CUMHA le nighean do Dhonnacha dubh, Moir-fhear Bhraigh-dealbunn, an uair a thug a h-athair, agus a brathair an ceann deth a fear, Griogair Mac Griogair, agus a ciad leanabh air a glùn.
MOCH maduinn air la lunasd’,
Bha mi sugradh marr-ri m’ ghradh;
Ach mu ’n d’ thainig meadhon latha,
Bha mo chridhe air a chradh.
Ochain, ochain, ochain uiridh,
’S goirt mo chridhe laoigh,
Ochain, ochain, ochain uiridh,
Cha chluinn t-athair ar caoidh.
Mallachd aig maithibh ’s aig cairdean,
Rinn mo chradh air an doigh;
Thainig gun fhios air mo ghradh-sa,
’Sa thug fo smachd e le foill.
Ochain, ochain, &c.
Na ’m biodh da fhear-dheug deth chinneach,
’S mo Ghriogair air an ceann;
Cha bhiodh mo shuil a sileadh dheur,
No mo leanabh fein gun daimh.
Ochain, ochain, &c.
Chuir iad a cheann air ploc daraich,
’S dhoirt iad fhuil mu lar;
Na ’m biodh agam-sa ’n sin cupan,
Dh’ olainn d’i mo shadh.
Ochain, ochain, &c.
’S truagh nach robh m’ athair an galar,
Agus Cailein ann am plaigh;
Ged bhiodh nighean [Her mother.] an Ruthainaich,
Suathadh bas a’s lamh.
Ochain, &c.
Chuirinn Cailein liath fo Ghlasaibh,
’S Donnacha dubh an laimh;
’S gach Caimbeulach th’ann am Bealach,
Gu giulan na ’n glas lamh.
Ochain, &c.
Rainig mise réidhlein Bhealaich,
’S cha d’ fhuair mi ann tamh;
Cha d’ fhag mi ròinn do m’ fhalt gun tarruing,
No craiceann air mo laimh.
Ochain, &c.
’S truagh nach robh mi ’n riochd na h-uiseig,
Spionnaidh Ghriogair ann mo laimh;
’S truagh nach robh Fionnlairg na lasair,
A’s Bealach mor na smal,
’S Griogair ban na ’m basa’ geala,
Bhi eidear mo dha laimh.
Ochain, &c.
’S ged tha mi gun ubhlan agam,
’S ubhlan uil’ aig cach;
’S ann tha m’ ubhal cùraidh grinn,
A’s cul a chinn ri lar.
Ochain, &c.
Ged tha mnaithibh chaich aig baile,
Na ’n luidhe ’s na ’n cadal seimh;
’S ann bhios mis’ aig bruaich mo leapa,
A’ bualadh mo dha laimh.
Ochain, &c.
’S mor a b’ annsa bhi aig aig Griogair,
Air feadh coille ’s fraoich;
Na bhi aig Baran crion na dalach,
Ann tigh cloich a’s aoil.
Ochain, &c.
’S mor a b’ annsa bhi aig Griogair,
Cuir a chruidh do ’n ghleann;
Na bhi aig Baran crion na dalach,
’G ol air fion ’s air leann.
Ochain, &c.
’S mor a b’ annsa bhi aig Griogair,
Fo bhrata ruibeach ròinn;
Ged bhiodh cur a’s cathadh ann,
A’s latha nan seachd sion;
Gheibheadh Griogair domh-sa cnagan,
’Sa ’n caidlimid fo dhìon.
Ba hu, ba bu, asrain bhig,
Cha n’ eil thu fhathasd ach tlath,
’S eagal leam nach tig an latha,
Gu ’n diol thu t-athair gu brath.
title | Cumha le nighean do Dhonnacha dubh, Moir-fhear Bhraigh-dealbunn, an uair a thug a h-athair, agus a brathair an ceann deth a fear, Griogair Mac Griogair, agus a ciad leanabh air a glùn |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |