinn bhorba nimheil,
Bu cholgail seallamh fon arma;
Ri sgiursadh naimhdean mur fhalusg,
As driuchdan fallais air gach calg dhiu;
S bha na Frangaich bruchdadh fala,
Cul ri talamh annsa ghainmheich.

Mur neoil fhuilteach air an riasladh,
Le gaoth a biargalta seideadh;
Ruith nam baidibh, ceigeach, liath-ghorm,
N deigh an cliathadh as a cheile;
Chithte na naimhdean gun riaghailt,
Teicheadh gu dian o uchd streupa;
S iad a leaghadh air ar bialadh,
Mur shneachd am fiadhnuis na greine.

Ged a phill sinn o an duthaich,
Cha do mhill sinn ar cliuth an cruadal;
Bha sinn gach la gan sgiùrsadh;
Mur chaoiribh aig cu gan ruagadh,
Dhaindeoin an cuid sloigh gun chunntas,
Tighn on Fhraing as ur gar bualadh;
Bu leisg ar gaisgich gu tionndadh,
Nuair a chord an Diuc rin uaislean.

Nis on chuir iad sinn do Shasunn,
Ghabhail ar cairtealan geamhraidh,
Far am faigh sinn leann am pailteas,
Ged tha mac na praisich [Whisky.] gann oirnn;
Olar leinn deoch slainte Mharcuis,
Ar guala thaices ar ceannard;
S tha sinn cho ullamhsa bait leis,
Dhion a bhrataichean o ain-neart.

titleOran air blar na Tolainde am bliadhna 1799
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page