[1] SEARMOIN I.
MATA XVI. 26.
Oir ciod an tairbhe a ta ann do dhuine, ge do chosnadh è an saoghal uile, agus anam fein a chall?
’NUAIR a chaill anam an duine iomhaigh Dhè, fhuair an saoghal aite-comhnuidh ’na chridhe. Thilg sànnt, uabhar, agus glòir-mhiann, Adhamh sios gu làr, o’ cheud staid sholasach, neo-chiontach, shona. Chum na nithe ceudna clann nan daoine fada san staid pheacach bhronach so. ’Nuair a dh’ iomain Aingeal an Tighearna an duine as a ghàradh; ghlachd an Diabhol è-fèin agus a shliochd air làimh, agus dh’iomain è iad fad air falbh o Dhia agus o’ shonas, gu peacadh, peanas, agus doruinn. O chruthachadh an t-saoghail a ta nithe Dhè nach fheudar fhaicinn,
[2] eadhon a chumhachd siorruidh agus a Dhiadhachd air am facicinn gu soilleir,
air dhoibh a bhi so-
thuigsin o na nithe a rinneadh.
Gidheadh ’
nuair a b’
aithne dhoibh Dia,
cha d’
thug iad glòir dha mar Dhia;
agus cha robh iad taingeil,
ach dh’
fhàs iad diomhain ’
nan reusonnachadh fèin,
agus dhorchaicheadh an cridhe amaideach.
Bha ’
n suilean gun lèirsin,
an cridhe gun mhothachadh,
agus an inntinn gun smuainteach. ’
Nuair a dhealraich Solus na Grèine air an talamh; ’
nuair a thainig an Slànuighear a dh’
ionnsuidh an t-
saoghail;
bha Mac an duine ard-
chrèutair Dhe air thalamh gun eòlas air Dia,
gun eòlas air fiòr-
shonas.
Bha an t-
anam neo-
bhasmhor ag iarruidh sòlas agus toileachas-
ìnntinn o na creutairean mealltach,
bàsmhor;
bha an Saoghal a’
gealltuinn sonais;
bha na h-
anamianna feòlmhor air an sàsuchadh;
bha an corp a’
snàmh a’
m measg saibhreas agus pailteas:
ach bha an t-
anam air seacharan;
a’
bruadar mu shonas;
lan do lotaibh agus do reubaibh;
ann an dìth agus ann an uireasbhuidh.
An dèigh do’n t-Slanuighear mòran do mhiorbhuile a dheanamh; ’n dèigh dha nadur
[3] a rioghachd fhoillseachadh; ’
n deigh dha a dheisciobuil a ghairm agus fhoghlum;
an deigh do Pheadair aidmheach,
Gu’
m b’
è Criosd mac an Dè bheo:
Bha dùil aig moran do na h-
Judhaich,
bha dùil aig na deisciobuil;
bha dùil aig Peadair fèin;
gu ’
n saoradh e na h-
Judhaich o thrailleachd nan Romanach;
gu’
n togadh è iad ’
suas oscionn an naimhde;
agus gu’
m bitheadh a’
rioghachd mor agus glòirmhor air talamh.
Ach a chum ’s gu’m faiceadh na deisciobuil a’m mearrachd; thòisich Josa air a nochdadh dhoibh; cionnas a b’ èigin dha-san moran do nithe fhulang; a bhi air a chur gu bàs, agus eiridh ’suas aris air an treas là. Cha do thùig Peadar na nithe sin, thug è achmhasan d’a mhaighstir, ag ràdh; gu ma fada sin uaitse, a Thighearna. Tha am freagradh a thug Josa air, gu beachdail a’ ciallachadh, gur è Satan agus gaol a t-saoghail a dhall suilean inntinn. Agus a bha lionadh a chridhe; Imich air mo chul a Shatain, is oilbheum dhomh thu: oir cha’n ’eil spèis agad do nithibh Dhè, ach do nithibh dhaoine. ’N deigh so dh’ innis Josa gu soilleir do na deisciobuil uile, nach b’ ann air thalamh a bha a’ rioghachd; nach b’ iad
[4] nithe mòr an t-
saoghail so,
sonas a shluaigh;
nach b’
urrain duin’
air bith dà mhaighstir a’
riarachadh gu dìleas,
dligheach.
Ma bha mòr-
ghaol aca air nithe mealltach,
bàs-
mhor na beatha so;
ma bha iad ’
nan tràillean d’
an anamiannaibh feòlmhor fèin,
agus do namhaid an anama;
nach robh e comasach gu ’
m bitheadh barrachd gràidh aca air Dia;
gu ’
n iarradh iad a ghnùis agus a chàirdeas oscionn gach ni;
agus gu ’
n deanadh iad a thoil,
ge do chailleadh iad an saoghal mu ’
n iagh Ghrian.
Tha an Diabhol agus an Saoghal anns gach am agus àite, a’ mealladh ar n-anama; a’ buaireadh ar n-aigneidhe; a’ dùsgadh ar n-anamhianna, agus a’ goideadh air falbh ar cridhe. Chum ’s gu ’m bitheamaidse agus gach neach air am freasdal an aghaidh an t-saoghail. Tha esan aig an robh fiòr-eolas air luachmhoireachd gach ni ann an neamh agus air thalamh, a’ feòraich d’a dheisciobuil, do gach crèutair reusantach, do chloinn na ’n daoine uile; Ciod an tairbhe a ta ann do dhuine, ge do chosnadh è an saoghal uile, agus anam fein a chall?
[5] Ann an labhairt o na focail so, tho mi cur romham, trid coghnadh Spiorad Dè.
I. Air thùs fheuchain dhuibh, nach bitheadh tairbhe ach call ro-mhòr ann, ged ’a b’urrain duine gach sòlas, subhachas, beartas, agus nì a tha ’san t-saoghal so fhaotainn, na ’n cailleadh è anam neo-bhàsmhor fein ’sa mhalairt.
II. Anns an dara àite, a’ nochdadh dhuibh amaideachd nan daoine sin, a tha tilgeadh air falbh, agus a’ call an anama airson an ro-bheagan do nithe an t-saoghail a ’s urrain tuiteam g’an crannchur-sa
III. Anns an treas àite, fiosraichidh mi luachmhoireachd an anama.
IV. ’N deigh so uile, Brosnaichidh mi sibhse, agus mi-fein gu bhi curamach, freasdalach, agus dichiollach mu shonas siorruidh ar n-anama.
I. Air thùs, tha mi gu fheuchain dhuibh, nach bitheadh tairbhe, ach call ro-mhòr ann;
[6] ged’
a b’
urrain duine gach solas,
subhachas,
beartas,
agus ni a tha ’
san t-
saoghal fhaotainn,
na ’
n cailleadh è anam neo-
bhàsmhor fein ’
sa mhalairt.
Tha mac an duine air a dhealbh do dhà nì, corp agus anam. Tha nithe an t-saoghail so a ’sasuchadh a’ mhiannaibh, a’ biathadh a thògraidh, agus a’ freagairt gu ro-mhath do uireasbhuidh a chuirp. Mar tha ’n t-Abstol Pol ag radh, Tha am biadh air son na bronn, agus a’ bhrù air son a bhìdh. Tha cuid do nithibh ann a tha tabhairt sòlas do ’n inntinn; tha cuid eile ann a tha tabhairt subhachas do ’n anam fein. Ach mo thruaighe, a’ mhuinntir ionmhuin, tha an solas so neo-tharbhach, siubhlach, truaillidh agus carrthach. Tha an subhachas so cunnartach, fàllsail, fàs agus cealgach. Tha cridhe mhic an duine làn do mhiannaibh. Ged ’a b’urrain è gach sonas, agus gach subhachas a tha ’san t-saoghal so fhaotainn, dh’ iarradh è tuillidh. Tha miannaibh an duine na ’s farsuinge na ’n Saoghal so, tha iad oscionn an t-saoghail, agus cha ’n urrain an Saoghal gu bràth an làn-thoilleachadh. ’Nuair a fhuair an laoch trèun
[7] Alastair mòr,
làmh an-
uachdar air an t-
saoghal uile,
mar leanabh gun mhathair,
ghuil è,
nach robh saoghal eile ann air am faigheadh e buaidh.
Cha ’n iad na Righrean, na Prionnsuidh, no na daoine mòra, na daoine is sonadh. Ged’ a bhitheadh gach rioghachd air thalamh fuidh chumhachd aon duine; ged’ a bhitheadh gach bochd agus beartach a’ meudachadh a’ stòrais; ged ’a bhitheadh gach bèul a’ sgaoileadh a chliù; ged ’a bhitheadh a’ ghlòir agus a’ mhòralachd, air an aidmheil leis gach teanga anns a chruinne-chè; ged ’a mhealladh è slàinte agus aiteas car cèud-bliadhna, ged’ a bhitheadh gach duine mar charaid dà, agus gach caraid dileas; ged ’a bhitheadh a chlann agus a theaghlach, gu h-uile, gaolach, freagarrach; gidheadh bhiodh sonas an duine so fein mealltach; cha mhairreadh è ach car tamuil ’nuair a dh’ fhagadh è an saoghal so, dh’ fhagadh è a shòlas, agus a shonas ’na dhèigh. Tha ’n corp truaillidh, neo-mhairreannach; ann an ùine ro-ghrad caillidh gach ni talmhaidh an Suim. Tha an duine diom-buan, agus tha gach sòlas talmhaidh, corporra, cosmhail re
[8] corp an duine,
diombuan mar an ceudna. ’
Sann as an talamh a thainig a cholluin, ’
sè an talamh a h-
àite-
comhnuidh,
tha mòr-
ghràdh aice air nithe talmhaidh. ’
Si an duslach a’
mathair,
tha còir aig a mhathair air gràdh na colluin;
tha i gach là ag iarruidh tuille dheth,
agus gach là a’
faotainn tuille ’
sa chòir, ’
sè so a tha reubadh agus a’
lotadh ar n-
anama. ’
Nuair a tha sinn frighealtach,
mu uireasbhuidh a chuirp,
tha sinn di-
chuimhneach,
neo-
churamach mu shonas ar n-
anama. ’
Si a cholluin an eideadh, ’
Sè an t-
anam an duine.
Tha cholluin gach là agus uair ag innseadh a h-
uireasbhuidh le iolach ard nan aigneidhibh agus tograibh,
tha so a’
dùnadh cluasaibh na h-
inntin,
an aghaidh gearan ciùin an anama. ’
Siad maitheanas peacaidh,
fior-
chreidimh anns an t-
slanuighear,
dochas ’
na eadar-
ghuidhe agus ’
na fhireantachdsan,
gràdh agus càirdeas De amhain,
a bheir sonas,
subhachas agus aoibhneas do ’
n anam neo-
bhàsmhor.
Thainig an t-
anam o Dhia fein, ’
sesan athair ar spioraid;
tha ’
n t-
anam gu minic air seacharan air thalamh;
cha ’
n ì so a dhuthaich no àite-
taimh;
cheangail Dia sonas an anama re chàirdeas fein amhain;
cha d’
thoir gach ni a
[9] tha ’
san t-
saoghal gu brath so dha,
agus gu ’
s am faigh è so,
cha bhi è gu bràth sona.
Ged’
nach bitheadh ach aon duine air an t-
saoghal,
agus ged’
a bhiodh gach ni a ta ann aige;
scapadh tinneas a sholas agus aoibhneas;
chromadh sean-
aois a cheann gu làr;
agus ged’
nach d’
thigeadh a h-
aon diu so air;
ged’
a fhreagradh gach ni rèir a thoil,
ged’
a shoirbhicheadh gach nì ’
na làimh,
cha d’
thugadh iad so uile sonas do ’
n anam,
nach roghnaiche subhachas bliadhna,
na dòruinn car seachduin?
Nach fhearr sonas o shiorruidheachd gu siorruidheachd,
na solas bochd an t-
saoghail so car ceud bliadhna? ’
Sann o Dhia amhain a tha air bith,
air beatha agus air gluasachd. ’
S esan tobar na beatha; ’
s ann uaithe tha gach nì math a’
fruthadh; ’
s esan air thùs a chruthaich an t-
anam;
chruthaich è ’
n duine chum sonais; ’
s ann uaithe fèin amhain a gheibh è sonas,
mu’
r faigh è so o Dhia,
cha ’
n ’
eil nì eile ’
sa chruinne bheir sonas dha;
agus mu chailleas è càirdeas Dè,
caillidh è sonas,
agus anam le cheile. ’
Sè sonas an duine bhi cosmhuil re Dia;
chuir Dia chum an t-
saoghail è a dh’
fheuchain agus a neartachadh a shubhailcean.
Cha d’
ordaich,
[10] cha do gheall Dia dha fior-
shonas air thalamh.
Mu tha dùil aige làn-
shonas fhaotainn o nithe truaillidh na beatha so;
freagradh è a cheisd a tha Criosd,
an solus fìrinneach,
tobar gach eolais agus gliocais,
a’
cur ris.
Oir ciod an tairbhe a ta ann do dhuine,
ge do chosnadh è an saoghal uile,
agus anam fèin a chall?
II. Tha so g’am thoirt air m’aghaidh anns an dara àite gu nochdadh dhuibh mòr-amaideachd nan daoine sin, a tha tilgeadh air falbh agus a’ call an anama, airson an ro-bheagan do nithe an t-saoghail so, a’s urrain tuiteam gu ’n crannchursa.
Ma tha air Slànuighear ag radh, nach ’eil tairbhe ann, ge do chosnadh duine an Saoghal uile, ’nan cailleadh e anam fein ’sa mhalairt; Gu cinnteach cha ’n ’eil tairbhe ann do na daoine sin, a tha tilgeadh air falbh, agus a’ reiceadh an anama air luach mòran na ’s dìblidh, agus na ’s lugha ’nan ceud mile cuid do bheartas agus sòlas an t saoghail so. Ma bheachdaicheas sinn mu ’n cuairt duinn, ma smuainticheas sinn gu ceart air sonas an t-saoghail; chi sinn nach ’eil anns a chuid a ’s
[11] fhearr dheth ach bristeadh cridhe;
mu’
r biodh dùil againn re fior-
shonas an taobh thall do ’
n uaigh.
Tha duil aig mac an duine, gu bheil sonas so-ghlacadh air thalamh, agus gu bheil gach nì làn deth. Ach mo thruaighe! a mhuintir ionmhuinn, ’s dochas mealltach so. Tha sonas an t-saoghail mar bhogha-frois, ’nuair a tha duil againn a bhi teann air, agus gu’r urrainn sinn a ghlacadh, tha è ruidh air falbh na ’s fhaide uainn, tha e ’gar fàgail, agus ’gar dibreadh anns gach dochas, anns gach àite, anns gach ni. Tha duil aig mòran gu ’m faigh iad sonas a’m beartas; tha dùil aig cuid gu ’m faigh iad sonas o ghlòir agus onoir, tha dùil aig cuid gu ’m faigh iad sonas ann an sàsuchadh an an-mhiannaibh feolmhor, tha duil aig cuid eile gu ’m faigh iad sonas ann an slainte, a’m boidhchead, an cloinn, an cairdean. Ach mo smuainticheas sinn gu beachdail air gach ni dhiu sin fa leath chi sinn nach ’eil fior-shonas re fhaotain o aon diubh.
I. Air thùs, cha ’n fhaigh sinn fior-shonas o bheartas. Tha beagan do nithe maith an
[12] t-
saoghail so feumail;
tha è ceadaichte,
tha e ceart,
tha e air ordachadh dhuinn nithe feumail fhaotain air arson fein,
agus arson air teaghlaich.
Ach tha air Slanuighear ag innseadh dhuinn gur gann a theid duine beartach a steach do rioghachd Neamh.
Tha mòr-
churam mu nithe talmhaidh,
agus mòr-
ghràdh do ’
n t-
saoghal gu minic fuaighte re beartas.
Ach ma ruigheas curam an t-
saoghail air falbh le’
r cridhe,
ma lotas è an inntin,
ma mhortas è an t-
anam; ’
s truagh, ’
s aimideach, ’
s gorach a’
mhalairt so. ’
S trioblaideach an ni beartas a thional; ’
s mòr an curam, ’
s mor an stri, ’
s mor an dichioll,
an Iomartas agus an deanadas a ghabhas è,
mu’
n cruinnich duine storas re cheile. ’
S fheadar dha eirigh moch,
agus luidhe anmoch; ’
S fheadar dha bhi tric gun bhiadh,
tric gun deoch,
tric gun chlos,
tric gun aoibhneas.
Tha chridhe làn do champar,
do fhuath,
do an-
earbsa,
do thair,
do fhearg,
do fharmad. ’
Sè truaighe chàich a bheir aiteas dhasan; ’
Sè beartas chàich a lionas inntin le dubhachas,
agus anam le bròn.
Tha duil aige gu bheil sonas agus beartas fuaighte re cheile.
Ma gheibh è beartas bithidh è air a phianadh a’
ceannach
[13] solais o gach ni.
An diugh tha e gu h-
aigionnach,
aoibhin an dochas re solas o chraos,
o mhisg,
agus o mhi-
gheamnuidheachd,
ach am maireach,
tha e gu tuirseach trom,
tha fheinfhiosrachadh ag innseadh,
gu ’
n robh è am mearrachd ’
na bharail,
gu ’
n robh a dhochas faoin,
agus gur faileas mealltach a bha è leanntuin.
Ach mo thruaighe,
a’
maireach aris di-
chuimhnichidh è so,
bheir e oidhirp eile sòlas fhàsgadh o na nithe ceudna;
biaidh è ’
n ath-
latha a’
gearran gu ’
n robh iad breugach,
carthach;
agus mar so,
o là gu là,
agus o bhliadhna gu bliadhna. ’
S iomad bacadh, ’
s iomad rib, ’
s iomad ceap-
tuislidh a tha eadar an duine beartach agus sonas.
Cha ’
n eil è smuainteach air aon ni,
ach cionnas a chruinnicheas è tuillidh stòrais;
agus cionnas a ghlacas e solas leis na h’
aige. ’
S duilich an ni storas a thionnal,
ach ’
s dora gu mòr sonas a ghlacadh leis an lion ghrod,
bhristeach,
fhallsail so.
Tha ’
n duine beartach eagalach,
gu’
m bi è bochd,
eagalach gu ’
n gaoid meirlich a chuid,
gu ’
n d’
thoir a choimhearsnach an car as,
agus gu bheil gach duine ’
san t-
saoghal an ti air a mhealladh.
Cha ghleidh ar beartas an corp o thinneas,
na sùilean o dhearaibh,
an
[14] inntin o mhulad,
an cridhe o bhròn,
an t-
anam neo-
bhasmhor o dhoruinn shiorruidh.
Cha saor beartas ar caraid gaolach,
ar brathair cridhe,
ar piuthar,
ar mathair,
ar n-
athair,
no ar Clann o chumhachd a bhàis.
Cha dean storas leaba na h-
anshocair mìn,
solasach,
taitneach;
cha spìon beartas an gath as a bhàs;
cha scap è air falbh mar dheathach,
eagal a pheacaidh;
cha ghlan è sinn o ar peacadh gin agus gniomh;
cha druid è geataibh Ifrionn;
cha stiur è gun mhearrachd gu aros De sinn.
Feoraicheam anis an dean stòras sona sinn,
am biodh tairbhe ann ge do chailleas sinn ar n-
anama,
ma gheibh sinn beartas?
Gu cinnteach cha bhi.
Air an aobhar so,
a mhuintir ionmhuin,
na leigibh le beartas breugach,
carthach ruidh air falbh le’
r miannaibh;
ar cridhe a ghaoid o Dhia,
agus ar n-
anama neo-
bhàsmhor a bhruthadh,
a reubadh,
agus a mhortadh.
II. Aris. Cha ’n fhaigh sinn fior-shonas o ghlòir agus onoir an t-saoghail so.
’S ni taitneach gean-math agus deadh-dhurachd dhaoine glic, maith agus tuigseach. ’S
[15] ni ciatach,
tlachdmhor gràdh ar càirdean agus luchd eolais.
Ach is ni cunnartach,
mealltach,
millteach,
glòirmhiann,
na mòr-
dheigh air onoir. ’
S iomad bochd a chreach i; ’
s iomad banntrach a dh’
fhàg i lomnochd; ’
s iomad dilleachdan a dh’
fhàg i gun fhear-
dìdein, ’
s iomad duine treubhach,
uasal,
measarra a dh’
fhàg i gun tigh,
gun teaghlach; ’
s iomad corp a reub i, ’
s iomad anam a mhort i.
Tha muintir an t-
saoghail mu ’
n cuairt duinn gu tric aineolach mu’
r beusaibh,
agus mu’
r caithe-
beatha.
Cha ’
n fhiach cliù nan daoine so buidheachas;
tha ar coguis fhein ag innseadh dhuinn,
gu bheil iad an dara cuid breugach cealgach no aineolach. ’
Si glòir-
mhiann is mathair-
aobhair air na blàraibh fuilteach,
fuathach a tha ’
measg dhaoine. ’
S iomad duthaich, ’
s iomad rioghachd a dh’
fhàg i ruisgte,
gun ni,
gun sluagh,
gun neart. ’
Siad no daoine saibhir,
uaibhreach,
mòr-
chuiseach,
stròthail,
dàna,
cruadalach a tha gu minic a’
faotainn glòir agus onoir ’
san t-
saoghal so. ’
S iad na daoine dìblidh,
gealtach,
aimaideach,
miodalach,
aineolach gun tuigse a tha gu tric ’
ga thoirt dhoibh.
Tha eachdraidh a chinne-
daona a’
dearbhadh gur fior
[16] so.
Agus tha so a’
ciallachadh dhuinn,
nach ’
eil glòir agus onoir nan nithe,
maith no luachmhor ionnta fèin, ’
nuair a tha naimhde Dhe agus dhaoine gu minic ’
g am faotainn o na daoine a ’
s suarraiche agus a ’
s lugha tuigse a tha air thalamh.
An fhiach an ni truaillidh so an strì,
agus an iomairt,
a tha daoine a’
deanamh mu dhèimhin?
An fhiu an deathach shiubhlach so anam neo-
bhasmhor an Duine?
A’
m bi tairbhe aige,
ge do chailleas e anam,
ma bhuidhneas e onoir o dhaoine?
An dean an onoir so,
onorach è ann an lathair Dhe?
An d’
thoir ì sonas dha ’
san t-
saoghal so,
agus anns an t-
saoghal a tha re teachd?
An ciùnaich so coguis lotaidh, ’
nuair a mhosglas i è o chodal a pheacaidh?
Freagradh an duine gloirmhiannach na ceistean so d’
a anam,
agus d’
a choguis fein. ’
Sè math a chinne-
daona chur air aghaidh,
gràdh agus cairdeas Dhe,
agus curam mu’
r n-
anama priseil fhein,
gloir,
onair agus sonas mhic an duine air thalamh.
Tha fior-
ghlòir agus fior-
shonas fuaighte re cheile.
Tha gàol agus onoir an t-
saoghail;
fuath dhaoine math,
agus fearg Dhia gu minic mar chuibhrionn aig an duine ghloir-
mhiannach.
[17] III Anns an treas àite, cha ’n fhaigh daoine sonas ann an sàsuchadh an an mhiannaibh feolmhor.
Cha ’n ’eil tràil air thalamh a ’s mugha na esan a tha ’na thrail d’a aigneidhibh agus d’a an miannaibh feolmhor fhèin. Tha staid nam bruide n’as sona agus na ’s solaisaich na staid an duine so. Tha brùidean na machrach a’ mealltuin an t-shòlais a chaidh orduchadh d’ an nadur, gun ghoimh, gun phiann, gun ghrabadh o’ choguis, na o reusan. Ach tha mac an duine, creutair reusanta, tuigseach ’na thràil do ’n fheoil, a phairt bhrùdail d’a nadur; a’ di-chuimhneach, agus a’ deanamh tàir air a reusan, an ni amhain a tha deanamh eadar-dhealachadh eadar è ’s na bruidean. Tha ’n corp air a bhiathadh, ach tha ’n t-anam air a leigeadh air dearmad. Tha chuid a’s mugha do chloinn nan daoine a’ bristeadh gach là aith ’n ar Slanuighear. “Na biodh ro-churam oirbh mu thiomchioll ar beatha, ciod a dh’ itheas no dh’ olas sibh, na mu thiomchioll bhur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh.” Ach ’s iad biadh, deoch, eudach, agus solàs do ’n cholluin amhain, a tha moran
[18] ag iarraidh;
ma gheibh iad na nithe so,
tha duil aca gu’
m bi iad sona.
Tha iad a’
caitheamh an ùine,
an neart,
an slaint,
an storas,
am buadhaibh,
an curam,
agus an anam fein,
chum na nithe diblidh,
suarrach,
bàsmhor so fhaotain,
do ’
n cholluin bhreoite,
lobhte bhasmhor. ’
Nuair a tha ’
m misg fhear ’
san tigh osda,
tha Bhean ’
sa chlann ’
nan cruban leo-
fhein gu deurach,
dubhach,
bronach,
gun bhiadh,
gun deoch,
gun sòlas,
gun chuideachd.
Tha am fear mi-
gheamnuidh a’
mealltuin sòlas car tamuill ach tha goimh,
peanas agus aithreachas an lorg an t-
shòlais so. ’
S iomad deur a chosd,
agus ’
s iomad cridhe a lot,
solas mealltach car aon uair.
Ge mor ar curam mu’
n chollain,
cha ’
n fhad a mhairreas i;
agus cha d’
thoir na duragan agus na daolan buidheachas dhuinn ’
san uaigh air son a churam so. ’
S gearr-
shaoghalach,
truaillidh colluin an duine; ’
s grad-
shiubhlach,
teagmhach,
solas talmhaidh; ’
s laidir,
bras,
aigneidhibh an duine; ’
sanntach,
gionach,
do-
riarachadh a mhiannaibh.
Ge do tha iad air an riarachadh car tamuil;
an uine athghearra iarraidh iad tuille,
iarraidh iad nithe eile.
Tha so a’
nochdadh dhuinn,
nach urrain duine
[19] anmhiannaibh a shasuchadh;
gu bheil è cunnartach do ’
n anam oidhirp a thoirt a dheanamh;
agus ge do b’
urrainn sinn a dheanamh,
nach bitheamaid sona.
O so chi sibh,
nach bitheadh tairbhe ann,
ge do gheibheadh duine solas do ’
n cholluin,
na’
n cailleadh anam sonas siorruidh.
IV. Anns an ait ’as deireannaiche, tha duil aig mòran, gum faigh iad sonas o shlaint, o bhòidhchead, o chloinn, agus o chairdean.
Tha na nithe so math, taitneach agus solasach ’nan aite fein, ach cha deachaidh riamh an orduchadh chum fior-shonas a thabhairt do anam an duine. Ge do bhiodh cuid diubh sin aguinn bhiodh dèigh aguinn air càch, agus ge do bhiodh iad uil’ aguinn cha d’ thugadh iad dhuinn, an nì nach robh annta no aca, fior-shonas do ’n anam.
Cha ’n ’eil an duine mealltuin air thalamh aon nì a’s fhearr, a’ solasaiche, agus is prìseile na slàinte. Ach ’s minic a tha ’n corp slàn, an uair a tha ’n t-anam air a reubadh le dubhailcean agus le peacadh. Tha an neart
[20] gus an t-
slaint ’
bu choir dhuinn a bhuileacheadh air seirbhis Dè,
math a’
chinneadh-
daonna,
agus ar n-
anama fhein,
gu tric air an caitheadh,
an diomhanas,
an amaideachd,
an struidhealachd,
an craos,
a’
misg agus a’
mi-
gheamnuidheachd.
Cha ’
n ’
eil còir aguinn air slainte;
cha ’
n ’
eil fhios cia fhad a mhairreas i.
Agus gu cinnteach cha bhi tairbhe ann,
ge do mheallas sinn slaint’
air thalamh,
m’
a chailleas sinn slainte agus sonas siorruidh d’
ar n-
anama ann an neamh.
Tha boidhchead taitneach do ’n t-shuil, ach cha ’n ’eil i seasmhach no mairreanach. Tha i fuidh chumhachd tinneis, no sean aois. Tha i grad-shiubhlach mar dhrùchd na maidne; tha i carrach, caochlaideach mar dhath nan nèul. Cha ghleidh i o thinneas, o phathadh, na o acras an corp. Cha saor i an inntin a thrioblaid na o bhròn; agus cha ghlan i an t-anam o pheacadh. Cha d’ thoir i subhachas dhuinn ’san t-saoghal so, na sonas siorruidh anns an t-saoghal a tha chum teachd.
Is solasach an ni clann, ach ’s mòr trioblaid, piann, eagal agus curam pharantaibh. S duilich
[21] an ni,
nithe feumail fhaotain dhoibh; ’
s duilich an altrum agus an togail suas;
ach ’
s doradh gu mor am foghlumachadh,
deagh bheùsan a theagasg dhoibh,
agus an cur ann an staid chiatach ’
san t-
saoghal.
Ma bhitheas iad math,
bithidh toilleachas-
inntin nam parantaibh mòr;
ach ma bhitheas iad olc,
bithidh an dubhachas moran na ’
s mugha. ’
S iomad cridhe ga ’
n d’
thug iad solas;
ach ’
s iomad cridhe bhrisd iad. ’
S iomad anam a lot iad,
ach cha d’
thug iad fior-
shonas do h-
aon riamh.
’S aoibhin an ni càirdean gaolach, glic, tuigseach; ach ’s carrach, mealltach càirdeas an t-saoghail so. Fhad ’sa mhaireas ar storas, ar creideas, ar neart, ar slàint agus ar cliù, cha bhi dith chairdean oirn. Ach ’nuair a chailleas sinn na nithe sin, trèigidh mòran sinn. Chi sinn gur call caraid a’ ro-thathaich; agus gur è cairdeas De amhain a tha gu ’n cheann gu ’n chrioch. ’Sè so an cairdeas a’ nì subhach, aoibhin, ait sinn air gach àm, anns gach aite, agus anns gach staid. ’Sè so amhain a bheir dhuinn sòlas air thalamh, agus sonas siorruidh ann an Aros Dè.
[22] O na nithe chaidh a labhairt, tha mi ’n dochas gu bheil sibh a’ faicinn, nach mor a ’s fhiu sonas dìblidh, suarrach, salach an t-saoghail so. Air àm eile, ma bheir Dia comas duinn, fiosraichidh mi lucahmhoireachd an anama. Gu ’m beannaicheadh Dia na chaidh a labhairt air an àm, a’ reir a thoil agus fhocail; agus d’a ainm naomha gu ’n robh gloir a nis agus gu siorruidh. Amen.