ORAN do SHIR IAIN CAIMBEUL, Tighearn na ’n Ard so th’ ann; Leis a bhard cheudna.
Fonn.— Mo nighean donn na buaile, Gun bhuair thu mi gun amhrus, &c.
SEISD.
DEOCH slainte Chaiptein Chaimbeil,
Thoir dhuinn a nall gu h-ealamh i,
Ga glaodhaich le toilinntinn,
’S ga lionadh as na searragan,
Ged chost i ginidh òir domh,
Ga cuir mu ’n cuairt mu ’n bhord so,
Fear ’s am bith nach òl i,
Cha suidh e ’n seòmar maille-ruinn.
Co air bith a dh’ fhàirdeas,
Co dhà a rinn mi ’n ealaidh so,
Do Thighearn og na ’n Ard,
Tha mi ’g radh a’s thugaibh ’n aire dhomh;
Duin aoidheil, cridheil, suairce,
Deth ’n fhion-fhuil tha gun truailleadh,
Slat deth ’n iudhar uasal,
A bhuaineadh a tigh Chaladair.
Deoch slainte, &c.
’N taobh eile o ’n do chinn thu,
Air m’ fhìrinn b’ fhiach dhomh tarruing orr’,
Na fir o Ionmhur-Aora,
Na laoich, cha b’ fhaoin ’sa charraid iad;
Gur mairg a bhiodh roimh’ ’n angar,
B’ iad sin a bhuidheann shùrdail,
Fhuair moran cliù ’sa b’ airidh air,
’N am suidhe ’n tigh na cùirte,
Cha tugte cùis d’a ’n aindeoin diù’,
Air fhad ’s ga ’n d’ fhuair mi dearbhadh,
Air m’ inntinn o luchd seanchais,
Bha onair aig na h-Earraghalaich,
’S dhearbh iad e ’s gach carraid diu’.
Deoch slainte, &c.
Mo dhurachd-sa do ’n Ghàidheal,
’S gach là gu ’m bi mo bheannachd leis,
’Nuair theid thu ’n lathair cruadail,
Bu dual duit bhi fearachail,
Bhi ealamh, clis, grad, luath-lamhach,
Gu clach a’s ord a bhualadh,
Chuir tein’ am fudar cluaise,
Chum luaidhé chuir a bairille.
Deoch slainte, &c.
Tha eireachdas na dhà ort,
Aig càch ri thoirt an aire dha,
Cho socair ’s tha do nadur,
’S thu ciallach lan do dh’ fhaighidinn,
Gur maighister math tuath thu,
Cho socair ’s tha mu ’n cuairt duinn,
Gur h-og a ghabh thu ’n t-uallach,
Mu d’ ghuaillibh, ’s thug thu ’n aire dha.
Deoch slainte, &c.
Thig suaithcheantas nan Gàidheal,
’Nuair chàirear e ort gu ro mhath dhuit,
Boneid ghorm ’s coc-ard innt,
Lann Spàinnteach a’s i ’n tarruing ort,
Cha mheas’ thig cota sgàrlaid,
Ort ùr o laimh an tàilleir,
Gu ’n gleidh ni math thu ’d chairdean,
Chionn ’s maighistir math fearuinn thu.
Deoch slainte, &c.
Gur gasd thig osan gearr ort,
Bròg Ghaidhealach a’s barr-iall innt,
Gartain ùr bhundàidh,
’S iad ur o làmh na ban’iche,
Mu d’ chalpanna’ geal liontach,
Air chuma bhradain fhior-uisg,
Troigh chruinn a dhol roimh’ ’n ridhleadh,
’S ceol file toirt ort carachadh.
Deoch slainte, &c.
Gur buidhe dhaoin’ tha falbh leat,
’S gu dearbh cha ghabh iad aithreachas,
Cha till thu orra cùis
Deth na cumhnantan tha ’n gealla’ dhoibh,
Tha mulad air an cairdean,
An oigridh bhi ’ga ’m fagail,
Cha ’n eagal doibh gu brath,
’S Tighearn og nan ard toirt air’ orra.
Deoch slainte, &c.
Gur h-eireachdail do chòmhlan,
’S gur bòidheach an am tarruing iad,
’S gun annt ach gillean oga,
Cho seocail a’s is aithne dhomh,
’Nuair ghlaodhar gu rebhiù iad,
’Nuair a ruisgear piob dhuit,
’S toilinntinneach ad leanailt iad,
’S ullamh iad fo ’n armaibh,
’S neo chearbach an am cabhaig iad,
H-uile fear dhiu’ ’n òrdugh,
Na sheasamh far ’m bu chòir dha,
’S gur freagrach do t-ordugh,
’N oigridh dh’ fhalbh o ’n bhaile leat.
Deoch slainte, &c.
Air fhad ’s ’ga ’n lean mi ’n t-òran,
Trian do d’ sheòl cha ’n aithne dhomh,
A chuir a mach le m’ inntinn,
Gach buaidh le sith tha ’n ceangal riut;
Ach nar mheal mi ’n còta,
Na ’m biodh a chùis gu m’ ordugh,
Iain oig ’Ic Iain ’Ic Dhonuill,
Mur d’ orduich mi thu ’d sheanalair.
Deoch slainte, &c.
title | Oran do Shir Iain Caimbeul, Tighearn na ’n Ard so th’ ann |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |