Cumha clann na Ceapaich, chuaidh a mhort le clann brathar an athar; le Jain Lom.
Fonn,—
Gur a muladach tha mi
’S mo leannan air fas rium an gruaim.
’S TEARC an diugh mo chùis ghàire,
Tighin na ràidean so ’niar;
’G amharc fonn Ionmhurlàire,
’N deigh a strachdadh le siol;
Tba Cheapach na fasach,
Gun aon aird oirre ’s fiach;
’S leir ri fhaicinn a bhraithrean,
Gur trom a bharc oirnn an t-sion.
’S ann oirnne thainig an diombuain,
’Sa ’n iomaghuin gheur;
Mur tha claidhe ar fine,
Cho minig n’ ar deigh;
Pachda Thurcach gun sireadh,
Bhi a pinneadh ar cleibh;
Bhi n’ ar breacain g’ ar filleadh,
Measg ar cinne mor fein.
’S gearr o chomhairle na h-aoine,
Dh’ fhag a choidhch sinn fo sprochd;
O am na feillmìcheil,
Ge b’e nith rinn mo lot;
Dh’ fhag sud n’ ar miol-mhùir sinn
’Sna’ r fuigheall spuirt air gach port;
’Nuair theid gach cinneach ri chéile,
Bidh sinne sgaoilte mu ’n chnoc.
’S ann diasathuirne gearr uainn,
Bhuail an t-earrchull orm spot;
’S mi caoidh na ’n corp geala,
Bha call na fala mu ’m brot;
Bha mo lamhansa croabh-dhearg,
’N deigh bhi taosgadh ’ur lot;
Bhi ga ’r cuir ann an cistidh,
Turnn o ’m miste mo thoirt.
B’ iad mo ghraidh na cuirp chùraidh,
Ann ’m bu dluth chur na ’n sgian;
’S iad na ’n sineadh air ùrlar,
’N seomar ùr ga ’n cur sios;
Fo chasan shiol Dùghaill
Luchd spuilleadh na ’n cliabh;
Dh’ fhag àlach ’ur biodaig
Mur sgaile ruidil am bian.
C’ aite ’n robh e fo ’n adhar,
A sheall ad bhathais gu geur;
Nach tugadh dhuit athadh,
Dh’ fhear do labhairt ’s do bheus;
Mach o chlainn bhrathair t-athar,
Chuaidh ’m bainn an aibhisteir threin;
Ach mu rinn iad ar lotne,
’S trom a rosad dhoibh fein.
Tha thu ’d chadal ’n tigh duinte,
Gun smuid deth gun cheo;
Far ’n d’ fhuair thu ’n garbh dhùsgadh,
Thaobh do chùil a’s do bheoil;
Ach na ’m faigheadh tu ùine
O luchd do mhi-rùine bhi beo;
Cha bu bhaile gun surd e,
Biodh air’ air muirn ’s air luchd ceoil.
A leithid do mhurt cha robh ’n Albuinn,
Ged bu bhorb iad na ’m beus;
’S bochd an sgeul eidear bhraithrean,
E dhol an lathair mhic De;
Mur am bàt air an lingidh,
Ge b’e shireadh na dèigh;
Cha d’thain’ a leithid do mhilleadh,
Air ceann cinnidh fo ’n ghréin.
Tha mulad air m’ inntinn
Bhi ’g innse’ ’ur beus
’S ann a ghabh iad am fath oirbh
’Nuair chuaidh ’ur fagail leibh fein
’Sa chuir sibh cungaidh ’ur càsaibh,
Ann an Aros na ’n téud;
’S ’ur buachaillean bàthchruibh,
Ann an garadh na ’m péur.
’S ann an sin a bha ’n cinneach,
Bh’ air am milleadh o ’n ceill;
Chuaidh a ghlacadh droch spioraid,
Ann an ionad fiamh Dhe;
Sin am fath mu ’n robh sgianan,
Cho minig n’ ’ur deigh;
’Sa ’neach nach do bhuailte,
Bhi ga bhuain anns a bhréig.
Ach a Mhoir-fhear Chlann Donuill
’S fad do chomhnuidh measg Ghall,
Dh’ fhag thu sinne n ’ur breislich,
Nach do fhreasdail thu ’n t-am;
Nach do gleidh thu na h-itean,
Chuaidh gun fhios duit air chall;
Tha sinn corrach as t-aogais,
Mur cholainn sgaoilte gun cheann.
Gur h-ioma oganach sgaiteach,
Lub bhachlach, sgiath chrom;
Eidear drochaid Allt Eire,
’S Rugha Shleibhte na ’n tonn;
A dheanadh leat eiridh
Mu ’m biodh do chreuchdan lan tholl;
’Sa rachadh bras ann a t-eirig,
Dheagh Shir Sheimis na ’n long.
Chuir Dia oirnn craobh shiochaint,
Bha da ’r dionadh gu leoir;
Da ’m bu choir dhuinn bhi striochdadh,
Fhad ’sa ’n cian bhiodh-mid beò;
Ma sinn fhein a chuir dith oirr’,
B’ olc an dioladh sin oirnn;
Tuitidh tuagh as na Flaitheas,
Leis an sgathar na meoir.
’N glan fhiuran so bh’ againn,
’N taobh so Fhlaitheas Mhic De;
Thainig sgiursadh a bhais air,
Chaill sinn thoirt le strachd geur;
’N t-aon fhiuran a b’ aillidh,
Bh’ ann ’sa phairce ’n robh speis;
Mur gu ’m buaineadh sibh ailein,
Le faladair geur.
Tha lionn-dubh air mo bhualadh,
’N taobh tuathal mo chleibh;
’S mu mhaireas e buan ann,
B’ fhearr leam uam e mur chéud:
Gar an d’ theid mi g’a innse,
Tha mi cinnteach a’ m’ sgeul;
Luchd dheanadh na sithne,
Bhi feadh na tire gun deigh.
Iorram le Iain Lom do shiol Dughaill air son iad bhi ga chuir air imrich, chionn e bhi labhairt na ’n aghaidh air son murt na Capaich.
’S TROM ’s gur eisleineach m’ aigne,
’N diugh gur feudar dhomh aideach’,
O ’n a dh’ eigh iad rium cabar ’s mi corr.
’S trom ’s gur, &c.
Mi ga m’ fhogradh a Clachaig,
’S mi gun mhanus gun aitreabh,
’S nach h-e ’mal a ta fairtleachadh orm.
Mi ga m’, &c.
Mi ga ’m fhogradh a m’ dhuthaich,
’S m’ fhearunn poist aig siol Dughaill,
’S iad am barail gu ’n uraich iad coir.
Mi ga m’, &c.
Mi ga m’ fhogradh gun aobhar,
’S nach mi shalaich mo shaobhaidh,
Mur mhada-galla ’sa chaonnag m’a shroin.
Mi ga m’, &c.
Mo nith a’s m’ earnais feadh monaidh,
’S mi mur ghearr eidear chonaibh,
Gun chead tearnadh measg loinidh no feoir
Mo nith a’s, &c.
O nach d’ fhas mi ’m fhear murta,
Gu bhi sathadh mo chuirce,
Mur bha na caraidean curta ’stigh mhor.
O Nach d’ fhas, &c.
Fuil a taosgadh o lotan,
Dh’ fhaoite thogail le copan,
Ruith na caochan mu bholtaibh am brog.
Fuil a taosgadh, &c.
A ruagh ropoach na ’maodal,
Ged a ropadh tu caolain,
Cha n’ e do chogadh a shaoil mi theachd orm.
A rugh ropach, &c.
Cleas a bhinne nach mairionn,
Bha ’n Cille sgire Muicheallaig [According to the law referred to in the text, women being appointed judges; a
thief being brought before them for stealing a horse, the culprit was allowed to
escape with impunity, while the horse was condemned to be hanged for allowing
himself to be carried away.] ,
’Nuair a dhìt iad an gearran ’sa mhod.
Cleas a bhinne, &c.
Lagh cho chearr ’sa bha ’m Breatunn,
Rinn a’ mearlach a sheasadh,
Bhi ga thearnadh o leadairt na ’n cord.
Lagh cho, &c.
Cleas dana mnaoi a chruiteir,
Mun ghniomh narach rinn musag,
Thug i lamh thun a phluice le dorn.
Cleas dana, &c.
A bhean choite gun obadh,
Bu choir a dochoir a thogail
Thilg a chlach anns an tobar ’s i beo.
A bhean choite, &c.
’Nuair bha a bheisd air a buaireadh
Na cionnta fein ’s i lan uaibhir,
Theid an eucoir an uachdar car seoil.
Nuair bha, &c.
Faodar cadal gu seisdeil,
Aig fadal Shir Sheimis,
Leig an ladurnas deistneach ud leo.
Faodar, &c.
Ach na m faicinn do loingeas,
’S mi nach bristeadh a choinneadh,
Na ’m biodh coiseachd air chomas domh beo.
Ach na ’m, &c.
Mire shrutha r’a darach,
Ga cuir an uigheam gu h-aithghearr,
Crainne ghiubhais fo sparaibh a seoil.
Mire shrutha, &c.
’Nuair a lagadh a ghaoth oirnn,
Bhiodh seol pasgaidh air a h-aodach,
’S buidheann ghasda mo ghaoil ri cuir bhòd.
Nuair a lagadh, &c.
Raimh mu ’n dunadh na basaibh,
’S iad a lubadh air bhacaibh,
Sud a chùrsachd o ’n atadh na leois.
Raimh, &c.
Buird ùr air a totaibh,
’S i na deann thun na cloiche,
Muir dhughorm a’ spolltadh m’a bord.
Buird ur air, &c.
title | Cumha clann na Ceapaich, chuaidh a mhort le clann brathar an athar |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |