ORAN do fhear DHUNGALAIN, ’s e bhi dol as an Rioghachd.
GUR cràiteach a mheadhail,
Tha ’n dràsd a tigh’n fodhainn,
Ann an trath an fhoghair ’s na buana.
Gur cràiteach, &c.
Fhuair mi sgeula mo sgaraidh,
’S cha bu spreidh bha mi gearan,
Ach do thoirt fhir Dhungalain air chuan uainn.
Fhuair mi sgeula, &c.
Marcaich sunndach na ’n seang-each,
Mor, cruidheach, gorm strannach,
Thug thu ’n duthchas o d’ shean’air an cruadal.
Marcaich sunndach, &c.
’Nuair a bhiodh tu ’n Dunéidionn,
B’ann do t-fhasan ’s do d’ bhéusan,
Bhi cuir bhòd a’s geall réis ri daoin uaisle.
’Nuair a bhiodh, &c.
’Nuair a thigeadh tu dhachaidh,
Gu Tur meadhrach a phailtis,
Ach cha b’ uileir dhuit dithisd,
Dhol a riarachadh dibhe,
Anns an t-seomar an suidheadh na h-uaislean.
Ach cha b’uileir, &c.
Gheibhte ceol as gach feadan,
Ann ad sheomar mu fheasgar,
A dheagh mhic ’Illeasbuig so ghluais uainn.
Gheibhte ceol, &c.
’Nuair bhiodh fang air na h-eachaibh,
Gheibhte branndaidh ga sgapadh,
Anns a ghleann ’n tric a leag thu damh cluas-dearg.
’Nuair bhiodh, &c.
Dh’ òilte fion leat gu frasach.
’S tu gu ’n dìoladh e farsuing,
Leis an lionadh bha pailt mu do ghuaillibh.
Dh’ òilte fion, &c.
’S mi air taobh an Tom bhuidhe,
’S goirt ’s gur deurach mo shuidhe,
’S tric na deoir a sruthadh le m’ ghruaidhibh.
’S mi air taobh, &c.
Cumhadh an Alasdair phrìseil,
Dh’ fhalbh uainn as an Rìoghachd;
’Se comisein a mhì-raith a fhuair e.
Cumhadh an Alasdair, &c.
’S truagh nach mise a dh’ fhalbh leat,
Ged nach pillinn do dh’ Alba,
’S ann a b’ iosal am beachd leam,
Do dh’ fhear t-fhiamh agus t-fhasain,
’Nuair a striochd thu bhi ’d Chaiptein air sluagh dhoibh.
’S ann a b’ iosal, &c.
’S na ’m biodh fios aig fir Shasunn,
Am beachd meamnach bha t-aigne,
’S ann a dheanadh iad Admaral cuain diot.
’S na ’m biodh, &c.
’S ioma Diùc a ghabh beachd ort,
Agus Baintighearn og thlachdmhor,
Leis ’m bu mhiann thu bhi aic air a gualainn.
’S ioma Diùc, &c.
’Nuair a rachadh tu t-éideadh,
Fo bhreacan am féile,
Gu ’m bu cheannard roimh chéud mile sluaigh thu.
’Nuair a rachadh, &c.
Ged bu chruaidh ’s ged bu chràiteach,
Leinne goirteachadh Thearlaich,
’S ann an diugh tha ar làraichean sguabte.
Ged bu chruaidh, &c.
title | Oran do fhear Dhungalain, ’s e bhi dol as an Rioghachd |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |