[293]

ORAN allabain suireadh; Le Piopaire fior Ghlinn-Alladail.

SEISD.

Thug min oidhche raoir san àiridh,
Thug min oidhche raoirsan àiridh,
Thug min oidhche raoir gu caoineil,
Marr-ri maighidionnn na h-àiridh.

Mile marbhaisg air an t-suireadh,
S bochd le neach dan dtheid i iomrull,
Bidh inntinn fo lan iomaguin,
Gluasad cho simblidh ri mearlach.
Thug min, &c.


[294]

Oidhche dhomhs mim bun na tire,
S mi goirid o bheagan nionag,
Smaointich mi gluasad osn iosal,
Nochdadh mo bhriodail le gradh dhoibh.
Thug min, &c.

Nuair rainig mi tigh an Dunain,
Bha chomhla acair a deagh dhunadh,
Sa dhaindeoin meolais as mo thuir,
Gun thoisich na goid chuil ri rànaich.
Thug mi, &c.

Labhair mo chompanach runach,
Dean stads feuchaidh sinn cleas ur dhi,
Faigh thusa boiseag dhethn bhurn,
S gun cum sinn na lùdagan samhach.
Thig mi, &c.

Fhuair sinn stigh gun dad uamhainn,
S bha sinn farasda nar gluasad,
Rainig sinn leaba nan gruagach,
S chuir mi fhin le stuaim mo lamh orr’.
Thug mi, &c.

Thuirt i rium, na tig nis faide,
S leanabh te eile am achlais,
Chan eil rum agad fon phlaide,
S bi tilleadh dhachaidh mur thainig.
Thug mi, &c.

Thuirt mise, na bi cho doichiollach,
Fuirich gu siobhalta socrach,
Dad a mhìo-mhodh dhuit cha nochd mi,
Gusn eirich thu moch a maireach.
Thug mi, &c.


[295]

Thuirt i, ma ta cuir dhiot t-aodach,
Bheir mise nochd mo leith-taobh dhuit,
Air eagals gun dean thu maoireadh,
S chan ann air son gaol do mhanrain.
Thug mi, &c.

Mu ndfhuair mi mi fhin gu socrach,
Ciod a rinn am paist ach mosgladh,
Sa nuair a ghrios mi e bhi tosdach,
S ann theann es droch-uair air ranaich.
Thug mi, &c.

Thuirt bean an tighe le dearras,
A chlann a chum mi am chaithris,
Ar leam gum feumadh sibh anail,
Gur siùbhlach ur teanga le Gailic.
Thug mi, &c.

Chuir a briathran mi o thapadh,
Eidear seorsa naires gealtachd,
S cha robh driuchd a bha roimhm chraicionn,
Nach cuireadh cnag air an lar dheth.
Thug mi, &c.

Dheirich i ionunnsa bhi ruisgte,
S theann i ri lasadh a chrùisgein,
S mun dfhosgail i ceart a suilean,
Bha mis air taobh cuil na fardaich.
Thug mi, &c.

Ach fhir tha fuireachsa bhaile,
Giùlain mo shoraidh gu Anna,
S innis di gun ddrinneadh ealaidh,
Don luchd faire bhair an àiridh.
Thug mi, &c.

titleOran allabain suireadh
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page