SEARMOIN XII.
ROMH. viii. 32.
An ti nach do chaomhainn a mhac fein, ach a thug thairis e air ar soin-ne uile, cionnas nach tabhair e mar an ceudna dhuinn gu saor na h-uile nithe maille risan?
’NUAIR a tha dithis dhaoine a’ droch-cordadh, tha sinn gach là a’ faicin, gur dorradh gu mòr an t-ea-corach a bhrosnachadh chum sìth agus rèite a’ dheanamh ’suas a-ris, no an neach air an d’rinn e an ea-coir. ’Se a’s aobhar do’n ghiulan aingidh so gu bheil an t-ea-corach deirbhte da chionta, gu bheil e ann an lorg so a’ saoilsin, gu bheil fuath aig an neach eile dha, agus gur e a rùn a sgrios; agus fhad sa tha ’m beachd so aige, cha bhi
Mar so nochd coguis chiontach gu moch a’ cumhachd, eadhon an giulan ar ceud sinnsir. Co luath sa bhrist iad lagh Dhe, chunnaic iad a’n lomnochd, mhothuich iad an cionta, ruidh iad gu grad o làithaireachd, agus thug iad aoirrip aimideach iad fein fholach gu tur o ghnùis. ’S math a tha ’n sliochd a’ leantain an eisiomplair anns an ni so, oir fhad sa tha iad na’n staid naturail, tha iad a’ saoilsin, gu bheil Dia na namhaid guineach, fuileacdach dhoibh, agus uime sin, tha iad a’ teicheadh uaithe, a’ cogadh na aghaidh, agus a ghnàth a briseadh àitheanta.
O nach e rùn Dè an cinne-daonna a sgrios, ach an toirt air an ais na ionsuidh fein, tha e air iomadh doigh a’ taisbeanadh dhoibh a throcair, a chairdeas agus a ghràdh, chum an
I. Cionnas a bhuin an t-Athair re mhac.
’Nuair a pheacaich an duine an aghaidh Dhe, rinn e tair air ùghdaras, thug e oilbheum d’a cheartas, agus d’a naomhachd, agus dh’fhàs e ann an lorg so buailteach do pheanas, agus do bhàs. Chum sliochd an duine a shaoradh o sgrios, agus a dheanamh naomha sonadh; Ann an comhairle na sith, sheas Criosd a suas air an son, gheall e ’n natur a gabhail air, gheall e umhlachd iomlan a thoirt ’nan àite, agus am bàs cràiteach a thoill iad, fhulang. Anis o na bha na nithe so uile feumail chum glòir Dhe, agus slàinte dhaoine, ann an coimhlionadh na h-aimsir, dh’iarr an t-Athair uaithe gach h-aon diubh. Chum labhairt na’s mìn-chuisiche
1. Cha do chaomhainn an t-Athair e.
B’e Criosd dealradh glòir an Athar, agus fior-iomhaigh a phearsa; b’esan a mhac gràdhach, anns an robh a làn toil; agus-bha e coimhionnan ris ann an cumhachd agus ann an glòir. Tha Dia do ghnàth a’ toirt gràdh do gach Ti, agus do gach creatuir, do
2. Gu’n d’thug an t-Athair thairis a mhac.
Cha’n’ eil an t-Abstol ag ainmeach co na ciod d’an d’thugadh thairis e, agus bha aobhar math aige, a bhi na thosd mu’n ni so; oir thugadh thairis e do choimhlion namhaid agus truaighe, a’s nach b’urrain e an ainmeach uile, gun eachdaire a bheatha aithris o bhreith gu bhàs. Thugadh thairis e air tùs do bhroinn na h-òighe Muire; eadhon air an àm sin thoisich ìsleachadh, thoisich fhulangais. Oir air an àm so, chaidh an teampul sin a dheasachadh agus a dhealbh, a reub a naimhde fa dheoigh le lamha aingidh air sliabh
Ach ged a bha na nithe so trioblaideach, maslach, gidheadh bha iad amhàin na’n roimh-bhlasadh air an eas-onoir, agus air a chràdh a dh’fhuiling Criosd an deigh làimh. Mar so thugadh thairis a rè àm a mhinistreileachd aìr talamh do bhuaireadh an Abhairseir, do ana-cainnt, do dhi-meas, do ana-creidimh pheacairean. Thugadh thairis e do Iudas, a bhrath e gu cealgach; do na h-àrd-Shagartaibh a chàin e gu h aingidh; do Herod agus d’a luchd cogaidh, a rinn fanoid air, a chuir crùn droighinn ma cheann, agus slat chuilce na làimh dheis, agus a ghabh do shilibh air. Thugadh thairis e do Philat, a dhit e gu h-ea-corach; do na Saighdfheara Romhanach a cheus e le buirbe. Thuilleadh air so thugadh thairis e do fheirg an uile-chumhachdaich, ’nuair a bha i air lassadh ’suas an
Mar so thug an t-Athair thairis a mhac, chum gach earran do ainmheach pheacairean a phàighe, agus chum gach ni fhulang a thoill iadsan. Nach bu tròm eallach a pheacaidh a leag gu làr Slànuighear an t-saoghail; agus nach bu shearbh cupan fhulangais, a tharruing gearran co ghoirt uaithe. O na dh’fhuiling esan feudaidh sinne fhoghlum, cia domhain cionta a pheacaidh, cia mòr am
II. C’arson a thugadh thairis e.
Tha an t-Abstol, ’nar stèidh-teagaisg, a’ toirt freagradh do’n cheist so, le innseadh gu’n d’thugadh thairis e, eadhon air ar soin-ne uile. Le so tha e cur an ceill, nach b’ann air son a ghiulain fein a dh’fhuiling e; oir o na bha e naomha, neo-lochdach, agus air a sgaradh o pheacaichibh, cha robh e buailteach do fhulangais sam bith, agus cha b’urrain an t-Athair, gu cothramach a thoirt thairis gu bàs. Agus mar dhearbhadh gur ann air ar soin-ne, a dh’fhuiling esan, tha an t-Abstol ag radh, rinneadh esan do nach b’aithne peacadh, na pheacadh air ar soin-ne, chum’s gum bitheamaid air ar deanamh ’nar fìreantachd Dhe ann-san. Ach thugamaid fainear air mhogh na’s riachdaile, c’arson a
1. Air son sliochd an duine gu leir.
Tha e soilleir o fhocal De gu’n robh eifeachd co mhor san iobairt a dh’ofrail Criosd, a’s gu’n do choisin e leatha slàinte air son gach neach, a bha, a tha, agus a bhitheas gu bràth air aghaidh na talmhuin. Anis o na choisin e slàinte a tha coimhfhreagradh re staid agus uireasuibh sliochd an duine gu leir, o na tha e tairgse slàinte dhoibh, agus a’ toirt cothrum do’n chuid a’s mugha dhiu eolas spioradail fhaotain agus meadhonna nan gràs a ghnàthachadh, feudaidh sinn le barrantas a radh, gu’n d’fhuiling e bàs air son an dream so uile. Ach a thuilleadh air so, tha sliochd an duine gu h-iomlan gu mòr an commain Chriosd mar an eidir-mheadhoin-fheair; oir is ann air sgàth na gheall, na rinn agus na dh’fhuiling esan, a chaidh air tùs an caomhnadh ann an tir nam beo, agus a tha iad o’n àm sin a’ faotain am beatha, an neart, an treòir, an ciall, an tuigse, an lòn an eadach, maille ris gach tiodhlaca talmhaidh eile a tha
2. Thugadh thairis e gu h-araidh air son a phobuill fein.
’S iad pobull àraidh Chriosd, an dream a thagh an t-Athair o shiorruigheachd, a tha air an gairm, agus air an aomadh gu h-eifeachdach air talamh, chum gabhail ris, chum creidsin, ’na ainm, agus chum geilleachdain dha le’n uile chridhe. Ghiulain Criosd cionta sliochd an duine gu leir, ach b’e ainmheach a phobuill a phàigh e gu h-àraidh. ’S ann air an son sa gu h-àraidh a dh’fhuiling e bàs, agus a choisin e slainte. An toirt a mhic thairis gu bàs, b’e an ni àraidh a bh’aig Dia na bheachd, a ghlòir a thaisbeanadh, a naomhachd a nochdadh, a ghradh a dhearbhadh agus b’iad na nithe ceudna, a bh’aig Criosd ’na bheachd, ’nuair a dh’fhuiling e gu toileach bàs malluichte na croiche. B’iad
III. Ciod an dearbhadh a th’ againn o bhas Chriosd, gu’m fuigh a phobull na h-uile nithe maille risan?
Tha na h-uile nithe ann an so a’ ciallachadh, gach tiodhlacadh talmhaidh agus Spioradail, a tha Dia a’ faicin feumail chum sòlas sìth agus leas a phobuil, araon air talamh, agus ann an Neamh. Tha focal De gu riachdail a’ dearbhadh, gu’n do choisin Criosd d’a phobull na h-uile nithe, le umhlachd agus le bhas; agus gun do choisin e iad, chum am builleachadh orra. Ach siosraichimid ’n so ciod an dearbhadh a th’ againn, gum fuigh pobull Chriosd na h-uile nithe maille risan. Agus air
1. Tha ar reusan fein a’ teagasg so dhuinn.
Se Criosd, mar gu’n abramaid, an tobar tarbhach, fior-ghlan domhain sin, o’m bheil a’
2. Tha geallanna Dhe a’ dearbhadh so dhuinn.
Bithidh oidhche agus là, bithidh dorchadas agus solus air an deanamh nan aon, theid Neamh agus talamh na’s luaithe thairis, na bhriseas Dia na fìrinn a gheallanna priseil d’a phobull fein. Ciod, ma seadh, a tha e a’ gealtuin? Tha na h-uile nithe da phobull. Mar so tha Criosd fein a’ labhairt, ge b’e ni a dh’iarras sibh a’m’ ainm-sa, ni mise sin, chum ’s gu’m bi an t-Athair air a ghloruchadh anns a’ mhac. Ann an aite eile, tha
3. Tha eidar-ghuidhe Chriosd a’ dearbhadh gu’m saigh a phobull gach ni.
Tha focal De a’ teagasg dhuinn, gun do choisin Criosd le umhlachd agus le bhàs, maitheanas agus gràs, neart agus sòlas, sìth agus sonas d’a phobull; agus gu bheil e anis an Neamh ghnàth guidhe air Athair, na nithe so, agus gach ni feumail eile a thoirt dhoibh. Gach ni a tha Criosd ag iarraidh, tha e ag iarruidh gu cothromach, do bhrìgh gun do choisin e iad, agus cha’n’ eil an t-Athair air àm sam bith ga dhiultadh. O eidar-ghuidhe
1. Tha briathra ar teagaisg a’ cur an ceill cionta agus cunnart naimhde Chriosd, a tha gach là a’ cogadh na aghaidh, a tha nan seirbhisich dhilis do’n Abhairseir, agus leis nach miann am peacaidhean a threigsin. ’S bochd staid, ’s aimideach giulan, agus ’s mòrc unnart an dream so. Tha iad gach là, gach uair, gach mionaid fuidh chorruich an uile-chumhachdaich, air an sgaradh o chairdeas, air an dìteadh le lagh, agus buailteach do bhàs siorruidh. Anis mu bha fuath Dhia do’n pheacadh co mhòr, a’s nach do chaomhainn e a mhac fein, ’nuair a sheas e ’suas air son pheacairean, gu cinnteach cha chaomhainn e an dream sin, a tha diultadh gabhail re Criosd, agus a tha ciontach, ceannairceach; aingidh. Ma leag peanas a pheacaidh, ma seadh, eadhon Slànuighear an t-saoghail gu làr, ciod a dh’eireas dhoibhsan d’an eigin am peanas fein a ghiulan; bithidh iad gu cinnteach
2. Tha briathra ar steidh-teagaisg gu math a’ coimhfhreagradh chum misneach agus sòlas a thoirt do chairdean Chriosd. ’San air an son-sa a thug an t-Athair thairis gu bàs e, is ann doibh-san a choisin e slàinte, agus o na thug e dhoibh a cheana a mhac, tha e anis a’ tairgse na h-uile nithe maille risan. ’S còir do’n dream so, ma seadh, feitheamh air Criosd, agus a bhàs a chuimhneachadh le bròn cridhe, le teas-ghràdh, le dochas beothail, agus le làn earbsa.
Tha bròn air son peacaidh gun amharus cubhaidh aig bòrd an Tighearna, o na bha
Leis na h-aigneidh dhiadhaidh so ag oibreachadh ’nar cridheachan, cuartaichibh anis altair Dhe, agus foillsichibh bàs Chriosd. Cia mòr bhur n’ uireasuibh, ’s urrain esan an deanamh suas; ge b’e ciod a tha a dhith oirbh, ma sibh fhior-chairdean, tha esan toileach am builleachadh oirbh. Fosglaibh ma seadh ar beil gu farsuing, agus lionaidh Dia gu pailt iad; cha’n’ eil sibh an cumhangachd an Dia, n’a bithibh cumhang ann ar n’ innibh fein. Cosmhuil re Abram, Athair
title | Searmoin XII |
internal date | 1804.0 |
display date | 1804 |
publication date | 1804 |
level | |
parent text | Searmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid |