[23] SEARMOIN II.
MATA. XVI. 26.
Oir ciod an tairbhe a ta ann do dhuine, ge do chosnadh è an saoghal uile, agus anam fein a chall?
CHA ’n ’eil crèutair air thalamh ach mac an duine a mhain, aig am bheil rèusan, coguis agus anam neo-bhasmhor. ’Nuair a dh’ ith Adhamh am meas toirmisgte, agus a bhrist e reachd Dhe chaill è chòir air sòlas talmhaidh, air umhlachd nan crèutairean, agus air beatha shiorruidh. Chaidh ar ceud sinnsearibh fhagail gu saorsa an toile fein, thuit iad o’n ceud staid, pheacaich iad an aghaidh Dhe: Agus cha’n ann dhoibh fèin a mhain a rinn iad cron; thainig peacadh agus truaighe ann an lorg so air an sliochd. Cha deachaidh sliochd mi-thaingeil an duine mar a thoill iad a dhruideadh
[24] as an t-
saoghal;
cha d’
fhàgadh iad gun sòlas;
cha d’
fhagadh iad gun dochas air sonas bithbhuan. ’
Nuair a thuit an duine,
ann an àite duais a pheacaidh,
fhuair è gealladh gràsmhor;
gu bruthadh Siol na mnatha ceann na nathair nimhe. ’
Se rùn Dè,
gu’
n tuigeadh agus gu’
n creideadh sliochd an duine an gealladh so,
agus gu bheil è anis air a choilionadh.
Cha ’
n ’
eil tlachd aig Dia ann am bàs nam peacach, ’
bann-
sa leis gu mòr gum faiceadh,
gu’
n aidicheadh,
gu’
n trèigeadh iad am peacadh;
agus gu’
m bitheadh iad beo trìd creidimh ann an Criosd. —
Tha tròcair Dhe co-
fharsuing r’
a cheartas.
Tha ghràdh oscionn tuigse,
agus a naomhachd gun smal a’
co-
fhreagradh,
ann an cocheangal nan gràs,
a rinn e r’
ar slànuighear Iosa Criosd,
chum sonas siorruidh a phobuil.
Tha Dia anns gach nì a’
nochdadh a ghlòir agus a bhuaidhean fèin,
agus a ghràdh do chloinn nan daoine.
Mar tha ’
n t-
Abstol Eoin ag radh, “
An so dh’
fhoillsicheadh gràdh Dhè dhuinne,
do bhrigh gu’
n do chuir Dia aon-
ghin Mhic do’
n t-
saoghal,
chum gu ’
m bitheamaid beo trìdsan.
An so a ta gràdh,
cha’
n e gu ’
n do ghràdhaich sinne Dia,
ach
[25] gu’
n do ghràdhaich esan sinne,
agus gu’
n do chuir è Mhac fein gu bhi ’
na ìobairt-
rèitich air son ar peacaidh.”
Tha mac an duine air a ghineamhin ann am peacaidh; tha anamhiannaibh agus aigneidhibh ag eiridh suas na’s luaighe na reusan. Tha na h-aigneidh laidir borb, tha ar reusan ciùin agus sèimh. Tha na h-anamianna-feòlmhor gach là a’ dalladh suilean ar reusain a’ toirt dìmeas air a chomhairle, agus a’ faotainn lamh an uachdar air. Ged’ a tha air coguis a’ cuideachadh ris; tha air cridhe mealltach, talmhaidh; air n’ aigneidh neartmhor; agus air n’ anamhianna ceann-laidir a’ faotainn buaidh orra le chèile. Tha sinn fèin lag, dall, peacach; tha ’n Diabhol, an saoghal, agus an fheoil, ’g ar buaireadh air gach laimh, air gach am, agus anns gach àite. Ach a chum ’s gu nochdadh Dia do gach creùtair rèusonta, a ghloir, a bhuaghaibh, a ghradh do anama dhaoine, agus fhuath do pheacadh; chuir e Mhac fèin a dh’ionnsuidh an t-saoghail, a chum is gu’n saoradh e gach neach a chreideadh ann, o chumhachd agus o dhuais am peacaidh; a
[26] thabhairt eolais duinn air Dia agus air ar dleasnas,
a theagasg fior-
ghliocas duinn;
a dh’
earbhadh nach ’
eil tlachd aig Dia ann am bàs pheacach,
a dh’
innseadh dhuinn,
c’
aite ’
m faigheamaid fior-
shonas;
co iad ar naimhde,
agus cionnas is urra sinn buaidh fhaotainn orra.
Tha’
n saoghal ’
na charaid do’
n fheoil,
agus gu h-
àraid ’
na namhaid d’
ar n’
anama.
Air an aobhar so,
tha ’
n t-
Abstol Eoin an ainm Dhia a’
guidhe oirn gu’
n mhòr-
ghràdh a thabhairt do’
n t-
saoghal. “
Na gràdhaichibh an saoghal no na nithe a ta san t-
saoghal.
Ma ghràdhaicheas neach air bith an saoghal,
cha ’
n ’
eil gràdh an Athar ann.
Oir na h-
uile a ta anns an t-
saoghal;
anamhiann na feòla,
agus anamhiann nan sùl,
agus uabhar na beatha,
cha ’
n ann o’
n Athair a tha iad,
ach o’
n t-
saoghal.
Agus siubhlaidh an saoghal seachad,
agus anamhiann:
ach an ti a ni toil Dè,
mairidh e choidhch.”
Uaith so chi sibh nach ’
eil nithe an t-
saoghail so luachmhor no maireannach.
Air an aobhar so,
tha air Slànuighear a’
feòraich dhinn,
Ciod e an tairbhe do dhuine,
ge do chosnadh e an saoghal gu h-
iomlan,
agus anam a chall?
Ann an labhairt o na briathraibh so dh’
fheuch mi dhuibh a cheana;
[27] I.
Air thùs,
nach bitheadh tairbhe ann,
ach call ro-
mhòr,
ged’
a b’
urra duine gach sòlas,
subhachas,
beartas agus nì a ta san t-
saoghal fhaotainn,
na’
n cailleadh e anam neo-
bhàsmhor fèin ’
sa mhalairt.
II. Ann san dara àite, nochd mi dhuibh mòr-aimeadachd nan daoine sin, a tha tilgeadh air falbh, agus a call an anama, air son an ro-bheagan do nithe an t-saoghail a ’s urra tuiteam ’g an crannchursa.
III. Tha mi cur romham air an am so, trid codhnadh Dhe, anns an treas àite, fhiosrachadh mòr-luach an anama.
An deigh so bheir mi oidhirp sibhse agus mi fein a bhrosnachadh, gu bhi curamach, freasdalach agus dìchiollach, mu shonas siorruidh ar n’ anama.
Tha cuid do nithe luachmhor ’nan nadur fein; tha nithe eile luachmhor do rèir mar a bheir iad sòlas no sonas dhuinn, agus do rèir mar a mhaireas iad. Cha ’n ’eil an t-anam a mhain luachmhor’ na nadur fèin; ach ’s e ’n
[28] t-
anam mar an ceudna bun-
stèidh gach sòlais agus sonais a tha sinn a’
mealtuinn,
no is urra sinn fhaotainn.
Ach a chum ’
s gu’
m faicibh sibh na’
s soilleire mòr-
luach ar n’ -
anama neo-
bhasmhor.
I. Fiosraichidh mi air thus, co a rinn an t-anam.
II. Ann san dara àite c’ arson a chaidh an t-anam a dheanamh.
III. Ann san treas àite, ’Nuair a bha an t-anam caillte le peacadh, ciod an luach leis an do cheannachadh è o bhàs siorruidh, duais a pheacaidh.
IV. Ann san àit’ is deireannaiche ciod a rinn, agus a tha Dia a’deanamh air son anama dhaoine.
I. Air thùs fiosraichmid co a rinn an t-anam.
An dèigh do Dhia an talamh, agus gach nì, agus crèutair a ta ann a chruthachadh, dhealbh
[29] è an duine, ’
na iomhaigh fèin,
mar chlach-
mhullaich àluin air càch uile.
Shèid è anail na beatha ’
na phollaraibh,
agus dh’
fhàs anam rèusanta ’
na chom.
Chruthaicheadh an corp a duslach na talmhain;
ach thainig an t-
anam uaithe fèin.
Tha an t-
anam glòirmhor neo-
bhàsmhor:
Tha è reusanta,
tuigseach,
comasach eòlas a ghabhail air Dia,
air oibre,
air a chumhachd,
air a mhaitheas,
agus air a bhuaghaibh. ’
S ioma cèutfadh a ta fuaighte ris an anam;
tha tuigse,
meodhair,
ciall,
breathnachadh-
coguis agus toil aige.
Tha è comasach gliocas fhoghlam o Dhia agus o dhaoine.
Tha è comasach gràdh agus meas a thabhairt do Dhia,
do dhaoine,
do shubhailce,
do cheartas,
do mhaitheas agus do dhiadhachd.’
Sè ’
n t-
anam a mhain a bheannaicheas agus a mholas ainm naomha Jehobhah mhòir: ’
s esan a chuimhnicheas le teas-
ghràdh air na tiodhlacan tròcaireach,
a tha è gach la a’
builleachadh oirn.
Tha oibre Dhe uile,
a’
nochdadh a’
ghliocais,
a chumhachd agus a’
mhaitheis;
ach ’
sè an t-
anam an coron gràidh leis an do chrùn Dia a chruitheachd so. ’
Sè an t-
anam is urra fhiosrachadh agus a thuigsinn co a chruthaich e air thus. ’
S esean a mhain a tha comasach air
[30] taingealachd,
air fiùghantas,
agus air cairdeas. ’
S è so fior obair lamha Dhe; ’
sè so a bheir buidheachas d’
a ainm; ’
s è so a mhain a sheinneas a chliù.
Mar a ta na speuran ard oscionn na talmhainn,
mar so tha anam an duine air àrdachadh gu mòr oscionn na colla,
agus gach ni a th’
air thalamh.
Tha gach ni agus crèutair talmhaidh;
siùbhlach,
neo-
mhaireannach,
bàsmhor;
ach tha ’
n t-
anam seasmhach,
maireannach,
neo-
bhàsmhor.
Chaidh gach ni eile dheanamh as,
agus airson na talaimh;
buinidh an t-
anam do neamh,
agus ’
s ann air son nithe neamhaidh a chaidh a dheanamh. ’
S è Dia a mhain a b’
urra ni co mòrchuiseach,
deanadach,
agus iongantach a chruthachadh.
Cha robh na gibhte agus na buagha sin aig a h-
aon eile r’
a thabhairt do anama dhaoine;
agus chruthaich Dia an t-
anam,
agus thug e na gibhtibh sin dà,
chum mòr-
shonas.
Tha so g’ am thabhairt air m’aghaidh gu fhiosrachadh,
II. San dara àite, C’arson a chaidh an t-anam a dheanamh.
[31] Thug Dia dà ni dhuinn, a dh’innseas c’arson a chaidh anam an duine a dheanamh, fhocal naomha, agus ar reusan fèin. Tha focal Dhe ag innseadh dhuinn, gu bheil Dia anns gach ni a’ nochdadh a ghlòir, a chumhachd, a ghliocas, agus a mhaitheas fèin, do gach creutair tuigseach, an neamh agus air thalamh. Chaidh an duine a chruthachadh an staid shona; agus tha focal Dè ag innseadh dhuinn mar an cèudna, gur ann a chum sonais a chruthaich Dia air thùs è. ’Sè ’n Diabhol agus an duine a chruthaich am peacadh; agus is e’m peacadh a dhealbh, agus a tha a’ beathachadh gach piann, gach truaighe, agus gach dòrainn a tha anns an t-saoghal. Tha cèutfaidhe glòirmhor, iongantach an duine gu beachddail a’ nochdadh dhuinn, gur ann a chum sonais a chaidh a dheanamh. Tha gach creutair air thalamh comasach air solas a mhealtuinn; ’se mac an duine a mhain, is urra bhi sior-shona. Dhruid am peacadh sonas as an t-saoghal so; ach tha Dia a’ gealltuinn do gach fior-chreidmheach ann an Criosd, sonas co-fharsuing r’a mhiannaibh, agus co-mhaireannach r’a anam neo-bhàsmhor, ann san t-saoghal a tha chum teachd, Tha ’m fior-chreidmheach
[32] ,
mheach aig am bheil ceud-
thoradh an Spioraid,
ann an càileigin a’
mealtuinn,
fior-
shonas anns an t-
saoghal so.
Tha suilean a chreidmhich air am fosgladh;
tha a chridh ath-
nuadhaichte,
tha aigneidhibh air an smachdachadh,
agus a mhiannaibh air an glanadh o shalachar a pheacaidh;
Tha è gabhail tlachd ann an reachda Dhè,
ann an co-
chomunn r’
a athair neamhaidh,
agus tha a’
gheallanna gràsmhor a’
lionadh a chridhe le dòchas agus aoibhneas.
Cha d’
rinn Dia ni air bith an diomhain.
Is ni mor-
thogarrach anam an duine,
agus cha’
n ’
eil miann no togradh ceart aig an an anam nach d’
theid a shàsuchadh.
Thug Dia cìocras do’
n duine air sonas,
a chum gu’
n iarradh,
agus gu’
m faigheadh è sonas.
Tha duil againn gu’
m faigh sinn sonas anns an t-
saoghal.
Ach tha Dia gach là ag innseadh,
a’
feuchainn,
agus a’
dearbhadh dhuinn,
gu bheil sonas an t-
saoghail siùbhlach,
carrach;
gur ann na chairdeas fèin a mhain,
agus anns an t-
saoghal a ta chum teachd,
a gheibh an creidmheach fior-
shonas.
Ach a chum ’s gum faiceadh sibh na’s soilleire luachmhoireachd ar n-anama, Fiosraichamid anns an,
[33] III. Treas aite, ’nuair a bha’n t-anam caillte le peacadh, ciod an luach leis an do cheannachadh è o bhàs siorruidh, duais a pheacaidh.
Mar a tha ’n t-Abstol Pol ag ràdh, bha ’n saoghal uile ciontach am fianuis Dè; bha na h-Judhaich agus na Geintilich uile fuidh pheacadh; fuidh bhreitheanas chum diteidh, agus fuidh mhallachadh. Pheacaich gach uile, agus tha iad an deidh-laimh air glòir Dhè. Thainig bas air na h-uile dhaoine, do bhrigh gu ’n do pheacaich iad uile. Cha robh ni maith sam bith a’ gabhail comhnuidh ann am mac an duine. Bha tuigse chloinn nan daoine air a dorchachadh, air dhoibh a bhith na ’n coimhich do bheatha Dhe, a thaobh an aineolais a bha annta, tre chruas an cridhe. Pheacaich an duine le lan-thoil; bha aige na dh’ fheudadh a bhi aige fior-eolas air an fhirinn. Cha robh iobairt rèitich aige airson a pheacaidh; cha b’urra dochas air bith a bhi aige o Dhia ceart, naomha; cha robh ni air bith aige, ach dùil eagalach re breitheanas, agus feirg theinntich gu’ sgrios as. Bha cloidheamh ruisgte a cheartais an crochadh oscionn a
[34] chinn;
bha fearg an Dè bheo air lasadh suas na aghaidh.
An uair a bha ceartas Dhe a’
togail suas a laimhe chum am buille criochnaichte,
toillteanach a thoirt duinn,
shìn trocair a mach a’
lamh ghrasmhor ann an Iosa Criosd;
ghabh esan am buille a thoill sinne,
agus dh’
fhuiling è ’
m bàs airson ar peacaidh-
ne.
An abair sibh a nis nach ’eil anam an duine luachmhor, ’n uair a cheannuich Criosd e le fhuil luachmhor, bheannuichte féin. Tha fulangas agus bàs ar Slànuighear gu soilleir ’a nochdadh, dhuinn, gràinealachd a’ pheacaidh, luachmhoireachd ar n-anama, gliocas agus tròcair Dhe, agus gràdh neo-chriochnaicht’ ar Slànuighear Iosa Criosd. Mur biodh an t-anam luachmhor an sùilean Dhe, an cuireadh è a Mhac féin a dh’ ionnsuidh an t-saoghail phianntaich so? An cuireadh e gu bàs è a shaoradh anam an duine o’n bhàs shiorruidh a thoill a pheacadh, am bheil ni sam bith ann an neamh, no air thalamh, as luachmhoire na fuil aon ghin mhic Dhè? An dòirteadh Dia an fhuil so air son ni suarrach, neo-mhairreannach, neo-luachmhor?
[35] Tha saorsa ar n-
anama gu beachdail a dearbhadh dhuinn,
luachmhoireachd ar n-
anama,
agus an t-
shonais shiorruidh sin a choisinn Criosd do gach neach a chreideas ann.
Mar a tha ’n t-Abstol Eoin ag ràdh, oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, ( ’se sin re ràdh anama agus sonas dhaoine) gu ’n d’ thug è aon-ghin Mhic fèin, chum ’s ge b’e neach a chrèideas ann, nach sgriosar è, ach gu’m bi a’ bheatha shiorruidh aige. An gràdhaicheadh an Dia beo fior, glòirmhor, naomha agus uile-ghlic nithe faoin, suarach, gu ’n luach, gun bhuaidh, gun fhèum? Mur creid daoine gu’m bheil an t-anam agus sonas siorruidh luachmhor, ’n dèigh na rinn Dia airson ar n-anama; cha ’n ’eil ni an neamh no air thalamh a’s urra dhearbhadh ni ’s neartmhoire dhuinn. Ach a chum ’s gu’m faic sibh uile ann an aon bheachd, luachmhoireachd ar n-anama neo-bhàsmhor, fiosraichamid ann sa cheathramh àite,
IV. Ciod a rinn agus a tha Dia a’ deanamh airson anama dhaoine.
[36] B’e anam an duine obair dheireannach Dhè ’sa chruitheachd. Mu ’n do chruthaich è an duine, chruthaich è sonas agus sòlas air a shon. ’S i chollun èideadh ar n-anama; ’S ann air son an fhir-àitich luachmhor, a chaidh an eideadh iongantach so air thùs a dheanamh. Tha chruitheachd, agus gach ni a ta innte air an sgeitheadh amach a chum sòlas a thoirt do ’n duine. Tha ’n talamh, agus gach creutair a tha g’a aiteachadh a’ sàsuchadh agus a freagairt do uireasbhuidh a chuirp. Tha gliocas, cumhachd agus maitheas Dhe ’sa chruitheachd a’ tabhairt subhachais d’a inntin. Bha gach ni air thùs a’ tabhairt sòlas, sonas agus aoibhneas do mhac an duine. ’Nuair a dh’ fhosgail am peacadh suilean Adhamh, chum a lomnochdaighe fhaicinn, chunnaic è ’s an am cheudna, fearg Dhè a’ lasadh ’suas ’na aghaidh; sonas agus solas talmhaidh a’ ruidh air fabh uaith féin agus a shliochd; agus a chruitheachd uile a call a sgiamh, agus a boidhchead. Ghin am peacadh dorchadas, agus ghin dorchadas eagal a’ bhàis, aineolas, seacharan, agus truaighe.
[37] ’Nuair a thuit Adhamh, cha do dhruid Dia as an t-saoghal è, mar a thoill a pheacadh. Ach a chum gu’m biodh a ghlòir agus a mhaitheas air an nochdadh do gach creutair; a chum gu’m biodh anama dhaoine air an sabhaladh, agus air an deasachadh airson sonas neamh; shaor Dia corp an duine, an talamh, agus gach ni a ta ann, carr tamuil o sgrios, agus o bhàs siorruidh. Fhuair an duine eolas air Dia, air a mhaitheas, agus air a throcair; fhuair è eolas mar an ceudna air a dhleasdanas do Dhia agus do dhaoine. ’Nuair a chaill sliochd Adhaimh an eolas, agus an gràdh air Dia; chaidh gach aon diubh a sgrios le tuil; ach Noah amhain, agus a theaghlach. B’e Noah searmonaiche na fireantachd; cha ’n èisdeadh an sean saoghal r’a ghuth, chaidh iadsan a bhàthadh airson am peacaidh; ach chaidh Noah a shàbhaladh a chum gu ’n sgaoileadh è eolas an Dè bheo, a’m measg a theaghlaich agus a shliochd. ’Nuair a chaill sliochd Noaih eolas air Dia, ghairm esan Abraham agus a shliochd, gu bhi na’m pobull àraid dìleas dha féin. S mòr a rinn Dia airson clann Israeil, thug e dhoibh a reachd sgriobhta, mar riaghail-stiùraidh am beusan agus an caithe-beatha;
[38] daoine naomha,
glic a’
theagasg agus a’
mhineachadh an reachd so;
teampull glòirmhor agus Sagairt a chum aoradh a dheanamh do Dhia,
faidhean o àm gu àm g’
am brosnachadh a chum an dleasdanais;
fhuair iad buaidh air an naimhde,
agus nithe math na beatha so.
Agus a chum ’
s gu’
m biodh iad dìleas agus seasmhach ’
na sheirbhis,
thug e dhoibh geallana prìseil,
tarbhach.
Fhuair righ na h-
Eiphit comas clann Israeil a chur fuidh thrailleachd a chum gu ’
m biodh crosdachd agus uabhar a phobuil sin air an smachdachadh;
agus a chum gu’
m biodh fior-
eolas mu’
n Dia bheo,
air a chraobh-
sgaoileadh a’
m measg gach pobuil air thalamh.
Air an àm so bha co-
chomunn aig sluagh an t-
saoghail uile ris an Eiphit;
air an aobhar so,
thug Dia comas do righ na h-
Eiphit clann Israeil a ghleidheadh agus a chur fuidh thràilleachd.
Ach shaor Dia mu dheireadh a shluagh,
le cumhachd,
agus le mòr-
ghlòir.
Gheall è mar an ceudna,
gu ’
n cuireadh è neach a dh’
ionnsuidh an t-
saoghail,
a shaoradh iad o thràilleachd a pheacaidh,
agus o’
n naimhde spioradeil.
Ann an coimhlionadh na h-
aimsir chuir Dia a Mhac fein uaithe,
a ghineadh o mhnaoi,
[39] a rinneadh fuidh ’
n lagh;
a chum gu saoradh e iadsan a bha fuidh ’
n lagh ionnas gu faighcamaid-
ne uchd-
mhacachd na cloinne.
Le comhnadh Spioraid Dè,
ghabht ’
an Slànuighear am broinn na h-
oighe;
mar dhilleachdan gun treòir,
gur bheartas gun chairdean,
rugadh è ann an stapul truagh,
diblidh,
doireasach,
gun uidheam,
gun mhuinntir.
Ge d’
tha tuill aig na sionnaichibh,
agus nid aig eunlaith nan speur,
bha eisean a chruthaich gach ni,
mar choimheach ’
na chruitheachd fein,
gun aite comhnuidh fuidh ’
n ghrèin a dhealbh a lamh.
Co luath ’sa dh’ fhosgail mac Dhe a shùil air thalamh, dhuisg, mhosgail, agus dh’ eirich a naimhde, gu fuileach, feargach, dioghaltach ’na aghaidh. Bha Herod air a thòir; b’ èigin d’a pharantaibh teicheadh leis, do ’n Eiphit. ’Nuair a thoisich e air searmonachadh, thug a theagasg oilbheum do na h-Judhaich. Bha na Sagairt, Phairisich, agus na Scriobhuich ga ruagadh, ga gheur-leanmhuinn air gach àm, agus anns gach àite. Dh’ fhuiling e buaireadh an Diabhoil, agus an-cainnt pheacach ’na aghaidh fein. Dh’ fhuiling e ocras patha,
[40] agus sgios ’
na chorp;
bròn,
cradh agus doruinn pheacach ’
na anam.
Dh’
fhuiling è fearg athar naomha, ’
nuair a bha i air lasadh suas an aghaidh pheacach.
Chaidh gach pian agus cràdh a thoill sinne a leagail comhladh air.
Chaidh peacadh gach neach a thug athair dha’,
agus duais gach peacaidh a dhortadh ann an aon chupan,
agus dh’
òl è as è.
Thainig è dh’
ionnsuidh a mhuintir fein,
agus cha do ghabh a dhaoine fein ris.
Bhrath Judas le pòig e;
dh’
àicheadh Peadar e;
threig iad uil’
è.
Ghlac na h-
Judhaìch è;
cheangail,
sgiurs,
dhìt agus cheus iad Slànuighear an t-
saoghail.
A’ chlann nan daoine tuigibh o so, nadur a pheacaidh, tuigibh o so ceartas Dhè; tuigibh o so gràdh ar Slànuighear, tuigibh o so luachmhoireachd ar n-anama. ’Nuair a dh’ fhàg Criosd an talamh, ghuidh è air a chairdean gun bhi fuidh thrioblaid, na fuidh eagal; chaidh è ghabhail seilbh air sonas dhoibh; dh’ fhàg e sith aca; chuir an t-athair uaithe ’na ainmse an Comhfhurtair, an spiorad naomh, a theagasg dhoibh na h-uile nithe, agus a chur an cuimhne dhoibh gach ni a labhair Iosa riu. Sgaoil Criosd a Shoisgeul chuir e
[41] amach abstoil agus luchd teagaisg le cumhachd agus le miorbhuile a dhearbhadh firinn an t-
soisgeil so.
Tha Eaglas agus meadhonna na’
n gràs air an suitheachadh air thalamh.
Bhuadhaich an Soisgeul air gach namhaid a dh’
èirich ’
na aghaidh:
The è air a chraobh-
sgaoileadh air feadh an domhain uile.
Tha eolas an t-
soisgeil air teachd gu sabhailt a chum an àil,
a chum na duthcha,
a chum an àite so.
Tha Dia air an là ’
n diu a’
dearbhadh do gach aon agaibh,
gu bheil ar n-
anama prìseil, ’
nuair a tha e toirt dhuibh neart agus comas Soisgeul na fìrinn eisdeachd. ’
Se Dia a rinn agus a tha a’
deanamh gach ni a dh’
ainmich mi;
agus rinn an Dia uile-
ghlic gach ni dhiu so air son anama dhaoine.
Feoraicheam anis do gach creutair reusanta,
tuigseach,
do gach Criosdaidh,
do gach neach a tha ga’
m eisdeachd,
nach ’
eil anam neo-
bhasmhor an duine na ni luachmhor.
Anis a mhuintir ionmhuinn.
IV. Ma tha sibh a’ creidsin gu bheil na nithe sin fior; Gur è sonas ar n-anama an t-aon ni feumail; Gu bheil gràdh aig Dia air
[42] anama dhaoine;
Gu bheil Criosd toileach agus comasach fior-
shonas a thoirt dhoibhsan a chreideas ’
na ainm.
Air ghaol Dia,
air ghaol Chriosd,
air ghaol ar n-
anama neo-
bhasmhor,
bithibh curamach,
freasdalach agus dichiollach mu shonas siorruidh ar n-
anama.
Dh’
fheuch mi dhuibh gu soilleir,
gu ’
n do dhruid am peacadh fior-
shonas as an t-
saoghal so,
gu bheil gach sòlas a ta ann neo-
mhaireannach;
nach biodh tairbh ann ged’
a gheibheadh aon duine an saoghal uile,
na ’
n cailleadh è anam;
Gur è ’
n t-
anam an duine,
gur è maitheanas peacaidh trìd eadar-
ghuidhe ar Slanuighear agus càirdeas Dè amhain sonas ar n-
anama. —
Thigibh a’
dh’
ionnsuidh caithir na’
n gràs;
Guidhibh air Dia a’
spiorad a dhortadh amach oirbh;
ar Sùilean fhosgladh;
ar cridhe ath-
nuathachadh,
ar creidimh a mheudachadh,
ar gràdh a lasadh suas,
agus ar neartachadh an aghaidh ar naimhde Spioradail.
Bithibh frighealtach air meadhonna na ’
n Gràs,
air là na Sàbaid;
rannsaichibh agus eisdibh focal De le curam agus le taingealachd.
Bithibh dìleas,
treibhdhireach anns gach dleasdanas;
subhailceach,
diaghaidh ’
nar caithe-
beatha;
eallamh chum math a dheanamh,
agus càirdeil do gach
[43] neach,
gu h-
àraid do chairdean Dhe.
Siubhlaibh do rèir creidimh,
agus ni h-
ann do rèir seallaidh.
Na biodh ro-
churam oirbh mu nithe talmhaidh:
ach anns gach ni le h-
urnuigh agus athchuinge maille re breith-
buidheachais biodh ar n-
iartais air an deanamh aithnichte do Dhia.
Bithibh làidir ’
san Tighearna,
agus ann an neart a chumhachdsan.
Cuiribh umaibh uil’
armachd Dhe,
chum ’
s gu ’
m bi sibh comasach air seasamh an aghaidh cuilbheartan an Diabhoil.
A’ bheil sibh eagalach nach eisd Criosd ruibh; nach d’ thainig è a dh’ iarruidh agus a shabhaladh creatoirean co pheacach agus co chiontach ruibhse. Ged’ a tha ar peacaidh dearg mar scàrlaid, do-àireamh mar rionnagan nan spèur, ma tha sibh toileach an trèigsin; ma tha sibh a’ creidsin ann an cumhachd agus ann an toil an t-Slanuighear; gheibh sibh maitheanas, gheibh sibh sonas, fior-shonas, sonas siorruidh d’ar n-anama neo-bhàsmhor. Eisdibh le iongantas teas-ghràdh re gairm ghràsmhoir ar Slànuighear. Thigibh a m’ ionnsuidhse, sibhse uile a ta re saothair, agus fuidh throm uallach a pheacaidh, agus bheir
[44] mise fois agus suaimhneas dhuibh.
Thigibh a m’
ionnsuidhse,
oir gach neach a thig a m’
ionnsuidh,
cha tilg mi air chor sam bith amach e.
Ho!
gach neach air am bheil tart,
thigibhse chum nan uisgeachan!
agus an ti aig nach ’
eil airgiod,
thigeadh è agus ceannuchadh è,
gun airgiod agus gun luach.
C’
arson a ta sibh a’
caitheamh bhur n-
airgid airson an ni sin nach aran?
Agus bhur saothair air son an ni sin nach sàsuich sibh?
Eisdibh gu durachdach riumsa,
agus ithibh an ni sin a ta maith,
agus sasuicheadh bhur n-
anam è-
fein ann an maitheas.
Aomaibh bhur cluas,
agus thigibh a m’
ionnsuidhse;
eisdibh,
agus bithidh bhur n-
anam beo,
agus ni mise co-
cheangal siorruidh ruibh,
eadhon trocair chinnteach Dhaibhidh. ’
S iad so cuirreanna gràsmhor ar Slanuighear, ’
s dall, ’
s aimideach, ’
s cruaidh-
chridheach a mhuintir sin,
a tha diultadh eisdeachd riu.
A mhuintir ionmhuinn, a chum ’s gu ’m faic sibh air mhogh riochdail, eifeachdach leas bhur n-anama, agus gur e sonas siorruidh an t-aon ni feumail; guidhibh air Dia, an gliocas a ta o neamh, a thoirt dhuibh, a ta air tùs
[45] glan,
an deigh sin sìothchail,
ciuin agus so-
chomhairlich làn do throcair agus do dheadh thoraibh,
gun leth-
bhreth agus gun cheilg.
Agus a thuilleadh air so,
cuiribh r’
ar creidimh cruadal,
agus re cruadal eòlas;
agus re eòlas stuaim;
agus re stuaim foighidin;
agus re foighidin,
diadhachd;
agus re diadhachd,
gràdh brathaireil;
agus re gràdh brathaireil,
seirc.
Ge b’
e nithe ta fior,
ge b’
e nithe ta urramach,
ge b’
e nithe ta ceart,
ge b’
e nithe ta fior-
ghlan,
ge b’
e nithe ta ion-
ghràidh,
ge b’
e nithe ta ion-
mholta,
ma-
tha deadh-
bheus air bith ann,
ma ta moladh air bith ann,
smuaintichibh air na nithibh sin;
oir ma bhitheas na nithe so annaibh,
agus pailte,
bheir iad oirbh gun bhi leasg,
no mi-
thorrach ann an eolas bhur Tighearna Iosa Criosd.