ORAN le fear Ionmhurchadain ann an Raineach.
Fonn.— Mile marbhaisg air an t-saoghal, ’S carach baoghalach a dhail, &c.
ACH na ’n d’ thigeadh Tearlach Stiùbhart,
Leis gu sunndach bhimid falbh;
Dh’ eireadh ar cridhe ’s ar tiunnsgal,
Mar ’sa bhurn am bradan ban;
Cha ’n eil gearasdan ’sa ’n dùthaich,
Nach biodh ciùirte dheth gun dail;
’S bhimid paighte anns a phlunndrainn
’S anns an rusgadh rinn na Caim [The Campbells burnt his dwelling-house.] .
Tha choir air leaghadh anns na criochan,
’S tha i iosal uile ’n drasd;
Sinn g’ ar leònadh aig na biasdan,
Leis ’m bu mhiann ar slugadh slan;
Ach ’nuair ruisgear riu na h-iaruinn,
Tha fo ’s ’n iosal feadh na ’n carn,
Bidh ar cornaibh air an lionadh,
’S bidh iadsan sianail thun a bhais.
Ach ’s leir a léus air Clanna’ Ghaidheal,
A Pharlamaid so tha g’a ’n cradh;
Gun airm, gun eideadh, gunn earrlaid;
Gun a chearbag theid mu ’m màs;
Ged rinn dioghaltas ar tearbadh,
’S earbasach mi gu bheil e ’n dan;
Gu ’m bi sinn an uachdar le ’r feara-ghniomh,
’S dearganaich fo chis na ’n cnamh.
Mosglaibh uile gach treun-laoch,
’S bithibh gleusda mar a b’ àbhaist;
Mur thràillean na deanaibh geilleadh,
Fhad ’s bhios fuil n-ur féithean blàth;
Chuala’ mi a bhi leughadh,
Bharr air Reumair, ioma fàigh,
Gu bheil curainean aig Séumus,
Ni treubhantas an deigh bhi marbh.
Mosglaibh uile, gach duine,
Anns a chumasg bithibh garg;
Deòrs a’s Uilleam rinn ar guineadh,
Sud na cuileinean gun dealbh;
Choidhch cha toir a chràin na ’n cullach,
Am feasd buinig as ur n-arm;
’S fuadaichibh a mhuc le gusgal,
Marr-ri h-uirceinean th’ air fairg.
’N Righ ga dhiodainn a’s a dhislean,
Air an fhior-fhuil gu ’n robh sealbh;
Air crun Alba o linn Raibeart,
A reir na ’n eachdrain is fearr;
Bidh cinn-fheadhnaidh ’s iad gu greadhnach,
Feadh do theaghlaich ’sa White-Hall,
Mur bhalla praise mu ’n cuairt duit,
Cabhlach cruadalach air sail.
’Nuair a theid an crun mu ’n òigeir,
’S lionmhor Mor-fhear bhios mu d’ shàil;
Seanalairean le ’n campa ’n ordugh,
’S iad gun sgur ag ol do shlaint;
Gloineachean ga ’n lionadh ’s bòlaibh,
Le fion or-chostach na spainnt,
’S iad ga ’n aiseag sios air bordaibh,
Measg an t-sloigh o laimh gu laimh.
title | Oran le fear Ionmhurchadain ann an Raineach. |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |