ORAN connsachaidh eidear fear agus bean mu’n ol; Le Barbra Friseil, bean uasal bha ann an Dùinidh, an Aird Mhic Shimidh.
Fonn.— ’S mise th’air mo bhodh’radh
Le solas na h-obair nogha, &c.
Ise.— ’S trìc ag amharc sìos mi,
Lan mìothlachd mu fhear mo thighe,
Mas tu bha cumail feill ann
Gu’m b’ fheumaile dhuit a thigh’n dachaidh;
Mas tu bha ga h-eigheach,
Bha feum ort ann o chionn seachduin;
Ga’n cumail r’a cheile,
’S na na ceudan deanadh am marcaid;
’Nam dhoibh bhi sgaoileadh,
Bu shaoithreachail thu toirt pas doibh.
Esan. —Fire faìre a Bharbra,
Cha’n earbainn gu’m biodh tu fanoid;
’S mi ’g ol do dheoch slainte,
Anns gach ait’ an deanainn a ceannach;
O’n a dh’fhalbh gach tàbhairn
’S gach pairtidh bh’ann o chionn tamuill;
’S mithich teannadh lamh-riut,
O’n dh’fhas mi am dhuine falamh
Ise. —Cha’n eil mi ga t-iarruidh,
Cha’n fhiach leam do chaithe beatha;
Dh’fhaodainn-sa bi eolach,
Mu’n phoc nach deanadh an gleidheadh;
Gur h-e sud a leon mi,
Mo storas bhi feadh na’n tighean;
Ga chaitheadh gu roipeach,
Ann an stopan an uisge-bheatha.
Esan. —Bhean tog dhiom do d’thuaileas,
Cha chualas gu’n robh mi misgeach;
Ise. —O! Cha d’ ìarr mi riamh ort,
Bhi crion ann an aite duine;
Ach mur fhear do’n phairtidh,
Ged bu chàrt bhiodh air gach urra,
O’n ’s e t-fhasan-sa paigheadh,
’S gach aite an dean thu fuireach;
’S giorra bu chàra dhuit,
Tamh a mach air do thuras.
Esan. —Bhean tog dhiom ad ghoraich,
’S mi brònach an deigh mo dhibhe;
’S daor an ceannach dhomhsa,
Air an sdoras na ni thu bhruidhinn
Cha n’fhaigh thu fear gun duais,
Theid suas air bealach-an-ruidhe;
Ma chuireas tu sios e,
Gu’n iarr e ort airgiod dibhe.
Ise.— ’S mor a b’fhasa dhomhsa,
Airgiod stoip thoirt do mo sgalaig
Na thusa bhi’n comhnuidh,
An seomraichean ’g ol na’n galan;
O’n is duine poiste thu,
Cha choir dhuit a bhi ri breamas;
Le cuid dhaoine coire,
Cuir còmhroinn mhòr deth anns gach bairill
title | Oran connsachaidh eidear fear agus bean mu’n ol |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |