SEARMOIN XVI.
TAISB. iii. 21.
Dhà-san a bhuadhaicheas, bheir mi comas suidhe maille rium, air mo Righ-chaithir, eadhon fòs mar a bhuadhaich mi fein, agus a tha mi am shuidh’, maille rem’ Athair, air a Righ-chathair.
’NUAIR a chaidh Criosd ’suas do Neamh, agus a shuidh e aig deas-làimh an Athar, cha d’fhàs e neo-chuimhneachail air leas a phobuill. Ach an lorg seilbh a ghabhail air glòir, a reir a gheallaidh chuir e anuas an Spiorad, chum comhnuidh a ghabhail annta; agus tha e fein beo gu siorruidh gu eidar-
Tha iomadh ainm aig Criosd am focal De, a chur an ceill a dhàimh r’a dheisciobuil, agus a ghiùlan da’n taobh; ann am briathraibh stèidh ar teagaisg, tha e gu h-àraidh air ainmeach an Ceannard. O na bha ’n naimhde lionmhor, o na bha iomadh triobloid aca r’a ghiulan, agus iomadh cath re chur, tha esan o Neamh, agus le beul Eoin, a’ labhairt riu gu riachdail, chum misneach agus sòlas a thoirt da’n anamaibh. An ni so a gheall Criosd da dheisciobuil o shean, tha e a’ gealtuin do gach h-aon againne, air an là ’n diu, agus ’s fhiach a bhriathra gu math ar n’ aire. Agus chum am mìneachadh dhuibh, fiosraichimid an
I. Ciod e buadhachadh, mar Chriosduighean.
Tha buadhachadh a’ cur an ceill, gu bheil sinn a’ faotain buaidh air naimhde àraidh, a tha cogadh ’nar n’ aghaidh, agus a’ bagairt cron a dheanamh dhuinn. Tha focal De a’ teagasg, co iad ar naimhde, agus ciod an rùn. ’S iad ar naimhde, an Diabhol an saoghal, agus an fheoil; agus ’se ’n rùn, ar n’inntin a dhalladh, ar n’anama a thruailleadh, agus ar sonas a sgrios. Chum buaidh, ma seadh, fhaotain orra, ’s eigin dhuinn an
1. Seasamh gu duineil nan aghaidh.
’Se gliocas a Chriosduigh air, uairibh, e-fein a chumail fadda o ionnsuidh a naimhde, agus teicheadh o shlighe a bhuaireidh. Ach ’nuair nach fhuigh e, gun pheacadh, slighe a bhuaireidh a sheachnadh, ’s eigin dha seasamh gu duineil, agus cath na creidimh a chogadh gu treun. Tha ’n t-Abhairseir, mar Leomhan beucach, do ghnàth ag iarruidh cothrum, gu ionnsuidh a thoirt oirn; agus a’ dusgadh droch smuaintidh ’nar n’ inntin. Tha ’n Saoghal a’ nochdadh nithe, a tha taitneach d’ar n’ ain-miannaidh, agus gu tric a’ dusgadh ar n’ an-tograidh peacach. Agus tha
’Nuair a tha ar naimhde mar so, no air doigh sam bith eile a’ toirt ionnsuidh oirn, chum seasamh le buaidh nan aghaidh ’s eigin dhuinn gliocas, misneach, agus cumhachda eile ar n’ anama a dhusgadh, agus a chur air ghleus. Cuiribh, arsa Seumas, an aghaidh an Diabhoil, agus teichidh se uaibh; agus tha Peadar ag àithne dhuinn, cur na aghaidh, Seasmhach ’nar creidimh. Tha Pol ag radh, na bithibh air bhur cumadh ris an t-saoghal. Agus aris, ceusaibh an fheoil, maille r’a h-ain-miannaibh agus a h-an-tograibh. ’Nuair a tha sibh air bhur buaireadh gu peacadh sam bith, cuimhnichibh gu bheil Dia a làthair, gu bheil Criosd air bhur taobh, mar thearmunn treun, agus gheibh sibh saorsa o’n bhuaireadh. Mar so theich Satan o ar Slànuighear air ball, co luath sa ghlac se cloidheamh an Spioraid, focal De. Ach chum buaidh fhaotain, ’s eigin dhuinn ’san
2. Meadhonna ceart a ghnàthachadh.
O fhior-eolas air ar staid, ar n’ anmhuinneachd, ar naimhde agus ar cunnart, tha Criosd ag radh ris gach h-aon againn, deanaibh faire agus ùrnuigh, chum’s nach tuit sibh am buaireadh. Tha faire agus urnuigh feumail, araon ga’r gleidheadh o bhuaireadh; agus g’ar cumail o thuiteam, ’nuair a thig am buaireadh n’ar caraibh. An dream a tha re faire gun urnuigh, tha iad fein-earbsach, agus a’ deanamh tàir air coghnadh Chriosd; agus an dream a tha re urnuigh gu’n fhaire, tha iad easumhal do Chriosd, cealgach, leasg agus neo-churamach. ’S eigin do dheagh Shaighdearan an lamha agus an cossan a ghnàthachadh ann an là cath. Amhuil so, tha gnàth-fhaire agus ùrnuigh feumail le cheile dhuinn, an duthaich ar naimhde, agus an tìr a bhuaireidh. ’S ann leo le cheile a fhuair na Naoimh o shean buaidh; agus ’nuair a leig iad a h-aon do na dleasdanais so air dearmad, thuit iad air ball gu nàrach ann an eabar a pheacaidh.
Ach maille re so, chum buaigh fhaghail, ’s eigin dhuinn uile armachd Dhe, a ghabhail gu taingeil, a chuir umainn gu seolta, agus a ghnàthachadh mar fhior-laoich. Tha sgeul againn air an armachd so, agus àithne feum glic a dheanamh dhìth Ephes. vi. 13—19. S’ aithne do Chriosd gu math, neart agus innleachd naimhde a phobuil, agus gach doigh air an d’thoir iad ionnsuidh orra; agus mar an Ceannard glic, treun, tha e ’g ullachadh air an-son, agus a’ builleachadh orra, an armachd sin, le feum iomchuidh, a choisneas buaidh. ’S mòr luach agus feum fireantachd, creidimh, agus focail De ’nar cath Spioradail. Tha fireantachd g’ar sgeudachadh, agus g’ar dìon o agairt an lagha, agus o dhiteadh ar coguisean; tha creidimh a’ tarruing o Chriosd gràs agus coghnadh, chum ar n’anama a bheathachadh; agus tha focal De, mar chloidheamh geur, a’ cur teicheadh air ar naimhde; agus a’ sdiùradh ar n’ aigneidh agus ar smuaintidh asuas chum Neamh, o’m bheil ar misneach a’ teachd. Gach neach, gach pobull, aig nach ’eil an armachd so, tha iad nan claodhairean dibli, agus nan tràillean aimideach do’n Abhairseir. Saighdear gun
3. A bhi seasmhach ’nar cath Spioradail.
Mar a tha ’n sean-fhocal ag radh, cha Ghlòir a dhearbhas ach gniomh. ’S aimideach an Saighdear, a thilgeas dheth armachd, agus a leigeas anail, an teas-meadhoin a chath. ’S iad an dream, arsa Criosd fein, a bhuanaicheas gus a chrìch, a bheir buaidh, agus a theid a thearnadh. Bithibh, arsa Pol, seasmhach neo-chorrach, a’ sìr-mheudachadh an obair an Tighearna; air dhuibh fios a bhi agaibh, nach bith bhur saothair diomhain anns an Tighearna.
Cha’n ann le aon aoirrip, no le aon tulgadh treun, ach le gnàth-shaothair, a bheir an Criosduigh buaidh air a naimhde, agus a theid e a steach do Neamh. Bithibh fìrinneach, arsa Eoin, gu bàs, agus gheibh sibh crùn na beatha. ’S eigin do chreidmheach a bhi seasmhach ann an gnàthachadh meadhonna
II. Gu’n suidh iad maille ris, air a Righ-chaithir.
’S glòirmhor an duais, a tha ’n so air a’ gealtuin air son aon seirbhis, is urrain a phobul, le choghnadh fein, a thoirt do Chriosd. Tha suidhe, maille ris air a Righ-chaithir, a’ cur an ceill, ni ’mhàin gun d’theid a chairdean àrdachadh gu mòr-onoir; ach, mar an ceudna, gu’m meal iad fior-shòlas, agus làn-shonas. Thuilleadh air so, tha suidhe a’ ciallachadh, nach bith an staid muighteach, mealltach, ach gum bi an onoir, an sìth, an sonas do ghnàth a’ meudachadh, agus gu’m mair iad eadhon gu siorruigh.
O na chaidh an duine a dhealbh, chum cairdeas De agus glòir a mhealtuin, tha mòr
Tha cairdean Righridh agus dhaoine mòra, a tha rè ùine, a’ feitheamh orra, agus a’ suidhe maille riu, air am meas mòr agus sona; agus tha iad gu minic an lorg so, làn do uabhar agus do mhòr-chùis. Cia do-thuigsin sonas cairdean Chriosd a mheallas a ghnùis, agus a bhitheas maille ris gu siorruigh, agus ni h-ann car tamuil, ann an lathaireachd Athar Neamhaidh. An ni a thuirt Bàn-righ Sheba mu Sheirbhisich Sholamh 2 Chron. ix. 7.; seudaidh sinne, agus moran tuilleadh a radh mu phobull Chriosd, “Sona do dhaoine, agus sona ata do sheirbhisich, a tha ghnàth a’ seasamh a’d’ làthair, agus ag eisdeach re’d’ ghliocas.” (Cha suidh) creidmhich, gun amharus, maille re Criosd, mar fhianaisean,
III. Ciod an dearbhadh a th’againn, gu’n suidh laoich chairdeil Chriosd maille ris, air a Righ-chaithir. Agus mu bheir sinn fainear, na tha fillte, am briathraibh Eoin, chi sinn gu bheil againn gach dearbhadh a’s urrain sinn iarruidh ’sa chùis. Air
1. Tha Criosd ag ainmeach, O Neamh na thachair dha fein, mar dhearbhadh gu’m fuigh a phobul onoir agus sìth fa dheoigh. Ged’ a tha ar naimhde lionmhor, cumhachdach agus cealgach; gidheadh thug esan buaidh orra. Mar a tha Pol ag radh, chuir e as an armachd uachdaranachda agus cumhachda, rinn e ball sampuil diu gu follaisach, a’ toirt buaidh chaithrim orra. Le bhàs
2. Tha Criosd a’ gealtuin, gu’n suidh creidmhich maille ris.
Chum misneach agus sòlas a thoirt da’n anamaibh, tha Criosd a’ gealtuin, do bhrì gu bheil mise beo, bithidh sibh-se beo mar an ceudna. A-ris, ann an tigh m’ Athar-sa, ’tha iomadh àite-comhnuidh, mar biodh e mar sin dh’innsin-se dhuibh; ’tha mi dol dh’ulluchadh àite dhuibh; agus ma theid mi, agus gu’n ulluch mi àite dhuibh, thig mi ris, agus gabhaidh mi sibh am’ ionnsuidh fein, chum far am bheil mise, gu’m bi sibhse mar an
3. Tha cuir ’nuas an Spioraid, a’ dearbhadh so.
Tha Criosd mar so a’ labhairt ann an Soisgeul Eoin, ’s feumail dhuibh, gu’n d’theid mi air falbh chum m’ Athar; oir mar falbh mi, cha d’thig an coimhfhurtair d’ar n’ ionnsuidh; ach ma dh’fhalbhas mise cuiridh mi e d’ar n’ ionnsuidh; Choimhlion Criosd an gealla so, aig feisd na Cuingis, deich is da fhichid la, ’n deigh dha dol suas, chum
A-ris, tha Soirbheas an t-soisgeil anns gach àll, agus an dochas beothail anns an d’fhuair iomadh mile Criosduigh bàs, gu riachdail a’ cur an ceill, gu’m fuigh cairdean Chriosd a chuid eile d’an duais fa dheoigh, a reir a gheallaidh. O nas esan an Ceann, agus a phobul a bhuill, ghabh se seilbh air glòir dhoibh-san, co mhath’s dha fein. O na nithe so gu leir, tha e soilleir, gun suidh maille re Criosd ann an glòir, gach neach a tha gu treun a’ cogadh fuidh bhrataich deadh chomhrag a chreidimh, gach neach a tha toirt gràdh ionraic, agus umhlachd sheasmhach
FOGHNADH.
Mar so nochd mi dhuibh, ciod a th’aig pobul Chriosd ra dheanamh air talamh, agus ciod an duais, a tha esan a’ gealtain, a bhuilleachadh orra. C’ àit am fuigh sibh maighistir co mhath, co treun, co chairdeil? Co nach cogadh gu duineil fuidh sdiùradh, o na tha e a’ toirt làn-dearbhadh dhoibh, gu’m fuigh iad mar dhuais am buaidh, crùn na beatha; agus maille re so, oighreachd neo-thruaillidh,
Ach tha seirbhisich Shàtain, ni ’mhàin nan Amadain, ach mar an ceudna nan claodhairean diblidh. Tha iad a’ leigeadh le’n nàmhaid an riaghladh, agus an sdiùradh do reir a thoil, agus an iomain, o pheacadh gu peacadh. Tha ’n staid tràillidh, agus gun duais air an àm, agus gheibh iad fa dheoigh truaighe shiorruigh. Tha ’n nàmhaid so, air an àm, a’ deanamh miodal re peacairean, chum am mealladh; agus le so tha e ga’n ulluchadh gu bhi na’m buill-fanoid, agus nan aobhar gràin do Dheamhain, agus do dhaoine aingidh gu siorruigh. Na creidibh am breugaire, nach do choimhlion gealla riamh. Na sgriosaibh
As toil le daoine glice do ghnath, deagh mhaighistir, agus duais air son an saothair. Se Criosd, am maighistir math, a bheir duais do gach neach, agus gu h-àraidh da shaighdeara treun, a reir an giulain, agus a reir am buaigh. ’Nuair is e miann an Abhairseir, bhur tilgeadh sios gu iochdar Ifrinn, ’se a rùn-sa bhur n’ àrdachadh chum làithaireachd agus glòir Dhe.
Fhad ’sa tha là nan gràs agaibh, coguibh, mar chairdean dilis Iosa, deagh chomhrag a chreidimh, agus gabhaibh greim do’n bheatha mhairreanaich. Na caillibh bhur misneach air àm no ann an staid, sam bith; oir ged a tha bhur naimhde lionmhor, ’s neartmhoire esan ata leibh, no iadsan uile ata ’nar n’ aghaidh. G’ar taiceadh fein, le làn earbsa, re Ceannard bhur slàinte, gluaisibh trìd fàsach an t-saoghail so; bithibh dilis, bithibh treun, agus suidhidh sibh fa dheoigh, maille re Criosd, air a Righ-chaithir. ’S iomadh Laoch trèun a dh’fhuiling buaireadh agus
title | Searmoin XVI |
internal date | 1804.0 |
display date | 1804 |
publication date | 1804 |
level | |
parent text | Searmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid |