[345]

SEARMOIN XVII.

EPHES. v. 6.

Na mealladh neach air bith sibh le briathraibh diomhaineach, &c.

ON treas rann don chaibideil so, than t-Abstol acur an ceill ciod iad na peacaidhean sin, air son am bheil fearg Dhe ateachd air cloinn na h-easumhlachd. Ach chum nach saoil daoine, gu bheil fearg Dhe amhàin adusgadh ann an aghaidh nam peacaidhean sin, tha e air innseadh ann an iomadh earran da fhocal, gu bheil teine Ifrinn air ulluchadh air son an t-seirbhisich leisg mhi-tharbhach, co mhath as aingidh, air son an ti a tha


[346] caitheadh abheatha gu faoin, co mhathsan Ti a tha deanamh so an ruidhteireachd agus am meisg, no ann an seomradaireachd agus am macnus; air son an ti ata diadhaigh, co mhath is esan ata na namhaid dith. Than t-Abstol, ma seadh, nimhàinnar steidh-teagaisg, atoirmeasg oibre an dorchadais, ach mar an ceudnasan 9. rann acur an cuimhne dhuinn toradh an Spioraid, is còir a bhi againn, eadhon maitheas, agus ionracas agus fìrinn. Agus tha e deanamh so a theagasg dhuinn, gu bheil e feumail gar dìon on fheirg ata re teachd, nimhàin gun sguir sinn don olc, ach gun dean sinn am math; nimhàin nach gluais sinn mar chloinn an dorchadais, ach gun gluais sinn mar chloinn an t-soluis. Tha Spiorad De an iomadh earran da fhocal ateagasg an ni ceudna. Mar so tha sinn afoghlum gur eigin dhuinn nimhàin gun ar talanna a chaitheadh air ar nain-mianna, mar chlann struithail, ach gur eigin mar sheirbhisich dhileis feum cubhaidh a dheanamh dhiu; gur eigin nimhàin gun an saoghal a ghràdhachadh, ach gur eigin do ghràdh an Athar comhnuidh a ghabhail annain; gur eigin nimhàin gach uile mhi-
[347] dhiadhachd agus ain-mianna saoghalta aicheadh ach gur eigin ar beatha a chaitheadh gu measarra, gu cothromach agus gu diadhaidh. Gach ni ata teachd an deigh làimh air so, tha e buailteach do fheirg Dhe. Tha gun amharus mugha tomhais don fheirg so, ach than tomhas as lugha araon siorruidh agus do-ghiulan. Ann an labhairt nis fhaide o na briathra so, ’se mo rùn le coghnadh Dhe, a nochdadh air

I. Gu bheil am peacadh na cheilg ro-mhòr.

II. Gu bheil daoine toileach a bhi air am mealladh leis. ’San

III. Gu bheil mòran bissidh, durachdach, gar mealladh chum a pheacaidh.

1. Tha mi gu nochdadh gu bheil am peacadh na cheilg ro-mhòr.

Mar dearbhadh air an fhìrinn so feudaidh sinn a thoirt fainear air


[348]

1. Gu bheil daoine air am brosnachadh chum a pheacaidh, ni h-ann len reusan, ach len ain-mianna.

Mar so than t-Abstol Seumas alabhairt, tha gach duine air a bhuaireadh, ’nuair a thairngear, agus a bhreugar e le ain-mhiann fein. Than fhìrinn so soilleir do-aicheadh. Tha mòran re saothair chum an leith-sgeul a ghabhail, ’nuair a tha iad acur peacadh sam bith an gniomh, ach cha nurrainn neach sam bith a radh, gun drinn e so le comhairle a reusain. Aidichidh, eadhon, peacairean an fhìrinn so. Nacheil iad, car ùine, agabhail mòr-shaothair, chum an coguisean a mhùchadh agus a chuir nan tosd? Nacheil iad agabhail pàirt maille ren an-tograidh an aghaidh an tuigse; no mar urrain nis fhearr a dheanamh, nacheil iad, maille re Felics, acur dàil ann an aithreachas? Nacheil iad aseachnadh iad fein a cheasnachadh le cùram, agus sealladh cùil a ghabhail dan giulan? Anns na nithe so uile, tha iad air an sdiùradh len ain-mianna; gidheadh ann an triobloid agus aig uair a bhàis, tha iad adìteadh a pheacaidh mar ni nàrach mi-reusanta.


[349]

Agus cionnas is urrain a chùis a bhi air doigh eile? An urrain neach sam bith na thuigse a radh, gu bheil am peacadh nas taitniche no naomhachd, breugan no fìrinn, eacoir no ceartas, misg no measarrachd? Co is urrain a radh, gum bitheadh e nis chum glòir Dhe, agus leas an t-saoghail, gum bitheadh an cinne-daonnanan luchd ea-coir, murta, bhreugan, misg agus neo-ghloinne, no gum bitheadh iad cothromach, seirceil, measarra agus geanmnuidh. Feudaidh daoine na peacaidhean sin a chur an gniomh, achs gann aireamh an dream, aig am bheil do dhànadas am molladh, agus a radh gur fhearr iad no na subhailcean, a tha Diag earrail orra?

Air an làimh eile, co riamh a ghabh aithreachas, do bhrigh gun robh e subhailceach, diadhaidh? no co riamh a ghabh nàire da ghniomhara math, ’nuair a thainig iad gu h-obann chum an t-soluis? Do reir so tha ar Slànuighear fein ag radh, Eoin iii. 19, 20, 21. Tha so gu soilleir adearbhadh gu bheil am peacadh na ni cealgach. Ach chum so a


[350] dheanamh nis soilleireadh, feudaidh sinn a thoirt fainearsan

2. Ge be ciod a tham peacadh agealtuin, nacheil math seasmhach re fhaghail uaithe.

Mar dhearbhadh air so tha e soilleir, nacheil am peacadh agealtuin ni sam bith siorruidh, no ann an saoghal eile. Cha do shaoil duine riamh gum burrain e Dia a thoilleachadh, le bhi talmhaidh, collaidh, diabhlaidh. Cha nurrain duine sam bith neo-bhàsmhorachd a ghealtain dha fein le ain-mianna a shàsachadh; ’se an dochas is àirde is urrain a bhi aige nach bi saoghal eile ann. Tham peacadh amhàin agealtuin nithe maith na beatha so, agus cia folamh, cia teagmhach, cia truailllidh iad! Mar a tha Solamh ag radh, àta na h-uile nithe làn do shaothair, cha nurrain an duine a chur an ceill; chaneil an t-sùil toillichte le faicin, no a chluas le clunntin.

Agus ma tha ni sam bith an so, tha còir an duine mhath, air a chuid as lugha ceart co


[351] mhath re còir a pheacair, air nithe maith na beatha so. Agus a thuilleadh air sin, ’s urrain e an sealbhachadh gun agairt a choguis, agus sealla cùil a ghabhail da shòlas gun eagal. Tha so cuideachd ameudachadh a shòlais, gur urrain e beachdachadh air nithe maith na beatha so, mar thiodhlacaidh Dhe, mar theisteas air a chairdeas, agus mar roimh-bhlassadh air sonas Neamh. Tha feum glic dar tiodhlacaidh talmhaidh aginnmhuin sìth an taobh a stigh dhinn acosnadh meas dhuinn; ’nuair a tha struithealachd adusgadh ar coguisean, acaitheadh ar maoin agus asgrios ar cliu.

A-ris tham peacadh adeanamh ar staid làn do mhi riaghailt, agus ar beatha làn do thrioblaid. ’S ainmic a tha daoine math abàsachadh nan ionracas. Cha nann o naomhachad ach on pheacadh, a tha nithe cràiteach na beatha so asruthadh? Ciod a tha caitheadh ar maoin, abrisseadh ar sìth, asgrios ar deagh ainm agus ar slàinte, agus adusgadh mi-riaghailtsan t-saoghal? ’m peacadh gu soilleir a tha adeanamh so. Tham peacadh ma seadh gu cinnteach na ni


[352] cealgach, o na tha e atoirt uainn dochas re Neamh, agus an àite sòlas o, thoirt air talamh, adeanamh ar beatha searbh, trioblaideach, brònach. Anns an

3. Tham peacadh atarruing anuas corruich Dhe oirn.

Tha so gu minic agus gu soilleir air a theagasg am focal De. ’S eigin dhuinn uile, arsPol, bhi air ar nochdadh ann an làthair caithir-bhreitheanais Chriosd; chums gum fuigh gach neach na nithe a rinn e sa choluinn, do reir an ni do rinn e, mas math no olc e. Ann an sin mar a tha Criosd fein ag radh imichidh na daoine aingidh chum peanais shiorruidh. Agus tha Pol ag innseadh, gu bheil fearg Dhe air a foillseachadh o Neamh an aghaidh gach uile-mhi-dhiadhachd agus ea-còir dhaoine. Agus a-ris tha eg radh, dhoibhsan ata conspoideach, agus nacheil umhal don fhirinn, ach ata umhal don ea-coir, bheir Dia diom agus fearg; trioblaid agus amhghar air gach anam duine ata deanamh uilc.


[353]

Agus na saoilibh gu bheil e na ni mi-ghnàthaichte gun dthugadh Dia na naomhachd fuath don pheacadh? gun dthugadh an ti sin is e gràdh fuath do choimhstri: gun dthugadh Spiorad glan fuath do ain-mianna brùideil; gun dthugadh an ti ata iomlan am maitheas fuath do fhein-speis agus sannt. Is ni deirbhte e, gu bheil am peacadh na chuspair air corruich Dhe, agus gun glac peanas gu grad an t-aingidh. Gach neach a bheir so fainears eigin dhoibh aideachadh, gu bheil am peacadh na ni cealgach, oir ciod is urrain e a ghealtuin an coimeas re sonas Neamh a chailleas sinn leis, re corruich Dhe, re truaighe shiorruidh is eigin dhuinn fhulang air a shon. Tha so acur an cuimhne dhomh a nochdadhsan

II. Gu bheil daoine toileach a bhi air am mealladh leis a pheacadh.

Than fhirinn so soilleir agus do-aicheadh. Mar dhearbhadh air so, chi sinn daoine gu h-an-dana asaoilsin gum fuigh iad maitheanas, ged a tha iad adol air an aghaidh ann an slighe apheacaidh, an aghaidh àitheanta agus


[354] bagraidh Dhe? Cia uaithe a tha e sruthadh gu bheil iad adeanamh an ni a tha iad aditeadh? Gu bheil iad atuiteam a-riss na peacaidhean, dan do ghabh iad aithreachas, agus a chuir iad rompa a bhi faicilleachnan aghaidh? Gu bheil iad aleigeil leo fein a bhi air am mealladh a-ris leis na h-innleachda, agus tuitim leis a bhuaireadh cheudna? Gu bheil iad eadhon a ruidh chum peacaidh agus truaighe, mar a ruidheas an teach chum a chatha, ged a tha iad afaicin lochda agus bàs nan slighe? Ciod is reusan do na nithe sin uile, ach eadhon so? Ged a tha ar reusan agus ar diadhachd ateagasg dhuinn aon ni, tha ar togra gar naomadh agus gar brosnachadh chum ni eile, agus tha sinn air ar mealladh do bhrì gur miann leinn so. Mar bitheadh a chùis mar so, ciod an reusan math is urrain sinn a thoirt, gu bheil am peacadh co lionmhor, ’nuair a tha sinn atoirt fainear nan nithe a tha gar brosnachadh chum naomhachd, agus chum a pheacaidh. Tha air an aon làimh cairdeas De, air an làimh eile cairdeas dhaoine aingidh; air an aon làimh math siorruidh, air an làimh eile, sòlas dìbli, bàsmhor; air an aon làimh làn-dearbhadh
[355] an Spioraid, agus achumhachd, air an làimh eile briathra faoin; air an aon làimh Maois agus na fàidhean, Criosd agus Abstoil, air an làimh eile luchd-fanoid, atag imeachd reir an ain-mhiann fein. Anis o na than t-olc nas coitchionn na naomhachd, tha togradh dhaoine chum an uilc gu cinnteach mòr. Bha treud Chriosd beag, agus bu tearc iad a bhag amas air slighe na beatha, eadhonnuair a bha e fein asearmonachadh, agus ag oibreachadh miorbhuile chum fhìrinn a dhearbhadh. Tha so gam thoirt air maghaidhsan

III. Gu bheil mòran ullamh, agus atoirt aoirrip am bràithre a mhealladh.

O thoiseach an t-saoghail gu ruig an n diu, bha aig an Abhairseir do ghnàth pailteas do sheirbhisich dhilis. ’S lionmhor aireamh an dream fin anns gach àll a chaith mòran dan ùine agus dan cumhachd, dan gliocas agus dan stòras, ann an deanamh dhaoine eile ceart co olc riu fein. Tha Pol ag radh mu na laithibh deireannach, agus fàsaidh droch dhaoine agus mealtoirean nis miosa,


[356] agus nis miosa, amealladh, agus air am mealladh. Tha iomadh ni abuaireadh dhaoine aingidh chum iad fein mar so a ghiulan; than t-Abhairseir, a thag oibreachadh annta gu treun; tha rùn an coguisean a chuir nan tosd, agus an làmh a dheanamh làidir le pailteas do chuideachd. Agus than rùn so gam brosnachadh chum iomadh meadhon a ghnàthachadh a bhuaireadh am braithre. Tha iad abuaireadh cuid len comhairle, cuid len eisiomplair, cuid lem fanoid. Anns gach àite tha pailteas a tha ullamh chum am bràithre a mhealladh than dùrachd agus an eud mòr, ged a than obair dibli, an duais beag, am maighistir fallsail agus cruaidh. ’Nuair a tha peacairean mar so gar buaireadh, do reir comhairle Sholamh na aontaichibh leo. Cuimhnichibh gur naimhdeas an aghaidh Dhe cairdeas an t-saoghail so. Cuimhnichibh gu bheil Criosd fein ag radh, ge be neach a ghabhas nàire dhiomsa, agus dom bhriathraibh anns a ghinealach adhaltranach agus olcsa, dhethse gabhaidh mac an duine nàire, ’nuair a thig se ann an glòir Athar, maille ris na h-Ainglibh naomha.


[357]

Anis ma tham peacadh cealgach, ma tha sibh do thaobh natuir toilleach a bhi air bhur mealladh leis, agus ma tha moran atoirt aoirrip bhur mealladh, tha e feumail dhuibh gu soilleir a bhi gu h-àraidh faicilleach. ’S luachmhor na h-anama a tha air an taiceadh ruibh, agus o na tham peacadh gan leònadh gu goirt, agus abagairt an sgrios, ’s còir dhuibh a sheachnadh mar an nàmhaid is mugha. O na tha bhur cridhachan fein gu h-àraidh cealgach agus aingidh, bithibh faicilleachnan aghaidh, cumaibh bhur tograidh fuidh smachd, na geillibh dhoibh na bithibh air bhur sdiuradh leo. O na tha daoine aingidh gach gar buaireadh, na eisdibh riu, na imichibh nan slighe, na duisgeadh an naimhdeas bhur neagal, na leigibh lem fanoid bhur tarruing chum an uilc. An àite geill a thoirt dar cridhachan fein, na do dhaoine aingidh, thugaibh geill dar Slànuighear beannaichte, iarraibh a chairdeas, agus gluaisibh na fhocair. Ma dhlùth-leanas sibh risan, gheibh sibh solus agus neart gheibh dionadh o gach nàmhaid, cobhair an àm gach teinn, agus buaidh air gach buaireadh. Cuimhnichibh gu bheil bàs agus breitheanas


[358] romhaibh, deanaibh faire an aghaidh bhur naimhde, seasaibh gu daingean sa chreidimh, bithibh duineil, bithibh laidir. Agus gun deonaiche Dia gun cuir sibh le soirbheas cath na creidimh, agus gun gabh sibh greim don bheatha mhairreanaich. Amen.

titleSearmoin XVII
internal date1804.0
display date1804
publication date1804
level
parent textSearmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid
<< please select a word
<< please select a page