[261]

ORAN do dhFhiunnla Marsanta, air son e a chuir as a cheile, thogail tighe dha fhein, sean chuirnn agus clachaibh iobairt, aite bha na aon do dhiongadais mhor na h-Alba. —Le Seumus MacIlle-sheathancich.

Fonn. —Alasdair dubh Ghlinne Garaidh.

CHUNNAIC mi bruadar air Fiùnnla,
S chuir e iongnadh orm ri fhaicinn,
S ghabh mi iongadas ro mhor dheth,
Gu sonruicht on bha mim chadal;
Thuirt an guth rium dol da ionnsaidh,
Dhinnse nach e cùis a bfhasa,
Dol a rusgadh carn nan Druidhneach,
Nan car a thoirt a muinntir Ghlaschai.

Ach dhfharraid mi co as a dhfhalbh e,
S fhreagair e le seanchas grad mi,
Thuirt e gun robh a chairdean dileas,
Eidear a Chills Allt-na-dacha;
Bha cuid air an Dun so shuas diu,
S bha uair a bha iad na bu phailt ann;
S chan eil mi buidheach a dhFhiunnla,
Dhol gan dusgadh as an cadal.


[262]

S chi thusa fhathasd le dshuilean,
Ma bhios tus duthaich ri fhaicinn,
Gun dtheid an gnothuch so dhiùladh,
Cho chinnteachsa bhan crun an Sasunn,
S goilt en steith bhann an uachdar,
Chlaothaich en uaigh fo na leacan;
E gun fhios co dhiu bha innte,
Mac an Righ na sliochd a bhaigeir.

N saoil thu fhein nach robh e dàna,
Marsanta maileid no paca,
Dhol a rusgadh an ait ìobairt,
S ioma linn a chuir e seachad;
N t-aiten robh cnaimhean an t-seannduin,
N tiolacadh ann o chionn fada;
Mun dtheid an gnothach gu crich,
Gur duilghe dha e na fiach a bhlastaidh.

Ma dheireas mises mo luchd leanmhuinn,
Gum bi gnothuch garbh as duthaich,
Theid Mac Ille-dhuibh a mharbhadh,
S cha dion a chuid airgid Fiunla,
Leagar an tigh air san sabhal,
Sgriosar am bathar sam bùth air,
S theid Gilleasbuig ri posta,
Agus crochar mac a chùbair.

Eiridh an tubaist don chiobair,
S luidhe binn air Mac na Cearda,
S ma dhorduicheas e gu h-olc e,
S gnothuch neo-chiontach sud dàsan,
E na sheirbheiseach aig Fiùnnla,
Tuille a null gu feillmartuinn,
S ma chuireas e nall na leacan,
Ma bhios meachainn ann sann dàsan.


[263]

Bhi cuir fudair anns na creagan,
Chuireadh e eagal air bocain,
Bhi gan tolladh leis an tora,
S bhi gan sparradh leis na h-ordan,
Daoine marbhadh bhi gan gluasad,
S gnothuch uamhraidh gu leoir e,
S nan leanainn e gu grunnd an t-seanchais,
Bainmeil e na arm Righ Deòrsa.

S cha dtheid a chorp fhein gu dilinn,
Thiolacadh an aite gràsmhor,
S ann theid a losgadh mur iobairt,
Air a dhiteadh leis na faidhean,
Theid a luath chuir le abhuinn,
N aite nach fhaighear gu brath i,
S chan fhaigh e ach rud a thoill e,
Chionn gun drinn e gnothuch graineil.

Ach dhfhalbh an guths thug e chul rium,
Agus thionndaidh e gu h-ealamh,
Thuirt e rium gun drinn e diochuimhn,
S e ga innse dhomh mur charaid,
Fios a thoirt dhionnsaidh Dhughaill,
Gun robh a ghual as uird ro ealamh,
Dheanadh torachan a DhFhiunnla,
Chuir fùdair an Dail a charra.

Smaointich mi so ann am inntinn,
Nach bithinn a diteadh Dhughaill,
Thuirt mi ris gur duine grinn e,
Do dhfhuil nan Righrin nan Stiùbhart,
Tha e fhein na dhuine toileil,
Dheanadh gnothuch do dhfhear duthcha;
S on bha Fiùnnla na chabhaig,
Cha bu mhath leis bhi ga dhiultadh.


[264]

Nuair a dhuisg mi ghabh mi eagal,
S e na sheasadh air an ùrlar,
Dhfheuch am faighinn reidh air falbh e,
Los nach coisninn na lorg diùmba;
Tha Dughall trom air an Tombaca,
S tha pailteas deth sin aig Fiùnnla;
S on a labhair mi cho deas ris,
Ghabh e pairt do leith-sgeul Dhughaill.

S ann a than nuaidheachd so cinnteach,
Ged shaoileadh sibhse gur bosd e,
Chan innis mi a neach gu brath e,
Ach do chuideachd araid eolach;
Cha robh a leithid riamh ri innse,
Eidear an Sitheins Lag Chòthain,
Co dhiu thann breug no firinn,
Sin agaibh mur dhinnse dhomhs e.

titleOran do dh’ Fhiunnla Marsanta, air son e a chuir as a cheile, thogail tighe dha fhein, sean chuirnn agus clachaibh iobairt, aite bha na aon do dh’ iongadais mhor na h-Alba
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page