SEARMOIN XXI.
GNIOMH. xx. 32.
Searmoin dealachaidh—Glaschu.
Agus anis, a bhraithre, tha mi gar taiceadh re Dia, agus re focal a ghràis, ata comasach air sibhse a thogail suas, agus oighreachd a thoirt duibh, am measg na muinntir sin uile, ata air an naomhachadh.
Cosmhuil re Mhaighistir Neamhaidh, bha Pol do ghnàth bissidh, do ghnàth a’ dol muncuairt, o bhaile gu baile, agus a’ deanamh math do anamaibh dhaoine. Mar a shuidhich e iomadh Eaglais, ann an iomadh duthaich agus baile, ghabh e do ghnàth cùram Athaireil dhiu. Air dha Eaglais a shuidheachadh
Na thurus deireannach chum baile Ierusalem, chaidh Pol air tir aig Miletus, baile mòr, a bha teann air Ephesus. Agus o nach robh uin’ aige, dol a dh’fhaicin a chairdean, chuir e fios air Seanoirean, agus Criosduighean ainmeil a bhaile sinn, agus labhair e riu mar an Athair Spioradail. Ga’m brosnachadh gu eud, ann an seirbhis Chriosd, chuir e ’n cuimhne dhoibh a theagasg, a dhùrachd, agus a ghiùlan na’m measg. Bha a choinneamh so gun amharus cairdeil, bha ’n colluadar sòlasach, diadhaidh, bha an dealachadh gu h-àraidh brònach. Tha e a’ labhairt, ni ’mhàin ris a phobulll, ach, mar an ceudna, re Ministeirean òga; agus tha e, ’n lorg an dleasdanais a chur an ceill a’ gabhail a chead diu, le rùn cairdeil, agus am briathraibh druighteach; agus anis a bhràithre, &.c Chum na briathra so a mhìneachadh, fiosraicheamid an
I. Co ris a tha Pol ga’n taiceadh.
B’aithne do’n Abstol gu math an duine, gu bheil e ainniseach, anmhunn ann fein, agus gu bheil mòr-fheum aige air cùl-taic agus coghnadh, araon a thaobh nithe talmhaidh agus Spioradail. B’aithne dha gur i so staid eadhon an dream is fhearr air talamh, agus uime sin tha e ga’n taiceadh risan, a b’urrain cùram a ghabhail diu, agus ris a mheadhon a dh’òrduich esan ga’n dìon. Tha e mar an caraid glic, ga’n taiceadh r’e Dia, agus re fhocal. Air
1. Tha e ga’n taiceadh re Dia.
O na bha ’n t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh, a’ coimh oibreachadh ann an dealbh, agus ann an tearnadh dhaoine, tha iad do ghnàth a’ gabhail cùram dhiu.
1. Se Dia an t-Athair, Uachdran an domhain, tha e làthair anns gach àite, tha làmh treun, tha ghliocas iomlan, tha ghràdh do shliochd an duine seasmhach, dian. Tha ’n saoghal gu leir an crochadh risan, tha ’n
2. Tha e a-ris ga’n taiceadh, no ga’n toirt thairis do Chriosd, gu bhi air an teagasg, air an sdiuradh, air an dionadh, agus air an riaghladh leis. Se Criosd fear-sdiuraidh a phobuil, trìd fàsach an t-saoghail so; mar so tha e fein ag radh, ’s mise an t-slighe, an fhirin, agus a bheatha, agus cha d’thig, aon neach chum an Athar, ach triomsa. ’S esan mar an ceudna an àrd-Shagart, chum an cionta a dhioladh, ’se fear-deanamh na sìth, agus tha e beo gu siorruigh, gu eidir-ghuidhe a dheanamh air an son. An àm cruaidh-chàs,
3. Tha e ga’n taiceadh re Spiorad na sìth. ’Nuair a chaidh Criosd suas do Neamh, reir a gheallaidh, chuir e ’nuas an Spiorad, chum a shlàinte a chur ra’n anamaibh. Mar so labhair e fein r’a dheisciobuil, ach an Coimhfhurtoir, an Spiorad Naomh, a chuireas an t-Athair uaithe a’m’ ainm-se, teagaisgidh e dhuibh na h-uile nithe, agus cuiridh, e ’n cuimhne dhuibh gach ni, a labhair mise ruibh. Ach tha ’n Spiorad ni ’mhàin g’ar teagasg, ach mar an ceudna a’ cuideachadh ar n’anmhuinneachd, a’ toirt sòlais ’n àm triobloid, gar deanamh tarbhach ann an deagh oibre, agus gar n’ullachadh fa chomhair glòir. Tha e air innseadh dhuinn gu soilleir ann an Soisgeul na sìth, gu bheil an Spiorad a’ deanamh na’n nithe so, agus uime sin tha e cubhaidh, gu’m bitheadh creidmhich air an
2. Ga’n taiceadh re focal gràis Chriosd.
Tha focal De, mar a tha Daibhidh a’ labhairt, na Lochran d’ar cosaibh, agus na sholus-iùil d’ar ceumanaibh, anns an t-slighe, a tha sdiùradh chum Neamh. Agus tha ’n t-Abstol Pol ag radh, gu bheil focal De tarbhach chùm teagaisg, chum cronnachaidh, chum leasachaidh, chum oilean ann am fìreantachd; chum’s gu’m bi òglach Dhe coimhlionta, làn-dheas air-son gach uile dheagh obair. O na bha focal nan gràs na inneal, chum math a dheanamh da’n anamaibh, tha ’n t-Abstol ga’n taiceadh ris mar charaid. ’S ann le fhocal, a tha Criosd a’ toirt solus d’ar n’inntinn, dusgadh d’ar coguisean, neart d’ar cridheachan, agus sòlas d’ar n’anamaibh. ’S ann trid an fhocail, a tha sinn a’ faotain eolas, creidimh, agus fior-naomhachd; agus uime sin, ’s còir dhuinn a rannsachadh le cùram, agus a thasgaidh le gràdh ’nar cridheachan. O na tha gach nì, ’s còir dhuinn a chreidsin agus
II. C’arson a thaic an t-Abstol a phobul riu.
Tha deagh reusain air an toirt air son so, a dhruitheas gu h-ullamh air gach fior-Chriosduigh. Tha iad an
1. Comasach air ar togail suas.
Do thaobh natuir, tha ’n cinne-daonna, mar làthrach tighe, air a thilgeadh sios le stoirm a pheacaidh. Anns an staid so, tha gach earran do’n tigh air a thilgeadh bùn os cionn, agus gu tur roimhe cheile. Ceart
2. Comasach air oighreachd a thoirt dhoibh.
Ged nach urrain neach sam bith duais a chosnadh, na seirbhis na’s fhearr a thoirt do Dhia, no a tha dligheach uaithe, gidheadh tha Dia gu saor a’ gealtuin duais, tha nach bi ar saothair diomhain anns an Tighearna. ’S iomadh meadhon a tha daoine a’ gnàthachadh, ’s mòr a tha iad a’ deanamh agus a’ fulang, chum oighreachd thalmhaidh fhaotain. Tha oighreachd, stòras, agus gach ni eile ’san t-saoghal so, mealtach, truaillidh agus bàsmhor. Cha ’n ann mar so a tha duais cairdean Chriosd; gheibh iadsan oighreachd neo-thruaillidh, neo-shalach, agus nach searg gu brath as; agus tha i air a coimhead anns na Neamhaibh dhoibh. Tha creidmhich eadhon ’nan oighreachan air Dia, agus ’nan coimh-oighreachan maille re Criosd; ’s leo na nithe ata làthair, agus na nithe ata chum teachd; agus bithidh iad gu siorruigh maille ris an Tighearna. Gach onoir, gach sòlas, gach sith, is urrain an natur naomha a mhiannachadh, gheibh iadsan fa dheoigh ann an Neamh.
Agus gheibh iad an oighreachd so anns an
3. Maille ris na naoimh ann an Neamh.
’S taitneach an ni deagh chuideachd, deagh choimhearsnaich agus deagh chairdean; agus ’s mòr a tha daoine a’ deanamh, chum so a mhealtuin. ’S ann o’n pheacadh, a tha a sruthadh sannt, mi-rùn, agus corruich, mathair-aobhair coimhstrì, agus tuasaid a measg dhaoine. Ach ann an tir na naomhachd agus na sìth, bithidh daoine gu tur air an saoradh o gach ni a dhuisgeas corruich agus aimhrèite? ’N sin bithidh gach inntin làn do sholus, gach cridhe làn do chairdeas, gach anam làn do shìth agus aoibhneas, agus gach beul làn do chliu an Athar agus an Uain. Mar a bhitheas an communn Neamhaidh gu leir saor o gach gnè pheacaidh, bithidh iad do ghnàth a’ meudachadh eolàs, gràdh, aoibhneas agus sonas a cheile. Tha iad air an àm a’ faotain roi-bhlassadh air an t-shòlas Spioradail, a mheallas iad fa dheoigh ann an communn nan Naomh. Ach tha sibh air teachd, arsa Pol, chum sliabh Shion, chum caithir an
FOGHNADH.
Mar so nochd mi dhuibh, co ris a thaic Pol Criosduighean Ephesus, agus c’arson a rinn e so. B’aithne dha-san gu math staid pobull a bhaile, sin, gu’n robh an naimhde Spioradail cumhachdach, lionmhor, agus gu’n robh iadsan aimideach, anmhunn. O na tha sinne san staid cheudna, tha feum againn a bhi air ar taiceadh re Dia, agus re focal a ghràis, chum a bhi air ar dion agus air ar sdiùradh, gu tearuinte, ann an slighe na beatha.
Anis o na se rùn taitneach ar cridhe, gu’m bi gach aon agaibhse air an tearnadh; agus gu’m bi sibh air bhur togail ’suas, mar theampull do Spiorad De, chum oighreachd ghlòirmhor, agus communn nan Naomh a mhealtuin gu siorruidh, tha sinn g’ar taiceadh re Dia, mar Athair bhur Spioraid, agus mar bhun-stèidh bhur sonais. Tha sinn g’ar taiceadh re Criosd, àrd-bhuachaile an treud, da’n aithne bhur staid agus bhur n’uireasbhuidh; agus a tha do ghnàth ullamh, chum a ghràs a dheanamh foighainteach air bhur son, agus a neart foirfe ’nar n’anmhuinneachd. Tha sinn g’ar taiceadh re Spiorad na sith, a chuir Criosd o neamh na àite, chum neart agus sòlas a thoirt d’ar n’anamaibh. Tha sinn g’ar
CRIOCH.
title | Searmoin XXI |
internal date | 1804.0 |
display date | 1804 |
publication date | 1804 |
level | |
parent text | Searmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid |