[327]

ORAN connsachaidh mu ’n t-suireadh, eidear fear agus a mhathair.

BHA mi fheins mo mhathair,
Di-mairt anns an t-seomar,
S bha i rium ag radh,
Gum bu nàr dhomh bhi gòrach;
A luidhe leis na caileagan,
Gum bamaideach an seol e;
S nach posadh te gu brath mi,
Sa ghraisg ud an toir orm.

SEISD.
Hill ù hill in ro,
Ho hill in h-éile,
Hill ù hill in ro,
Ho hill in h-éile;
Air faill ill ro,
Ho hill in h-eile,
A nighean donn an t-sugraidh,
Mo dhurachd bhi reidh riut.

Thuirt mi fhìn gu diblidh,
Gu cinnteach gum bfhior sud;


[328]S nach bu duine fior-ghlic,
Bhiodh strith ris a ghniomh ud;
A cost a chuid le -chliuth,
S le mi-cheuta mhiannaibh;
Ach sguiridh mi ri mbheo dheth,
Ochòin, ’s beag mo mhiann air.
Hill u, &c.

Ise. —Sinnuair thuirt mo mhathair,
Bfhear leam gum bfhior sin;
Gun sguireadh tu gu brath dheth,
S gum fasadh tu ciallach;
Gur a h-ioma càineadh,
As fàithn thug mi riamh dhuit;
Ach leigeadh tu mu dchluais e,
Le buaireadh nam biasd ud.
Hill ù, &c.

Esan.— ’S ioma fear a bfhearr na mi,
Dhfhailingsa cheim sin,
Ministeirean, pairt diubh,
Air airdeads gun leugh iad;
A bhean, an cual thum Pàpa
Rinn paisd anns an Eipheid,
Nan cual thu mu Righ Daibhi’,
Chuaidh dàn air Bath-shéba.
Hill ù, &c.

Ise. —Ministeir no Pàpa,
Dhethn dhfhailingsa ghniomh sin,
Olc air mhath gan drinn iad;
Chan fhaighneachdar diotse;
S bfhearr dhuit bhi ceillidh,
A ceusadh do mhiannaibh;
S ma rinn iad-san eucoir,
S iad fhein a bheir diol ann,
Hill ù, &c.


[329]

Bu mhath an duine Daibhi’,
Ged dhfhaling en uair sin,
Bha e cneasda naomha,
S bha gaol aig an t-sluagh dha,
Cha choimeas thu don Righ sin,
Le dmhì-bheusan truaillidh,
S thud mhì-loinn anns an t-saoghal,
A ghaolaich le do ghluasad.
Hill ù, &c.

Esan. —A bhean, an cualthu Sola’,
Bha mordhalach fìor-ghlic;
Aign robh urram foghlum,
Eolas as criontachd;
Nuair phos e seachd ceud,
S ochd fichead deug dìolan;
S their thusa nach fiach e,
Fear dhiarras a tri dhiubh.
Hill ù, &c.

Nuair bhios mo chlann-sa laidir,
Sa dhfhasas iad crionta;
Gun dtheid mi null air sàil leo,
Gu sraid Charolina;
Sin an uair a dhfhaodar,
Gach aon a chuir ri gniomh dhiubh;
Bidh duinair ceann gach feuma,
S mi fhein a bhi diomhain.
Hill ù, &c.

Gun dean Niall an t-aiteach,
Sa mhart cur an t-sìl dhuinn;
S ni mac N’ ’Ic Cathail buachaille,
Chuallaicheas dhomh;
Gun dean i banas-tighe dhomh,
S gur laoghach i Caitriona;


[330]S bidh Fionnaghal bheag ruagh ud,
Ri fuaidheal as ri sniomh dhomh.
Hill ù, &c.

Gur mise bhios gu statail,
A sraideamachdsan am sin,
Mun cuairt do mo phlanntachan,
S mo bhata ann mo laimh agam;
Cha dean mi ach an t-ordugh,
Gu sporsail thabhairt doibh-san;
S fearr dhomh sin na posadh,
Ochòins beag mo thaing ris.
Hill ù, &c.

titleOran connsachaidh mu ’n t-suireadh, eidear fear agus a mhathair
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page