[382]

SEARMOIN XIX.

ROMH. xiv. 8.

Oir mas beo dhuinn, is ann don Tighearna ata sinn beo; agus mas bàs duinn, is ann don Tighearnata sinn afaghail bàis; uime sin mas beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearn sinn.

S iad so briathra Phoil, seirbhiseach dilis Chriosd, dam baithne gu math a thoil, dam baithne an t-seirbhis a tha dligheach dha. Than t-Abstoil an so atoirt sgeul air a ghiulan, a bhuineas do chreidmhich, air an ni is coir a bhi aca nam beachd. Mar sheirbhisich Dhe, mar dheisciobuil Chriosd, ’s coir dhuinn sinn fein a choisreaga gu tur da sheirbhis,


[383] agus aoirrip dhùrachdach a thoirt esan a ghloireachadh anns gach ni, araonnar beatha agusnar bàs. ’Se so ar dleasdanas, se so an dleasdanas a than t-Abstol ag earrail oirn, agus air àm eile thug mi aoirrip a mhìneachadh dhuibh. Nochd mi gu bheil a bhi beo don Tighearn aciallachadh air

I. Gu bheil sinn adeanamh feum da thoil mar riaghailt-sdiuraidh ar giulan. 2. Gu bheil sinn atoirt aoirrip do ghnàth esan a thoilleachadh anns gach ni. 3. Gu bheil sinn acumail a ghlòirnar beachd anns gach ni ata sinn adeanamh. 4. Gu bheil sinn gar toirt fein gu tur thairis dha, agus ga bheannachadh air gach àm, an trioblaid, co mhath is soirbheas, ’nuair a tha e toirt uainn co mhaths an uair a tha e builleachadh oirn. 5. Sinn fein a thoirt thairis air mhogh co iomlan dha, is nacheil sinnnar beachd idir beo, ach fhad sa tha sinn atoirt seirbhis dha-san, agus anochdadh a chliu. Tha mi nise dol air maghaidh chum an dara ni a gheall mi a dheanamh.


[384]

II. Eadhon so a ghnàthachadh mar riagailt no mar thomhas, gar cuideachadh chum breith a thoirt air bhur staid Spioradail fein. Chum na crìche so, ’s eigin dhomh bhur naire a ghuidhe, agus freagradh coguis fhior do na ceistean a leanas.

1. Cionnas a tha ughdaras Dhe adruthadh air bhur cridheachan?

Chaneil mi afeoraich, co dhiu a tha na nithe a tha sibh adeanamh air an ordachadh le Dia. Thug mi roimhe fainear, gum feud sibh sibh fein ann an so a mhealladh. Tha Diag àithne iomadh ni mar dhleasdanas, nacheil neo-thaitneach dar natur, eadhonnar staid thruaillidh; oir is ann uaithe fein gu h-àraidh a chaidh sinn air seacharan; agus ged a tha iomadh pàis borb, neo-chàirdeil asruthadh o so, gidheadh chaneil fuath naturail againn dar bràithre, ach ann an àite sin tha ar natur gar brosnachadh chum an leas a mhiannachadh, agus eadhon a dheanamh, mureil so ciurail dhuinn fein. Air an aobhar so, chan urrain sinn a radh gu bheil duine beo don Tighearna, do bhri gu bheil e


[385] cothromach, caomh, agus adeanamh math don dream, ris am bheil e air a dhlùth-cheangal. Oir tha na nithe so taitneach am beachd dhaoine, tha iad ainmeil, cliuteach, agus am bi’ -chiontas chanurrain duine nis fhearr a leas fein a chur air aghaidh, no leis na nithe so a chur an gniomh. Ach ma tha e gan deanamh amhàin, no gu h-àraidh, chum a leas fein, chanurrain e a radh gu bheil e beo don Tighearna; tha emhàin atoirt seirbhis dha fein, agus uime sins eigin dha duais a thoirt dha fein cuideachd. Mar e a rùn seirbhis a thoirt don Tighearna, mur e a rùn gach ni a dheanamh o ghràdh dha, agus o mhothuchadh air ughdaras, chanurrain dùil a bhi aige, gum fuigh e duais uaithe. ’San

2. Co is miann leibh a thoilleachadh, agus ciod an cairdeas, a tha sibh gu h-àraidh ag iarruidh.

Ma tha sibh gu h-àraidh, nomhàin ag iarruidh cliu dhaoine, chaneil sibh gu cinnteach beo don Tighearna. ’Ta sinne, arsPol, adeanamh ar dichill, co aca a bhios sinn a làthair


[386] no air choigrich, gum bi sinn taitneach do Chriosd. Bha na Phairisich aris atoirt deirc gu pailt, bha iad adeanamh ùrnuigh gu minic, bha iad le guth àrd, bha uine fhadda; ach bha iad adeanamh nan nithe so uile, chum gum faiceadh le daoine iad; agus air an aobhar so dhainmich Criosd iad nan cealgairean, agus bhagair peanas a dheanamh orra. Chaneil a leithid so do chealgoireachd gun amharus cummaintenar measg; oir chaneil mòran atoirt tuilleadh sa chòir do dheirc no acaitheadh tuilleadh sa chòir do dhùine an ùrnuigh, agus uime sin cha ruig sinn a leas a ghuidhe orra, gun bhi tuilleadh is math. Ach nacheil sibh amothuchadh annaibh fein seorsa eile do chealgaireachd, a tha cosmhuil re so? Am bheil sibh ceart co ullamh, chum na dleasdanais sin a chur an gniomh, leis am bheil sibh gar naicheadh fein, is a tha sibh na dleasdanais sin a tha taitneach no tarbhach. Am bheil sibh gu diomhair, mar a tha, no atoirt aoirrip a bhith am follais. No am bheil sibh gar cumadh fein re toil bhur cuideachd? An urrain sibh sibh fein a dhìteadh, ann an aontachadh le eagal barailean agus cleachdain an t-saoghail?
[387] Nach daom cleachda cummainte an t-saoghail fibh chum iomadh ni a dheanamh, a bha neo-thaitneach dar ninntin fein? Agus nacheil sibh air bhur bacadh o na nithe sin a dheanamh, a tha bhur coguisean ag innseadh bu chòir dhuibh a chur an gniomh an t-eagal gun tarruing so oirbh fanaid, no cronnachadh an dream sin, a tha eadhon air bheag suimnar beachd? Ma se so bhur giulan, bheir bhur cridhachan fein teisteasnar naghaidh, nach robh sibh fhathasd beo don Tighearna.

3. Ciod an speis a thagaibh da onoir bhur Tighearna?

Am bheil sibh toileach, air a sgàth, fàsnar ni sam bith, ni sam bith a dheanamh, no ni sam bith fhulang? Am bheil sibh toileach seirbhis a thoirt dha, eadhon anns an inbhe is dibli na theaghlach? No ma se bhur rùn eirigh nis airde, an ann chum tuilleadh do mhath a dheanamh, an ann chum saothair nas motha a ghabhail, agus seirbhis nas fhearr a thoirt dar maighistir, no a leigeas bhur staid dhibli leibh air an am? ’Nuair a


[388] tha sinn gar faicin, astreapadh suas co luath sa dhfheudas sibh, am feud sinn a shaoilsin, gur e so a thagaibhn ur beachd? Tha e soilleir gur còir da so bhi agaibhn ur beachd, oir an ti a thainig, ni h-ann chum gun deanta frithealadh dha, ach chum frithealadh a dheanamh, chaneil esan agleidheadh seirbhiseach diomhanach sam bith ma phearsa; mar a tha prionnsaidh an t-saoghail so, aig am bheil feum air an leithid sin do nithe gan deanamh mòr. Na h-Aingil a tha treun an neart, tha iad adeanamh a thoil, tha iad ag eisdeachd re ghuth, agus tha obair aca ra dheanamh: mar a than t-Abstol ag radh, tha iad uile nam Spiorada frithealaidh, air an cur amach chum frithealaidh dhoibh-sin a bhitheas nan oighreachan air slàinte. Agus cia ard a tha daoine air an togail, chaneil an àrd inbhe gan saoradh o sheirbhis a dheanamh do Dhia, nis non dream is dibli. Feudaidh daoine a shaoilsin, gu bheil iad len inbhe air an saoradh o sheirbhis De, agus mo thruaighe tha tuilleadh sa chòir asaoilsin so, ach tham barrail aimideach, aingidh. Ann an àite an saoradh, tha Criosd ag radh, gach neach dan dthugadh
[389] mòran, gun iarrar moran uatha, agus mar is mugha an talann a tha air a thaiceadh ruinn, mareil sinn adeanamh feum ceart dheth, mar is mugha fa dheoigh a bhitheas ar diteadh agus ar peanas. ’Sa

4. Ciod a tha deanamh ni sam bith gu h-àraidh taitneachnar beachd?

Aon ni arsDaibhidh, mhiannaich mi on Tighearna, agus iarruidh mi e gu minic, a bhith amchomhnuidh feadh mo ann an aros De, a dhfhaicin maise an Tighearn, agus chum sgeul fhaotain air na Theampull. Agus tha Pol ag radh measam no h-uile nithenan calldach airson ro-oirdheirceis eolais Iosa Criosd ma Thighearna: air son an dfhuiling mi call nan uile nithe, agus measam gur aolach iad, chum gun cosnam Criosd. Ma sibh fior-dheisciobuil Chriosd, bithidh gach uile ni luachmhor taitneachnar beachd, do reir ar dàimh risan. ’S fhearr leibh am piobul, no leabhar sam bith eile, do bhrì gur e so focal agus tiomnadh ar Tighearna. Ni sibh gairdeachas aig ath-theachd gach Sàbaid, do bhrì gur e so n Tighearna. Gabhaidh sibh


[390] tlachdsna naoimh, agus measaidh sibh iad mar dhaoine oirdheirc na talmhain, do bhrì gu bheil iad taitneach don Tighearna, agus gu bheil iomhaigh orra. Bithidh urnuigh dhuibh na h-obair thaitneach, do bhrì gum fuigh sibh le so cothrum communn a bhi agaibh maille rer Tighearna. Agus measaidh sibh mar an obair as taitniche agus is onoraiche, math a dheanamh do chuirp, agus gu h-àraidh do anamaibh dhaoine, o na ni so sibh cosmhuil rer Tighearna, a chaidh muncuairt adeanamh math, agus a dhfhàg eisiomplair againne chum gun leanamaid a cheummanna. Mar so measaidh sibh gach ni do reir an dàimh re Criosd.

Na ceistean so agus an leithid, feoraichibh dar cridheachan fein mar ann an làithair an Dia sin, dan aithne iad gu h-iomlan; an Dia sin a ni sibh gu grad aithnichte dhuibh fein, agus do dhaoine eile cuideachd, anns an san dtheid gach cleochd a tharruing dhibh, agus an nochdar sibh mar a tha sibh ann an làthair an t-saoghail gu h-iomlan.


[391]

Co-dhùnaidh sinn anis, le chur an cuimhne dhuibh cuid do na ceanglaichean àraidh àta oirbh, chum bhi mar so beo don Tighearna. Agus air

1. Mareil sinn beo don Tighearna, tha sinn acur an aghaidh a ghràidh iongantaich a nochd e, ’na thoirt fein na ofrail agusna iobairt do Dhia air ar son. Tha focal De acur so gu riachdail an ceill. Ghiulain esan ar peacaidhean na chorp fein air a chrann, chum air dhuinne bhi marbh don pheacadh, gum bitheamaid beo do fhireantachd. Thug esan è-fein air ar son, chum gun saoradh e sinn o gach uile aingidheachd, agus gun glanadh e sinn dha fein nar pobull sonraichte, eudmhor mu dheadh oibre. Fhuair esan bàs air son nan uile, chum iadsan àta beo, nach biodh iad a so suas beo dhoibh fein, ach dha-san a dhfhuiling am bàs air an son, agus a dheirich aris. Agus tha Eoin ag radh, chum na criche so dhfhoillsicheadh mac Dhe, chum gun sgriosadh e oibridh an Diabhoil; se sin chums gun ulluicheadh e daoine fa chomhair Neamh, le oibreachadh a Spioraid, co mhath is Neamh a chosnadh dhoibh le toilteanas


[392] fhola. Anis mas èn ni a bhaig Criosd na bheachd anns na rinn è, anns na dhfhuiling è, agus anns na choisin e, ar deanamh naomha, agus beo dha fein, ’s còir dhuinn gu cinnteach a bhi beo dha. ’San

2. ’S còir a bhi beo don Tighearna, mar a tha speis againn do onoir ar maighistir, agus do chreideas a shoisgeil. Le giulan diadhaidh naomha cuiridh sinn nan tosd daoine aingidh, bheir sinn uapa an cothrum, a tha iad ag iarruidh, chum toibheim a thoirt don ainm urramach a tha air ainmeach oirn. Le giulan naomha, bheir sinn dearbhadh riachdail don t-saoghal, gu bheil soisgeul Chriosd na mheadhon eifeachdach slàinte, agus gu bheil Criosd gun amharus na Shlanuighear. Tha mòr-eifeachd gun amharus ann am bàs Chriosd, ’nuair a tha e brosnachadh an dream a tha creidsin ann, chum bàsachadh don pheacadh. Cha nurrain sinn a bhi fuidh amharus gu bheil e beo, agus gu bheil gach uile-chumhachd an Neamh agus talamh air an toirt dha, ’nuair a tha sinn ga fhaicin beo


[393] na bhuill, le ghràs uile-bhuadhach, agusnuair a tha e toirt orra-san a bhi beo dha-san. Ach air an làimh eile, ma tha a dheisciobuil truaillidh, peacach, tha iad adeanamh an cròn is is urrain iad da chàs, tha iad atoirt cothrum da naimhde a radh, nacheil eifeachd na shoisgeul, chum cridheachan an dream sin a riaghladh, agus an caithe’ -beatha ath-leasachadh, a tha ga aidmheil.

Brosnaicheadh na nithe so, ma seadh, gach h-aon againn, chum bhi beo dha-san, a fhuair bàs, agus a dheirich, agus a dhath-bheothaich, chum gum bitheadh e na Thighearn air na beathaibh agus air na marbhaibh. Agusnuair a tha sinn ag amharcsuas air son a choghnadh sin, a tha nimhàin atoirt misneach dhuinn, ach ag àithne dhuinn dùil a bhi againn ris, rachamaid air ar naghaidh na neart, labhramaid amhàin mu fhireantachd, chumnuair a gheibh sinn bàs gun caidil sinn an Iosa, dam bheil sinn anis beo, agus gun dthoir sinn ar cuirp thairis don t-Slanuighear ann an dochas beothail re ais-eiridh ghloirmhor. An sin theid gealladh priseil


[394] Chriosd a choimhlionadh ma ni neach air bith seirbhis dhomh-sa, leanaidh e mi; agus ge be àite am bi mise, ann an sin bithidh mo sheirbhiseach mar an ceudna; ma ni neach seirbhis dhomh-sa bheir mAthair onoir dha. Amen.

titleSearmoin XIX
internal date1804.0
display date1804
publication date1804
level
parent textSearmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid
<< please select a word
<< please select a page