[276]

ORAN LE BARBRA FRIOSAL, Dhùinidh, an uair chaidh a cuir air imrich a Dùinidh, do dhAchanaclaidhe, am braighe Aird Mhic Shimidh, an deigh bàs a fir agus a mic bu shine.

GU bheil mise gun tamh,
Gach aon oidhch agus ,
On chuir iad gu braighe bealaich mi.
Gu bheil mise, &c.

S ged a ghoideadh mo nìth,
Cha dean mi riu strith,
On chuir misa chill na leanadh iad.
S ged a ghoideadh, &c.

Na fir ghasda gun ghruaim,
Nach bu tais am beart chruaidh,
Ge be bheireadh rud uathgum baithreach dha.
Na fir ghasd, &c.

Nuair a ruitheadh tu air falbh,
Cha bu ghealtach do cholg,
Gur tu bheireadh an lorg air bhealaichean.
Nuair a ruitheadh, &c.

Sa nuair a ghabhadh tu mu thamh,
Cha bu sgrubaire clair,
Gun gleidheadh do chairdeas caraid duit.
Sa nuair, &c.

S bu tum biataiche bùird,
Bhiodh gu math ri luchd dùthch,
S nach gabhadh a mhùig ri aithnichean.
S bu tum biataiche, &c.


[277]

Bu tu maidhears mo mhiann,
Dheth na chunnaic mi riamh,
Fhir a chridhes e bainm dhuit Alasdair.
Bu tu maidhear, &c.

Gun dfhuair mi thu og,
As a chlachan rium poist,
S nam biodh tu beo cha baithreach leam.
Gun dfhuair, &c.

Ach an samhradh na dhéigh,
Fhuair mi buille ro ghéur,
Chuir air muilinn mifheins gun dfhan mi ann.
Ach an samhradh, &c.

Gun do chaill mi mo sdiûir,
S mo chrann taicanns gach cùis,
Fear dheanadh mo thurnn gun do ghearradh uam.
Gun do chaill, &c.

Bu tun saighdeir bha garg,
Ort a luidhe na h-airm,
Bha do chlaidhes thu marbh an tarruing ort.
Bu tun saighdeir, &c.

N iongnadh mise bhi liath.
S ged a ghlasadh mo chiabh,
Nuair chuir min aon bhliadhnsan talamh sibh.
Niongnadh mise, &c.

Ach a Chriosd ud tha shuas,
Gabh ri mo leithid-sa truas,
On is bean mi a fhuair a carachadh,
Ach a Chriosd, &c.


[278]

Masa teann rium am bàs,
Gabh ri manam-sa tlaths,
S cuir mo pheacainen aite falaich uam.
Ma sa teann, &c.

titleOran le Barbra Friosal, Dhùinidh, an uair chaidh a cuir air imrich a Dùinidh, do dh’ Achanaclaidhe, am braighe Aird Mhic Shimidh, an deigh bàs a fir agus a mic bu shine
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page