ORAN na brigis lachduinn.
Le fear Shrathmhaisidh.
’S COMA leam a bhrigis lachdunn,
B’ annsa ’m feile beag ’sa m breachdan,
Cha do ghabh mi riamh bonn tlachd,
Do ’n fhasan a th’aig clann na ’n Gall.
Cha mhinisteirean ’s cha ’n Easbuigean,
Chum a bhar an t-seisein mi;
Ach a bhrigis leibideach,
Nach deanadh anns na preasan clann.
’S coma leam, &c.
Ged tha bhrigis mìothlachdar,
Gur feumail anns na criochan i,
Ach cuiribh air na mnathan i,
’S ann orra ’s fearr a luidheas i,
Gur sgiobalt’ air feadh tighe i,
’S b’ e ’n ceol am faighinn innt a damhs’.
’S coma leam, &c.
Gur mise bh’ ann ’sa ’n eisdeachd,
’S na mnathan ’g radh ri cheile,
Gu ’m b’ fhearr leo orra fhein i,
Na bhi ceusadh an fhir chaim.
’S coma leam, &c.
Cha mhath gu direadh bruthaich i,
’S cha ’n fhearr thun an t-siubhail i,
’S cha ’n eil mi idir buidheach,
Do ’n fhear a luthaig i bhi ann.
’S coma leam, &c.
Cha mhath an t-eideadh idir i,
’Nuair theid sinn anns an uisge lea,
’Nuair lubas i m’ ar ’n iosgaidean,
Gu ’n d’ thoir i niosgaid air gach ball.
’S coma leam, &c.
Brigis dubh gun sianadh,
Chuir as an t-aodach briatha,
Bhiodh fosgailt air ar bialadh,
’S nach iarradh a chumail teann.
’S coma leam, &c.
Chuir i mach do ’Shasunn sinn,
Le surd a bhi sgairteil oirnn,
Ged thug iad dhuinn ’sa ’n fhasan i,
Cha ’n eil i idir taitneach leinn,
’S truagh a Righ nach robh e tachte,
’M fear a thug an t-achd a nall.
’S coma leam, &c.
title | Oran na brigis lachduinn |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |