Cumha Thighearna Bharrachalltainn a bh’ ann mu dheireadh; Le Seumus Mac Ghille-sheathanaich, bard Loch-na ’n-eala.
Fonn. —Murt Ghlinne Comhunn.
MOCH ’sa mhaduinn ’s mi ’g éiridh,
’S mor mo mhulad a’s m’ éislein ’s mo sprochd,
Fhuair mi nuaidheachd an dé,
’S chuir e maill agus éis air mo thoirt;
Thainig oirnn a Dunéidionn,
Litir bhais leag déuraibh na ’m bochd,
’S beag an t-iongnadh leam fhein sin,
’S iad mur spréidh gun fhear gleidht’ air an cnoc.
Fhir Bharra-challtainn na ’n tuireid,
Tha do chairdean fo mhulad ’s an am;
Cha n’ eil sin leam na iongnadh,
’S iuchair ghliocais an cuise air chall;
Bha thu mathasach cliuiteach,
Bha thu seirceil ri d’ dhuthaich ’s gach am,
’S tu nis ga d’ chàradh fo ’n fhuar-lic,
’N leabaidh chumhainn ’s an uaigh gun smid chainnt.
Bha thu iorasal bàidheil,
’S bha thu faighidneach tlath ri luchd feum,
Ach ’n uair a ghabhadh tu àrdan,
’S gheibheadh aithghearra nàduir ort teum;
Na ’n leigte seachad e ’n tràth sin,
’S tigh’n le gearan fo fhàbhair do sgéith,
’S ioma neach dhiu’ tha statail,
Tha tigh’n beo air do sgath le d’ chuid fein.
’S lionar beannachd na ’m bochd,
’N dorrus fardaich gun ghort nach robh crìon,
’S cha b’ e bonn an da fhairdein,
Gheibhte ann ach an t-sath-lan bidh;
Bha do chomhairlean laidir,
Thoirt ordugh do chach bhi ga dhìol,
’Sa reir geallamh an ard-Righ,
Tha fios agad-sa ’n drasd gur a fior.
Cha n-ann an Galltachd na ’n Sasunn,
Chuir thu duil a bhi sgapadh do mhail,
Na bhi ga chluich air na cairtean,
Na cuir gheall le fior bhrais anns na bàil;
Ach bhi gu stéitheil aig baile,
Deanadh feum ’sa toirt arain do chach;
’S goirt leam osnaich do thuath-chearn,
O ’n diordaoin air an cualas do bhàs.
Bhiodh an gearan r’a ghabhail,
H-uile latha bha Alasdair beo,
Chionn gu ’n tuigeadh tu fhein iad,
’S gu ’n sgoilteadh ’s gu ’n leughadh tu choir;
Cha robh thu trom air fear falamh,
Mur a tuiteadh e am mearachd d’a dheoin,
’S thu dol a nis a dh’ Airdchatan,
An leabaidh uaigneach ad chadal gun deo.
Cha leir gaineamh an fhìor-uisg,
Gu la bhràth gus an islich an tuil;
Ach ’s math thuigeas fear lombair,
Ciod am feum th’anns an tonn ri la fliuch;
Gheibhear fasgadh ri fuachd ann,
Le bhi daonnan mu ’n cuairt air a bhun;
Ach chi iad fhathasd le ’n leirsinn,
Nach b’ ionunn do ’n dé ’s do ’n la diugh.
Cha do chuir thu ùigh ann an armachd,
’S cho mho chleachd thu bhi falbh ann am feachd,
Na bhi trusadh do thuaith-chearn,
Le smachd a toirt uatha ’n cuid mac;
B’ fhearr leat seisreach mhath ghearran,
Obair fogharaidh ’s earraich mu seach,
Bhi ’n lathair cur agus buana,
Laoigh a’s bainn’ agus buaile mhath mhart.
Ach thoill am peaca’ am bas duinn,
O ’n dh’ ith a bhean anns a gharadh am meas,
Cha d’ thainig oirnne o ’n am sin,
Na rinn suas sinn ’sa chall a bha ’n sin;
Thuit sinn uil’ ann am fàiling,
Mur dean sinn aithreachas làidir a nis,
Gun fhios aig aon-neach do ’n t-sluagh,
Cia i mhionaid na ’n uair air an d’ thig.
Nis na ’n leigimid dinn,
An saoghal salach ’s gach ni do na th’ ann,
’Sa bhi toirt oidhreap le dichioll,
Ghleidheadh coir air an Rìoghachd tha thall;
Fhuair sinn fios leis a Bhìobull,
Dearbhadh soilleir gur firinn tha ann;
Air sgath fulangais Chriosda,
Dean ri ar n-anam sith roimhe ’n am.
An duine ’s pailte do stòras,
’Sa neach is bochda tigh’n beò tha fo ’n ghréin,
So i ’n duais tha d’a leanailt,
’S nach faodar a ceannach le spréidh,
Rinn an saoghal ar mealladh,
Laigse nàduir g’ ar tarruing ris féin,
A Righ glan duinn ar cridhe,
Ann an dochas ar slighe bhi reidh.
Tha mo dhuil anns an Trianaid,
Dh’ orduich gealach a’s grian air an spéur,
Gu ’n seas do mhac ann a t-àite,
Ghabhail curam do ’n àl th’ as do dhéigh,
Thoirt toilinntinn d’a mhàthair,
Ghleidheadh onair da chàirdean ’s da fhein,
’S do ’n chuid eile do d’ shliochd,
Saoghal buan ann an gliocas ’s an ceill.
title | Cumha Thighearna Bharrachalltainn a bh’ ann mu dheireadh |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |