[243]

Cumha fhir Shìormhoin agus a mhic; Le Iain Caimbeul maor.

Fonn.— So deoch slainte Thighearna Chluainidh, Cuir mun cuairt anns a chùp i, &c.

THA mo cheim dol an truimead,
Tha mo mhulad fàs dùbailt,
Bhi cuimhneachnan armunn,
Chaidh an tamh anns an ùir uainn;
Ged a fhuair sinn ar losgadh,
Mun ghabhn toiseach air thus uainn,
S en sgeul so uile a chraidh sinn,
Bhi ga dcharadh-sa Dhughaill.

On taice son uiridh,
S trom am buillthug am bàs duinn,


[244] Ar n-oighreachean fearuinn,
Gun aon duine dhiulàthair;
Far am faighte cuirt ghreadhnach,
S gu faoileachd fìon Spàinnteach,
S uisge-beatha nam feadan,
Gun easbhuigun tràghadh.

Ach Alasdair chliùitich,
S mor mo dhiùbhail nach beò thu;
Bu tu cridhe na feile,
Lan sheudan don mhòrchuis,
Inntinn sgaoileadh a phailtis,
Lamh a sgapadh an òir thu,
S bha thu shìol nam fear ceutach,
Chur nan ceudan an ordugh.

S fad on chualami seanchas,
Gum bainmeils an uair ud,
Nuair thug Dughall nan Allta’,
Adbhanss an taobh tuath orr’,
Cìosnach Chatach as Ghranntach,
Gun taings Tighearna Rùthain,
Mar sin as Diùc Gordan,
Thug e comhail da shluagh-san.

Ionmhur-Athas an Triath sin,
Mun iathadh na gaisgich,
Gheibhte sibh anns a chogadh,
Air thoiseachn tùs brataich,
Sud na teaghlaichean làidir,
Chaidh mu làr ann an gradaig;
Mar dhaoinòg nach do liathadh,
S caol ur n-iarmud ri fhaicinn.

Tha Sìormhoin na fàsach,
Sgeul ro àirid so chreach sinn,


[245] On chuir sinn ar daoine,
Taobh ri taobh fo na leacan;
Biad nach féileadhsa mhàl sinn,
Ach bheireadh dàil duinn as meachuinn,
S ioma teaghlachn dtheid sgaoileadh,
On ghlaodhadh sibh dhachaidh.

S ioma rusgadh thair t-fhearunn,
On a dhfhalaich am fòid thu,
Agus factairean lionar,
Chuir gach cis ann am mòid oirnn;
Ach nam biodh tu mairionn,
S gu mealadh tu chòir ud,
Dhaindeoin islean as uaislean,
Cha ghluaiste ri mbheò mi.

S trom an sachd so thair maigne,
Mu mharcaich deas nan each gleusda,
On chuireadh thun tasgaidh,
An cistidh ghlaistfo na céudan,
Fear t-euguis cha nfhaic mi,
clachain no féille,
Bu ghuala threun thu measg mhìltean,
S thu cho shìobhalt ri maighdinn.

Bu bhlath an ceann tuaththu,
Ged bu chruaidh thun tir nàmhaid,
Ach a Dhe gabh truas dinn,
Sinn mar uain bhiodh gun mhathair,
Nuair a dheireadh tu suas leinn,
Co bhuaileadh le tair sinn,
T-aon leithid cha leir dhomh,
Nis gu léir am measg Ghaidheal.

Achs e sgeula na dunaidh,
Dhuinne ullachdsa thriall thu,


[246]Sa thainig an teachdair,
O Iosa ga t-iarruidh,
Chaill sinnar cul-taice,
Chumadhreachd ruinn as riaghailt;
Ach nan cinneadh do mhac leinn,
Bha sinn ceart o laimh Dhia leis.

Ad dheigh-sa chunnaic mim bruadar,
Dhuisg le fuathas gun dàil mi,
An còta bhair muachdar,
Bhi tighn a nuas na smàl diom;
Do thigh mor ga shìor sguabadh,
S craobh ga buain ann ad ghàradh,
Ghrad bhuail sud am inntinn,
Gun do chuimhnich am bàs ort.

Gun do chuimhnich am bàs ort,
A ghraidh do na fearaibh,
S tha do mhathair mu ddheighinn,
Gun leirsinn gun seallamh,
Cha biongnadh dhi fein sud,
Bùr gleusd thu mur leanabh,
S dhfhag thu uile fo bhròn sinn,
S cha duisgear ceòl ann ad thalla.

Cha duisgear ceoil ann ad chùirt-sa,
On a rùisgeadh an uaigh dhuit,
Sa thainan teachdaire dàna,
Mar bham bàs a thug buaidh ort,
Sud am propanach aluinn,
Chaidh anns a chàs chrùaidh leis;
S ó na bitheamsri mshaoghal!
Ann an teaghlach bu truaighe.

S lom a chì mi do làrach,
On chaill sinn ar n-uachdrain;


[247] Ach a Thi a tha làidir,
Cuir nan àite ceann tuatha,
Bhios gu h-iorasal bàidheil,
Cruaidh dànan am cruadail,
Ann an aite nan daoine,
Nach robhsan t-saoghal na buaisle.

Tha mo chiabhan air glasadh,
Cha nfhaic mi, ’s cha léir dhomh,
On thriall iad na gaisgich,
Fo bhrataich mhic De uainn,
Mhic an Righ ga bheil feartan,
Dean an rathad sin réidh dhomh,
S gur h e maidhears mo mhiann-sa,
Bhi triall as an deigh-san.

titleCumha fhir Shìormhoin agus a mhic
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page