[319]

ORAN eidear oige-fhear agus a leannan, a freagaradh a cheile.

Esan. —MADUINN dhomhsan coillidh chuaidh,
S glaine faile shruthain lubach,
Thachair orm ann gruagach chul-donn,
S rinn mi umhlachd dhi gu lar.

Run mo cheille air do cheann dubh.
Gorm shuil mhiogach bian mar an gruth,
Beulan siobhalts mala gun ghoimh,
S e do ghuth mo raogha ceoil.

Failt as furan dhuitse og bhean,
S deirge beul, as gruaidh mur rosaibh,
Tha mi toileach air a chomhail,
S le dchead pogaidh mi do lamh.
Run mo cheille, &c.

Chuir i car na muineal bian-gheal,
Gabhail oirre bhi ro fhiadhaich,
Thog i a ceann as sheall i fiar orm,
S thuirt i, shiadair tha thu ann.

Ise. —Tosd; chan fheud mi aideach thoirt duit,
S mealta t-eudan, ’s milis do ghuth,
S caillt mi choidhch ma fhreagras mi dhuit,
Teannsa uam, ’s leig uait mo lamh.

Esan. —Thuirt mi ri, a dheo-ghrein shul-ghorm,
Aobhach, chairdeil, chridheil shugach,
Tha min tith do phogan curaidh,
S bas as ur domh bhi dan call.
Run mo cheille, &c.


[320]

Ise. —Tha chleire cruaidh, ’s tha mathair agam,
Bhios ga mlaimhseach ann am chadal,
S mu bhios mo chiochan, lan no atar
Dhaindeoin feachd, tha mise caillt.
Tosd; chan fheud, &c.

Esan. —Na biodh eagal ort admhathair
Cruas cleir’, na aobhar naire,
Ged luidheas misam bhreacan lamh-riut,
Air mo laimh nach eagal call.
Run mo cheille, &c.

Ise. —Thuirt i rium tha oig-fhir meallta,
Tarruing bhan le comhradh fallsa,
N te nach eaglaich roimh sgaltadh,
Tha i caillte bhos as thall.
Tosd; chan fheud, &c.

Esan. —Dhfhuilginn bas mun tairginn mio-mhodh,
Chuilein chas duinn, an fhuilt shniomhain,
S air na chuairticheas a ghrian,
Cha duraichdinn duit giamh no call,
Run mo cheille, &c.

Ise.— ’S e thuirt i, chan fhaigh thu aoidheachd,
S cha leig mi leat do lamh am ruidheachd,
S fearr bhi sgaoilte o do dhraoidheachd,
Na bhi caoidh mo mhaighdnis caillt.
Tosd; chan fheud, &c.

Ghuidh as dhaithn i gun a masladh,
Gun ach gann a pog a bhlasad,
Mur be mo run le cead a Pharsoin,
Ise ghlacadh le cridhes lamh.
Tosd; chan fheud, &c.


[321]

Esan. —Na biodh aobhar eagail agad,
Ni sinn banais, posadhs leabaidh,
Bidh sinn sunndach eibhinn aite,
Sint am ghlacaibhs lamh fo dcheann.
Run mo, &c.

Ise. —Nan saoilinnse thu bhi rireamh,
Chionn do gheallain bhi cho lionor,
Cha bhiodh maille ann ad iartas,
S cha bhiodh miothlachd ann ad chainnt.
Tosd; chan fheud, &c.

Esan. —Sonas dhuitse ainnir ghaolach,
Caite bheil do luachsan t-saoghal,
Tha mi rireamhs na cuir baothal ann,
S leig do thaobh ri muchd gu teann.
Run mo, &c.

Ise. —Geillidh mi gun strith don oigear,
S leat mo chridh, a ghraidhs mo chomhra’,
Luidhe mi ad bhreacan boidheach,
Fhleasgaich oigs mo lamh fo dcheann.

Run mo cheille fear an fhuilt duibh,
Rachainn eug mur deanadh tu guth,
S leatsa fheudail mise an diugh,
S deansa rium an so nas aill.

titleOran eidear oige-fhear agus a leannan, a freagaradh a cheile
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page