ORAN le gille bha aig duin’ uasal, agus e air fogaradh, an deigh nighean a mhaistir fhaotainn torrach, agus bag’radh bhi air, gu a thilgeadh.
OCH na ’n och mar a ta mi,
’S mi gu brath aig a mhulad
Mur a furtaich thu trath orm,
Gu ’n d’ fhag thu mi ’n cunntart
Aig a mheud ’sa thug mi ghaol duit,
’S nach d’ fhaodar a chumail
’S truagh a Righ nach b’ e ’m bas domh,
Air na traighibh gun fhuireach.
’S truagh a Righ nach bu bhas domh,
’N uair bu phaistein beag og mi,
’S mairg nach seallamh roimhe,
Air na mnathan ga ’m boidhchead,
Mu ’n gabhadh iad a pheacadh,
An cuir seachad le goraich,
Tha bhuaidh sin air fad orr’,
Bhi gu socharach gorach,
’S e fhuair mi mar thochar,
“A chroich no gabh fog’radh.”
Tha mo mhaistir priseil,
Fo mhi-ghean ’s an uair so,
Cha d’ theid mi ’n a sheallamh,
Ma ’n rughaich a ghruaidhean,
Gur h-e sgeula na dunaidh,
Fhuair sinn uile ’s an uair so,
’S ann a dh’ iarr e le gradaig,
Mo spadadh le luaithe.
’S mairg nach giùlain’ an copan,
Gle shoc’rach ’s e dearr-lan,
’S ionunn sin ’s mar rinn mise,
Gus ’n do bhris mi fhein bearn as,
Gur h-e ro-mheud an uaigneas,
Thug do ’n ionragan mearladh,
Bhi mu bhruachan do leapa,
Chuir mi fada o m’ chairdean.
Cha d’ theid mi do ’n chaisteal,
Na ’n taice ri ’m failteachd,
Thig an samhradh ’sa bhruthainn,
Thig a chubhag ’sa chéitein,
Thig gach eun bhar na mach’rach,
’S iad an taice ri cheile,
Gheibhte ceol ac’ air chrannaibh,
’S air bharraibh na ’n geugan,
Ach tha mo ghruaidhean-s’ air seachdadh,
’S nach faic mi bean t-eugais.
title | Oran le gille bha aig duin’ uasal, agus e air fogaradh, an deigh nighean a mhaistir fhaotainn torrach, agus bag’radh bhi air, gu a thilgeadh |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |