Cumha do Shiom og, MAC MHIC DHUGHAILL MHOR-THIR, a mhilleadh ann am bliadhna 1812, le urchair thubaisteach o ghunna fhein; Le Iain Mac Ghillebhrà, piobaire fir Ghlinn Aladail.
’S TRIC mi tionndadh am leabaidh,
’S gun mo dhuil ris a chadal,
’S beag an t-iongnadh sud ’s m’ aigne cho chraiteach
’S tric mi, &c.
Fhuair mi sgeula sa mhaduinn,
Thromaich eislein fo m’ aisnean,
’S cha tuig leigh na fear m’ fhaicinn mur tha mi.
Fhuair mi, &c.
Gu ’n do chiuradh am faillein,
Bh’ air friamh dhuthchais na ’m meangan,
Craobh a b’ ùire measg dharag a gharaidh.
Gun do, &c.
Mile marbhaisg air an t-saoghal,
’S mairg a bheireadh ro ghaol da,
’S nach eil ann do na daoin ach an sgàile.
Mile marbhaisg, &c.
’S tric ar n’ uaighean ga ’n claothach,
’S uainn ar n’ uaislean ga ’n taghadh,
’S grad a bhuaineadh oirnn raogha na ’n agan.
’S tric, &c.
Mhic ’Ic Dhughaill o ’n Ghainmhin,
O bhun stuc beinn an t-sealgaich,
’S goirt a chunntadh an aimsir so ’d chairdean.
Mhic ’Ic Dhughaill,
Ghnuis a b’ aillidh r’ a sireadh,
’N t-sùil bu bhlaithe gun tioma,
’S deacair aireadh aon ghin a thug barr ort.
Ghnuis a, &c.
Alach prionnsail a chruadail,
Sgathan sambuill na h-uaisle,
’S goirt ri chluinntinn gun sguabadh ar larach.
Alach, &c.
’S beag an t-iongnadh do dhislean,
A bhi tursach na ’n inntinn,
’S gu ’m bu mhuirneach a chis thug am bàs diu’,
’S beag, &c.
Chraobh is faide fo fhriamhaich,
Gur h i ’s aith-ghearra chrionas,
’S tric tha tobraichean fior-uisg a tràghadh.
Chraobh is faide, &c.
’S ioma latha mor meadhnach,
Air bharr aidhear a’s greadhnais,
Thug na maithibh an teaghlach na Tragh ud.
’S ioma latha, &c.
Mo chreach leir Clann Mhic Dhughaill,
’S iad mur choill air a rusgadh,
Co nis sheasas an cùis an am gabhaidh.
Mo chreach, &c.
O ’n a dh’ fhalbh an sgiath dhiodainn,
Bha na dion aig an sinnsribh,
Iuchair ghleidhte nach diobradh na ’n càs iad.
O ’n a dh’ fhalbh, &c.
Na ’m b’ e iomairt no eucoir,
Leis an rachadh do chreuchdadh,
Air mo laimh nach biodh t-eirig gun phaigheadh.
Na ’m b’ e, &c.
’S lionar curaidh deas dealbhach,
Rachadh ullamh g’ a dhearbhadh,
Sheasadh duineal fo airm an am tairnge.
’S lionar, &c.
’S ann diu fior shliochd do thighe,
Rachadh sios leat gun athadh,
Dheanadh gniomh an am crathadh na stailinn.
’S ann diu, &c.
Sin ’sa ’m Moir-fheara Sléibhteach,
Air bharr corra-ghleus ’nuair dh’ fheumadh,
Le laoich fhoirmeil nach geilleadh ’n am gabhaidh.
Sin ’sa ’m, &c.
’S laidir gaisgich Chlann Raoghnuill,
Mur bharr lasrach a’t- aobhar,
’S cha b’ e b’ fhasan doibh claonadh sna blaraibh.
’S laidir gaisgich, &c.
Oighre Chnoideart a bharraich,
Da ’m bu choir a bhi fearail,
’S cian a sheorsa ’m Bun Gharaidh an tamhachd.
Oighre, &c.
Sin a’s foirnidh [Brigade.] na choinneadh,
Sliochd Iain oig as na Ghleannaibh [Glenaladale.] ,
Bhiodh ad chongnadh le barrantas laidir.
Sin a’s foirnidh, &c.
Mur choin shealgaich air lomhainn,
No barr gailbhinn a’s reoghairt,
Comhlan borb Ghlinne Comhunn ’sa Bhraghad.
Mur choin, &c.
Ciod am fath dhomh bhi sireadh,
Na bha deurach mu d’ mhilleadh,
’S nach till trein fhir a chruinne gu brath thu.
Ciod am fath, &c.
’S trom na ’s feudar a ghiùlan,
’S goirt gach creuchd mar is ùire,
Ged ’s e ’n t-eug is ceann iùil do shliochd adhamh.
’S trom na ’s, &c.
Ach ’s e ’s cuibhe dhuinn striochdadh,
Leis gach nith bheir a chrioch dhuinn,
O ’n ’s ceann uighe dhuinn sioruichd gun aireamh.
Ach ’s e ’s cuibhe, &c.
Fhir thug Pòl as na h-iaruinn,
’Sa thug Iob as a phiantaibh,
Nochd dhoibh sòlas gun chrioch ann am Pharais.
Fhir thug Pol, &c.
title | Cumha do Shiom og, Mac Mhic Dhughaill Mhor-Thir, a mhilleadh ann am bliadhna 1812, le urchair thubaisteach o ghunna fhein |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |