[232]

SEARMOIN XI.

ROMH. iv. 12.

Neach a thugadh thairis air son ar ciontaidh-ne, agus a thogadh suas a-ris airson ar fireanachaidh.

MAR chreatair ciontach, truaillidh, tha an duine air seacharan o Dhia, tha e na thraill dìblidh don Abhairseir, tha e na choigreach do shòlas Spioradail, do fhior-shonas. ’S ann mun cholluin, agus mu nithe talmhaidh amhàin, atha e agabhail cùram, tha anam agus nithe Spioradail gu tur as aire, tha iad gun mhaise, agus gun luach na bheachd. Tha am peacair, mar mhac strothail, air ruidh air falbh o theaghlach Athar, tha e gu h-aimideach acaitheadh a mhaoin, tha e gu h-aingidh


[233] adeanamh toil a naimhde. Le cumhachd a pheacaidh, tha inntin gun solus, tha thoil air claonadh chum an uilc, tha a chogais na tosd, a chridhe gun mhothuchadh, aigneidh truaillidh, agus ain-mianna aleònadh anama. Fhad sa tha an duine anns an staid so, tha e ag iarruidh sonais, far nacheil e re fhaotain, tha e gun Dia agus gun dochas anns an t-saoghal, tha anam priseil abàsachadh dhìth lòinnuair a tha an fheoil air a h-altrum le cùram.

Ach than duine, nimhàin gun sòlas, agus air a sgaradh o Dhia, trìd a pheacaidh; ach tha e mar an ceudna fuidh chorruich an uile-chumhachdaich, agus gach mionaid an cunnart sgrios. Tha chionta atoirt oilbheum do cheartas, agus a thruailleachd do naomhachd Dhe; agus an lorg a cheannairc, tha e air a dhìteadh, gu peanas, le lagh. Mar neach na chodal air mulach craige, agus a naimhde guineach na thoir, gu thilgeadh thairis air ball; ceart mar so tha am peacair, gun charaid treun ga thearnadh, theid a sgrios. Anis o na tha sinn uile, thaobh natuir, air ar diteadh le lagh Dhe, agus ea-


[234] comasach sinn fein a shaoradh: ’s còir dhuinn fhiosrachadh le mòr-churam, ciod a rinn Dia, chum ar cionta a dhioladh, agus ar nanama a dheanamh sona. ’S iad so na nithe, a than t-Abstol acur an ceill, agusse ar rùn, le coghnàdh Dhe, am mìneachadh dhuibh. Thugamaid fainear an

1. Co an Ti a chuir an t-Athair dar nionnsuidh.

Than t-Abstol, ’nar steidh-teagaisg, alabhairt mu neach àraidh; agus chi sibh on rann roimhe so, gum be an neach sin, Iosa ar Tighearna. Tha an t-ainm Iosa acur an ceill, gun dòrduich an t-Athair e, chum anama a phobuil a thearnadh agus a leughas. Than Tighearna aciallachadh, gur e Uachdran dligheach an domhain, agus gu bheil e ghnàth ariaghladh an Neamh shuas, agus air talamh a bhos. Tha Iosa acur an ceill a rùn; agus an Tighearna a chumhachd, chum ar deanamh rèidh re Dia, agus ar nullachadh fa chomhair Neamh. Tha Iosa ateagasg dhuinn a natur mar dhuine; agus an Tighearna a chumhachd, mar Dhia, chum


[235] slàinte a bhuilleachadh oirn, thair bolg ar naimhde gu leir.

Be so an neach, a bha an uchd an Athar, agus a sheassuas air ar son eadhon o shiorruigheachd. Be- san tobar sòlais, agus cuspair dochais nam fàidhean agus nan Naomh, fuidhn t-sean tiomnadh; bann na ainm-se, a bha iad acreidsin, agus bann trìd-sin a bha iad afaotain gach tiodhlaca talmhaidh agus Spioradail. Be so an Ti, a nochd e fein ann an coimhlionadh na h-aimsir, a ghabh air natur an duine, a thaisbean toil De, a chuir eisiomplair iomlan romhain, a rinn agus a dhfhuiling gach ni, a dhorduich an t-Athair dha. O na nitheanna àraidh, a thachair do Chriosd air an ainmeachnar stèidh-teagaisg, ’thugamaid fainearsan

2. Cionnas a thug an t-Athair thairis e.

Chaneil e air ainmeach, ’nar stèidh-teagaisg, co a thug thairis Criosd; ach tha e air innseadh dhuinn, an iomadh earran eile da fhocal, gur e an t-Athair, le làn toil fein, a thug thairis e. Mu ghiulan an Athar, ’s iad


[236] so briathra Phoil, an Ti nach do chaomhain a mhac fein, ach a thug thairis e air ar soin-ne uile; cionnas nach dthoir e mar an ceudna dhuinn, gu saor, na h-uile nithe maille ris-an? Tha Criosd a thoirt thairis acur an ceill, gun dòrduich an t-Athair e chum am peanas sin fhulang, ’na chorp agusna anam, a thoill peacairean; agus biad am peanas so fhulangais chràiteach, agus a bhàs nàrach fa dheoigh.

Am bheil sibh afeoraich, co no ciod gus an dthug an t-Athair thairis e? Chaneil an t-Abstol gun amharus ag innseadh so, ni burrain e sin a dheanamh, gun eachdaire Chriosd aithris gu leir, eadhon o bhreith gu bhàs. Thugadh thairis en tùs do bhroinn na h-òighe Muire; agus air an àm sin thoisich fhulangais, thoisich an Teampul sin re bhi air a dhealbh, a chaidh a reubadh air sliabh Chalbhari. Am broinn a Mhathar, ’na bhreith, an àm òige, agusnuair a thainig e gu aois, thugadh thairis e do gheur-leanmhuinn do thinneas, do bhochduin, do bhròn, do bhuaireadh, agus do mhasladh.


[237]

Nuair a thoisich e re obair àraidh air talamh, thugadh thairis e do anacaint pheacairean; do mhì-rùn, do chùl-chàineadh, agus do naimhdeas nan Iudhach; agus gu cath cruaidh an aghaidh an Abhairseir. Ann an deireadh a laithe, thugadh thairis e do Iudas a bhrath e gu cealgach; do na h-àrd-Shagartaibh a thug tamailt dha; do Herod agus da luchd-cogaidh a chuir crùn droighin ma cheann, agus slàt chuilce na làimh dheis, a lùb an glùin dha am fanoid, agus a ghabh do shilibh air. Fa dheoigh, thugadh thairis e do Philat, a dhìt e gu h-ea-corach, agus do na Saighd-fheara Romhannach a cheus e gu buirbeil. Maille re so thugadh thairis Criosd do fheirg an uile-chumhachdaich, ’nuair a bha i air lassadhsuas, an aghaidh cionta agus mi-thaingealachd dhaoine. Mar so dhfhuiling e cràdhna chorp, achs ann na anam a dhfhuiling e dòruinn. Bha na nithe a dhfhuiling e o mhi-rùn an Abhairseir, agus o naimhdeas dhaoine, cruaidh, cràiteach, do-ghiulan; ach an uair a dhfhuiling e fearg an De mhòir, mar a tha Daibhidh ag radh, shearg a chridhe as mar fheur, agus loisg a chnàmhan, mar lic an tìnntein. Thugadh Criosd,


[238] ma dheireadh, thairis, do chumhachd a naimhde, do phiantaibh a bhàis, agus air dha a Spiorad a thoirt suas do làmha Athar, thugadh thairis a chorp le masladh don ùir.

Biad so an dream, biad so na nithe, dan deachadh Criosd a thoirt thairis; bha an dream so gun amharus mi-rùnach, naimhdeil, aingidh; bha na nithe so nàrach, cràiteach. An àm fhulangais dheireannaich, cha do ghabh a naimhde truas ris, cha dthug a chairdean sòlas dha; ach ged a bha daoine neo-mhothuchail, choimhfhuiling a chruithachd gu leir maille ris. Co luath sa thug Criosd suas an deo, air ball dhfhàs a Ghrian doilleir, reubadh brat-roinn an Teampuil na mheadhon, chriothnuich an talamh, sgoilteadh na creagan, dhfhosglaidh na h-uaighean, agus dheirich mòran do na Naoimh. Bu mhòr fulangais, biongantach bàs Chriosd, agus bu mhiorbhuileach na nithe, athachair air an àm sin-fiosraichimidsan

3. Carson a thugadh thairis Criosd.

Tha so gu soilleir air a chur an ceill nar


[239] stèidh-teagaisg, thugadh thairis e air son ar ciontaidh-ne. ’Si ciontamhàin fior-chuspair peanais; agus mur bitheadh Criosd, gu toileach, air a dheanamh na pheacadh air ar soinne, cha burrain an t-Athair gu cothromach a thoirt thairis do pheanas agus do bhàs. Cha bann air a shon fein a dhfhuiling Criosd; oir mar a than t-Abstol ag radh, cha drinn esan peacadh, ni a fhuaradh ceilgna bheul; bha e naomha, neo-lochdach, neo-thruaillidh, agus air a sgaradh o pheacaichibh. Dhfhuiling esan fòs aon uair air son peacaidh, am sirean air son nan neo-fhìrean, chum gun dthugadh e sinne an ionnsuid Dhe. Trìd a pheacaidh, tha daoine air an sgaradh o Dhia; agus mar a tha e air a radh sa chosamhlachd, gun robh doimhne mhòr eidir Lasarus, agus an duine beartach ann an saoghal eile; feudaidh sinne cuideachd a radh, gu bheil an cionta mar dhoimhne mhòr eidir daoine, ’san Athair Neamhaidh. Dhfhuiling Criosd, ma seadh, am bàs, chum an toirt gu tearuinte thair an doimhne so, no chum an cionta a dhiòladh, agus an deanamh rèidh re Dia.


[240]

O na pheacaich an duine, bha e feumail gun gabhadh Criosd a natur air, chum dìoladh, san natur so, a thoirt do lagh Dhe. Air a chrann-cheusaidh, dhofrail Criosd iobairt, chum maitheanas a chosnadh da phobull; agus thug a natur, mar Dhia, làn-eifeachd don iobairt a dhofrail e mar dhuine. Mar so le e fein a thoirt thairis air son cionta dhaoine, dhfhosgail Criosd dorus Neamh, a dhruid am peacadh nan aghaidh, rinn e an rathad rèidh eadar iadsan agus Dia; lion e gach slochd, a chlaothaich Satan, gan cumail air falbh o Dhia, agus mar so thug se iad na ionnsuidh. Ach cha do stad Criosd an so, choisin e nimhain maitheanas, ach mar an ceudna sonas da phobull; agus thug e dhoibh dearbhadh riachdail, gum fuigheadh iad an sonas so; agus gun togadh e suas iad fa dheoigh, eadhon le ais-eiridh ghlòirmhor fein. ’Sa

4. Than t-Abstol ag radh, gun do thogadh suas e a-ris.

Ged a thug Dia thairis a mhac, chum a cheartas a thoilleachadh, chum a naomhachd a


[241] a dhearbhadh, agus chum cionta a phobuil a dhioladh; gidheadh cha dfhàg se e fuidh chumhachd a bhàis, ach thog se suas e air an treas , mar dhearbhadh, gun robh e làn-toillichte leis na rinn agus na dhfhuiling e. Tha againn gach dearbhadh is urrainn sinn iarruidh, gun deirich Criosd gun amharus, reir a gheallaidh, air an treas . Chunnaic eadhon cuig ceud e air aon àm, chunnaic cuid diu na lotaidhna chorp, dhfhan e maille riu car do fhichead, , chualiad a theagaisg, dhith agus dhòl iad gu minic maille ris. Thuilleadh air so, chaidh e suas do Neamhnan làthair, agus air an àm a gheall e, thug e dhoibh dearbhadh do-aicheun gun deirich e, agus gun deachaidh esuas do Neamh, le Spiorad a thoirt dhoibh. Chuala na h-Iudhaich fein, naimhde guineach Chriosd na h-Abstoil alabhairt an iomadh canain; agus chunnaic iad na miorbhuile a dhoibrich iad nam measg.

Dheirich Criosd o na mairbh, nimhàin chum a dhearbhadh, gun robh obair criochnaichte, agus gun dthug e buaidh air a bhàs; ach mar an ceudna chum dochas


[242] beothail a thoirt da chàirdean, gun togadh e iadsansuas fa dheoigh. Mar so than t-Abstol Pol alabhairt, ach anis, ata Criosd air eiridh o na marbhaibh, agus rinneadh e na cheud thoradh dhiubhsan a choidil; oir mar is ann tre dhuine thainig am bàs, is ann tre dhuine, thig ais-eiridh nam marbh mar an ceudna. Ach gach uile dhuine na òrdugh fein; Criosd na cheud thoradh, na dheigh sin iadsan, is le Criosd, aig a theachd. O na se Criosd an ceann, agus a phobull a bhuill; feudaidh sinn a bhi deirbhte, gun tog e suas, fa dheoigh, gach earran da natur fein. Ach than t-Abstol ag innseadhsa

5. Gun do thogadh suas e a-ris, air son ar fìreanachaidh.

Se is brigh do fhìreanachadh, ann am focal De, neach a ghairm saor o chionta, agus o pheanas, agus gabhail ris, mar gum bitheadh e neo-chiontach; air a sgàth fein, no air sgàth neach eile, a thug dioladh air a shon. Mar so than t-Abstol Pol ag radh, gu bheil creidmhich air am fìreanachadh gu saor, le gràs De, tre an t-saorsa ata ann an Iosa


[243] Criosd. ’Si an fhìreantachd so, toradh iobairt-rèitich agus umhlachd iomlan Chriosd; oir le bhàs, dhìol e ar cionta, agus choisin e maitheanas; agus le umhlachd, choisin e dhuinn gràs agus glòir. Mar ar caraid caomh, agus ar nurras cinnteach rinn agus dhfhuiling Criosd gach ni, a bha dhfhiachabh oirne, agus air an doigh so, choisin e slàinte iomlan dhuinn.

Ach feoraichidh sibh, tha e coslach, cionnas a dheirich Criosd suas air son ar fìreanachaidh? Mar fhreagairt don cheist so, ’s eigin dhuinn a thoirt fainear, gun robh ais-eiridh Chriosd feumail, chum a dhearbhadh, gum be mac Dhe le cumhachd, gun dthug e buaidh air naimhde a phobuill, gun do thoillich e lagh Dhe, agus gu bheil e comasach an t-slàinte, a choisin e a bhuilleachadh air a chàirdean. ’Nuair a tha urras, air a thilgeadh am priosun, ’n àite neach air am bheil ainmheach, tha e air a gleidheadh gu teann, gus am bheil an t-ainmheach pàighte; agus tha a leigeil amach as a Phriosun, adearbhadh, gu bheil làn-dioladh air a thoirt. Mar so bha Criosd, urras pheacairean, car


[244] tamuil am priosun a bhàis; agus dheirich e a-ris air an treas la’, mar dhearbhadh gun robh an t-Athair làn-toillichte le dhìoladh. Gach neach a tha creidsin ann an ainm Chriosd, agus acur earbsana fhìreantachd, tha iad saor o agairt an lagha, agus tha an t-Athair agabhail riu, mar fhìreanaidh. Cha niarr an lagh pàighe da uair; agus tha ceartas Dhe ag iarruidh, gum fuigh a phobull am maitheanas agus an sonas a choisin Criosd, gu daor, air an son. Tha an t-Abstol Pol ag radh, gun dfhoillsich an t-Athair fìreantachd Chriosd, chums gum bitheadh e cothromach, agus gum fìreanaicheadh e an a chreideas ann an Iosa.

FOGHNADH.

Air dhuinn, mar so a chur an ceill staid bhrònach a chinne-daonna, agus a chrioch ghràsmhor a bhaig Criosdna bheachd, araonna bhàs, agusna ais-eiridh; chi sibh cia lionmhòr ar commainean dha, agus cia math a thig e dhuinn gabhail gu h-iriosal, agus gu taingeil re shlàinte. ’Nuair a bha daoine


[245] ciontach, dall, agus ann an amharus mu shaoghal nan Spiorad, thug ar Slànuighear beatha agus neo-bhàsmhòireachd chum soillse, trìd a shoisgeil. Thainig esan o Neamh gu talamh, chum sinne a thogail suas on talamh chum Neamh; ghabh e air ar natur, chum sinne a dheanamhnar luchd co-pairt do natur Dhe. Le bhàs thug e an gath as a bhàs, agus dhiol e cionta a phobuil; agus le ais-eiridh, thug e buaidh air an nàmhaid deireannach; agus tha e beo gu siorruidh gu eadir-ghuidhe a dheanamh air ar son. Agus mar a choisin e gach tiodhlaca Spioradail, a tha feumail dar nanamaibh, shuidhich e gu caomh na Eaglais gach meadhon agus òrdugh, a tha coimhfhreagradh, chum am builleachadh oirn. Tha Dia air an n diu atoirt cuirre dhuinn teachd na ionnsuidh, agus feitheamh air aig bòrd a mhic. ’S iomadh neach a fhuair math on òrdugh so, a than diu ann an Aros De. Ach o na thas gach communn Criosduigh dream neo-iomchuidh, creidmhich òga agus fior-chàirdean, labhraidh sinn caileigin ris gach h-aon diu. An


[246]

1. Thaobh an dream ata neo iomchuidh.

Anns an aireamh neo-iomchuidh so tha peacairean dàna, agus cealgoirean truaillidh. Tha na peacairean sin gun amharus dàna, a tha, cosmhuil re Felics, adol air an aghaidh sa pheacadh, thair bolg solus an inntin, agairt an coguisean, agus eagal breathanais. Than dream so nan naimhde do Dhia, aceusadh Chriosd a-ris, a cuir doilghios air an Spiorad, agus adeanamh toil an Abhairseir. Than giulan ciontach, than staid cunnartach, gun aithreachas, gun ath-leasachadh, cha nfheud iad aran na cloinne a ghabhail.

Tha Cealgoirean do ghnàth nan claoghairean diblidh. Tha iad agabhail orra an t-anam Criosduigh, agus cleochda na diadhachd; achs ann don pheacadh, a tha iad atoirt spèis. Tha an dream so, cosmhuil re Iudas, a brath Chriosd le pòig; no, cosmhuil re Demas, ga threigsin o ghràdh don t-saoghal. ’Sen rùn seirbhis a thoirt do Dhia, agus do Mhammon, ged a tha Criosd ag innseadh, nach urrain neach sam bith so adheanamh. ’S mòr an tamailt a tha iad atoirt do Dhia


[247] na naomhachd, aguss mòr am feum ar bròn diadhaidh. Achsan

2. Thaobh creidmhich anmhunn.

S aithne do Chriosd staid an dream so, agus cuiridh se failt orra, aig a bhòrd. ’S iadsan Uain an treud, agus mar bhuachaile caomh, tha Criosdgan giulan na uchd. Ged a tha bhur creidimh beag, mar ghràine do shiol mustaird, gidheadh mu tha e fior, gabhaidh esan gu cairdeil ruibh. Ged a tha bhur peacaidhean lionmhor agus bhur neagal mòr ann an lorg so, na caillibh bhur misneach, tha Criosd comasach agus toileach bhur tearnadh, chum na cuid as faide. Thugaibh fuath cridhe dar peacaidhean, agus deanaibh bròn treimh-dhireach air an son; cuiribh earbsa am fùil Chriosd, agus tilgibh bhur cùram air. Mu tha tart diadhaidh air bhur cridheachan, agus mu tha iad aplosgartaich an geall air Dia, agus air càirdeas Iosa; tha esan gu cairdeal ag radh ruibh, thigibh am ionnsuidh suile ata re saothair, agus fuidh thròm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Le beo-dhochas, cumaibh codhail ris aig a bhòrd,


[248] agus gheibh sibh lòn Spioradail dar nanamaibh.

3. ’S còir do chairdean Chriosd a bhàs a chuimhneachadh le teas-ghràdh dha-san, agus le seirc do dhaoine.

Se bàs Chriosd, an dearbhadh is soilleireadh air gràdh an Athar agus a mhic, is urrainn sinn gu bràth fhaotain; uime sin, ’s còir dhuinn an dearbhadh so do ghnàth a chuimhneachadh le mòr-thaincealachd, agus le teas-ghràdh. Ann an so arsPol, ’ta Dia amoladh a ghràidh fein dhuinne, do bhrìghnuair a bha sinn fòsnar peacairean, gun dfhuiling Criosd am bàs air ar son. Mas urrain ni sam bith, ’s còir don mholadh iongantach so air gràdh Dhe, fior ghràdh oibreachadhnar nanamaibh. Se Criosd an t-Athair, am brathair, an caraid, a thug tuilleadh gràidh dhuinn, a rinn, a dhfhuiling, agus a choisin tuilleadh air ar son, no an saoghal, gu h-iomlan. Agus mu tha ar gràdh dha-san fior, bithidh gràdh do dhaoine do ghnàth na lorg, agus gu h-àraidh do fhior-chreidmhich. Aig an fhèisd ghràidh so, ’s còir dhuinn ar


[249] fuath, ar mi-rùn, ar farmad, a cheusadh ann an lathair Chriosd, agus adhlacadh, le gràin, suidh bhòrd. Tha sibh, mar chairdean anis cuideachd, bitheadh aigneidh fhior-chàirdean agaibh, chums gum bi sibh ann an comunn a cheile gu siorruidh.

Tha sibh uile anis, ann an làthaireachd àraidh an De bheo, agus is è rùn mòran agaibh teisteas a thoirt dha air bhùr gràdh. Chuala sibh sgeul air bhur staid naturail, air bhur commainean lionmhor do Chriosd, agus air na nithe a rinn e air bhur son. Bitheadh peacairean dàna iriosal, agus deanadh cealgairean an tràth bròn; agus thugadh iad le cheile fainear an giulan. Agus a thaobh a chàirdean lag no laidir, cuireadh iad an ceill an uireasuibh do Dhia; chaneil a lamh air a giorachadh, nach urrainn i tearnadh, chaneil a chluas tròm, nach urrain i cluinntin. Do reir òrdugh, iarruibh anis gràs Chriosd, do reir a gheallanna bitheadh bhur dochas mòr do reir àithne cuimhnichibh a bhàs; agus gnn deonaiche Dia, gum fuigh sibh uile, an diu, a bheannachadh. Amen.

titleSearmoin XI
internal date1804.0
display date1804
publication date1804
level
parent textSearmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid
<< please select a word
<< please select a page