ORAN air latha blair IONMHUR-LOCHAIDH, eidear CLANN DONUILL agus na CAIMBEULAICH; le Iain Lom.
Fonn—Hug oirre ho, suas e bhraithrean.
HI rim ho ro, ho ro leatha,
Hi rim ho ro, ho ro leatha,
Hi rim ho ro, ho ro leatha,
Chuaidh an latha le Clann Donuill.
’N cuala’ sibhse ’n tionndadh duineil,
Thug an camp bha ’n Cille Chuimein;
’S fad chuaidh ainm air an urram,
Thug iad as an naimhdean iomain.
Hi rim ho ro, &c.
Dhirich mi moch maduinn domhnuich,
Gu barr caisteal Ionmhur Lochaidh,
Chunnaic mi ’n t-arm a dol an ordugh,
’S bha buaidh a bhlair le Clann Donuill.
Hi rim ho ro, &c.
Direadh a mach glun Chuil-eachaidh,
Dh’ aithnich mi oirbh surd ar tapaidh;
Ged a bha mo dhuthaich na lasair,
’S éirig air a chùs mur thachair.
Hi rim ho ro, &c.
Ged bhiodh Iarlachd a bhraghad,
An seachd bliadhna so mur tha e,
Air do laimhse Thighearna Lathair,
Ge mor do bhosd as do chlaidhe;
’S ioma oganach chinne t-athar,
Tha ’n Ionmhur-Lochai na luidhe.
Hi rim, &c.
’S ioma fearr goirseid agus pillein,
Cho math ’sa bha riamh do d’ chinneach,
Nach d’ fhoad a bhotainn thoirt tioram,
Ach faoghlum snamh air bun Ibheis.
Hi rim, &c.
Sgeul a b’ aite ’nuair a thigeadh,
Air Caimbeulaich na’m beul sligneach,
H-uile dream dhiu mur a thigeadh,
Le bualadh lann an ceann ga ’m bristeadh.
Hi rim, &c.
’N latha sin shaoil leo dhol leotha,
’S ann bha laoich ga ’n ruith air reothadh,
’S ioma slaodanach mor othar,
Bha na shineadh air achadh an tothair.
Hi rim, &c.
Ge be dhireadh Tom-na h-aire,
Bu lionor spog ur bh’ ann air dhroch shailleadh,
Neul marbh air an suil gun anam,
’N deigh an sgiursadh le lannan.
Hi rim, &c.
Thug sibh toiteal teith mu Lochai,
Bhi ga ’m bualadh mu na srona,
Sin nuair chruinnich mor dhragh an fhalachd,
’N am rusgadh na ’n greidlein tana,
Bha iongnan na ’n Guimhneach ri talamh,
’N deigh an luithean a ghearradh.
Hi rim, &c.
’S lionor corp nochte gun aodach,
Tha na ’n sineadh air chnocain fhraoiche,
O ’n bhlar an greaste na saoithean,
Gu ceann Leitir blar a Chaorrainn.
Hi rim, &c.
Dh’ innsinn sgeul eile le firinn,
Cho math ’sa ni cleireach a sgriobhadh;
Chaidh na laoich ud gu ’n dichioll,
’S chuir iad maoim air luchd am mioruin.
Hi rim, &c.
Iain Mhuideartaich na ’n seol soilleir,
Sheoladh an cuan ri la doilleir,
Ort cha d’ fhuaradh briste coinnidh,
’S ait’ leam Barrabreac fo d’ chomas.
Hi rim, &c.
Cha b’ e sud an siubhal cearbach,
A thug Alasdair do dh’ Albuinn,
Creachadh, losgadh, agus marbhadh;
’S leagadh leis coileach Strathbhalgai.
Hi rim, &c.
An t-eun dona chaill a cheuta,
An Sasunn, an Albuinn, ’sa ’n Eirinn,
Ite a curr na sgeithe,
Gur miste leam o ’n a gheill e.
Hi rim, &c.
Alasdair na ’n geur lann sgaiteach,
Gheall thu ’n dé a bhi cuir as doibh,
Chuir thu ’n raitreuta seach an caisteal,
Seoladh gle mhath air an leantuinn.
Hi rim, &c.
Alasdair na ’n geur lann guineach,
Na ’m biodh agad armuinn Mhuile;
Thug thu air na dh’ fhalbh dhiu fuireach,
’S raitreut air prabar an duilisg,
Hi rim, &c.
Alasdair ’Ic Colla ghasda,
Lamh dheas a sgoltadh na ’n caisteal;
Chuir thu ’n ruaig air Ghallaibh glasa,
’S mu dh’ol iad cal gun chuir thu asd’ e.
Hi rim, &c.
’M b’ aithne dhuibhse ’n Goirtein-othar,
’S math a bha e air a thothar,
Cha ’n inneir chaorach, no ghobhar;
Ach fuil Ghuimhneach an deigh reothaidh.
Hi rim, &c.
Sgrios oirbh mu ’s truagh leam ’ur caradh,
’G eisdeachd an-shocair ur paistean
Caoidh a phannail bh’ ann ’sa ’n araich
Donnalaich ban Earraghaidheal.
Hi rim, &c.
title | Oran air latha blair Ionmhur-Lochaidh, eidear Clann Donuill agus na Baimbeulaich |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |