LUINNEAG.
Thug ho o, laill ho o,
Thug ho o ro ’n aill leibh,
Thug ho o laill ho o,
Seinn ho o ro ’n aill leibh.
Moch ’sa mhaduinn ’s mi dusgadh,
’S mor mo shunnd ’s mo cheol gaire;
O’n a chuala mi ’m Prionnsa,
Thigh’n do dhuthaich Chlann Ràghnuill.
Thug ho o, &c.
O’n a chuala mi ’m Prionnsa,
Thigh’n do dhuthaich Chlann Ràghnuill;
Grainne mullaich gach Righ thu,
’Slan gu’n till thusa Thearlaich.
Thug ho o, &c.
Grainne mullaich gach Righ thu,
Slan gu’n till thusa Thearlaich;
’S ann tha ’n fhior-fhuil gun truailleadh,
Anns a ghruaidh is mor naire.
Thug ho o, &c.
’S ann tha ’n fhior-fhuil gun truailleadh,
Anns a ghruaidh is mor naire:
Marr-ri barrachd na h-uaisle,
’G eiridh suas le deagh nadur.
Thug ho o, &c.
Marr-ri barrachd na h-uaisle,
’G eiridh suas le deagh nadur;
’S na ’n d’ thigeadh tu rithisd,
Bhiodh gach Tighearn na ’n aite.
Thug ho o, &c.
’S na ’n d’ thigeadh tu rithisd,
Bhiodh gach Tighearn na ’n aite;
’S na ’na cairicht’ an crun ort,
Bu mhuirneach do chairdean.
Thig ho o, &c.
’S na ’n cairicht a crun ort,
Bu mhuirneach do chairdean;
’S bhiodh Lochiall mar bu choir dha,
Cuir an ordugh nan Gaidheal.
Thug ho, &c.
’S bhiodh Lochiall mar hu choir dha,
Cuir an ordugh nan Gaidheal;
A’s Clann Donuill a chruadail,
Choisinn buaidh annns na blaraibh.
Thug ho o, &c.
A’s Clann Donuill a chruadail,
Choisinn buaidh anns na blaraibh;
’S iad gu ’n cumadh a chomh-strith,
Ri luchd chotaichean maduir.
Thug ho o, &c.
’S iad ga ’n cumadh a chomh-strith,
Ri luch chotaichean maduir;
Sud a chuideachd bhiodh foirmeil,
Le boineid ghorm a’s coc-ard innt’.
Thug ho o, &c.
Sud a chuideachd bhiodh foirmeil,
Le boineid ghorm a’s coc ard innt;
’S bhiodh am feile ’sa ’n fhasan,
Marr-ri gartana’ sgarlaid.
Thug ho o, &c.
’S bhiodh am feile ’sa ’n fhasan;
Marr-ri gartana’ sgarlaid;
Feile cuaich air bhachd easgaid,
Paidhir phiostal ’s lann Spainnteach,
Thug ho o, &c.
Feile cuaich air bhachd easgaid,
Paidhir phiostal ’s lann Spainnteach;
’S na ’m faighinn mo dhurachd,
Bhiodh an Diùc air dhroch caramh.
Thug ho o, &c.
’S na ’m faighinn mo dhurachd,
Bhiodh an Diùc air dhroch earamh;
Gu ’m biodh bùidseir na feola,
Agus a chorcach m’a bhraghad.
Thug ho o, &c.
Gu’m biodh bùidseir na feola,
Agus a chorcach m’a bhraghad;
’S gu’n gibhtinn a mhaighdeann,
Mar oighreachd d’a bhrathair.
Hug ho o, &c.
’S gu ’n gibhtinn a mhaighdeann,
Mar oighreachd d’a bhrathair;
Ach slan gu’n d’thig thu ’s gu ’n ruig thu,
Slan gu’n d’ thig thusa Thearlaich.
Hug ho ro, &c.
title | Luinneag |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |