SEARMOIN XV.
II. CORIN. xii. 9.
Agus thuirt se rium, ’s leoir mo ghràs-sa dhuit.
ANNS na briathra so tha againn am freagradh cairdeil a thug a Shlànuighear do Phol, ’nuair a bha e air a bhualadh gu goirt le teachdaire Shatain. Bha a staid air an àm cruaidh, bha a dh’fheuchain mòr, agus ann an lorg so bha mòr-fheum aige air coghnadh. Uine bheag roimhe so, chaidh an t-Abstol àrdachadh gu mor, fhuair e taisbeanadh glòir-mhor, ach ga ghleidheadh iorasal san àm cheudna fhuair e sgolb san fheoil, thainig Teachdaire Shatain g’a bhualadh. ’Na theinn agus ’na chruaidh-chas, ghlaodh e re Dia,
Ann an labhairt o na briathra so air àm eile, nochd mi dhuibh o fhocal De agus o theisteas nan naomh, gu bheil sliochd an duine gu leir ciontach, truaillidh agus anmhunn, agus gu bheil mòr-fheum aca air gràs. Agus ’se mo rùn anis, le cognadh Dhe, ’san
II. Bhur smuainteadh a stiuradh chum a ghràis iomlain-sin ata ann an Criosd leis an urrain e an dream a’s anmhuinne’ da phobull a neartachadh chum buaireadh, an Abhairseir a ghiulan, agus leis am fuigh iad fa dheoigh buaidh iomlan air an naimhde Spioradail gu leir.
Tha ’n teagasg, so gu h-àraidh sòlasach, agus gu math a’ coimhfhreagradh chum earbsa agus aoibhneas a ghineamhuin anns gach
1. Tha tobar do ghràs, a tha ghnàth a’ sruthadh air fhosgladh gu farsuing d’ar beachd.
Mar so tha Eoin a’ labhairt, agus rinneadh am focal na fheoil, agus ghabh se comhnuidh ’nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin mhic an Athar) làn gràis agus fìrinn. Agus tha Pol ag radh, b’e deadh-ghean an Athar, gu’n comhnuicheadh gach uile iom-laineachd anns-an. Agus a-ris anns-an ata uile iom-laine na diadhachd a’ gabhail comhnuidh gu corporra. Tha againn ann an so ni ’mhàin lànachd, ach gach uile lànachd, tha eadhon iom-laine na diadhachd a’ gabhail comhnuidh ann an Criosd gu corporra. Nise ciod na briathra is urrain gràs ni’s leoir a chur an ceill, mar cuir na briathra
2. Tha focal De a’ teagasg gu bheil an gràs so air a thasgaidh ann an Criosd chum leas a phobuill.
Cha ruig mi leas earranna àraidh do’n Scriobtuire ainmeach, chum so a dhearbhadh, o na tha e soilleir o fhocal De gu leir, far am bheil Criosd air a nochdadh, mar neach a tha gabhail air fein oifig eadar-mheadhon-fheair, mar neach a bha beo, agus a fhuair bàs ni h-ann air a shon fein, ach air sgàth an dream a thug an t-Athair dha. O so tha e air ainmeach an ceann, agus creidmhich buill a chuirp. Tha e air a choimeas re fionain, agus iadsan re geugan a tha fàs o so, agus a tha tarruing am brigh agus an sùth gu leir o’n fhionain. Tha fàidheadoireachd Isaiah, a ghabh air Slanuighear chuige fein an sinagog Nasaret, na dhearbhadh riachdail air an fhirinn so. Tha Spiorad an Tighearna Dia orm, do bhrìgh gu’n d’ung an Tighearna mi a shearmonachadh deadh sgeil do na daoine macanta;
3. Gu bheil Criosd air gach àm toileach agus ullamh a ghràs a thoirt da phobull a reir am feum.
Tha ain-eolas mu so a’ gleidheadh iomadh Criosduigh ann an staid bhrònach, bhochd. Ged a tha fhios aca, gu bheil uile iomlaine na diadhachd a’ gabhail comhnuidh ann an Criosd, agus gu bheil pailteas do ghràs aige
4. Gun d’thoir gràs Chriosd, ’nuair a tha e air fhaotain, gu cinnteach buaidh air gach nàmhaid, agus air gach ni a tha cur na aghaidh.
An ti sin ata na ùghdar, tha e mar an ceudna na fhear-criochnaich do chreidimh a phobuill; oir tha a thiodhlaca agus a ghairm gun aithreachas. Cha bhrisd esan a chuilc bhrùite, agus ni mùch è an lion as am bheil deatach, gus an d’thoir e ’mach breitheanas chum buaidh. Ged a tha gràs, mar shruthan, beag, gidheadh tha ’n tobar o’m bheil e teachd siorruidh. Far am bheil Criosd a’ toiseach deadh obair, bheir se è chum foirfeachd, agus cha ’n fhàg se cuspairean a ghràidh, gus an dean se iad cosmhuil ris fein,
Mar so thug mi aoirrip a nochdadh dhuibh, gu bheil gràs ni’s leoir aig Criosd air son a phobuill, ge be ciod an staid; agus nach ruig neach sam bith, a thig na ionnsuidh, a bhi fuidh eagal, gu’n cuir se folamh iad air falbh. Tha iad air an gleidheadh, ni h-ann le’n neart fein, ach le cumhachd Dhe trid creidimh chum slàinte. Cia taitneach, cia sona staid an dream, a tha air an dlùth-cheangal re Criosd. O seinnibh òran nuadh do’n Tighearna, agus a chliu ann an coimhthional nan naomh. Deanadh Israel gairdeachas san ti a dhealbh agus a shaor e, agus bitheadh clann Shion aoibhneach na’n Righ. Leigibh dhomh anise an t-iomlan a choimhdhùnadh le comhairle na dha. Agus air
1. Feudaidh dùil a bhi agaibh re coimh-chogadh bhur naimhde ’nar slighe chum Neamh. Bheir bhur truailleachd fein iomadh ionnsuidh oirbh, agus bheir bhur naimhde iomadh aoirrip bhur pilleadh air bhur n’ais.
Nuair a tha Criosd air a dhealbh annaibh, bithidh Ifrinn gu leir roimhe cheile, agus cuiridh na Spioraid aingidh a tha ann an sin rompa gach cron is urrain iad a dheanamh dhuibh. Ni daoine aingidh fanoid oirbh, cuiridh bhur sean chompanaich sa pheacadh an cuimhne bhur lochda dhuibh, agus bheir iad aoirrip bhur t-arruing air bhur n’ais do’n slighe fein. Feudaidh duil a bhi agaibh ris na nithe so, dh’fhuiling pobull De iad anns gach all; agus ma tha sibhse ga’m fulang, tha ann an deadh chàs, tha maille re deadh chommunn. Bithibh foighidneach agus treun, deanaibh gairdeachas agus bithibh subhach air ma dh’fhuilingeas sibh air sgàth Chriosd, ’s mòr gun amharus bhur duais ann an Neamh. ’San
2. Biodh agaibh gnàth-mhothuchadh d’ur n’anmhuinneachd fein.
Na bithibh àrd-inntineach, ach fuidh eagal, do reir comhairle an Abstol. Ni sibh amhàin obair da rireadh, ’nuair a tha sibh a’ deanamh obair leis a choghnadh a tha sibh air an àm a’ faotain: bithidh feum aig a
3. Bitheadh smuainte urramach agaibh d’ur Tighearna.
Ge be ciod a tha ’n t-Abhairseir a’ cur an ceill, creidimh so, gu bheil cridhe Chriosd cairdeil, agus gu bheil a làmh fial. Tha e gu h-àraidh feumail, gu’m bi, beachd ceart agaibh do Chriosd, agus gu’m bi fios agaibh, gu bheil tròcair agus neart air an tasgaidh ann-san air bhur son. Na beachdaichibh co mhòr air bhur naimhde, as air ceannard bhur slàinte; cuiribh a gheallanna an aghaidh am bagraidh, a ghràs uile-fhoghainteach an aghaidh am mi-rùin. Bithibh ma seadh duineil, treun, agus gheibh sibh gu cinteach buaidh; an ùine ghrad brùthaidh Prionnsa na sìth, agus Leoghan treabh Iudah an t-Abhairseir
4. Cuimhnichibh a ghnàth gu bheil an gràs foghainteach so re fhaotain amhàin le ùrnuigh agus ath-chuinge.
’Se mo rùn, ars’ Dia, gu’n iarr pobull Israeil so uam chum gun dean mi e air an son. Agus chi sibh gu’m b’eigin do Phol ùrnuigh a dheanamh trì uairean, mu’n d’fhuair e am freagradh a tha air a chur sios ’nar steidh-teagaisg. Tha ùrnuigh a gleidhidh na slighe fosgailte eidar an ceann agus na buill; so ’n teachdaire a tha dol o thalamh gu Neamh, agus a tha pilltin leis gach tiodhlaca feumail. Na leigibh ma seadh air dearmad an dleasdanas cuidthromach so. Ach deanaibh ùrnuigh an creidimh, deanaibh urnuigh a ghnàth, agus guidhibh air Criosd bhur teagasg chum ùrnuigh, gu ceart a dheanamh, chum’s gu’n
title | Searmoin XV |
internal date | 1804.0 |
display date | 1804 |
publication date | 1804 |
level | |
parent text | Searmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid |