[258]

ORAN do BHOINIPART; Leis a bhard cheudna.

SEISD.

A Righ gur h-aotrom leinn an t-asdar,
Bimid sunndach air bheag airtneil,
Dhol an comhail Bhoiniparti,,
Chionn bhi bagairt air Righ Deòrs.

Illean cridhe bimid sunndach,
Seasamaid onair ar duthcha,
Fhad sa mhaireas luaidhes fùdar,
Ciod a chuireas curam oirnn.
A Righ gur, &c.

Thoisich thu oirnn o cheann fada,
Le bòsd, le bòilich, ’s le bagradh,


[259]S ged thig thu air tir an Sasunn,
Cha dtheid thu dhachaidh ri dbheo.
A Righ gur, &c.

Ged theannadh tu fheins na Frangaich,
Ri tighn a Bhreatunn le dchabhlach,
Cuiridh sinn a null gun taing thu,
S bfhearr dhuit fuireach thall ad dheoin.
A Righ gur, &c.

Nuair chuir thun Fhraing thair a cheile,
Dhfhalbh thu mur shloightir don Eiphte,
Nuair a chaill thun coig ciad deug,
Gun theich thu fhein air eiginn beò.
A Righ, &c.

Bha luchd nan adaichean croma,
Nan luidhe air blar gan lomairt,
S e mo dhiùbhail bhanns a choinne,
Nach dfhan Ebarcromai beò.
A Righ gur, &c.

An t-seann Reisimeid dubh mheasail,
An dara te san da fhichead,
Nuair fhuair i suas riut a chlisgeadh,
Chuir i bristeadh ann ad chrò.
A Righ gur, &c.

Nis dheirich na Bholuntiars,
N onair an Righs mhoir-fhear Iain,
Chur nam Frangach gun cridhe,
Chionn bhi bruidhinn tighn dar coir.
A Righ gur, &c.

On fhuair sinn deise nan Gaidheal,
Boineideans cotaichean sgarlaid,


[260] Suaithcheantas an Righ mar fhabhar,
Le coc-ard a dhiten eoin.
A Righ gur, &c.

S nam biodh againn mur bu dual duinn,
Lann chinn Ilich air ar cruachainn,
Sgoltadh nan ceann gan guaillibh,
Gam bualadh le smuais nan dorn.
A Righ gur, &c.

Gu bheil Albuinn agus Sasunn,
A guaillibh a cheilan ceart-uair,
Tha iad aig fuaim an aon fhacail,
Mar shrad eidear clach as òrd.
A Righ gur, &c.

Dhfhalbh thu mar shloightir air chuan,
Mun damhairc sinne mun cuairt oirnn,
S ged thug thu Hanobhar uainn,
Ge boil leat cha dfhuair thun t-òr.
A Righ gur, &c.

Ach ma gheibh sinn ann an sàs thu,
N dearbh chan fhaigh thu moran dàlach,
Do chrochadh an lar na mhàireach,
Le fiach cota-bhàin a ròp.
A Righ gur &c.

Ged thig thu air tir an Albuinn,
N dochas losgaidh agus marbhaidh,
Tha againne suas do dharmailt,
Na shrachdas t-eanchainn agus t-fheoil.
A Righ gur, &c.

Tha saighdeirean Earraghaidheal,
Fearachail, foghainteach, daicheil,


[261]S chuireadh iad eagal a bhais,
Air h-uile namhaid a ta beo.
A Righ gur, &c.

titleOran do Bhoinipart
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page