ORAN air latha Sliabh an t-Siorram; Le Sileas Nighean Mhic Raoghnuill.
DH’ innsinn sgeula dhuibh le réusan,
A b’ fhiach dhuibh eisdeachd anns an am;
Bhi murt a cheile a leith Rig Shéimis,
Agus e fhein bhi anns an Fhraing;
Mu dheighinn Dheorsa, cha n’ eil ann ach bocan,
Ged chuir an storas an crun m’a cheann;
Mu ’n d’ thig an lunasdal, lagaidh chuis air,
’S theid a sgiursadh a null do ’n Spainnt.
Moch di-sathuirn, air uachdar Ardacha’,
Gu ’n robh ar bragadaibh a tigh’n n’ ar coir,
Fhuair sinn sgeula mu bheul an anamoich,
Gu ’n robh ar naimhdean ceart lamh r’ ar laimh;
Sinn dhol air aghairt, a ghabhail fradhairc,
Gu baile laoghach a thachair oirnn;
Far ’n d’ rinn Clann Donuill an greadan dòithte,
Air ’n arbhar bhoidheach bh’ anns an lainn.
Moch di-domhnaich a dol an ordugh,
Bu lionar srol bha ’ga ’n cuir ri crann;
Fhuair sinn ordugh na breacain fhagail,
’S cha b’ ann do ’n t-searmain a ghluais a chlann;
Gach fear bu luaithe a’s fhuil na ghruaidhibh,
’S iad na ’n cruaidh cheim suas an carn;
Co thachair oirnne a tighin n’ ar comhail,
Ach luchd na ’n goirseid ’s nan cota dearg.
Chaidh Clann Dònuill ’n sin an òrdugh,
’S Clann ’Illeain nan ròiseol ard;
Sgiob’ Bhraidealbunn, a bhratach bhallabhuidh;
Bu bhuidheann ainmeil sud aig Marr;
’Nuair a ruisg iad na lannan dùghorm,
Bha fuil ’ga sputadh ar feadh a bhlair,
Bu lionar spainnteach ’sa cheart am sin,
Ga cuir an sàs ann an cota dearg.
Theich Moir-fhear Hunndaidh, nan each cruidheach,
’N coinne a rumbuill as a ranc;
Iarla Sìophort nan each prìseil,
Bu nàr ri innse mur dh’ eirich dhà;
Lochiall ’sa mhuinntir a’s Mac Iain Stiùbhart,
’S Tighearna Struthain o ’n t-Slios gharbh;
Cho cheart ’sa ’s beo mi ’sa ’n ath chomhail,
Dh’ aindeoin Dheorsa gu ’n gearr iad cnaimh.
Mhic ’Ic Alasdair na feileachd,
Bu lamh fheum thu anns gach cas;
Leat bu taitneach bhi ’sa ’n t-seorsa,
Leat bu deonach bhi dol na ’n dail;
Chaill thu iteag chul na sgéithe,
’N t-seobhag treun nach d’ éur adbhans;
Mac Mhic Ailein, oighre Mhuideart,
Marcaich sunndach nan each seang.
Dh’ fhalbh a choir a’s thain’ an eucoir,
’S amhairc fhein a deigh an t-sluaigh,
Tha Tomas ag innse ann na fhaistinn,
Gur Clanna Gaidheal a bhuidhneas buaidh,
Bidh fallas fala air gach mala,
Cur a chatha thall aig aig Cluaith;
Bha mi miomhail, a’s rinn mi diochuimhn,
’S bu choir domh innse anns an am,
Na ’m biodh Iain Bhraidealbunn, na leith-chiad bliadhna,
’S na bha Fhrangaich aige fhein,
’Nuair a rinn sibh an seasamh suarach,
A’s moran fuachd oirbh air an fheur;
Cha deachaidh muinntir Dheorsa, g’a ’n aite comhnuidh,
Gun an toireachd bhi air an déigh.
title | Oran air latha Sliabh an t-Siorram |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |