[i]

SEARMONA LE MR EOBHANN MAC DIARMAID,

MINISTEIR ANN AN GLASCHO, AGUS NA DHEIGH SIN, AN COMRIE.

Deanaibhse aithreachas agus bithibh air bhur n-iompachadh, chum gum bi bhur peacaidh air an glanadh as, ’nuair a thig amanna fionnuaireachd o làthair an Tighearna. GNIOMH. iii. 19.

Agus is àill leam thu thoirt dearbh-chinnte air na nithibh sin, chum gum biodh iadsan a chreid ann an Dia cùramach air toiseach a bhi aca ann an deadh oibribh: oir tha na nithibh so maith agus tarbhach do dhaoinibh.

TIT. iii. 8.

Duneidin: CLO-BHUAILTE LE T. STEUART.

1804.


[iii]

DO’N LEUGHADAIR.

’NUAIR ata co lion do Shearmona Beurla air an cur an Clò, san rioghachd so, a mineachadh teagasga cudthromach an t-shoisgeil agus dleasnais a Chriosduidh; is aobhar iongantais do mhòran air feadh Gaidhealtachd na h-Alba nach dthugtadh ionnsuidh sam bith air Searmona Gaelic a chlò-bhualadh air son nan Gaidheal do nacheil aBheurla so-thuigseach.

Air iarrtas mhòrain do Chairdibh agus luchd eisdeachd an Ughdair tha cuid da Shearmona an so air an cur an clò, an dochas gum bi iad, le beannachadh Dhé, feumail air feadh na Gaidhealtachd agus gu h-àraidh a measg an dream a bha oan uair a frithealadh a Mhinisteireachd. Dhoibhsan a chleachd a


[iv] bhi ga éisdeachd, bithidh an leabhar so na cuimhneachan airfhoghlam, air firinn a theagaisg agus air fileantachd a bhriathra; Agus tre sin, air dha bhi marbh, tha e fathast a labhairt. Eabh. xi. 4.

Tha na h-Oig-fhir, atag iarruidh dreuchd na Ministeireachd ag gearan nach eil Eiseimpleir do Shearmona Gaelic rem faotainn, ’s gu bheil mòran focail anns aBheurla nacheil farasd re eadar-theangachadh. Tha aobhar a bhi ag earbsa gum bi an leabharsa mar-oan taitneach agus feumail dhoibhs’. Oir ge nach eil i cho coimhlionta sa bhitheadh i nam bu bheo an t-Ughdar a thoirt a shoathair féin gu follas, chi iad, gidheadh, mòran do nithibh anns an araidh e air a leantuinn Eiseimpleir.

[v] [vi] [vii] [viii] [ix] [x] [xi]
[xii]
titleDo’n Leughadair
internal date1804.0
display date1804
publication date1804
level
parent textSearmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid
<< please select a word
<< please select a page