Marbhrann do Chaitrìona N’ ’Ic a Phearsain, a chaochail na h-ighin oig, ann an Sioramachd Pheairt, agus a bha thair cumantas, ann am meas, an cliuth agus an eireachdas; Le Ministeir airid.
Chualas sgeul tha ro chruaidh,
’S gann is urrainn mi luaith,
Ceit Nic Mhuirich mo thruaigh cha bheo.
Chualas sgeul, &c.
Agus b’e sud an sgeul,
’S goirt a chraidh sinn gu leir,
Uaip gu’n d’thugadh le eug an deo.
Agus b’e sud; &c.
Sluagh ga cuir anns an uir,
A corp aluinn deas ur,
Ghorm gheug na’m blath shùl cha bheo,
Sluagh ga cuir, &c.
Bu bhlath seallamh a sul,
Bha i daonnan caomh ciùin,
’S fiamh ghaire air gnuis na h-oigh,
Bu bhlath, &c.
Aghaidh narach gun ghruaim,
Bu dearg ruthadh a gruaidh,
’S bha a bilibh air snuagh an rois,
Aghaidh narach, &c.
Bu gheal a deud a’s bu dluth,
Bha gach ailleachd na gnùis,
’S bha oirre falt dù-dhonn torr.
Bu gheal, &c.
’S mar gheal eiridh na’n tonn,
Bha a broilleach min trom,
’S mur dheo grein’ i gu bonn a brog,
’S mur gheal, &c.
Co’s urrainn a luaidh,
Gach sgeimh tlachd bh’oirr’ a’s buaidh,
Och! ’s luath thugadh i uainn, an oigh.
Co ’s urrainn, &c.
Ach co dh’ innseadh a beus,
Tha e dobh chuir an ceill,
Riamh cha chualas a breug na bosd.
Ach co dh’ innseadh, &c.
’S tu ad nadur bha grinn,
Cha robh cron ort ri sheinn,
’N diugh, gur iosal guth binn a cheoil,
’S tu ad nadur, &c.
Bu tu aidhear gach te,
Ghabh eolas ort fein,
’S bha iad uile ad dheigh fo bhron,
Bu tu a dhear, &c.
’S og a fhuair thu deagh chliuth,
Bhi do gach neach an deagh run,
A’s riamh cha do mhuth thu seol.
’S og fhuair, &c.
Cha chuala’ caraid no namh,
I ri casaid no càin’,
’S riamh cha d’eisd i air càch droch sgeoil.
Cha chuala, &c.
Bha i truacant d’i fein,
Do na bochdan toirt speis,
’S tric a thug i do’n fheumach lon.
Bha i truacant, &c.
’S tha do mhathair ad dheigh,
Mur a mhaidneag ’sa’n speur,
’S gearr a cuairt an deigh reult feadh lo.
’S tha do mhathair, &c.
’S tha t-athair e fein,
Mur an dealt air an fheur,
Theid air tiom’ le teas grein’ na cheo.
’S tha &c.
Och! do pheathraichean stuam,
’S tric a tha thu na’n smuain,
’S tha do bhrathair gach uair fo leon.
Och! do pheathraichean, &c.
’S tha na ciadan osbarr,
Air an lionadh le cradh,
’S och! tha mise mur chach fo bhron.
’S tha na, &c.
’S mor bha dh’eagal na Tì
Thug air falbh i chum sith,
Gabhail comhnuidh an cridh na h-oigh.
’S mor bha &c.
B’e a raoghainn gu fior,
A toil, a tlachd agus miann,
Bhi gluasad gu diaghaidh còir.
B’e a raoghainn, &c.
Nis, thug mor-Righ na’m buagh,
Da’n aithne gach sluagh,
’N fhior mhaighdeann ud uainn gu gloir.
Nis, thug mor-Righ &c.
Nis’ thug an t-ard Righ,
O’n bha i glan ann na crìdh,
I dh’ionnsaidh toil-inntinn mhor.
Nis thug &c.
’S tha oran nuadh binn,
Do ’n Righ naomh aic ga sheinn,
’S i nach eil mar tha sinn fo bhron.
’S tha oran, &c.
Ann an sòlas fior ghrinn,
Marr-ri naomh sluagh gach linn,
Agus cruin air an cinn do ghloir.
Ann an solas, &c.
Marr-ri ainglibh sa’n ait’,
’S ri Trianaid na’n gràs,
’S cha bhlaisear lea bas ni ’s mo.
Marr-ri, &c.
Ach co riamh ghabh air fein,
Bhi na’s glic’ na’n Ti threun,
Da n’aithne ’s da’n leir gach doigh.
Ach co riamh, &c.
’N Ti do’n aingidh bheir dàil,
Oir cha tlachd leis a bhas,
Ach na naoimh bheir e trath chum gloir.
’N Tihl do &c.
Ach na’m faicte mar tha,
Le dochas, creidimh a’s gradh,
Bhiodh fadal ga’r cradh’s cha bhron.
Ach na ’m faicte, &c.
Gus am bimid na deigh,
Le bhi siubhal do ’n eug,
’S co againn nach d’theid an ròd.
Gus am bimid, &c.
Cha n’eil oirnn aic’ ach tùs,
Do ’n bhàs theid sinn gu dluth,
S uaithe cha cheannaichear a h-aon le òr.
Cha n’eil &c.
Na biodh na ’r n’aithreachas dail,
Bimid subhailceach trath,
’S air a mhath gach aon la-an toir.
Na biodh, &c.
’N sin bheirear dhuinn buaidh,
Air gach trioblaid a’s truaigh,
S gheibhear flaitheas mar dhuais fa-dheoidh,
’N sin bheirear, &c.
title | Marbhrann do Chaitrìona N’ ’Ic a Phearsain, a chaochail na h-ighin oig, ann an Sioramachd Pheairt, agus a bha thair cumantas, ann am meas, an cliuth agus an eireachdas |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |