ORAN leis a bhard cheudna, deanadh a ghearain ris an tuathanach, bhliadhna thainig càin air na h-eich.
SEISD.
Ho ro ho, laill ho ho,
Laill ho ho, ro hì
Ho ro ho, laill ho ho,
Laill ho ho, ro hì,
Ho ro ho, laill ho ho,
Laill ho ho, ro hì,
Bu toilichte sinne,
Na ’n dtigeadh an t-sìth.
Gu ’n innsinn duit sgéula,
Nan éisdeadh tu riùm,
Tha e soilleir dhuit fhéin,
Ann an leirsinn do shùl,
Mur paigh thu gach deacha’,
Theid a leagail as ùr,
Tha thu ’g àicheadh an Righ,
’S theid do dhiteadh ’sa chuirt.
Ho ro ho, &c.
Tha mise fo mhulad,
Agus ’s duilich e leom,
Tha thu charaid ’ga m’ aicheadh,
’N uair a tharlas tu rium;
Ged a ni thu rium tachairt,
An clachan na ’n cùirt,
Tha spòrs agus ainmhein,
Ri anabarr d’ar call,
Dol an aodaichean fada,
Ann am fasan na ’n Gall,
Chaidh an t- ’eile a meas,
O ’n ’s i bhrigis tha ann,
Tha ar reachd air a bhristeadh,
’S tha mhisneach air chall.
Ho ro ho, &c.
Ma leanas an riaghailt so,
Bliadhna na dhà,
Ged a chi thu do charaid,
Ann an cabhaig no ’n càs,
Ma tha e gun bhéurla,
Cha ’n eil speis agad dà,
’S do nadur air tionndadh,
Mur bhruid as an tràigh.
Ho ro ho, &c.
’S nach gòrach an seann-duin’
Th’ ann an geamhradh a là,
Tha e ’n deireadh a thim,
’S tha e ’n liontaibh a bhàis,
Tha gliogaich na chasan,
’S tha ’m bata na laimh,
Leig e bhoineid a fasan,
’S gheibh e ad mur th’aig càch.
Ho ro ho, &c.
’N uair chunntas tu ’n toiseach,
Gach costas gu t-fheum,
Tha sannt agus farmud,
Ri anabarr d’ ar call,
Mar gu ’m biodh fear fradhairc,
A bruidhinn ri dall,
’N sgeul a dheanar le barail,
Tha e anabarr meallt,
Tha e duilich rì chunntas,
Co dhiu bhios ann.
Ho ro ho, &c.
’Nuair a ghineadh ar nàisinn,
O Adhamh a’s o Eubh,
Bha sinn uile n-ar braithrean,
’S n-ar cairdean d’a chéil’,
Rinn an saoghal ar buaireadh,
’S ioma truaigh tha n-ar déigh,
Rinn am peacadh ar mealladh,
’S tha e leanailt an tréud.
Ho ro ho, &c.
Nach bòidheach am fiamh,
Tha air ianlaidh nan speur,
Ni ’n leaba ’s an fhasgath,
’S an ceann taisgte fo ’n sgéith,
Tha iad toilicht na ’n nadur,
Le ’n talanta’ fhein;
’S ioma oganach tapaidh,
Chaidh thairis do ’n Fhraing,
Thainig deireadh a shaoghail,
’S nach d’ fhaod tigh’n a nall
Ach chi sinn le ar sùilean,
A chùis a bhios ann,
Cheann deireadh na h-iomairt,
Gu ’m bi sinne ’sa chall.
Ho ro ho, &c.
title | Oran leis a bhard cheudna, deanadh a ghearain ris an tuathanach, bhliadhna thainig càin air na h-eich |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |