ORAN a tabhairt comhairl’ air na h-igh’nean òga; Le Sileas nighean Mhic Raoghnuil.
Fonn. —Mi shuidhe ’m ònar, air tulaich bhoidheach, &c.
’S mi ’n toiseach m’ aimsir, ’s m’ uigh ri bargan,
Gu ’n robh mi ’n earbsa nach cealgte orm;
Cha chomhradh cearbach, air ro bheag tairbhe,
O thus mo leanbaidh so chunntadh orm,
Nis o ’n chi mi cor na ’n daoine,
Le ’n comunn gaoil ’s gur faoin an gloir;
Cha chreid an saoghal aig meud an saoiread,
Nach eil gach aon diu air aon chainnt beoil.
Le teangaidh leacaich, na ’m briathran tearca,
’S e goraich fhacal thug sachd dom leon;
Gu bheil mi ’g altrum, fo m’ thaobh na tacaid,
Rinn mo ghlacadh, ’s mo ghreas’ fo ’n fhoid;
Mar shamhla dha sud, mar ghaoidh a mhairt ud,
O thraigh gu traigh, ’s nach taobh i seor;
’Nuair gheibh e mhiann d’ i, gun toir e bhriathran,
Nach fhac e riamh i, ’s car fiar na shroin.
Gach fear dhiubh thriallas a dhol a dh’ iarruidh,
Na mnatha ’s miann leis a bhi da reir;
Gur cailin suairc i, nach leig a stuamachd,
Dhol an uaigneas le fear fo ’n ghrein,
Mur shamhla bhà sud, a bhrigh a nàire,
Dhol na ’s daine na manran beul;
Bheir fear gun riaghailt, ’n sin a bhriathran,
Gu ’n robh i fialaidh ’s nach b’ fhiach a beus.
Ach fheara’ oga, cia mor ur boilich,
Gu ’m b’ aithne dhomhsa cus mor da ’r gnas;
Gu barrail boidheach a tigh ’n am chomhail,
Le ’r teangaidh leomaich ’s le ’r comhradh bath;
Ach ceanglar geall leibh an aodann goraig,
’S mur bi i eolach gu ’n gabh i e;
’Nuair bhios e stoilte, ’sa gheibh e coir dh’ i,
Gu ’m bi ochòin aic an lorg bhi bàth.
A mhairi dheud-gheal an fhuilt theud bhuidh,
Gleidh do cheutfai fo d’ cheud bharr ur;
Na creid breugan no deacair sgeula,
Ged thig fear ceum air do dheigh sa chùil;
A dh’ aindeoin uaignis ’s raspars uasal,
Na leig e ’n uachdar air cruas a ghluin
Ach cum e ’n iochdar ge b’ oil le fhiacaill,
Mur toir e bhriathran gur fiach leis thu.
Bha mi uair ’nuair bha mi ’m ghruagaich,
Gu ’m faighinn uaigneas gun fhios do chach;
Mur shamhla bruadair a bhi g’a luaidh rium,
Gun fhios cia a bhuannachd ach buaidh mur ghna;
An gealla’ gle-mhor a gheibhinn fhein uapa,
Chor ’s nach treigeadh iad mi gu brath;
Nis is leir domh na rinn mi dh’ éucoir,
’N deigh na dh’ eisd mi da ’m breugan bath.
A nighean cheillidh na creid fhein,
’N car fo ’n sgeith bhios ann na ’n gradh;
Cha n’ eil e ’s t-saoghal nach creid an saoiread
Ach neach a dh’ fhaodadh a chaochla’ ràdh;
Iarr an intinn mur is cinnte,
A’s eirig aotrom na ghaol thoir dà;
Sa dh’ aindeoin fhocail, sa bhreugan brosguill,
Na dean do luchd leis an t-sochair bhath.
Nach faic thu oigeir na ’m meall shuil boidhch,
Le theangaidh leomaich, ’s e labhairt rium;
Mur mhil a phògan air sgath an reota,
Le chorra-cheann spòrsail an or fhuilt duinn;
Chlann na eisdibh, ri ’n gloir gun eufachd,
’S na tugabh geill d’ a ’n sméadadadh sul;
’S gur h-aobhar reusain choidhch an treigsinn,
’S ann aca fhein tha gne na ’n lub.
title | Oran a tabhairt comhairl’ air na h-igh’nean òga |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |