[171] SEARMOIN VIII.
GAL. IV. 5, 6.
Ach ’nuair a thainig coi’ -lionadh na h-aimsir chuir Dia a mhac fein uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fuidh ’n lagh, chum gun saoradh e iadsan a bha fuidh ’n lagh, ionnas gu’m faigheamaid-ne uchd-mhacachd na cloinne.
MAR ghaoth nàm beann no mar gheuga maoth tha mac an duine luaineach so-lubaidh gus am bheil e air a stiuradh le gliocas, agus air a chumail ’suas le coghnadh Dhe. Ma tha e air fhagail car tamail d’a inntin dhoilleir, d’a smuaintidh neo-sheasmhach, agus d’a chridhe, cealgach fein, le innleachd a naimhde, tha e gu grad a’ ruidh o bharràil gu barrail, o aon chreidimh gu creidimh eile, agus o
[172] ghiulan naomha gu giulan truaillidh peacach.
Thachair so gu soilleir do’
n dream,
sin a dh’
iompuich Pol a chum creidimh Chriosd aidmheil an duthaich Ghalatia.
Co lùath sa dh’
fhàg esan iad,
thàinig Iudhaich Chriosduigh na’
m measg,
a bha ro-
eudmhor mu lagh Mhaois,
agus le buaireadh an abhairseir thug iad aoirrip a dheisciobuil atharrachadh na’
m beachd,
agus a dheanamh neo-
sheasmhach ’
nan creidimh.
Chuir iad an ceill dhoibh gu h àraidh,
gu’
m faigheadh iad maitheanas peacaidh,
agus sonas neamh mar dhuais an oibre fein,
agus nì h-
ann gu saor trìd gràis Chriosd.
Fhuair an t-
Abstol sgeul air na nìthe so,
mhothuich e air bàll cunnart a chàirdean,
agus mar athair caomh scriobh e an litir so,
chum an dream a bha ain-
eolach a theagasg,
chum iadsan a chaidh am mearrachd iompuchadh,
agus iadsan a bha luaineach a dhaighneachadh,
na’
n creidimh. ’
Sa chaibideil roimhe so,
tha e gu h-
àraidh a’
teagasg,
nach urrain daoine gu bràth a bhi àir am fìreanachadh, ’
se sin maitheanas peacaidh,
agus sonas neamh fhaotain,
trid an oibre fein.
Tha e toirt deadh reusan air son so,
tha lagh Dhe ’
g iarraidh umhlachd iomlan,
cha n’
urrain daoine so a
[173] thoirt seachad,
uime sin cha n’
urrain ìad a bhi air am fìreanachadh leis,
ach tha e ’
mhain mar mhaighistir scoil a’
treòrachadh dh’
a ionnsuidh Chriosd.
Trìd na h-
umhlachd a thug esan seachad,
agus na h-
iobairt iomlan a dh’
ofrail e choisin e maitheanas agus sonas d’
a phobul,
agus rinn e iad ’
nan cloinn do Dhia.
Ach tha an t-
Abstol a’
teagasg an toiseach a chaibideil so,
mar a tha clann rè ùine fuidh mhaighistir sgoil,
gus am bheil iad a’
teachd gu aois agus ciall,
ceart mar so bha a phobull re uine fuidh dhaorsa an lagha,
gus an robh iad air an ulluchadh fa chomhair teachd an t-
slànuighear.
Air do Phol na nithe so a theagasg agus a dhearbhadh gu soilleir tha e le aoibhneas ag innseadh ann an steidh mo theagaisg,
ciod a rinn an t-
athair agus am mac,
chum an cinne daonna a shaoradh,
agus sochairean clann De a thoirt dhoibh,
Ach,
&c. Chum misneach a thoirt dhuibh an obair bhur n’
anama agus g’
ar n’
ulluchadh fa chomhair seirbhis àraidh an là an diu se,
mo rùn le coghnadh Dhe,
na briathra sòlasach so a mhìneachadh dhuibh.
Agus chum na crìche so fiosraichaimid air
[174] I.
C’
uin a thaisbein Dia saibhreas a ghràis d’
a phobull.
Bu naomha, taitneach staid an duine, nuair a thainig e air tùs a làmha Dhe; gidheadh mo thruaighe pheacaich e gu luath ’na aghaidh, ach ’n àit a sgrios thug Dia gealladh priseil dha. Ghin Adhamh sliochd ceannairceach, peacach, cosmhuil ris fein, an ùine ghrad dh’ fhàs an aireamh mòr, bha am peacaidhean dearg mar sgarlaid, agus do aireamh mar runnagan nan speur. Chum mi’ thoilteanas a pheacaidh a chur an ceill, sgrios Dia le tuil an tàlamh so gu leir ach aon teaghlach amhàin. O Noah thainig sliochd a dh’ fhàs gu grad aingidh, a thug iad fein thairis do iodhol aoraidh, agus do pheacaidhean eile, ann an aireamh agus ann an cionta do-innseadh. Cha do chlaoidh an giulan so foighi din De gu tur, ach chum saibhreas a ghràis a nochdadh, ghairm Dia Abram, sgar se e fein agus a theaghlach o luchd-iodhol-aoraidh, thug iomadh gealla priseil dhoibh. A chuid, a chuid, dh’ fhàs siol Abram lionmhor mar ghainneamh na tràighe, agus an lorg daorsa rè uine fhulang thug Dia gu cairdeil fuasgladh
[175] dhoibh,
threòraich e iad chum an fhàsaich.
Air sliabh Shinai,
thaisbein e a thoil gu soilleir,
thug e dhoibh lagh nàm modhanna,
thug lagh nàn iobairtean,
ga’
n stiuradh ’
na shlighe,
ga’
n ullachadh fa chomhair teachd an t-
slànuighear.
Le luchd-
teagaisg,
le sheirbhisich,
le fhàidhean,
gheall Dia gu minic air am àraidh fear-
saoraidh a chur a dh’
ionsuidh a phobuil.
Mar sheirbhisich fuidh’
Uachdaran,
mar chlann fuidh mhaighstir scoile,
bha a phobull re ùine fuidh ’
n lagh,
gus am bitheadh iad iomchuidh fa chomhair saorsa.
Mar sholus na Greine,
bha geallanna Dhe a’
fàs na b’
iomlaine,
agus na bu shoilleireadh,
gus an d’
thainig an t àm orduichte,
mar àrd mheadhon-
la,
làn do shòlas do chlann na’
n daoine.
Be so coi’ -
lionadh na h-
aimsir,
mu bheil an t-
Abstol a’
labhairt,
agus air an àm so thachair ni,
a’
s còir dhuinne ghnàth chuimhneachadh le cridheachan dian-
laiste,
araon le aoibhneas agus le gràdh.
Fiosraicheamid ma seadh ’
san
II. Ciod a rinn Dia air an àm so.
Tha oibre Dhe uile iongantach, tha iad uile làn do thròcair, cha n’ urrain Aingil no
[176] daoine gu bràth an làn-
thuigsin,
no cliu mar a’
s cubhaidh air an son a thoirt da ainm.
Chum ar n’
urram,
ar ghràdh,
agus ar n’
aoibhneas a mheudachadh ’
s còir beachd a ghabhail do obair nan gràs,
do reir an sgeil a tha sinn a’
faotain air.
Tha sgeul an Abstoil an steidh mo theagaisg gu h’
àraidh brioghmhor ’
sfhiach e gu math ar n’
aire.
1. Chuir Dia a mhac uaithe.
’Siongantach an ni, gu’n cuireadh Dia a mhac fein uaithe, air ghnothuch s’am bith; ’s iongantach mar an ceudna, gu’m fàgadh am mac gu toileach uchd an Athar agus a ghlòir a bh’ aige maille ris. Bha cumhachd agus gliocas iomlan, bha neamh agus talamh, aingil agus daoine, agus gach creatuir eile aig Dia mar sheirbhisich, chum obair sam bith, bu mhìann leis a chur an gniomh. Bha staid a chinne-daoine co bhochd, co bhrònach, co chunnartach, a’s gam feudadh iad a bhi toilichte taingeil, na’m fuigheadh iad saorsa ge be ciod an instrumaid, a bha e a’ gnàthachadh. Ach o na bha an obair, a bh’aige na bheachd, iongantach, mòr agus do-dheanamh, o na bha
[177] oscionn cumhachd Aingil,
innleachd dhaoine,
agus gach creatair eile,
anns am bheil an deo,
rinn e roghain air neach,
a bha coi’ -
fhreagradh r’
ar slàintuigh-
ne,
chuir e uaith a mhac fein.
Chuir e uaithe a mhac,
a ghin e o shiorruigheachd,
abha coi’ -
ionnan ris ann an cumhachd agus ann an glòir,
a bha ionmhuin na bheachd,
d’
an d’
thug e gràdh iomlan,
agus anns an robh a làn toil.
Chuir se a mhac o neamh gu talamh,
o ghlòir gu di’ -
meas,
o chumhachd gu anmhuinneachd,
o shaibhreas gu bochduin,
o làn shonas gu mòr-
thruaighe.
Chuir se air a ghnothuch a b’ -
fhearr,
air an turus bu chairdeile,
gidheadh ’
san staid a b’
isle,
an neach bu ghlòirmhoire,
a chunnaic neamh no talamh riamh.
B’
iongantach gradh àn-
Athar a chuir uaithe a mhac fein,
air son creatuirean co diblidh,
co cheannairceach agus co truaillidh.
Bu mhòr,
do-
thuigsin gràdh a mhic a dh’
ìslich e fein gu toileach,
chum saorsa o thruaighe,
agus làn-
shonas a chosnadh dhoibh.
Ach cha do chuir Dia ’
mhàin a mhac uaithe ach anns an
2. Ghinneadh e o mhnaoi.
[178] Bu mhòr a dh’ ìslich Criosd e fein bu mhòr an sgàil a chuir air a ghlòir, ’nuair a dh’ fhàg è uchd an Athar agus a nochd se e fein air talamh, ach thug e dearbhadh na bu mhogha air a ghràdh, ’nuair a ghabh se air natur an duine. Feuch an ti, a dhealbh Neamh agus talamh, aingil agus daoine, ghinneadh è o mhnaoi; feuch an ti a bha ann o shiorruigheach dh’ fhàs e na leanabh; ged a bha e uile chumhachdach, dh’ fhàs e anmhunn, ged a bha seilbh aige air gach ni, dh’ fhàs e uireasach agus bochd. An àite e fein a nochdadh, mar phrionsa, mar Righ no mar Impire mòr, le mòr urram agus gloir, thainig neul tiugh air a Ghrein, rugadh e o pharantaidh bochd, ann an àite diblidh, ann an stapul truagh, agus nochd se e fein re a bheatha, ann an riochd seirbhisich. Thainig esan a nuas gu toileach o’n staid a’s gloirmhor chum na staid a’s diblidh, chum daoine a thogail suas o’n staid a’s isle, chum na staid a’s airde. Tha an t-Abstol Pol ag ràdh, gum b’ fheumail da ann sna h uile nithibh bhi àir a dheanamh cosmhuil r’a bhràithribh chum gùm bitheadh e na àrd-shàgart tròcaireach agus dileas ann an nithibh do thaobh Dhe
[179] chum rèite a dheanamh air son peacaidh a phobuill.
A’
nis o na bha e feumail do Chriosd,
ar natur a ghabhail air,
chum slàinte a chosnadh dhuinn,
do reir ceud ghealladh Dhe d’
ar sinnsir,
ghinneadh e gu toileach o mhnaoi.
Ach maille re so’
san
3. Rinneadh e fui ’n lagh.
Se lagh Dhe taisbeanadh a thoil, agus tha e ceangailte air a chreatuirean, an dara cuid umhlachd a thoirt dha, no am peanas sin fhulang, a tha e a’bagairt. Mar riaghailt stiuraidh d’an giùlan, agus ga’n ullachadh fa chomhair teachd an t-slànuighear, dh’fhoillsich Dia da sheorsa do lagh do chloinn Israeil, lagh na’m modhanna, agus lagh na’n iobairtean. Bha e ceangailte aìr a chinne’ -daonna gu leir umhlachd a thoirt do lagh na’m modhanna, bha umhlachd do lagh nan iobairtean dligheach o chloinn Israeil amhàin. Bha lagh nàm modhanna na riaghailt stiuraidh sheasmhach, bha e reusanta, dligheach feumail anns gach àll; bha lagh nan iobairtean mar eallach thrioblaideach do-ghiùlan, bha è mar mhaighistir sgoilè ’g ulluchadh fa
[180] chomhair,
agus a’
treorachadh a’
dh’
ionnsuidh Chriosd.
Chum lagh na’
n iobairtean a chuir air cùl,
agus a phobull a shaoradh o thraillealachd;
chum umhlachd iomlan a thoirt do lagh na modhanna,
agus am peanas sin fhulang,
a bha e a’
bagairt agus a thoill peacairean,
rinneadh mac Dhe gu toileach fui’
n lagh.
An ti sin a thaisbean lagh do’
n chinne-
daonna rinneadh e-
fein fui’
n lagh so,
chum umhlachd iomlan a thoirt na’
n àite;
an ti a bhagair san lagh so peanas a dheanamh air peacairean,
dh’
fhuiling e fein gu cairdeil am peanas so air an son.
Bha umhlachd iomlan do lagh na’
m modhanna feumail,
chum an lagh a dheanamh onorach chum glòir Dhe a nochdadh,
agus mar eisiomplair d’
a phobull;
bha fulangais ag us bàs Chriosd feumail,
chum firinn,
ceartas agus naomhachd Dhe a thaisbeanadh gu soilleir.
Rinneadh Criosd fui’
n lagh,
chum ainmheacha phobuill do’
n lagh gu tur a phàigh,
le bhàs choisinn e dhoibh,
saorsa o pheanas agus maitheanas peacaidh,
agus le umhlachd iomlan choisinn e cairdeas De agus sonas neamh.
Feuch anis cia mòr a tha sin ann an comain Chriosd,
a dh’
fhàg gloir athair,
a ghineadh o mhnaoi,
a rinneadh fui’
n lagh,
chum à
[181] phobull a dhion agus a thearnadh, ’
nuair a bha ceartas De a’
gairm gu dian,
a rusgadh a chloidheamh,
chum am buille deireannach a thoirt,
agus an sgrios gu siorrudh. ’
Sfuar neo-
mhothachail an cridhe,
nach ’
eil air a lassadh le gràdh,
nuair a tha sinn a gabhail beachd do’
n dearbhadh iongantach so air gràdh Chriosd.
Ach chum beachd na’
s soilleire a thoirt dhuibh do shaibhreas a ghràis,
agus d’
ar comainean lionmhor dha fiosraichimid ’
san
III. C’arson a dh’islich Criosd mar so e fein.
’Nuair a tha duine glic cumhachdach a’ deanamh ullachadh mòr, tha sinn do ghnàth a’ co-dhùnadh, gu bheil obair mhòr aige ra’ dheanamh. ’Nuair a rinn Dia a chumhachd agus a ghliocas ma seadh ullachadh co mhòr, ’nuair a dh’ islich a mhac aìr mhogh co iongantach e fein, bha obair ghlòirmhor gu cinnteach aige r’a dheanamh. Am briathraibh aith-ghearra, brioghmhor, tha an t-Abstol a’ cur an ceill na h-oibre chairdeil so, agus dh’ islich Criosd e fein air
[182] 1. Chum a phobull a shaoradh o’n lagh.
’Nuair a thoisich Criosd re obair chairdeil, bha clann Israel fuidh dhaorsa lagh na’n iobairtean, agus fuidh dhiteadh lagh na’m modhanna. Bha e feumail ma seadh chum an sonais, saorsa fhaotain uatha le cheile. Chaidh lagh nan iobairtean òrduchadh, gan stiùradh a dh’ionsuidh Chriosd, bha an iobairtean na’n samhladh air, agus ’nuair a dh’ ofrail esan iobairt iomlan, chaidh a chur air cùl, mar ni neo-fheumail, agus mar so choisinn è d’a phobull saorsa iomlan uaithe. Mar riaghailt-stiuraidh caithe’ -beatha, cha d’thainig Criosd a sgrios lagh na’m modhanna, ach g’a choi’ -lionadh, gidheadh mar chumhnanta beatha, choisinn e saorsa uaithe, air dha fein an umhlachd iomlan sin a thoirt seachad a bha an lagh ’g iarruidh. Agus o na bha an lagh a’dìteadh chum truaighe, agus ag òrduchadh peanas siorruidh a dheanamh air an dream, a bha gu ceannairceach, aingidh’ ga bhriseadh, shaor e mar an ceudna a phobull, o’n diteadh agus o’n pheanas so le fhulangas agus le bhàs. Mar so tha an t-Abstol so fein a’labhairt, shaor Criosd sinne o mhallachadh
[183] an lagha,
air dha bhi air a dheanamh na mhallachadh air ar son;
oir ata e sgriobhta, ’
s malluichte gach h-
aon a chrochar air crann.
Air a chrann-
cheasaidh mhalluichte,
le fheoil a reubadh,
le fhuil a dhòrtadh phàigh Criosd ainmheach pheacairean,
agus choisinn e dhoibh gu cairdeil saorsa o sgrios.
Dh’
fhuiling esan fearg Athar chum ’
s gu’
m mealladh iadsan a chairdeas,
dh’
fhuiling cràdh agus bròn,
chum ’
s gum fuigheadh iad sòlas,
dh’
fhuiling è doruinn,
chum ’
s gu’
m fuigheadh iad sonas,
dh’
fhuiling di-
meas chum ’
s gum fuigheadh iad glòir,
dh’
fhuiling bàs chum ’
s gu’
m fuigheadh iad a bheatha mhairtheanach.
Cia luachmhor ma seadh saorsa a chreidmhich,
o na phàigh mac Dhe co daor air a shon.
Ann an cosnadh so bha fhulangais co mhòr,
bha naimhdeas na’
n Judhach co aingidh,
bha teicheadh a chairdean co nàrach bha neo-
mhothuchadh dhaoine co iongantach,
a’
s gu’
n d’
fholuich a Ghrian car tamuil le oillt agus nàir’
a ghnùis.
Ann an smuainteachadh,
air an t-
saorsa so a choisinn Criosd,
abradh gach aon againn le cridhe iriosal,
taingeil,
dian-
laiste le gràdh,
Glòir gu siorruidh gu’
n robh do ghaisgeach treun na’
m buadh,
a choisin
[184] mar so saorsa dhuinn.
Ach dh’
islich Chriosd e fein ’
san
2. Chum ’s gum fuigheamaid uchd-mhacachd na cloinne. Trid a pheacaidh, bha daoine air an sgaradh o chàirdeas, air an diteadh le lagh, agus air an tilgeadh a mach a teaghlach Dhe. G’an toirt air an ais na ionsuidh, thaisbein Criosd lagh na’n iobairtean, ghleidh e iad re ùine, mar thràillean agus mar sheirbhisich fui ’n lagh so, ach ann an coi’ -lionadh na h-aimsir, thug e dhoibh saorsa uaithe, thug cuideachd saorsa o mhallachadh lagh na’m modhanna. Mar so choisrig e slighe, dh’ fhosgail dorus chum cairdeas Athar, agus thug e air an ais iad da theaghlach. Mar so an dream a bha roimhe, na’n cloinn do’n Abhairseir, na’n cloinn na h’eas-umhlachd, na’n oighreachan air truaighe, air sgàth Chriosd, tha iad air an gabhail a steach ann an aireamh, agus a’ mealtuin sochairean cloinne De. Air
1. Tha iad na’n cuspairean air a ghràdh àraidh.
[185] ’Nuair a bha daoine o shean, ag uchdmhacachdadh, no gabhail a steach da’n teaghlach clann an càirdean, no an luchd-eolais, bha iad do ghnath a’toirt gràdh dhoibh mar an clann fein. Air an doigh so, ged a bha pobull Chriosd aon uair na’n cloinn do’n Abhairsear, gidheadh, nuair a tha iad tridsin, air an gabhail a steach do theaghlach Dhe, tha esan a’toirt gràdh dhoibh mar a chlann àraid fein. Chà’n’ eil gràdh a’s dian-laiste, a’s seasmhaiche no gràdh pharanta caomh da’n cloinn iomchuidh fein, agus ’se an gràdh so an iomlaineachd a tha Dia a’toirt da phobull. Tha esan a ’toirt caileigin do ghràdh, agus a’ deanamh math do’n chinne’ -daonna gu leir, ach ’s iad deisciobuil Chriosd cuspairean a ghràidh àraid mar Athar, ’s iadsan a bhuineas da theaghlach, ’s iadsan a tha faotain a bheannachaidh, agus a’ mealtuin a chairdeis, anns gach inbhe agus staid.
2. Tha iad air an dìon le’n Athair.
Tha pobull Chriosd air talamh air an coimeas re caoirich, Uain, colamain, agus clann òg, ceatuirean a tha ainmeil air son an
[186] ain-
eolais,
an anmhuinneachd meud an cunnairt,
agus lionmhoireachd an naimhde.
Ach ged a tha iad anmhunn annta fein,
air an cuartachadh le iomadh namhaid,
agus ann an luidhe re iomadh buaireadh,
gidheadh tha Dia,
mar an Athair,
a’
gabhail cùram dhiubh agus do ghnàth ga’
n dion le fhreasdal caomh,
le ghairdein treun,
le Spiorad agus le ghràs.
Mar Uachdaran an domhain,
tha neamh agus talamh,
tha aingil agus daoine,
tha muir agus tir,
gach creatuir agus ni a tha ga’
n aiteachadh,
gu tur fuidh ughdaras an De bheo;
agus gun a chomas cha n’
urrain iad cron sam bith a dheanamh do chuirp no do anama a phobuill.
Ann an cunnart ma seadh no am buaireadh,
ann an trioblaid no ann an tinneas,
ann an bochduin no ann an teinn air muir no air tir,
am beatha no bàs bithidh pobull Chriosd tearuinte o sgrios,
o na tha Dia fein do ghnàth ga’
n dion,
agus a’
toirt air gach ni coi’ -
oibreachadh chum an leas.
3. Tha iad air am beathachadh le’n athair.
Nuair a tha daoine ag uchdmhachdadh cloinne, tha iad a’toirt lòn feumail agus foghlum
[187] ceart dhoibh;
agus ceart mar so tha Dia gu cairdeil a’
beathachadh a chloinne araon an cuirp agus an anama.
Bha ’
m Manna agus an t-
uisge,
a fhuair clann Israeil,
gu miorbhuileach san fhàsaich,
nan samhla air an lòn a choisinn Criosd da phobull.
Chum so a chosnadh air a chrann-
cheusaidh,
chaidh fheoil a reubadh agus fhuil a dhortadh;
agus air an aobhar so tha e air ainmeach aran agus uisge na beatha.
Air an là an diu theid comharan a chuirp agus fhola a fhrithealadh oirbhse,
agus gach neach a dh’
itheas dhiu ann an creidimh,
gheibh iad lòn àraidh clann De,
gheibh neart agus sòlas spioradail da’
n anamaibh.
4. Tha iad nàn oighreachan air rioghachd an Athar.
’S onorach dàimh, ’sòlasach staid, agus ’s glòirmhor dochas pobull Chriosd, tha iad nan cloinn do Dhia, tha na’n oighreachan air, agus na’n comh-oighreachan maille re Criosd. Air talamh, tha iad a’ faotain amhàin roìmh bhlas air cairdeas an athar, ann an neamh meallaidh iad a chairdeas gu h-iomlan, gheibh iad uaithe
[188] sonas siorruidh.
Bha clann uchd mhacdaichte o shean amhàin re tamul a ’
mealtuin oighreachd an aithreacha,
le bàs agus call an càirdean;
ach meallaidh clann De araon làthaireachd an an athar agus an oighreachd gu siorruidh.
Tha an oighreachd a’
gheibh iad uaithe,
air a coimeas na fhocal ris gach ni air talamh,
a tha luachmhor sòlasach,
glòirmhor agus mairreanach.
Tha i coi’ -
fhreagradh re glòir an Dia,
a tha ga toirt seachad,
ris a phrìs a phàigh Criosd air a son,
agus re ghràdh do’
n dream sin air am bheil e ga builleachadh.
Nuair a tha sinn,
le sùilean a chreidimh,
a’
gabhail beachd do’
n oighreachd so,
maìlle re Peadar ’
s còir dhuinn gu taingeil a radh.
Gu ma beannuichtè gun robh Dia,
agus athair ar Tighearna Iosa Criosd,
neach a reir a mhòr thròcair a dh’
ath-
ghin sinne gu beo-
dhochas,
tre ais eiridh Criosd o na marbhaibh,
air oighreachd neo-
thruaillidh,
agus neo-
shalach,
agus nach searg as,
ata air a coimhead ’
sna neamhaibh dhuinne ata air ar coimhead le cumhachd Dhe trìd creidimh chum slàinte.
Mar so chi sibh,
ciod a choisin Criosd le ìslicheadh agus le bhàs da phobull,
choisin saorsa o thràillealachd agus o pheanas an lagha,
choisin uchd-
[189] mhacachd na cloinne maille ris gach tiodhlaca a tha sruthadh o’
n dàimh so.
Cia sòlasach ma seadh staid a chairdean,
cia cubhaidh dhoibh gàirdeachas a dheanamh ann.
Deanamaid a nis foghnàdh on iomlan. Agus air
1. Ann an sgàthan fhocail, chunnaic sibh Criosd air an àm, air a cheusadh gu buirbeil, aingidh; agus an ùine ghrad ’se ar rùn, beachd a ghabhail deth, air sliabh. Chalbhari, na ordugh naomha fein. Nuair a chuala sibh sgeul air ìsleachadh, an robh sibh a’cuimhneachadh le aithreachas agus bron, gun robh làmh agaibh na fhulangais, agus na bhàs. Mo thruaighe, b’ iad ar peacaidh-ne, maille re cionta an t-saoghail, a thug e o neamh gu talamh, a thug e gu staid iosail bhochd, a rinn a bheatha trioblaideach, tuirseach, a thug guin do chorruich a naimhde, a rinn anam ro-bhrònach, a sharr e ris a chrann, a reub fheoil a dhòirt fhuil, a dh’ fholuich uaithe gnuis Athar, agus a thug an Deo as. ’Nuair a bha esan a fulang bàis, chuir an saoghal naturail chuir creatuirean nea-mhothuchail an ceill am
[190] bròn,
agus choimh-
fhuiling maille ris,
ged a bha iad saor d’
a bhàs.
Mar so dh’
fholuich a Ghrian a ghnùis,
reubadh brat-
roinn an teampuill,
chriothnuich an talamh,
sgoilteadh na creagan,
dh’
fhosgladh na h uaighean dh’
eirich na mairbh.
A’
bheil sibhse na’
s neo-
mhothuchaile na Ghrian na’
s cruaidh-
chridhaichno na creagan,
ann an codal na’
s truime no na mairbh;
mar ’
eil ’
s coir dhuibh a nis bròn a dheanamh airson bàs Chriosd. ’
S coir a bhi brònach do bhrìgh gu’
n d’
fhuiling ar caraid Neamhaidh, ’
s coir a bhi aithreachail,
agus brònach do bhrigh gun do mheudaich ar peacaidh a chràdh,
do bhrigh gu’
n d’
fhuiling e air ar sonsa.
Le fuath cridhe do’
r peacaidhean,
le bròn air an son le rùn an treigsin,
le aithreachas treimh-
dhireach,
neo-
chealgach mar a’
s cubhaidh do phobull Chriosd,
suidhibh sios an diu aig a bhòrd agus ceusaibh a naimhde uile na làthair.
Mar mhàthair chaomh a’
caoineadh bàs cràiteach a h-
aon ghin mhic bitheadh ar bròn domhuin seasmhach agus fior.
2. O na choisin Criosd saorsa agus uchd-mhacachd cloinne dhuibh, ’s coir do fhior
[191] aigneidh cloinne Dhe a bhi ’
nise ’
g oibreachadh ’
nar n’
anamaibh,
thaobh ar n’
Athar ar slànuighear agus ar bràithre.
A’
bheil natur agus rùn inntin clann De ma seadh agaibh?
A’
bheil sibh iriosal,
aithreachail brònach,
do bhrigh gun do chuir sibh corruich air ar n’
Athair,
agus gun do cheus sibh ar bràthair caomh?
A’
bheil sibh a’
gràdhachadh ler n’
uile chridhe ar n’
Athair ar slànuighear,
fhior-
chàirdean agus an cinne-
daonna gu leir?
A’
bheil sibh a’
cur làn earbsa an cairdeas De,
ann an gràs Chriosd,
mar thobar ar sòlais a nis agus sonais fa dheoigh?
A’
bheil sibh a’
deanamh gairdeachas,
ann an duil ris an oighreachd ghlòirmhor a choisin Criosd?
An e ar run oscionn gach ni buaidh fhaotain air ar naimhde,
umhlachd a thoirt do Dhia,
ainm Chriosd a ghlòrachadh,
math a dheanamh d’
ar bràithre,
a bhi naomha ’
nar cridheachan,
diadhaidh ’
nar giulan,
sith mhealltuin ’
nar bàs agus sonas fa dheoigh?
Ma bhuineas sibh do Chriosd se so an rùn ’
siad so na h-
aigneidh is còir do’
n bheachd a fhuair sibh air an àm do’
n t-
saorsa agus do’
n uchdmhacachd a choisin esan,
a dhusgadh agus altrum ’
nar n’
anamaibh,
agus mu tha an rùn agus na h-
aigneidh so agaibh,
[192] tha Criosd a’
fosgladh a chridhe agus saibhreas a ghràis,
chum lòn agus sòlas Spioradail a thoirt dhuibh aig a bhòrd.
Mar a phobull dlùthaichibh anis ris,
mar a chàirdean fosglaibh bhur cridhachan d’
ar bràthair caomh;
mar iolaire air a sgiathaibh,
eiribh suas trid creidimh chum Neamh gu beachd soilleir fhaotain da ghlòir,
gu neart agus sòlas fhaotain uaithe.
Tha Dia,
tha Criosd,
tha an spiorad Naomh,
tha Aingil,
tha daoine na’
m fianuisean ’
nise oirbh,
bithibh ma seadh treimh-
dhireach,
tairis dileas an obair sholeimte an là an diu,
agus gu’
n deonaiche Dia gu’
m blàis gach neach a shuidheas aig a bhòrd,
cia math agus cia milis Criosd,
cia m’
òr a thròcair,
cia saibhir a’
ghràs;
agus da ainm-
se gu’
n robh a ghloir gu suthain siorruidh.
Amen.