ORAN air latha Chuileodair; Le Coirneil Ruagh Stiubhart Chinne-Chairdein.
O! gur mis’ th’ air mo chràdh,
Thuit mo chridhe gu làr,
’S tric snithe gu m’ shàil o m’ leirsinn.
O! gur mis’, &c.
Dh’ fhalbh mo chlaistinneachd uam,
Cha chluinn mi ’sa ’n uair,
Gu mall na gu luath ni ’s eibhinn.
Dh’ fhalbh mo, &c.
Mu Thearlach mo ruin,
Oighre airid a chruin,
Fuil rioghail na ’m buadh,
Bhi ’ga dìobairt ’s an uair,
’S mac diolain le a shluagh ag éiridh,
Fuil rioghail, &c.
Siol na ’n cuilein a bha,
Ga ’n ro mhath chinnich an t-al,
Chuir iad sinn’ ann an cas na h-éiginn.
Siol na ’n cuilein, &c.
Ged a bhuannaich sibh blar,
Cha b’ ann d’ ur cruadal a bha,
Ach gun ar shluaghainn bhi ’n dail a cheile.
Ged a bhuannaich, &c.
Bha iad iomadai’ uainn,
Do gach fine mu thuath,
’S bu mhiste sinn’ e ri uair ar féuma.
Bha iad, &c.
Coig brataichean sròil,
Bu ro mhath chuireadh an lò,
Gun duine dhiubh chòir a chéile.
Coig brataichean, &c.
Iarla Chrombaidh le shlòigh,
Agus Barasdal òg,
’S Mac Mhic Ailein le sheoid nach geilleadh.
Iarla Chrombaidh, &c.
Clann Ghriogair na ’n Gleann
Buidheann ghiobach nan lann
Clann Mhuirich na ’m buadh,
Iad-san uile hhi uainn,
Gur h-e sud m’ iomadan truagh r’a leughadh.
Clann Mhuirich, &c.
A Chlann Donuill mo ghaoil,
’Ga ’m bu shuaithcheantas fraoch,
Mo chreach uile nach d’ fhaod sibh eiridh.
A Chlann, &c.
An fhuil uaibhreach gun mheang,
Bha buan cruadalach ann,
Ged chaidh ur bualadh an am na téugbhail.
An fhuil, &c.
Dream eile mo chreach,
Fhuair an laimhseacha’ goirt,
Gu ’n cinn am Frisealach gasda treubhach.
Dream eile, &c.
Clann Fhiunnlaidh Bhraidh-Mharr,
Buidheann theannsgalach gharg,
’Nuair a ghlaoidhte adbhans’ ’s iad dh’ eireadh.
Chlann Fhiunnlaidh, &c.
Mo chreach uile ’s mo bhron,
Na fir ghasd’ tha fo leon,
Clann Chatain an t-sroil bhi dhéi-laimh.
Mo chreach uile, &c.
Chaill sinn Donull donn suairc,
O Dhùn Chrombaidh so shuas,
Chaill sinn Raibeart an aigh,
’S cha bu sgrubaire e,
Measg chagnadh lann, a’s bhéigneid.
Chaill sinn, &c.
’S ann thuit na rionnagan gasd;
Bu mhath aluinn an dreach,
Cha bu phaigheadh leinn mairt na ’n éirig.
’S ann thuit, &c.
Air thus an latha dol sios,
Bha gaodh a cathadh nan sion,
As an adhar bha trian na réidhte.
Air thus, &c.
Dh’ fhàs an talamh cho trom,
Gach fraoch fearunn a’s fonn,
’S nach bu chothrom dhuinn lom an t-sleibhe.
Dh’ fhas an talamh, &c.
Lasair theine na ’n Gall,
Frasadh pheileir mu ’r ceann,
Mhill sud eireachdas lann ’s bu bheud e.
Lasair, &c.
Mas fior an dana g’a cheann,
Gu ’n robh Achan ’sa champ,
Dearg mhearlach nan raud ’s na ’m breugan.
Mas fior, &c.
’S e sin an Seanalair mor,
Gràin a’s mallachd an t-sloigh,
Thionndaidh e choileir ’sa chleoc,
Air son an sporain bu mhò,
Rinn sud dolaidh do sheoid Righ Sheimis.
Thionndaidh, &c.
Ach thig cuibheall an fhortain mu ’n cuairt,
Car o dheas na o thuath,
’S gheibh ar ’n eas-caraid duais na h-eucoir.
Ach thig, &c.
’S gu ’m bi Uilleam Mac Dheòrs’,
Mur chraoibh gun duilleach fo leon,
Gun mheur, gun mheangan, gun mheoran géige.
’S gu ’m bi, &c.
Gu ma lom bhios do leachd,
Gun bhean, gun bhrathair gan mhac,
Gun fhuaim clarsaich gun lasair chéire.
Gu ma lom, &c.
Gun sòlas, sonas, no seanns,
Ach dòlas dona mu d’ cheann,
Mur bha air ginealach clann na h-Eiphit.
Gun solas, &c.
A’s chi sinn fhathasd do cheann,
Dol sa ’n adhar ri crann,
’S eoin an adhair ga theann réubadh.
A’s chi sinn,
’S bidh sinn uile fa-dheòidh,
Araon sean agus og,
Do ’n Righ dhligheach ’ga ’n coir a’ géilleadh.
’S bidh sinn, &c.
title | Oran air latha Chuileodair |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |