[309]

ORAN a bhranndaidh; Le Coirneal Ruagh Stiùbhart Chinne-chairdin.

Fonn.—
Wha wad na’ be in love \ Wi’ bonie Maggy Lauder, &c.

MILE marbhaisg air a ghoraich,
S mairg a dholadh branndaidh,
Lionaidh e lan gaoidh as bosd sinn,
S mor a bhios do chainnt uime;
S ionunn sins mur dheirich dhomhsa,
Rinn mi olsa ghleann so;
S ann a leig e air mo bhuaireadh,
S bhuail e anns a cheann mi.

Ciod sam bith a mhathas mise,
Do dhaoine glice coire;
Cha mhathainn bheag idir do bhalach,
Ged bhiodh earras mor aige;
Cha mhathainn mhac bodaich mo bhualadh,
Ged bhiodh buaile bho aige;
Gloir don Righ tha air a Chathair,
Gun dthug e paidhir dhorn domh.

Cia mar dhfhaodainn gun dol thairis,
Lion a chaile ghorach;
Tri dramachan gun fharruid,
Thairis air a choir domh;
S cha bhuidheach tha mi do na balaich,
Lion iad lan an stoip dhomh;


[310] Fhuair mi sud gu mchuir am chabhaig,
Agus glaine beorach.

Shaoil iad nach burrainn mi ceartach’,
Carachadh no tionndadh;
Ach gur math thug mise an aire,
Don chainnt bhaig ballan teampuill;
Chunnaic mi ann na mnathan,
S tharruing mi gle theann orra;
S e theireadh gach te dhiu ag radh,
S mairg ait am bi an t-antlachd.

S mairg a rachadh dhiarruidh cairdeas,
Paighe no gealltnas;
Air cuid do mhnathan Chinnichairdin,
S nàr leam bhi cainnt orra;
Nuair is mo bheir mi ghradh dhoibh,
Bfhearr leo gum biodh àm aca;
Air scian bhi reiteachamo mhionaich,
Ge milis ni iad cainnt rium.

S diombach tha mi do na mearlaich
Mun phairt thug iad domhsa;
Mun iom thainig air an truinnseir,
San fheoil shailte roiste;
On bha mi fhein am ghiullan narach,
Cha dfhuair mi lan mo bheoil di;
Bha iadsan chuice nan lonaibh.
Mar gum bu chonaibh mor iad.

Cuime an deanainn fhein an cealach,
S ro mhath baithne dhomhsiad;
Iain Ruagh Stiubhart mo charaid,
Ceannaich Muileann an Loine;
S barail leam nach do ghabh en deideadh,


[311]S ro mhathn deudach bheoil thaige;
Dhfhag mi iad turamanaich le cheile,
Aig Seumus Mac antoisich.

Ho! gur diombach a tha mise,
Do na daoine bhair an adhlacadh,
Nach do rinn iad mis a cheangal,
S mo sparradh ann an alldan,
No nach dfhag iad mis tigh sheinnse,
Glaiste ann am panntraidh;
Mun do leig iad anns a ghaoidh mi,
Sa mheud sbha chaothach cainnt orm.

Ach ged bhithinnsn deigh caithris,
Teas as fallas damhsa;
A dhaoine bheil sibhse am barail,
Ged dholainn galan branndaidh;
Gu bheil do dhaoine anns a bhaile,
Na chuireadh thairis mi do mantoil;
Achs eiginn domh aideachaa nis,
Gun robh misg orm aon-uair.

titleOran a bhranndaidh
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page