[193] SEARMOIN IX.
EOIN I. 12.
Ach a mheud ’sa ghabh ris, thug è dhoibh cumhachd a bhi ’nan cloinn do Dhia, eadhon dhoibh-san ata creidsinn ’na ainm.
ANN an toiseach a chaibideil so, tha Eoin, an t-Abstol sin a ghràdhaich Chriosd gu h-àraidh, gu riachdail a’teagasg dhuinn, gur e Criosd mac siorruidh Dhe, gur e Cruithfhear agus Uachdaran an t-saoghail. Tha e air tùs a’labhairt mu dhiadhachd, agus le dhearbhadh gur e Dia, o na dhealbh e gach ni, tha e gar brosnachadh chum gabhail ris, agus earbsa chur ann mar ar slànuighear, agus sinn fein a thoirt dha, gu bhi air ar teagasg, air ar sàbhaladh, agus air ar riaghladh leis. Thuille air so
[194] tha an Soisgeulaiche ’
g innseadh dhuinn,
gur e Criosd solus,
agus beatha an t-
saoghail,
an ti sin amhàin o’
m bheil daoine a’
faotain eolas slàinteil,
agus beatha spioradeil.
An deigh so tha e a’
cur an ceill dhuinn,
ciod an t-
suim a ghabh an cinne-
daonna do’
n t-
slànuighear ghloirmhor so,
a thainig o Neamh d’
an ionnsuidh;
an saoghal,
a dhealbh a làmh,
cha d’
aithnich se e,
agus na h-
Judhaich,
a phobull àraidh fein,
dhiùlt iad gu h-
aimideach gabhail ris.
Bha na daoine sin gun amharus mi-
thaingeil,
crosda,
a dhiùlt gibht do-
labhairt De.
Chum’
s nach bi sibhse air ar mealladh chum an eisiomplair a leantuin,
guidheam bhur n’
aire do shonas nan daoine sin a tha gu h-
iriosal,
taingeil a’
gabhail re Criosd.
Ann an labhairt o na briathra so, tha mi cur romham.
I. Fhiosrachadh ciod è gabhail re Criosd.
II. Ciod a tha a chumhachd so a’ ciallachadh, a tha an dream sin a’ faotain, a tha gabhail ris.
[195] III. Ciod na sochairean a tha iad a’ mealtuin ann an lorg so, mar chloinn De.
An deigh so ni sinn foghnadh iomchuidh.
I. Tha mi gu fhiosrachadh ciod e gabhail re Criosd.
Tha an Soisgeulaiche ag innseadh dhuinn ’nar ceann teagaisg, gu bheil gabhail re Criosd, no creidsin ’na ainm a’ ciallachadh an ni ceudna. ’Sè an ni, uime sin, a’s còir dhuinn fhiosrachadh, cionnas a tha sinn gu gabhail ris, no gu creidsin ann. Am briathraibh aithghearra, ’s còir dhuinn gabhail ris, agus creidsin ann, mar ar slànuighear uile-chumhachdach, uile-ghradhach. Ach a chum labhairt na’s min-chuisicheadh.
1. ’S còir dhuinn gabhail ris mar ar Fàigh.
Ghabh Chriosd air fein o shiorruidheachd oifig eadar-mheadhonfhear eidir Dia agus daoine; agus mar ni a bhuineadh do’n oifig so, agus a bha ro-fheumail, gheall è fior eolas a thoirt dhoibh air toil De, agus air gach
[196] dleasdanas,
a bha ceangailte orra-
san a chur an gniomh.
Mar an ti sin ata uile-
fhiosrach,
mar mhac siorruidh Dhe,
mar an ti sin a thagh agus a dh’
òrduich an t-
Athair,
chum a thoil a nochdadh do’
n chinne-
daonna,
bha Criosd gu cinnteach comasach gach ni a thaisbeanadh gu soilleir iomlan dhoibh,
a’
s còir dhoibh a chreidsin agus a dheanamh.
O shean labhair Criosd re phobull trid fhàidhean agus a sheirbhisich eile;
ann an laithibh fheola theagaisg e fein iad;
ann an deigh so thaisbein e toil De dhoibh le Abstoil;
agus tha e a nis a’
labhairt riu ’
na fhocal,
agus trìd a mhinisteirean.
Tha gach ni a labhair Criosd fein,
tha na nitheanna a labhair fhàidhean agus Abstoil,
air iartas agus le ùghdaras,
air an cruinneachadh re cheile ann an aon leabhar,
da’
n ainm am Piobul;
agus tha è ceangailte oirne umhlachd na creideas a thoirt do gach ni,
a tha san leabhar so air an taisbeanadh dhuinn.
A nis mu tha sinn a’
creidsin nan nithe so ler n’
uile chridheachan,
air teisteas Chriosd,
tha sinn a’
gabhail rìs mar ar fàigh;
agus tha e reusanta,
dligheach dhuinn so a dheanamh gu toileach,
taingeil.
[197] 2. ’S còir dhuinn gabhail re Criosd mar ar Sagart.
’Nuair a bha sliochd an duine, airson an ceannairc agus an eas-umhlachd, air an dìteadh le lagh, agus buailteach do chorruich Dhe, ghabh Criosd air fein nadur an duinne, chum cionta a phobuil a dhìoladh, agus chum lagh agus ceartas Athar a làn-thoilleachadh air an son. Mar so tha an t-Abstol Pol a’ labhairt, rinneadh esan do nach b’aithne peacadh, na iobairt-pheacaidh air ar soinne, chum gu’m bitheamaid-ne air ar deanamh ’nar fìreantachd Dhe ann-san. Le Criosd a thogail o na marbhaibh, agus le àrdachadh chum glòir, nochd an t-Athair gu’n robh e làn-thoilichte, leis an iobairt a dh’ ofrail, agus leis an dioladh a thug e airson cionta a pobuill. Chum’s nach leigeadh e ni sam bith air dearmad, a bhuineadh d’a oifig, dh’ ofrail Criosd ni amhàin iobairt, airson a phobuill, ach tha e anis, aig deas-làimh an Athar, a ghnath a’ deanamh eidear-ghuidhe air an son. A nis o na tha gach dearbha againn a’s urrain sinn iarruidh, gun do dhiol Criosd le umhlachd agus le bhàs, cionta gach neach a chuireas earbsa ’na iobart; agus
[198] gu bheil an t-
Athair trìd eidir-
ghuidhe-
san a’
toirt da phobull gach gibht agus tiodhlaca a tha iad a’
mealtuin; ’
s coir dhuinn gu cinnteach gabhail ris mar ar Sagart.
Se Criosd amhain a b’
urrain cionta a phobuill a dhioladh,
agus sonas a chosnadh air an son,
agus o na rinn e so,
tha iadsan gun amharus dall,
crosda,
aimideach,
mur ’
eil iad gu taingeil a gabhail ris,
agus a’
cur làn earbsa ann.
3. ’S còir dhuinn gabhail re Criosd mar ar Righ.
O na cheannaich Criosd sinn le fhuil phriseil fein, agus o na thug an t-Athair uachdaranachd dha, thair gach ni ann an neamh, agus air talamh, tha e ceangailte oirne air gach doigh umhlachd a thoirt dha. Ann an deigh do Chriosd eirigh o na marbhaibh, labhair e mar so r’a dheisciobluibh, thugadh dhomhsa gach uile chumhachd air neamh agus air talamh; o so tha e soilleir gur esan uachdaran a chinne-daonna. A nis o na’ sè Criosd ar n’ Uachdaran dligheach, ’s còir dhuinn gach ni a dheanamh, a tha esan ag òrduchadh, agus gach àithne a
[199] choimhead a tha esan a’
taisbeanadh dhuinn.
Cheannaich Criosd,
le e fein iobradh air an son,
a phobull gu h-
iomlàn eidear chuirp agus anama,
o bhàs agus o pheanas siorruidh;
uime sin, ’
s còir dhoibh iad fein a thoirt thairis gu h-
iomlàn dhàsan,
agus cumhachda an cuirp agus an anama a ghnàthachadh na sheirbhis. ’
Se so an ni a tha Criosd ag iarruidh uainn,
se so an ni a’
s dligheach dha fhaotain,
agus ma tha sinn a’
toirt so dha,
tha sinn a’
gabhail ris mar ar Righ.
Air an doigh so ’
s còir dhuinn gabhail re Criosd na oifige gu leir,
mar ar fàigh,
ar Sagart agus ar Righ;
agus ’
s còir so a dheanamh gu h-
aithreachail,
le teas-
ghradh,
le làn-
earbsa,
gu toileach,
treimh-
dhireach agus taingeil.
Fiosraichimid anis
II. Ciod an cumhachd a tha Criosd a’ toirt do’n dream a tha gabhail mar so ris, cumhachd a bhi nan cloinn do Dhia.
Trìd a pheacaidh, chaill an cinne-daonna an cumhachd a mheal iad air tus, teas-ghràdh, urram, agus umhlachd iomlàn a thoirt do Dhia, mar an Athair Neamhaidh, agus an
[200] Uachdaran dligheach.
Ach mo thruaighe,
thuit iad o’
n staid so,
thruaill an t-
Abhairseir an nadur;
le umhlachd a thoirt dhà-
san dh’
fhàs iad lag,
ain-
eolach,
crosda,
ceannairceach,
aingidh agus na’
n coigrich do-
fhior shonas,
co mhath is na naimhde do Dhia.
Thainig Criosd o neamh gu talamh,
chum cionta a pheacaidh a dhìoladh,
chum oibre an Abhairseir a sgrios,
chum nadur an duine ath-
nuadhachadh,
agus a chum a neartachadh gu gràdh agus umhlachd a thoirt do Dhia.
Gach neach a tha gabhail re Criosd,
tha iadsan ann an lorg so air am fireanachadh gu saor le ghràs,
air an glanadh na fhuil,
air an gabhail a steach do theaghlach Dhe,
air an ath-
breith agus air an naomhachadh le Spiorad.
Choisinn Criosd ni ’
mhàin slàinte airson a phobuill,
ach mar an ceudna an Spiorad,
chum an t-
slàinte so a chur riù,
chum an nadur ath’ -
nuadhachadh,
chum an deanamh umhal do Dhia,
agus chum an treoruchadh ann an slighe na fireantachd.
A nis tha an t-
Abstol Pol ag radh,
a mheud ’
s ata air an treorachadh le Spiorad Dhe,
is iad mic Dhe:
oir cha d’
fhuair sibh Spiorad na daor-
sa a rìs chum eagail;
ach fhuair sibh Spiorad
[201] na h-
uchd-
mhacachd,
tre an eighmid Abba,
Athair.
O so chi sibh gu bheil an dream sin;
a tha gabhail re Chriosd,
ni mhàin air an ghabhail a steach an cumhnanta re Dia,
ach mar an ceudna gu bheil esan a’
gabhail agus a’
buntain riu mar a chlann fein,
agus ga’
n deanamh ’
nan cloinn ghràdhach,
umhal dha. ’
Si so a chumhachd,
a tha Chriosd a’
toirt do’
n dream a tha gabhail ris,
agus is ann an lorg so fhaotain,
a tha iad ga’
n giùlan fein,
mar as cubhaidh do dheisciobluibh an t-
Slànuighear,
do phobull De;
agus a’
mealtuin an t-
solais,
agus an t-
sonais sin,
a’
s urrain a mhàin tograidh an anama a shàsachadh. ’
Nuair a tha mac an duine a’
faotain na cumhachd so o Chriosd,
tha e a’
cur earbsa ann-
san a mhàin air son slàinte,
tha e a’
roighneachadh Dhe mar a chuibhrionn,
tha e ag iarruidh a chàirdeis os cionn gach ni,
tha e a’
mealtuin ’
n lorg so sochairean mòra,
gràsmhor,
priseil.
Tha so ga’m thoirt air m’ aghaidh anns an
III. Chum na sochairean sin a mhìneachadh, a tha clann De a’ mealtuin.
[202] Tha sochairean clann De co lionmhor, a’s nach urrain sinn an ainmeach uile, agus tha iad co phriseil, a’s nach urrain sinn an luach a chur gu ceart an ceill. Ach a chum mòr-chiocras ’nan deigh a dhusgadh nar cridheachan, bheir mi aoirrip cuid diu a nochdadh dhuibh. Anis tha an dream a tha gabhail re Criosd, agus a’ faotain cumhachd uaithe chum bhi ’nan cloinn do Dhia, ni ’mhàin air an saoradh o chionta agus o thraillealachd a pheacaidh, o dhìteadh agus o mhallachadh an lagha, ach tha iad mar an ceudna air
1. Nan cuspairean air freasdal agus curam àraidh an athar neamhaidh.
’S aithne do Dhia a chlann fein, agus tha e, mar athair caomh, gu h-àraidh curamach mu gach ni, a bhuineas dhoibh, agus a tha feumail chum an sonais. Tha freasdal De thar gach ni, tha a làmh uile-chumhachdach, chàirdeil, gu h-àraidh mu’n cuairt d’a chloinn fein, tha esan ga’n stiùradh le fhreasdal agus le ghliocas, ga’n dion o lochd, agus a’ builleachadh orra gach ni a tha e faicinn feumail air an son. Mar so tha Criosd a’ labhairt ruinn
[203] mu chaoimhneas agus mu ghràdh Dhe,
m’
ata fhios agaibhse ata olc,
tiodhlacaidh maith a thoirt d’
ar cloinn,
nach mò na sin a bheir ar n’
athair ata air Neamh nithe maithe dhoibh-
san a dh’
iarras air iad.
Tha Dia gun amharus a’
toirt gibhte do dhaoine,
nach ’
eil ga’
n iarruidh,
agus a’
gabhail cùram do dhaoine,
nach ’
eil taingeil dha,
ach cha’
n’
eil e a’
toirt nan gibhte so dhoibh mar dhearbhadh air a ghràdh,
cha’
n’
eil e mar an Athair a’
gabhail cùram dhiù.
Ann an so ata mughadh mòr eidir clann De,
agus daoin’
eile,
gu bheil Dia a’
toirt a bheannachadh maille re ghibhte d’
a chloinn fein,
gu bheil e ga’
n naomhachadh dhoibh,
agus gu bheil iad nan geall-
daighnich air gibhte a’
s fhearr. ’
Sòlasach,
taitneach,
staid an ti sin aig am bheil Dia mar Athair,
feudaidh e a bhi deirbhte,
nach leig e ni sam bith na charadh,
ach chum a mhath,
gu’
m bi e do ghnàth teann air,
agus gu’
n gabh e do ghnàth cùram dhèth.
2. Tha clann De a’ mealtuin coimhchommun maille re’n Athair, agus tha comas aca itheadh aig a bhord.
[204] O na rinn Criosd iad rèidh re Dia, tha iad trìdsan mar an slighe a’ teachd chum an athar, tha iad a’ deanamh an uireasuibh aithnichte dha, agus a’ mealtuin coimhchomunn sòlasach maille ris. Air gach àm, agus anns gach staid, tha comas aca an ath-chuinge a chur suas re’n Athair Neamhaidh, ann an dochas re eisdeachd agus tiodhlacaibh feumail fhaotain uaithe trìd eidir-ghuidhe an Slànuighear. Tha Dia ni ’mhàin ann an ùrnuigh, ach mar an ceudna ’na ordunaibh, g’a nochdadh fein dhoibh ann an gràdh, agus a’ meudachadh an eolais air fein, an neart agus an coimhfhurtachd. Tha feum aig anamaibh dhaoine air beathachadh, co mhath re’n cuirp, tha Dia, ag ullachadh lòn spioradail air an son, tha e ga’m beathachadh le fhocal agus le ghràs. Fuidh ’n t-soisgeul tha Dia a’ toirt comas d’a chloinn suidhe sios aig a bhord fein, agus bàs an Slànuighear a chuimhneachadh, tha an t-aran agus am fion a tha iad a’ gabhail san t-sacramaint so, nan comharan air corp agus fuil Chriosd, no air an neart agus air an t-sòlas sin a tha esan a’ toirt do anamaibh a phobuill. Tha cuid a’ gabhail na sacrameint so nach buin do Dhia, agus aig nach
[205] ’
eil còir biadh a chloinne fhaotain;
tha daoine o ain-
eolas air an staid a’
toirt comas dhoibh suidhe sios aig a bhord;
ach cha’
n’
eil iad a’
faotain comas,
no cuirre,
no lòn spioradail o Dhia,
aig am bheil fior-
eolas air naimhdeas an cridheachan. ’
S gràsmhor an t-
sochair so,
a tha clann De a’
faotain,
tha iad a’
mealtuin coimhchomunn sòlasach maille re’
n Athair Neamhaidh,
tha tograidh an anama air an sàsachadh,
tha iad air am beathachadh aig a bhord,
tha e ’
n so a’
togail orra dealradh glan a ghnùis chàirdeil,
tha iad a’
faotain uaithe eolas,
neart agus sòlas.
3. Tha clann De ’nan oighreachan air sonas siorruidh.
Tha Dia, mar Athair caomh, ag ullachadh air son a chloinne, gach ni a tha feumail chum an deanamh sona, ni ’mhàin anns an t-saoghal so, ach mar an ceudna anns an t-saoghal a tha re teachd. Tha esan gu h-ullamh, gràsmhor a’ toirt dhoibh gach ni a choisin Criosd air an son; ’n lorg gabhail ris an, tha e ga’n deanamh nan cloinn do Dhia, agus ma’s clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus comhoighreachan maille re
[206] Criosd.
Tha an Slànuighear a’
toirt d’
a phobull ni ’
mhàin còir air sonas Neamh,
ach mar an ceudna ga’
n deanamh iomchuidh chum bhi nan luchd coimhpàirt do oighreachd nan Naomh san t-
solus.
Tha spiorad De a’
deanamh fianais mar-
aon ra’
n spiorad-
san,
gu’
m buinn an oighreachd so dhoibh,
tha iad mar an ceudna air an seuladh leis;
agus gach neach da’
m bheil Dia a’
toirt a spioraid,
agus a tha air an naomhachadh leis,
tha so mar gheall-
daighnich aca,
gu’
m meall iad an oighreachd sin a tha neo-
thruaillidh,
neo-
shalach,
agus nach searg gu bràth as.
Gach neach a tha gabhail re Criosd,
tha iad air an naomhachadh le Spiorad,
agus gach neach a tha air an naomhachadh,
tha iad le so a’
mealtuin roimh-
bhlasadh air sonas Neamh,
agus gach neach a tha mealtuin so,
bheir Dia iad fa dheoigh chum glòir.
Gheibh an dream so làn-
shaorsa o pheacadh,
o thrioblaid,
agus o thruaighe,
gheibh iad sonas co fharsuing re’
m mianna,
agus co mhairreanach re’
n anama neo-
bhàsmhòr;
bithidh iad gu siorruidh an làthair Dhe,
far am bheil làn-
aoibhneas,
agus aig a dheas-
làimh,
far am bheil mòr-
shubhachas gu bràth.
Mar so nochd mi dhuibh
[207] cionnas a’
s còir dhuinn gabhail re Criosd,
ciod an cumhachd a tha e toirt do’
n dream a tha gabhail ris,
agus ciod na sochairean a tha iad a’
mealtuin ann an lorg so.
O na nithe a chaidh a radh, chi sibh, a mhuintir ion-mhuinn, cia mòr onoir, cia mòr sòlas, agus cia glòirmhor dochas a chreidmhich. ’Se Criosd gibht do-labhairt Dhe, tha e g’a thairgse gu saor dhuinn, agus o na ’s esan an tobar, o’m bheil gach tiodhlaca a’ sruthadh anuas dhuinne, gus an gabh sin ris fein, cha’n’ eil còir againn air tiodhlaca sam bith talmhaidh no Spioradail. Air an dream sin a ghabh a cheana re Criosd guidheam amhàin, am beatha a chaitheadh mar as còir do chlann De, agus mòr thoradh a ghiùlan chum glòir an Athair neamhaidh, agus iad fein ulluchadh gu cùramach, chum bàs an Slànuighear a chuimhneachadh le taingealachd, agus teas-ghràdh. Ach ciod a their mi ris an dream sin, a tha nan coigrich do Chriosd, gun mhothachadh air a ghlòir, gun deigh air a ghràs, agus gun rùn am peacaidh a threigsin, agus iad fein a thoirt thairis dha. Tha staid nan daoine so gun amharus brònach,
[208] ged a tha iad tinn,
tha iad a’
diùltadh slàinte,
ged a tha iad bochd,
tha iad a’
diùltadh saibhreis,
ged a tha iad ain-
eolach,
tha iad a’
diultadh eolas slàinteil,
ged a tha iad an cunnart truaighe shiorruidh,
tha iad a diùltadh saorsa o’
n truaighe agus o’
n chunnart so.
A dhaoine aimeadach,
mosglaibh ann an tràth o chodal a pheacaidh,
mu’
n coidil sibh codal a bhàis;
smuaintichibh air bhur cionta agus air bhur cunnart,
ma dhiùlt sibh gabhail re Criosd air an àm a chaidh seachad,
na deanaibh so ni’
s mo,
ach fosglaibh gu toileach dha dorsaibh bhur cridheachan,
agus gabhaibh gu taingeil ris.
Mar dean sibh so,
cha’
n’
eil e ceaduichte dhuibh teachd a dh’
ionnsuidh feisd a chàirdean,
cha chuir esan faillte oirbh,
cha nochd se e fein ann an gràdh dhuibh.
Ach mu ghabhas sibh risan gu h-
aithreachail,
umhal,
taingeil,
ma chuireas sibh earbsa ann-
san a mhàin airson slàinte,
agus mu ghnàthaicheas sibh gu cùramach meadhonna nan gràs,
gheibh sibh maitheanas,
sòlas agus sìth,
gheibh sibh gràs agus glòir.
Mar gabh sibh re Criosd anis mar bhur fàigh,
bhur sagart agus bhur Righ,
ni esan peanas oirbh fa dheoigh mar bhur breitheamh;
agus co a’
s urrainn bhur dìona,
[209] nuair a lasas fearg an Uain, ’
nar n’
aghaidh?
Mu dhìteas esan sibh,
tha sibh gun amharus cailte gu siorruidh,
agus ’
s bochd an roghainn a tha sibh a’
deanamh,
mu tha sibh a’
reic ar n’
anama agus sonas Neamh,
air son sòlas truaillidh,
bàsmhor a pheacaidh.
Guidheam oirbh aire a thoirt an tràth d’
ar giùlan,
agus gabhail re Criosd,
fhad sa tha esan a’
feitheamh gu bhi gràsmhur ribh,
chum’
s gun d’
thoir e cumhachd dhuibh a bhi ’
nar cloinn do Dhia.