[298]

ORAN GAOIL.

A CHUACHAG nan craobh, nach truagh leat mo chaoidh,
G osnaich ri oidhch cheothar;
Shiubhlainn le mghaol, gu urlar nan craobh,
Gun duin, air an t-saoghal fheoraich;
Thogainn mo ghaol ri monadh an fhraoich,
Mo leaba ri taobh dòruinn,
Do chrutha geal caomh sinte ri mthaobh,
S mise ga dchaoin phogadh.

Chunnaic mi fein, aislings cha bhreug,
Dhfhag e mo chridh bronach;
Fear marr-ri te a pògadh a beul,
Briandail an deigh posaidh,
Dhuraich mo mhiann, dhatharaich mo chiall,
Ghuil mi gu dian deonach;
Cha robh cuisle no féith, ’n uachdar mo chleibh,
Nach do bhrosnaich gu leum comhluath.


[299]

Ort tha min geall, chaill mi mo chonn,
Maille ri àm aosaid;
Thogainn ort fonn, gu soimhe, ’gheal donn,
As ghabhainn ort am eiginn;
Thiginn ad dhail, ghleidhinn ort fath,
Bhithinn a ghraidh reidhs tu;
Mulad gach la, sior thighn am dhail,
S mis thair mo chradh mu ddheighinn.

Thuit mi le dghath, mhill sud mo rath,
Striochd mi le neart dòruinn;
Saighdean do ghaoil, saithtanns gach taobh,
Sa thug dhiom gach caoin còmhluath,
Mhill diom mo dhreach, striochd dhiom mo neart,
S mheudaich e gal bròin domh;
S mur fuasgail e tràth, le t-fhurans le t-fhàilt,
S cùideachabàis dòmhse.

Mallachd an tus, aig a mhnaoi ghlùin,
Nach do mhuch anns a chuil og mi;
Mun do ghabh mi ort iùl, ainnir dheas ur,
S nach dùraichd thun tus pòg dhomh;
Tinn gun bhi slan, dusgas mo phramh,
Cuimhneachadh dàn posaidh;
Mo bheannachd ad dheigh, cheannaich thu fein,
Le dleannanach gle og mi.

Cairibh gu geur, clach agus creith,
Mu mleabaidh-sa bhrigh uaisle,
S fad tha mi fein a feitheadh ort fein,
S nach togair thu gheug suas leam;
Na mbu tusa bhiodhn teinn, ainnir dheas threun,
Rachainn-sa gheug suas leat;
Achs goirid an dail, gus am faic sibh an la,
M bi prasgan mu bheulm uaigh-sa.


[300]

S tus cama-lubaich falt, fanna-bhuidh nan cleachd,
S fabhradh nan rosg àluinn;
Sùil chorrach ghorm chaoin, broilleach mur aol,
Mhill diom gach caoin shlainte,
Gus an cuir iad mi steach, an ciste fo lic,
Bidh mi fo neart cràidh dheth,
Le smuaintean do chleas, ’s do shugraidh mu seach,
Fo dhuilleach nam preas blàthmhor.

S tun ainnir ghlan reidh, is craobhaich fo bhreid,
Suil air dhreach airneag,
Ghiulaineadh breid, uallach gu feill,
S uasal an reul aluinn,
Achstruagh gun an teud, than uachdar mo chleibh,
Gad bhualadh-san ceud aite;
Nam faighinn thu fein puiste on chleir,
Bfhasa dhomh fhein tearnadh.

S tun ainnir tha grinn, fileanta binn,
Le dcheileire binn oran;
Ged fhaighinn ort fath cha rachainn ort dàn,
S ann agad tha ghnuis aluinn,
Gur gile do bhian, nan sneachd air an t-sliabh,
Do mhulad a lion trath mi;
Tha saighead do ghaoil annams gach taobh,
S cha labhair mi choidhch dàn duit.

S tric mi gun dail, cuimhneacha ghraidh,
Car tamull mar bha do dheigh orm;
Glac misneach sa nuair, ’s tu fhein tha mi luaith,
A choidhch gus an gluais eug mi;


[301] Caol mhala gun ghruaim, chan fhaigheadh tum fhuath,
Do mhulad chuir an luaths aois orm;
Do phearsa dheas ùr, cha chuirinn air chùl,
Ged fhaighinn ri phùsadh Iarla.

Cas a dhireadh nan stùc leis a ghunna nach diult,
Bhiodh fuil air an driuc mun eirinn;
Le dmhiolchona seang, air lothainn ad laimh,
Bhiodh puthar air eoins air feidh ann,
Gheibhte sud aig mo ghaol, coileach bhar geig,
Mum biodh air fear eile a leine;
S e thaghainn dhomh fein, deagh shealgair an fheidh,
S chan fhaicinn e choidhch na eiginn.

Cul buidhort mur or, blas meal air do phoig,
Cha ghabhainn ort òr no feudail;
S tu ceist nam ban ur, nach caidleadh san smur,
Sa mhaidinnn am tus eiridh;
Gur guirme do shuil, ’s maiseach do ghnuis,
S tlachdmhor air tus daoin thu;
Le dbhreacan deas ur, paisgte mu dghlun,
Chan fhaca mo shuil t-éugus.

T-eugas ri luaidh, meudail don t-sluagh,
Cha dthugainn duit fuath nam feudainn;
Cha luidhe orm aois nam faighinn mo ghaol,
Poiste le deoin cleire;
Mulaidhs mo mhiann, maidhears mo chiall,
Caol mhala om fèidhn tig gaire;
Chan eil e fon ghrein, na thaghainn ad dheigh,
Nam bithinn an deigh t-fhagail.

titleOran Gaoil
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page