[359] SEARMOIN XVIII.
II. THESS. ii. 3.
Na mealladh neach sam bith sibh air aon chor.
MAR dhaoine agus mar Chriosduighean, ’s cubhuidh dhuinn gu minic smuainteachadh air ar staid, ar peacaidhean aidmheil, agus maitheanas iarruidh trid an t-slànuighear-fhear. Le òrdugh Seanadh na cearnadh so do’n rioghachd, tha sinn an diu a’ cruinneachadh an ceann a cheile, chum ar cionta a chaoidh, agus earrail oirbh o bhreitheanais De, teicheadh o’n fheirg ata re teachd. ’S ni soilleir e do gach neach gu bheil gach seorsa do pheacaidh lionmhor ’nar measg, ’s ni cinnteach e mar an ceudna, gu bheil iad gràineil am beachd Dhe, agus gu bheil e bagairt
[360] peanas a dheanamh oirn.
Leis gach cogagh,
a tha ’
g eiridh ’
suas nar n’
aghaidh,
agus leis gach calldach a thainig air beartas,
saibhreas,
agus mar-
sainteachd ar duthcha’,
tha Dia na fhreasdal ag innseadh le guth àrd,
gu bheil e gu’
n amharus ann an corruich ruinn.
Tha Dia gu h-
àraidh a’
cur so an ceill,
le ni a rinn Parlamaid Bhreatan air a bhliadhna so fein,
eadhon an dorus a dhruid ar sinnsir le cùram,
fhosgladh aris ann an Sassan do na Papanaich,
naimhde guineach agus nimhneach ar leas talmhaidh agus Spioradail.
Ciod a bhrosnaich a Pharlamaid chum so a dheanamh,
tha e gun amharus duilich innseadh ach ’
sni cinteach nach robh iad air an sdiuradh le gràdh do anamaibh dhaoine.
Gun chomas o Dhia,
cha n’
urrain daoine ni sam bith a dheanamh,
agus tha e coslach gu’
n d’
thug e comas,
an dorus fhosgladh do na Papanaich,
mar pheanas air an rioghachd sin air son am peacaidhean.
Agus o na tha sinne ciontach maille riu,
mar pheanas oirn air son ar mi’ -
thaincealachd do Dhia,
tha a Pharlamaid a’
bagairt an dorus ceudna fhosgladh,
air a gheamhradh so,
ann an Albain.
Ged nach
[361] do thachair so fhathasd,
agus ged a tha dochas againn ann an Dia,
nach tachair e,
gidheadh tha na Papanaich a cheana air fàs dàna,
tha iad a’
cruinneachadh gu follaisach,
tha iad a toirt aoirrip,
reir an cleachda,
an dream ata ain-
eolach a mhealladh,
agus a rib.
Fhuair iad a cheana,
tha mi cluinntin,
a h-
aon no dithis do’
n choimhthional so,
agus tha dùil aca gu’
m fuigh iad tuilleadh,
o na tha cuid do na Gaidheil gun sgoil gu’
n leughadh agus air bheag eolais air nithe Spioradail.
Mar bhuachaile an treud,
tha e ceangailte ormsa,
rabhadh a thoirt dhuibh air bhur cunnart,
agus gach ni dligheach a’
s urrain mi a dheanamh,
g’
ar dìona o mhadraidh allta.
Reir òrdugh na Seanadh ma seadh ’
se mo rùn air an àm le coghnadh Dhe,
beachd soilleir a thoirt dhuibh do theagasg fàllsail,
do ghiulan buirbeil fuileacach nam Papanach,
agus earrail oirbh a bhi faicilleach na’
n aghaidh seasmhach ’
nar creidimh,
agus diadhaidh ’
nar caithe’ -
beatha.
Air
I. Tha mi gu beachd a thoirt da’n teagasg fallsail.
[362] Gach ni a tha mi gu chur a’s an leith air an àm, tha iad air an toirt gu firinneach o’n leabhraichean fein, le dream a ransuich iad le cùram, oir cha n’e ar rùn sgeul fallsail a thogail orra. Ach ’s eigin dhomh aon ni a thoirt fainear dhuibh, agus ’se so e, gach earran d’an teagasg, a tha mi-thaitneach ann an duthaich, sam bith, tha iad air ball ag aicheadh gu bheil iad, a’ teagasg an ni sin, ged a tha gu follaisach na’n duthchaibh fein. Air an àm ’s eigin dhuibh an teagasg a ghabhail air m’ fhocal-sa, agus tha mi an duìl gun dean sibh so le dearbh-bheachd, nach e mo rùn bhur mealladh le breugan anns an àite so. Maille re mòran do nithe aimideach, aingidh eile tha na Papanaich, gu h-àraidh a’ teagasg na’n nithe a leanas. Air
1. Tha iad a’ teagasg nach ’eil e ceaduichte do’n phobull focal De a leughadh.
’Se soisgeul na sìth an dilib, a dh’fhàg Criosd aig a phobul, mar an solus agus an sòlas air talamh, gidheadh tha na Papanaich a’ diultadh so do gach neach, ach an Sagairt fein. C’arson a tha iad a’ deanamh so? Tha
[363] iad fein ag radh,
gu bheil pobull (
aimideach)
ain-
eolach an cunnart dol am mearrachd air toil De,
le fhocal a leughadh.
Ach si ’
n fhirin,
gur e ’
n rùn am pobull a ghleidheadh an dorchadas,
chum’
s gun creid ’
s iad iadsan,
agus gu’
m bi iad umhal dhoibh anns gach ni.
Ach ciod a tha Criosd ag radh mu’
n ni so?
Am bheil ag àithne da luchd-
leanmhuinn gu’
n fhocal De a leughadh.
An àite so,
tha e ’
g radh Eoin v.
39.
rannsuichibh na scriobtuire.
Agus ann an leabhar Gnio.
xvii.
11.
tha muinntir Bherea air am molladh,
do bhrì gu’
n do rannsuich iad focal De.
Nach do thaisbean Criosd toil De,
nach d’
òrduich a scriobhadh,
chum’
s gum bitheadh e air a leughadh le phobull anns gach àll.
Nach do scriobh Pol agus na h-
Abstoil eile an Litrichean chum Eaglaisean iomlan,
an sluagh co mhath is na ministirean,
agus nach d’
òrduich e dhoibh an leughadh.
Ma ’
s ann mar so a tha a chuis,
tha giulan Eaglais na Roimh,
ann an diultadh comas am piobull a leughadh,
araon aimideach agus aingidh.
2. Tha e a’ teagasg gur còir an ùrnuighean follaisach a dheanamh ann Laidin.
[364] Tha ’n cleachda, tha ’n t-òrdugh so gun amharus iongantach agus do-thuigsin. ’S oleimte an t-seirbhis ùrnuigh fhollaisach, ’s còir don phobull ann an so am ministeir a leantuin, ach cha’n’ eil e an comas doibh, so a dheanamh, ma tha e deanamh ùrnuigh an Canain, nach ’eil iad a’ tuigsin. Ach am bheil òrdugh Dhe ac’ air son a chleachda so? Ann an àite so tha Pol ag radh 1 Corin. xiv. 14—20. Si so breith Phoil, agus mar dhearbhadh, gur còir ùrnuigh a dheanamh ann an Canain Naturail gach pobuill, thug ar Slànuighear cumhachd d’a Abstoil labhairt ann an iomadh Canain. Tha eachdaire, cuideachd a’ teagasg dhuinn, nach robh ùrnuigh fhollaisach air a deanamh ann an Laidin amhain, car Se-ceud bliadhna an deigh bàs Chriosd. O so tha e soilleir gu bheil an cleachda araon neo-cheudaichte agus ùr. Ach c’arson a tha e a measg na’m Papanach? Cha’n’ eil e an comas dhomhsa reusan sam bith eile a thoirt air a shon, ach so ’nuair a tha ’m bàghar olc, ’stoil leis an fhear-reic do ghnàth buth dorcha’, chum a reiceadh ann. Tha iad a’ teagasg ’san
[365] 3.
Gur còir ùrnuigh a dheanamh re Naoimh agus aingil.
Tha focal De a’ teagasg dhuinn, nach ’eil ann ach aon eidir-mheadhon-fhear eidar Dia agus daoine eadhon Iosa Criosd. Cha’n’ eil na Papanaich toillichte leisan, tha iadsan a’ deanamh urnuigh re eidir-mheadhon-fhearan eile, eadhon Aingil agus Naoimh. Am bheil Dia ag àithne an aoraidh so? An àite sin tha Pol ag radh na ainm Colos. ii. 18, 19. Agus tha sinn a’ leughadh Taisb. xix. 10. Gu’n do dhiult an t-Aingil le uamhas aoradh an Abstoil Eoin. Tha e mar an ceudna aimideach ùrnuigh a dheanamh re màthair ar Slànuighear, do Aingil agus do Naoimh, o nach ’eil ach Dia amhàin a lathair anns gach àite, agus comasach air urnuigh a chluinntin. Thaobh iomhaighean oir a dheanamh, agus aoradh a thoirt dhoibh, tha so gu riachdail air a dhiteadh ’san dara àithne. Ach mo thruaighe! chum iad fein a dhìonadh, agus air pobull a mhealladh, tha iad a’ duthadh na h-àithne so gu tur a’s an leabhraichean. Chum an aimideach san teagasg so a nochdadh, guidheam bhur n’aire do sgeul mu ni a thachair san
[366] duthaich so fein.
Bha fuidh mhoir-
fhear Papanach,
tuathanach bochd do’
n chreidimh againne,
aig an robh gabhail fhearain,
a bha teann air ruidh mach,
agus be rùn a faotain a’
s ùr.
Chum na criche so labhair e re Seamarlain a Mhoir-
fhear labhair re cuid da chairdean,
ach cha do ghabh iad suim dheth leig iad a ghnothach air dearmad.
Le mòr-
eagal gu’
n cailleadh e fhearan;
rainig an duine bochd fa dheoigh a mhaigistir fein.
Fhuair e guth dheth,
chuir e an ceill a ghnothach. ’
Nuair a chual e a sgeul ghabh am Moir-
fhear truas ris,
agus dh’
òrduich a ghabhail a thoirt dha air ball.
Mar Phapanach eudmhor be rùn math cuideachadh a dheanamh do anam a thuathanaich,
chum na criche so,
thug se a stigh e do sheamar mor,
nochd se dha ’
n sin iomhaigh iomadh Aingil agus Naomh. ’
S bochd ars’
esan do staid-
sa,
tha thu gun charaid ann an Neamh ach feuch tha ’
n dream sin uile a’
deanamh ùrnuigh air mo shon-
sa.
Fhreagair an tuathanach,
cha’
n’
eil mòr-
earbsa agam fein annta,
mar fhearr iad no na Seamarlain agaibh-
se; ’
s tric a labhair mi riu mu’
n ghabhail bheag fhearain so,
ach cha d’
fhuair mi riamh mo ghnothach,
gus an do
[367] labhair mi ris a mhòir-
fhear fein.
Agus ceart mar so,
an dream nach iarr tiodhlacaidh Spioradail o Dhia,
trid an t-
Slànuighear amhàin,
gu bràth cha n’
fhuigh an gnothach.
Tha iad a’
teagasg ’
sa
4. Gu bheil sinn aig a bhòrd ag itheadh agus ag òl fior-fhuil agus feoil Chriosd.
’Se a th’ agam an so am bheachd, an ni ris an abair na Papanaich nuadh bhriodhachadh. Leis an fhocal so, tha iad a’ teagasg, gu bheil an taran agus am fion, co luath so tha iad air an coisreagradh leis an t-shagart air ball air an tionndadh chum fior-fhuil agus feoil Chriosd. Tha ’n teagasg so calg-dhireach an aghaidh teisteas ar sùl, ar làmha, ar boladh, ar blas, agus ar reusan; agus uime sin tha feum aca air dearbhadh laidir o fhocal De, g’a dheanamh cinnteach. Am bheil so aca? Tha iad fein ag radh gu bheil, eadhon briathra Chriosd, ’nuair a shuidhich e ’n t-sacramaint so, an oidhche mu’n do bhrathadh e. Thuirt ar Slànuighear gu’n amharus, se so mo chorp-sa air a bhrisseadh; ’si so m’ fhùil-sa, air a dòrtadh. Ach mar dhearbhadh
[368] soilleir,
gun robh an t-
aran agus am fionn amhàin ’
na’
n comharan air a chorp agus fhuil,
bha e air an àm so beo maille re dheisciobuil,
bha chorp gun bhrisseadh,
bha fhuil gun dòrtadh.
Cionnas,
ma seadh,
a b’
urrain iadsan fhior-
fheoil itheadh,
no fhuil ol, ’
nuair a bha e beo agus slàn na’
m measg?
No cionnas,
ni a tha ’
n aghaidh natuir,
cionnas a’
s urrain an corp agus an fhuil cheudna,
a bhi am mìle àite,
air an itheadh,
agus air an òlc le mile neach ’
san àm cheudna.
Tha ’
n teagasg so air gach doigh mi-
reusanta agus aimideach,
tha e mar an ceudna aingidh,
tha e buaireadh dhaoine,
chum an t-
aoradh sin a thoirt,
agus an earbsa sin a chur san aran,
agus san fhion,
as còir a thoirt agus a chur ann an Criosd amhain. ’
S math a labhair duine glic o Arabia mu’
n ni so.
Dh’
imich mi,
ars’
esan feadh gach duthaich air talamh,
ach cha do thachair dream riamh orm co aimideach,
aingidh,
re seorsa do Criosduighean da’
n ainm Pàpanaich,
oir tha iad gu minic ag itheadh le’
m fiaclaibh,
an Dia da’
m bheil iad a’
toirt aoraidh.
Tha iad a’
teagasg ’
sa
[369] 5. Gu bheil mòran an lorg am bàis a’ dol do àite glanaidh eidar Neamh agus Ifrionn.
’Se so ’n t-àite ris an abair iad Purgatoreachd, agus tha iad a’ teagasg, gu bheil gach neach, ’n deigh am bàis a’ dol don àite so, nach ’eil math ni’s leoir chum dol do Neamh, no olc ni’s leoir chum dol do Ifrionn. Ciod a tha focal De ag radh mu’n àite so? Tha na scriobtuire gu tur na’n tosd mu dheimhin tha ’mhàin a’ labhairt mu dha àite an saoghal eile fa chomhair dhaoine, eadhon Neamh agus Ifrionn. Ach ciod is feum do’n àite so? tha iadsan a’ teagasg, gu bheil daoine ann air an glanadh o’m peacaidhean. Ach tha so gu tur neo-fheumail, mas creidmhich iad, oir tha ’n t-Abstol Eoin a’ teagasg gu bheil fuil Chriosd ga’n glanadh o gach uile pheacadh. Agus mar creidmhich iad, co luath sa theid an deo asda, cha’n fhuigh iad aithreachas no maitheanas gu bràth. Ach cionnas a tha na Papanaich a’ toirt anama dhaoine as an àite so a dhealbh iad fein? tha le urnuighean an sagart. Agus am bheil iad a’ deanamh nan ùrnuighean so a nasgaidh? cha’n’ eil air chor sam bith, ach ’s eigin do dhaoine pàigheadh
[370] air an son,
agus pàigheadh gu daor cuideachd,
mu se an rùn anama am bràithre a chur do Neamh.
Choisin Sagairt na’
m Papanach,
anns gach àll,
tuilleadh le so,
no le aon teagasg a th’
aca,
agus air an aobhar so cha dealaich iad ris,
ged a tha e calg-
dhireach an aghaidh focal Dhe,
agus reusan dhaoine.
Maille re so tha iad a’
teagasg ’
san
6. Gur urrain na Sagairt maitheanas peacaidh a thoirt do’n phobull.
Tha iad air uairibh ag aicheadh so ’s na duchaibh againne, ach cha’n’ eil e ’n comas doibh aicheadh, araon mar theagasg agus mar chleachda an Eaglais. Oir is ni deirbhte e o’n leabhraichean fein, gu bheil iad araon a’ toirt comas do dhaoine peacaidhean àraidh a chur an gniomh agus a’ toirt maitheanas annta, ma tha iad a’ pàigheadh gu ceart air an son. Tha eadhon prìs àraidh air a chur air gach peacadh na’m measg, gheibh duine maitheanas uapa an adhaltranas na morta air son leith-chrùn. Agus chum’s gu’m bi fios aige’ air cionta gach neach, ’s eigin do gach h-aon am peacaidhean aidmheil, agus pàigheadh
[371] do’
n t-
Sagart air son an aidmheil agus am maitheanas.
Mar so o shannt agus chum airgiod fhaotain,
tha iad a’
suidhe an cathair Dhe,
tha a’
gabhail orra ni a’
s urrain esan amhàin a dheanamh,
maitheanas a thoirt seachad;
cosmhuil re Simon an draoithe,
tha iad a’
saoilsin,
gu’
m feud tiodhlacaibh Dhe,
a bhi air an reiceadh agus air an ceannach.
Tha ’
n giulan so dàna aingidh.
Gun tuille moille chuir oirbh fui’
n cheann so,
tha iad a’
teagasg ’
san
7. Gu’m feud iad mionnan agus bòidean a bhrisseadh do mhuintir na creidimh againne.
Tha na Pàpanaich a’ saoilsin, gur e math na h-Eaglais a chur air aghaidh, am math a’s mugha, agus ged a tha iad a’ deanamh cron chum na crìche so, gu bheil eadhon sin ceaduichte agus ceart. Mar so ma tha neach sam bith a’ cur an aghaidh an creidimh agus an aoraidh, tha iad a’ saoilsin gu bheil e feumail chum leas na h-Eaglais, agus an creidimh, an neach so a chuir gu bàs, agus gur còir so a dheanamh, ged a tha iad air an ceangal le
[372] mionnan agus bòidean,
gun chron sam bith a dheanamh dha.
Agus ma tha Papanaich fuidh riogh,
nach ’
eil da’
n creidimh,
tha iad a’
teagasg,
gur còir am mionnan dha a bhrisseadh,
agus ceannairc a dheanamh na aghaidh,
ma gheibh le so math a dheanamh da’
n Eaglais.
Am bheil an teagasg iongantach,
milteach so a reir toil Dia na firinn agus na trocair?
Gun amharus cha’
n’
eil. ’
Nuair a tha na Papanaich a’
teagasg,
gur còir ar bòidean agus mionnan a bhrisseadh chum leas na h-
Eaglais,
tha Dia gu minic ag àithneadh dhuinn ar boidean agus mionnan laghail a choimhlionadh. ’
Nuair a tha iadsan a’
teagasg,
gu’
m feud sinn cron a dheanamh chum math na h-
Eaglais;
tha esan a’
teagasg,
nach còir cron air àm sam bith a dheanamh,
chum’
s gun d’
thig math as.
Tha ’
n teagasg air gach doigh an aghaidh toil De agus leas a chinne-
daonna;
tha e gràineil agus milteach ’
s iomadh neach ’
s gach àll a chuir e gu bàs;
cha’
n’
eil e an comas do’
n Abhairseir fein ni a’
s miossa a theagasg.
Mar so dh’
ainmich mi dhuibh cuid do na nithe a tha na Pàpanaich a’
teagasg,
agus tha mi an dochas gu bheil sibh uile anis deirbhte,
gu bheil an teagasg
[373] fàlsail,
agus gu math a’
coimhfhreagradh,
chum daoine a mhealladh,
chum an anama a ribeadh,
chum airgiod agus onoir,
a chosnadh da’
n Sagairt.
An lorg am beachd so a thoirt dhuibh da’
n teagasg,
rachamaid air ar n’
aghaidh san
II. Gu beachd a thoirt da’n giulan buirbeil.
’Nuair a tha na Pàpanaich, gann ann an aireamh, agus fuidh smachd, mar a bha anis rè ùine anns an rioghachd so, tha iad gu minic gan giulan fein, mar choimhearsnaich agus mar dhaoine, gu ciùin, siothchail agus cairdeil. Ach g’ar sdiùradh chum breith a thoirt air an diadhachd, ’s eigin dhuinn beachd a gabhail da’n giulan thaobh an naimhde, nuair a tha ’n làmh an uachdar aca, agus comas an toil fein a dheanamh. Le’n giulan thaobh an naimhde chi sinn gu soilleir nach iad deisciobeul Chriosd. Thaobh ar naimhde, tha ar Slànuighear ag àithneadh, biodh gràdh agaibh d’ar naimhdibh, beannaichibh an droing a mhallaicheas sibh, deanaibh maith do na daoine air am beag sibh, agus deanaibh
[374] ùrnuigh air son na muintir ata buntain ribh gu naimhdeil,
agus ata gar geur-
leanmhuin;
chum gu’
m bi sibh nar cloinn aig bhur n’
Athair ata ar Neamh. ’
Se so òrdugh Chriosd thaobh a naimhde;
ach co iad naimhde na’
m Papanach? ’
S iad so na’
m beachd fein,
na protestanaich,
no an Eaglais ath-
nuadhaichte gu leir,
no gach neach nach ’
eil a’
cordadh riu-
san nan creidimh agus nan aoradh.
Agus cionnas a tha iad a’
buntain riu?
an àit’
an gràdhachadh,
tha ga’
m fuadhachadh,
an àit’
am beannachadh,
tha ga’
m mallachadh,
an an àit’
ùrnuigh a dheanamh re Dia air an son;
tha ga’
n toirt thairis do’
n Abhairseir,
tha nuair a tha comas aca ga’
n geur-
leanmhuin,
agus ga’
n cur gu bàs. ’
S iomadh dearbhadh a th’
againn air an fhìrinn so,
a’
s còir oillt agus uamhas a dhusgadh ’
nar n’
inntin.
Re ùine bha e na chleachda aig Pàp na Roimh,
air là àraidh do’
n bhliadhna,
gach h-
aon do’
n Eaglais ath-
leasaichte,
feadh an t-
saoghail,
gach neach a bha dealachadh riu-
san nan creidimh,
bha e na chleachda aca an dream so a thoirt thairis do’
n Abhairseir,
eidar chuirp agus anama.
Anns an t-
Hollaint,
an Sassan,
agus an Albain, ’
s iomadh
[375] mile neach,
òg agus sean,
bochd agus beartach,
a chuir na Pàpanaich gun iochd gu bàs. ’
Nuair a chaidh Riogh Seumas,
Righ deireannach na h-
Albain do Shassan,
agus a shuidh e gu siothchail air an Righ-
chaithir,
shaoil na Papanaich gu’
m bitheadh e na charaid dhoibh. ’
Nuair a mhothuich iad nach robh,
dhuisg so ’
n corruich,
be ’
n rùn peanas a dheanamh araon air-
san,
agus air a chairdean.
Chum na crìche so,
lion iad Seilleirean tigh na Parlamaid le fudar,
agus chuir iad rompa an Riogh,
a chlann,
agus daoine mòra na rioghachd gu leir,
a bhitheadh cruinn ’
sa Pharlamaid,
a losgadh,
agus a chuir am mionaid gu bàs.
Le freasdal De,
fhuaradh fios air an rùn,
chaidh stad a chuir orra,
chaidh an Righ agus a chairdean a dhion o sgrios.
Tha sgeul na’
s uamhasaich na so againn re innseadh ann an aon oidhche mhùrt Papanaich na Frainge corr as deich mìle fichid do na Protestanaich bhochd,
a shaoil gu’
n robh iad tearuinte measg chairdean.
Thachair ni bu ghràinaile na eadhon so,
mharbh iad ann an Eirin an aon là do chloinn,
do mhnàthan agus do dhaoine corr agus ceud mìle.
Se so giulan na’
m Papanach rinn iad na
[376] nithe so,
agus mòran tuille na’
s ’
s urrain sinn innseadh air an àm.
O’
n giulan ma seadh feudaidh sibh breith a thoirt,
am bheil an diadhachd-
san tearuinte do dhaoine,
agus a reir soisgeul Chriosd,
nuair a dhòirt iad a cheana uiread do fhuil an naimhde,
agus a tha iad fhathasd a’
deanamh so far am bheil cumhachd aca.
Gach neach a bheir gu ceart fainear teagasg agus giulan na’
m Papanach,
mar ’
eil iad air an treigsin le Dia,
dionaidh so o’
n rib gu cinnteach iad.
Ach chum sibhse a dhìon o’
n cuilbheirteibh se mo rùn anis ’
san
III. Comhairle no dha a thoirt oirbh.
Cha ’n è ar rùn air chor sam bith, gu’n d’thig ciuradh no sgrios air na Papanaich; cha’n’ eil ar diadhachd-ne-no ar n’ Eaglais a’ teagasg dhuinn an lochd a mhiannachadh, no cron a dheanamh dhoibh. ’Se ar rùn amhàin sinn fein agus ar pobull a dhion o dhream a tha na’n naimhde follaisach d’ar leas talmhaidh agus Spioradail. Tha e feumail gu h-àraidh rabhadh a thoirt dhuibh air an àm, o na tha e air a bhagairt, gu’m fuigh Papanaich, na
[377] h-
Albain fuasgladh o’
n lagh,
mar a fhuair iad a cheana an Sassan agus Eirin.
Mu gheibh iad comas teagasg anns an duthaich agus ’
sa bhaile so,
tha iad fein an dochas mòr,
agus tha cuid fuidh eagal,
gu’
m fuigh iad greim do chuid do na Gaidheil.
Tha daoine glic a’
toirt fainear,
gu bheil na Papanaich gu minic a’
faotain greim do’
n dream sin a tha ain-
eolach agus aingidh.
O na tha cuid do na Gaidheil bhochd gun sgoil,
tha Goill an àite fuidh eagal,
gu’
m fuigh iad greim gu h-
ullamh dhiu;
agus ma thachras so,
their iad gur miosa na Gaidheil,
na sluagh cummante nan Gall.
Nar leigeadh Dia,
gum bi aig neach sam bith re radh o ar giulan agus cùl-
sleamhnachadh,
gur e an coimhthional so as ain-
eolaich agus is aingidh sa bhaile.
G’ar deanamh faicilleach, guidheam bhur n’aire do aon ni, a tha a’ nochdadh gu soilleir ciod an seorsa dhaoine na Pàpanaich. Tha sinn a’ faotain-sgeul, gu bheil aig an Easpuig an Dùn-eidin ochd-mile pund Sassanach chum Prosleitich a dheanamh. Do dhaoine bochda tha e a’ toirt ochd scillin-deug agus da scillin-shassanach san t-seachdain, mar dhuais air son
[378] gabhail re’
n creidimh.
Tha eadhon so na dhearbhadh gu bheil an creidimh fallsail.
Am bheil sibh a’
leughadh sa phiobull,
no an cuala’
sibh riamh,
gu’
n d’
thug Criosd no Abstoil,
no dheisciobuil airgiod do neach sam bith chum an creidimh aidmheil?
Cha do thachair so riamh;
tha e ’
mhàin feumail ann an creidimh fàllsail,
airgiod a thoirt seachad,
chum daoine a bhuaireadh agus a mhealladh.
Agus an dream a tha gabhail an airgioid so,
ged a tha e an ainm deirc,
tha iad gu soilleir a’
reic an anama do na Papanaich,
agus do’
n Abhairseir.
Bithibh faicilleach an aghaidh a bhuaireidh so,
agus thugaibh fainear nach d’
thoir sibh eisdeachd dhoibh nach dean sibh deisboireachd riu.
Si so an obair àraidh,
agus am beachd dhaoine ain-
eolach tha iad gu h-
àraidh deas orra.
Thaobh an dream nar measg aig am bheil sgoil agus tuigse,
cha’
n’
eil mi fuidh eagal sam bith mu’
n deimhin’.
Ach ma bheir iadsan ata ain-
eolach eisdeachd,
dhoibh,
agus ma ni iad deisboireachd riu,
mar a thachair do Ebhe air tùs, ’
nuair a rinn i deisboireachd ris an Abhairseir,
theid iad gu cinnteach an rib,
agus tuitidh iad gu làr.
Maille re so,
guidheam oirbh a bhi diadhaidh,
[379] ’n sin cha bhi sibh an cunnart co mhòr o chreidimh na’
m Papanach;
oir tha ’
n creidimh so ’
mhàin taitneach do dhaoine aimideach agus aingidh.
Thugaibh fainear san àm cheudna,
nach miannaich sibh an lochd,
nach dean sibh cron dhoibh; ’
n àite so ’
nuair a tha sibh gar dion fein,
deanaibh ùrnuigh re Dia air an son-
sa,
gu’
m fosgail e ’
n sùilean,
gu’
m mugh e an creidimh agus an giulan.
Mar so thug mi beachd dhuibh do theagasg fàllsail, agus do ghiulan aingidh na’m Papanach, agus thug mi comhairle na dha oirbh, a tha coimhfhreagradh re’r staid air an àm. Tha sinn an cunnart, gu’m fuigh na Papanaich aris fuasgladh ’nar measg, agus ann am fhreasdal De, ’s iad ar peacaidhean gu cinnteach mathair-aobhair a chunnairt so. ’S ann mar pheanas air son ar n’aingidheachd agus mi-thorradh na h-Eaglais, a tha Dia a’ toirt fuasgladh do choimhlion triobloid ’nar caraibh. Ma se ar rùn ma seadh, gu’m bith Dia leinn gar dion agus gar saoradh, ’s còir dhuinn air an là ’n diu ar peacaidhean aidmheil agus a chaoidh, agus a chuir romhain, ann an neart Chriosd an treigsin gu leir ’nar
[380] caithe’ -
beatha.
Tha na nithe so feumail dhuinn,
mar dhaoine fa leith agus mar phobull,
agus ’
s ann ’
mhàin le’
n deanamh a’
s urrain dùil a bhi againn,
gu’
m buanaich Dia ar sochairean priseil,
agus gu’
m buin e gu cairdeil ruinn.
Bithibh ma seadh treimh-
dhireach ’
nar n’
aidmheil,
agus ’
nar n’
aithreachas,
agus mar theisteas air so,
bithibh an deigh làimh na’
s diadhaidh ’
n ur giulan,
na’
s curamaich’
an gnàthachadh meadhonna na’
n gràs,
agus nas dùrachdaiche ann an cur an gniomh bhur dleasdanais.
Guidheam oirbh aon uair eile a bhi faicilleach an aghaidh na’
m Pàpanach Tha Dia na fhianais,
gu’
n d’
thug mi dhuibh rabhadh air bhur cunnart,
agus gu bheil mi saor d’
ur fùil.
Mu ghlacas iadsan sibh nan rib,
bithibh deirbhte,
gu’
n eirich na chuala sibh air an àm a-
suas am breitheanas fa dheoigh ’
n ur n’
aghaidh.
Agus ’
s bochd a bhitheas a chùis,
ma’
s eigin dhomhsa,
a tha ’
nis mar bhuachaile oirbh,
air an àm sin teisteas a thoirt ’
n ur n’
aghaidh,
mar dhream a chùl-
sleamhnaich o shoisgeul Chriosd,
o chreidimh an Aithreacha. ’
S mòr da’
m fùil phriseil a dhòirt iadsan,
chum an creidimh so fhaotain agus fhàgail againne.
Gu’
n neartaicheadh
[381] Dia gach aon againn,
chum bhi seasmhach sa chreidimh so,
agus an toradh sin a ghiulan a tha esan ag iarraidh.
Agus mar choimhdhùnadh do’
n iomlan,
guidheam bhur n’
aire do bhriathra Phoil ann an lorg stèidh-
mo theagaisg,
far am bheil e labhairt gu riachdail mu na Pàpanaich,
agus ag earrail air Criosduighean anns gach àll a bhi faicilleach na’
n aghaidh 2 Thess.
ii.
3.