[303] SEARMOIN XV.
II. CORIN. xii. 9.
Agus a dubhairt e rium is leòir mo ghràs-sa dhuit: oir ata mo chumhachd air a dheanamh foirfe ann an anmhuinneachd.
ANNS na rannaibh roimhe so, tha ’n t-Abstol a’ toirt sgeul air taisbeanadh iongantach a fhuair e, muncuairt do cheithir-bliadhna-deug, mu’n do sgriobh è an litir so. Tha e ’g innseadh, gun deachaidh a thogail ’suas gu Pharras, no ’n treas Neamh (co dhiu ’sa choluinn, no a’s a’ choluin, cha b’ aithne dha,) ann an sin chual’ e briathra nach robh dligheach, no comasach do dhuine a labhairt. Tha e coslach, gu’n do thachair so uine bheag an lorg iompachaidh, agus gu’n robh aig Dia
[304] leis na bheachd,
an dara cuid a shaoradh o’
n amharus,
agus o’
n eagal,
a dh’
fheudadh a ghiulan roimhe sin a dhusgadh,
no ga neartachadh an aghaidh gach cruaidh-
chàs agus trioblaid a thigeadh na charaibh an deigh-
làimh.
Shaoileadh neach nach bitheadh e furasda droch fheum a dheanamh do thaisbeanadh co glòirmhor. ’
Nuair bu mhiann leis an Abhairseir an Slànuighear a bhuaireadh chum aoradh a thoirt dha,
rinn e so le beachd agus t-
airgse le a thoirt dà do riaghachda an t-
saoghail,
agus dh’
fheudadh am buaireadh so gun amharus sinne a sgrios.
Tha nithe talmhaidh gu math a coimhfhreagradh chum ar n’
ain-
mianna a dhusgadh,
agus chum ar cridheachan a ghaoid o Dhia;
ach cha ruig sinn a leas gu cinnteach a bhi fuidh eagal cunnairt o thaisbeanadh Neamhaidh.
Cha n’
fheud e bhi,
gu’
n dean glòir an t-
saoghail eile,
gu’
n dean taisbeanadh do na nithe ata shuas,
air an d’
aithn’
Dia dhuinn ar n’
aigneidh a shuidheachadh,
cha n’
fheud e bhi gun dean so cron dhuinn.
Agus gu cinnteach cha bhi sinn an cunnart, ’nuair a bhitheas sinn air ar saoradh o
[305] fhuigheal na truailleachd.
Ach tha sinn a’
foghlum,
o na thachair,
gu’
m feud, ’
nar staid anmhunn,
thruaillidh air an àm,
eadhon beachd do Neamh a bhi na rib d’
ar n’
anamaibh.
Mar a tha sinn a’
leughadh ’
san 7.
rann bha Pol an cunnart a bhi air àrdachadh thair tomhas,
tre ro-
mheud an taisbeanaidh,
agus uime sin thugadh dha sgolb ’
san fheoil,
teachdaire Shatain ga bhualadh.
Tha na briathra so a’
cur an ceill gu’
n robh am buaireadh cruaidh,
goirt;
agus o thoradh tha e soilleir,
gu’
n deachaidh òrduchadh ann an tròcair,
agus gu’
n robh è gu math a coimhfhreagradh chum a leas.
Tha ’
n Naomh ainmeil sin,
a chaidh ùine bheag roimhe so a thogail suas gu Phàrras,
anis ga ìsleachadh fein eadhon co iosal ris an dus.
Tha e tuiteam sios air a ghlùinibh,
agus a’
guidhe le dùrachd saorsa o dh’
fheuchain.
Tha e a-
ris agus a-
ris a’
cur suas ath-
chuinge,
ach cha’
n’
eil e a’
faotain freagradh.
Mheudaich so gu cinnteach a thrioblaid.
Bha teachdaire Shatain ga bhualadh gu goirt,
agus bha Dia,
le bhi na thosd,
a reir coslais a’
diùltadh eisdeachd da ùrnuigh.
Ach dh’
oibrich eadhon so chum a leas;
mhothuich e ni’
s mo an-
[306] mhuinneachd fein,
dhlùthaich e na bu teinne re cathair na trocair,
agus chuir e suas ùrnuigh le tuilleadh dùrachd.
Air son so ars’
esan,
san 8.
rann,
ghuidh mi an Tighearna tri uaire,
gu’
n imicheadh e uam.
Fa dheoigh thainig am freagradh am briathraibh steidh mo theagaisg,
agus thuirt e, ’
s leòir mo ghras-
sa dhuit.
Feudaidh sibh a thoirt fainear, an deigh gach ath-chuinge a chuir e ’suas, nach d’thug an Tighearna dha an ceart ni a dh’iarr e; ach thug e ni b’fhearr, dha agus ni a bha na b’fhearr a coimhfhreagradh re staid. Bha feum aig Pol a bhi air a neartachadh an aghaidh uabhar spioradail, bha sgolb ’s an fheoil feumail chum na crìche so, agus cha bhitheadh e na ni cairdeil a shaoradh air ball; uime sin ghleidh an Tighearna e car tamuil ann an teinn, ach gheall è ’san àm cheudna gràs ga chumail suas. Cha n’ fheudar mar gu’n abradh Criosd, teachdaire Shatain a chur air falbh, an t-eagal gu’n di’ -chuimhnich thu gur ann annam-sa àta do choghnadh; ach seasaidh mi teann ort, agus neartaichidh mi thu, chum am buaireadh a ghiulan. Le so
[307] mothuichidh tu araon d’
anmhuinneachd fein,
agus cumhachd mo ghràis-
se agus bithidh t-
anam air a dhìon an da chuid o an-
danadas,
agus o mhi-
earbsa;
da ni a tha le cheile millteach do’
n t-
seirbhis a bhuineas dhomhsa,
agus do shonas mo phobuill.
Do reir a bheachd so do na briathra,
se mo rùn le coghnadh Dhe,
air
I. Air cur air ar faicil an aghaidh uabhair spioradail, agus fein-earbsa.
II. A nochdadh, chum misneach a thoirt dhuibh, gu bheil gràs nì’s leòir ann an Criosd, g’ar neartachadh an aghaidh gach buaireidh. Agus ann an sin foghnadh a dheanamh.
1. Tha mi gu aoirrip a thoirt air bhur deanamh faicilleach an aghaidh uabhar Spioradail agus fein-earbsa, le nochdadh dhuibh o fhocal De, cia anmhunn, bochd an staid anns am bheil sibh air tuiteam leis a pheacadh. Air
[308] 1. Dh’fheadainn iomadh earran do fhocal ainmeach, a tha gu riachdail a’ cur an ceill truailleachd ar natuir, agus gu bheil sinn ea-comasach sinn fein a shaoradh o’n staid so; ach tha so air a theagasg ann an coimhlion earran, is nach ruig mi leas ar n’ uine a chaitheadh na’n ainmeach. Nach ’eil ar slàinte trìd Iosa Criosd gu soilleir a’ cur an ceill gu bheil sinn ciontach, truaillidh anmhunn. Nach ’eil geallanna Dhe, gu’n d’thoir e air falbh an cridhe cloiche, agus gu’n d’thoir e dhuinn cridhe feola, a’ cur an ceill, gur iad so oibre Dhe amhàin, agus nach urrain an duine nithe co mhòr a dheanamh air a shon fein? An d’thugadh Dia àithne dhuinn ùrnuigh a dheanamh air son na’n tiodhlacaibh priseil so, na’m b’urrain sinn am faotain le’r gliocas no le’r neart fein? Nach deanamaid, eadhon fanoid air Dia, leis na nithe sin iarruidh a th’againn a cheana, no a dh’fheudas sinn fhaotain, ’nuair is toil leinn, as eugmhais a choghnaidh? Nach ’eil e air innseadh dhuinn, gu bheil gach tiodhlaca math agus iomlan o’n àird’ a’ teachd anuas o Athair na soillse? Nach ’eil e air a radh ’sgach àite, gu bheil sinn air ar naomhachadh le
[309] Spiorad De?
Nach ’
eil na naoimh air an ainmeach obair Dhe,
air an cruthachadh ann an Iosa Criosd chum deadh oibre,
a dh’
òrduich Dia roimh làimh chum gu’
n gluaiseadh iad annta?
Nach ’
eil gràdh,
aoibhneas,
sìth,
fad-
fhulangas,
caomhalachd,
maitheas,
creidimh,
macantas agus measarrachd air an ainmeach toradh an Spioraid?
Anis ma bheir sinn breith air focal De,
mar a tha sinn a’
toirt air leabhraichean eile, ’
s eigin aidmheil gu h-
ullamh o na chaidh a radh,
gu bheil gràs De gu h-
àraidh feumail dhuinn. ’
San
2. Tha ’n sgeul so air a dhaighneachadh le teisteas nan Naomh.
Tha iadsan uile, air mhogh ro-ioriosal, ag aidmheil an cionta, an truailleachd, agus an anmhuinneachd, tha iad a’ diultadh cliu gach ni math a bha annta, agus a’ toirt glòir gach ni a bha iad, a’ sealbhachadh, no ris an robh duil aca, do shaor ghràs De. ’S riachdail an doigh air am bheil Daibhidh a’ caoidh a chionta. Feuch, dhealbhadh mi ann an cionta, agus am peacadh ghabh mo mhathair mi ’na broinn. Agus cia domhain am
[310] beachd a bh’
aige da anmhuinneachd chum e fein a ghlanadh, ’
nuair,
a labhair e mar so re Dia.
Cruthaich annam,
o Dhe,
cridhe glan,
agus ath-
nuadhaich Spiorad ceart an taobh a stigh dhiom.
Ach chum nach saoileadh neach air bith,
gu’
n do labhair Daibhidh mar so,
mar leith-
sgeul air son a ghiulan truaillidh,
eisdibh re briathra Phoil Romh.
vii.
18—
25.
Ann an so tha agaibh neach,
nach robh a bheag gaoraid air na h-
Abstolaibh a b’
àirde,
agus aig an robh aon uair beachd mòr d’
a mhaitheas fein,
gu treimh-
dhireach ag aidmheil a thruailleachd naturail,
a’
caoidh fuigheall corp a pheacaidh,
agus a’
toirt cliu gach tiodhlaca,
agus gach gràs a bh’
aige do Dhia.
Oir mar so,
ann an àite eile,
tha e a’
labhairt,
le gràs De ata mi mar a tha mi,
agus cha robh a ghràs,
a chaidh a bhuilleachadh orm,
gu’
n bhrìgh,
ach shaorthaich mi ni’
s mo no iad uile,
gidheadh cha mhise,
ach gràs De a bha maille rium.
Ciod a sdiùr Pol chum labhairt mar so? ciod ach a ghràdh do’n fhirinn? Gach neach a dh’fheuch an neart, gach neach a thug aoirrip seasamh an aghaidh buaireadh, agus
[311] an dleasdanais a chuir ann an gniomh;
aidichidh iad gu h-
ullamh an ni ceudna.
An do mhothuich sibhse cumhachd gràis De?
An do bhlais agus am faca sibh gu bheil an Tighearna math? ’
S cubhaidh gu cinnteach d’
ar n’
anmaibh,
a bheannachadh.
Ach bithibh iriosal,
cuiribh stad air ball air gach smuainte àrd a tha ’
g eiridh ’
suas.
Thugaibh fàinear c’
ait am bheil sibh,
agus co sibh.
Tha sibh fhathasd air an talamh,
tha cuid do’
n fhàsaich romhaibh, ’
s eigin dhuibh dol trid gleann agus sgaile dorch a bhàis mu’
n d’
theid sibh a steach do thalamh a gheallaidh.
Tha fuigheal mòr do thruailleachd fhathasd ’
nur natur tha iomadh nàmhaid a’
toirt ionnsuidh oirbh an taobh a muigh,
agus an taobh a stigh;
tha saighde teinteach an droch Spioraid ag itealaich gu tiugh air gach taobh;
agus cha n’
urrain ni na’
s lugha no làmh uile-
chumhachdaich Dhe bhur dìon agus bhur cumail ’
suas,
agus bhur toirt air bhur n’
aghaidh gu tearuinte gu crioch bhur turuis.
Ma tha sibh a’
cur earbsa sam bith annaibh fein,
ma tha sibh a’
cur earbsa sa ghràs a fhuair sibh a cheana,
mar gu’
m bu leòir so,
air son an àm ata re teachd gheibh sibh gu grad dearbhadh
[312] riachdail araon,
d’
ar n’
ain-
eolas,
agus d’
ar n’
aimideachd.
Tha feum agaibh air gràs lathail,
co mhath is air aran lathail;
oir ma tha sibh air bhur sgaradh o Chriosd,
cha’
n’
urrain sibh ni maith sam bith a dheanamh.
Mar so tha e-
fein a’
labhairt Eoin xv.
5, ’
S mise an fhionain,
sibhse na geuga:
an ti a dh’
fhanas annam-
sa,
agus mise ann-
san,
bheir esan mòr-
thoradh uaith:
oir as m’
eugmhais-
se cha n’
urradh sibh aon ni a dheanamh.
Thugaibh fainear,
nach toisich sibh re ni sam bith ’
nar neart fein;
oir an ni ris am bheil sibh a’
toiseach (
nar neart fein)
am fein-
earbsa,
criochnaichidh e gu cinnteach araon ann an nàire,
agus ann an calldach bhur dochais.
Rachaibh-
se,
ma seadh amach ann an ainm Tighearna nan slogh,
ag radh maille ris an Righ mhaith sin Iehosaphat,
o Thighearna,
cha n’
aithne dhuinne ciod is còir dhuinn a dheanamh,
ach tha ar suilean riut-
sa.
Mar so nochd mi dhuibh o fhocal De, agus o theisteas nan Naomh, gu bheil sliochd an duine, ciontach, truaillidh agus anmhunn. Rinn mi so gar deanamh iriosal, agus deigheil air gràs agus coghnadh fhaotain o Chriosd.
[313] As eugmhais a ghràis, ’s anmhunn sinn, gheibh gach namhaid buaidh oirn, leis gach buaireadh tuitidh sinn gu h-ullamh gu làr. Cia brònach a bhitheadh ar staid, mar bitheadh gràs re fhaotain, agus cia taingeil is còir dhuinn a bhi, gu bheil aig Criosd gràs re bhuilleachadh oirn. (Air àm eile, bheir mi aoirrip a nochdadh, gu bheil ni’s leoir do ghràs aig Criosd air son gach h-aon againn; agus gu’n deonaiche Dia gu’m mothuich sinn ar feum air, agus gu’n iarr sinn e le durachd, agus dha-san gu’n robh a ghlòir. Amen.)
Agus mar a tha pailteas do ghràs aige, tha e g’a thairgse gu saor, tha e guidhe oirn gabhail ris. ’Nuair a tha sibh a’ mothuchadh bhur n’anmhuinneachd, na caillibh bhur misneach, ach beachdaichibh air ceannard treun bhur slàinte; agus ’nuair a tha sibh a’ mothuchadh bhur truailleachd, na d’thugaibh sibh fein thairis do an-dochas, ach beachdaichibh air Criosd, a tha saibhir ann an tròcair, agus ann an gràs. ’Se rùn bhur Slànuighear a nochdadh dhuibh, ciod sibh, chum le’r bochduin fhaicin, gu’n ruidh sibh gu dian na ionnsuidh, agus gu’n glaodh sibh gu
[314] cruaidh risan,
a tha toileach cobhair a dheanamh oirbh.
Mar so bhuin e re phobull anns gach àll ’
nuair a bè a rùn an toirt na ionnsuidh fein.
An d’
thug Dia dhuibhse beachd d’
ar staid,
is comhartha so air mhaith,
bithibh iriosal agus aithreachail.
An ti a dhuisg sibh,
bheir e dhuibh solus,
bheir neart agus gràs.