[283]

ORAN do CHLANN GHRIOGAIRn uair a bhan ruaig orra, agus na coin dubha as an déigh; an tòir air tighin teann air pairt diubh gu tigh far an do stad iad ghabhail trath beidh, ach leum bean an tighe a mach gu ro thapaidh, agus shuidh i aig taobh an rathaid, gabhail nuaidheachd na toir, a deanadh an orain so, gu maille chuir orra, gus an dfhuair Clann Ghriogair a mach air taobh cùil an tighe.

Fonn.— Mo nighean donn bhoidheach, Bha buain an fheor an de marr-rium, &c.

S MI am shuidhen som ònar,
Air comhnard an rathaid;
S mi am, &c.

Dhfheuch am faic mi fear fuadain,
Tighin o Chruachan a cheathaich.
Dhfheuch am, &c.

Bheir dhomh sgeul air Clann Ghriogair,
No fios cion a ghabh iad.
Bheir dhomh, &c.

Cha dfhuair mi dan sgeula,
Ach iad bhin de air na Sraithibh.
Cha dfhuair, &c.

Thall sa bhos mu Lochfine,
Mas a fior mo luchd bratha.
Thall sa bhos, &c.


[284]

Ann an Clachan an Dìseart,
G òl fion air na maithibh.
Ann an, &c.

Bha Griogair mor ruagh ann,
Lamh chruaidh air chul claidhe.
Bha Griogair, &c.

Agus Griogair mor meadhnach,
Ceanna feadhnair luchd tighe.
Agus Griogair, &c.

Mhic an fhir a Straith-hardail,
Bhiodh na baird ort a tathaich.
Mhic an fhir, &c.

Sa bheireadh greis air a chlarsaich,
S air an taileasg gu h-aidhear.
Sa bheireadh, &c.

Sa sheinneadh an fhithioll,
Chuireadh fiughair fo mhnathan.
Sa sheinneadh, &c.

Sann a rinn sibhn t-sitheann anamoch,
Anns a ghleann an bin ceathach.
S ann a rinn, &c.

Dhfhag sibh an t-Eoin boidheach,
Air a mhointich na luidhe.
Dhfhag sibh, &c.

Na starsnaich air féithe,
N déigh a reubadh le claidhe.
Nan starsnaich, &c.


[285]

S ann a thog sibh ghreigh dhùghorm,
O luban na h-abhunn.
S ann a thog, &c.

Ann am bothan na dige,
Ghabh sibh dion air an rathad.
Ann am bothan, &c.

Far an dfhag sibh mo bhiodag,
Agus crios mo bhuilg shaighead.
Far an dfhag, &c.

Gur i saighead na h-araich,
So tharmaich am leathar.
Gur i saighead, &c.

Chaidh saighead am shliasaid,
Crann fiar air dhroch shnaitheadh.
Chaidh saighead, &c.

Gun seachnadh Righ nan dul sibh,
O fhùdar caol neimhe.
Gun seachnadh, &c.

O shradagan teine,
O pheileirs o shaighead.
O shradagan, &c.

O sgian na roinn caoile,
S o fhaobhar geur claidhe.
O sgian nan, &c.

S ann bha bhuidheann gun chòradh,
Di-domhnaichm braigh bhaile.
S ann bha, &c.


[286]

S cha dean mi gàir éibhinn,
N am éiridh no luidhe.
S cha dean mi, &c.

S beag an t-iongnadh dhomh féin sud,
S mi bhin deigh mo luchd tighe.
S beag an t-iongnadh, &c.

titleOran do Chlann Ghriogair ’n uair a bha ’n ruaig orra, agus na coin dubha as an déigh
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page