ORAN GAOIL.
Fonn.—
’S i so ’n aimsir an dearbhar,
An targanach dhuinn, &c.
THA mo chridhe ciùirte,
’S neo shunndach mi ’n drasd;
Mu dheighinn an fhiùrain,
Dh’ fhag an duthaich di-mairt;
Mu dheighinn an oigeir,
Is boidhche no cach;
Gur gile thu fo d’ chòta,
Na ’n sneachd og ga chur tlath.
Oganaich threibhich,
’S mor t-fheum anns gach càs;
Gur mor thug mi speis duit,
’S cha bhreug tha mi ’g radh,
Gur mor thug mi ghaol duit,
Ge faontrach mi ’n drasd;
’S gus an dean thu pilltinn,
Bidh m’ inntinn gu lar.
Tha mo chridhe mur an luaidhe,
Cha ghluais e ach mur lic;
Ged theid mi measg oigridh,
Ged ol mi ’s ged ith;
Tha m’ aigne trom fo thùrsadh,
Gar an rùisg mi e ri càch;
Mu dheighinn an fhiùrain,
Dh’ fhag an duthaich di-mairt.
Oig ghasda a chuil dualaich,
Marcaich uaibhreach nan srann;
Mar ùr-ros an garadh,
Nach d’ fhas air mheangan dris;
Ceann tighe na ’m fear ùra,
Mar chraoibh a lubadh le meas;
Gur mise bha ro dheonach,
Air do phosadh gun fhios;
B’ fhearr na mar rinn thu m’ fhagail,
Mo charadh fo lic.
O ’s beag an t-iongnadh dhomh-sa,
Bhi bronach ad dheigh;
’Sa liuthad latha bha sinn,
A manran leinn fein;
A mire a’s a cluaineis,
An uaigneas air chàch;
’S ma dh’ fhalbh thu uainn air chuantain,
Mo thruaighe mi gu brath.
Esan. —O cha ’n aobhar thruais thu,
Mo ghruagach ghlan og;
Gar an dean mi pilltinn,
Tha thu cinnteach as mo stòr;
’S tric shiubhail mi ’n oidhche
Air caoimhneas do phoig,
’S bu bhalach mi na ’n diochuimhninn,
Briodal do bheoil.
Ise.— ’S neo bhalachail a dh’ fhàs thu,
’S tu ’s aille th’ ann mo bheachd,
Ach a Chaiptein oig
Cha ’n e do stòr air bheil mi ’n deigh,
Gu ’m b’ annsa na ’n crobh guaill-fhionn,
Bhi gluasad a d’ dheigh,
O ’n fhuair thu ’n t-eideadh ùr,
’S tric na deoir a ruith le m’ ghruaidh,
’S mor b’ annsa thu bhi ’s duthaich,
Ann ’sa ’n Dun mar bu dual.
Thug mise ann ’sa ’n Dun ud,
Gle shunndach car seal;
A mire a’s a sugradh,
Am muirn a’s an cion,
Ach tha mi nis mar chluaran,
Ga ’n dualchas fas ban,
Gus am pill an t-uasal,
A ghluais uainn di-mairt.
ORAN GAOIL.
SEISD.
Gu ma slan a chi mi,
Mo chailin dileas donn,
Gur muladach a ta mi,
’S mi nochd air aird a chuain;
’S neo shunudach mo chadal domh,
’S mo chaidreadh fada uam;
’S tric mi ort a smaointeach’,
As t-aogmhuis tha mi truagh;
’S mur a dean mi t-fhaotainn,
Cha bhi mo shaoghal buan.
Gu ma slan, &c.
Suil chorrach mar an dearcag,
Fo rasg a dh’ iadhas dluth;
Gruaidh dhearg mar an caorann,
Fo ’n aodann tha leam ciùin;
Mur d’ aithris iad na breugan,
Gu ’n d’ thug mi fhein duit rùn;
’S gur bliadhna leam gach la,
O ’n uair a dh’ fhag mi thu.
Gu ma slan, &c.
Theireadh iad mu ’n d’ fhalbh mi uait,
Gu ’m bu shearbh leam dhol ad chòir;
Gu ’n do chuir mi mo chul riut,
’S gu ’n do dhiult mi dhuit mo phòg;
Na cuireadh sud bonn curam ort,
Tha ’n ùine gearr na leoir;
Tha t-anail leam cho chùraidh,
’S tha ’n driùc air bhar an fheoir.
Gu ma slan, &c.
Tacan mu ’n do sheol sinn,
’S ann a thoisich càch;
Ag innse do mo chruinneig-sa,
Nach tillinn-sa gu brath;
Na cuireadh sin ort gruaman,
A luaidh ma bhios mi slan,
Cha chum dad idir uait mi,
Ach saighead chruaidh a bhàis.
Gu ma slan, &c.
Tha moran do luchd aimilisg,
’Sa sheanchais an droch sgeoil,
An cridheachan mar phuinnsein,
’S cha chuimhnich iad air gloir;
Ach na creid an sgeul ac’,
O ’n fhuair a chleir oirnn coir;
’S na ’m fanamaid o cheile,
’S i ’n eiginn bheireadh oirnn.
Gu ma slan, &c.
Tha Caimbeulaich mar chairdeas,
Ga ardachadh le strith;
’S gu bheil cuid diubh ’g radhainn,
Gur taire mi na i;
Ach mur biodh i deonach,
Cha phosamaid a choidhch;
’S c’ ar son a chaill i a fradharc,
’Nuair ghabh i a raoghainn mi.
Gu ma slan, &c.
Ach tha snaoim a nis ceangailte,
Gu daingeann a’s gu teann;
’S their luchd na fanoid rium,
Nach eil mo phrobhaid ann;
Am fear air bheil fortan,
Tha crois a tigh’n na cheann,
title | Oran Gaoil |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |