ORAN air a chall mhor thachair ann an Gadhaig, fridh na ’m fiadh aig Diuc GORDAN, am Baideineach, ann am bliadhna, 1800.
AN nollaig mu dheireadh do’n chiad,
Cha chuìr sinn i ’n cunntas na ’m mìos,
Gu ma h-anamoch thig i rìs,
Bù ghriomach a bhean tighe i.
Cha d’fhag ì subhaltach sinn,
Cha d’fhuair i beannachd ’sa ’n tir,
Cha d’ thainig sonas r’a linn,
Ach mi thoilinntinn s an-schocair.
Sheid a ghaodh am fridh na ’m fiadh,
Nach cualas a leithid riamh,
Chuir i breitheanas an gniomh,
A bha gun chiall gun fhathamas.
Dalladh a bhreitheanais chruaidh,
Mhurt e fhein ’s na bh’ ann a shluagh,
Bha Prionns’ an athar mu’n cuairt,
’S gu ’n d’fhuair e buaidh an latha sin.
Duisgibh mu ’m fas sibh liath,
’S dluitheadh ur cas air an t-sliabh,
Feuchaibh ’m bi air fasga’ deant’,
Mu ’n d’theid a ghrian a luidhe uaibh.
Rinn sinn an cruinneacha fann,
’S cha b’ann gu cluich air a bhall,
Spionadh na ’n corp as an fhang,
’N gniomh a bh’ann bu sgrathail e.
’S duilich leam ni eile th’ann,
Air am bi moran a cainnt,
Bha eirir na ’n corp air a cheann,
Na dh’ iompaich ann an plathadh iad.
Fhuair a cholunn a ceusadh cruaidh,
’Sa ghleann dorcha ’s nach robh truas,
Mu ’n do thog na spioraid suas,
Gu sonas buan na ’m flaithibh iad.
Mur shaighdibh teine ’n cridhe ’n t-sluaigh,
O ’n thog e chreach ’sa ’n an-uair,
Ach cuiribh ur doigh am fuil an uain.
’S gu ’m faigh sibh ’n suaimhneas roimhih biad.
Bha cruaidh fhortan dha ’sa ’n dan,
Thionail e fear dheth gach sràid,
Gu bothan nach do choisrig iad,
Mu thoiseach snaoim na ’n clachairean.
Bu chruaidh an cath ’sa ’n seideadh garbh,
As nach b’ urrainn aon fhear falbh,
Dh’ innseadh cia mur chaidh do ’n t-sealg,
Dheth ’n laraich mharbh thoirt nuaidheachd dhuinn.
’S coma cia mur thig am bas,
Co dhiu ’sa mhùir na ’sa charn,
Moladh sibhse Ti na ’n gràs,
Gu bheil fear tearnaidh feitheadh ruinn.
Na tugaibhse breth lochdach luath,
Air cia mur thainig an uair,
’S ann o’n bhreithe mhor tha shuas,
Gheibh sinn duais ’n ar n’ abhagais.
Recruitigeadh dubh gun àgh,
Cha robh e riamh leis ach na spairn,
’S chuir e saltraigeadh dheth ainm,
Bhios luchd ainigidh ’g aithris air.
A chasg mìoruin a’s droch sgeul,
Tha trian m’ orain-sa gu leir,
’S tha teaghlach Baile-chrothain fhéin,
Cuir mo speis an amhuras.
Gur h’ -e ’n t-Oicheir dubh so bh’ ann,
Chuir e cul r’a thigh ’s r’a chlann,
Na’n tuiteadh e ’n cath na Fraing,
Cha bhiodh a bhàs cho farranach.
Domhull MacFhiunnlaidh na ’m beann,
Domhull na Tulaich a bh’ann,
Le a lothainn ghasda gun fheall,
A’s Seumus Grannt a feitheadh air.
’S mor an iondrainn duibh è,
An tim faothaid chuir ’s gach beann,
Eidear machair shios na ’n Gall,
A’s suas gu ceann Strath-haragaig,
Bu ghill’ e bheireadh spors do Righ,
Le choin ’s le ghunna gun chlith,
Bha e conspuinneach ’sa ’n srith,
’S bu mhìn ’sa ghabhail rathaid e.
Donnacha MacPharlain gun fheall,
B’e deagh fhear an tighe bh’ann,
Lamh fhoghainteach an srath sa’n gleann,
Nach faiceadh call an atharaich.
Bu mhath leis pailteas m’a laimh,
’S cha b’ ann gu fhalach air cach,
Air a sporan cha bhiodh snaoim,
’Nuair thigeadh am a chaitheadh dha.
B’ fhear spòrs e, comuinn a’s graidh,
Ged thug e seal uainn air chall,
Mu ’n d’ fhas e odhar, anard chaich,
Thug pailteas lamh gu cairidh e.
Bha Iain og a Fatharais ann,
An geard a bhaile rinn e bearn,
Ged fhagadh e athair dall,
Cha b’ innisg ann ’sa bheathas’ e.
Bha e og gu tighin m’a chainnt,
Cha robh m’eolas air ach gann,
Tha mi cluinntinn aig luchd daimh,
Gu ’m b’ iondrain ann ’sa ’n talamhs’ e.
Sguiridh mi thuireadh nach fhiach,
Cha ’n urrainn mi tuilleadh chuir sios,
’S don’ an ceol do ’n nollaig i,
Aig a mheud ’sa sgar i sinn.
’S lòn d’ar ’n anamaibh ar sìth,
’S na h-ainmeannan fhaighinn sgribht;
’N oighreachd is gile na ghrian,
Choisinn Righ na ’n aingeal duinn.
Gach neach tha ’g imeachd fo an spéur,
Their gur h-e a neo-chiont fhein,
Tha ga shaoradh o dhroch theum,
Tha spiorad breig a labhairt ris.
Ach bruidhnidh ’n linn a thig a naird,
Am mìle bliadhna so slan,
Air a bhreitheanas so bh’ ann,
’Sa ’n sgrios a bh’ ann ’sa chathadh ud.
A cheathrar a fhuair pronnadh chnamh,
Tha ’n làtha tighin gun dàil,
’Nuair dh’ fhosglair leabhar na ’n gràs,
Gu ’m faighear sabhailt fhathasd iad.
Gàdhaig dhubh na ’m feadan fiar,
Nach robh ach na strìopaich riamh,
Na bana-bhuidsich ga ’n toirt ’sa ’n lion,
Gach fear leis ’m bu mhiannach luidhe lea.
title | Oran air a chall mhor thachair ann an Gadhaig, fridh na ’m fiadh aig Diuc Gordan, am Baideineach, ann am bliadhna, 1800 |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |