[46] SEARMOIN III.
ROM. III. 23.
Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad air teachd a dheidh-laimh air gloir Dhe.
’Siad so briathran an Abstoil Phoil, agus scriobh sè iad, le deachda Spioraid an Dè bheo. ’S brònach an ni a tha e ann an so a’ cur an ceill, ach mo thruaighe tha è soilleir agus do-àicheadh. Co luadh ’sa thuit Adhamh, nochd am peacadh e-fein air thalamh, agus o’n am sin gu ruig an là ’n diugh, tha ’n saoghal gu lèir làn dheth. Tha aghaidh na talmhainn, tha gach saothair a tha sinn a’ gabhail, a chum nithe feumail na beatha so fhaotain, tha gach tinneas, trioblaid agus cruaidh-chàs d’am bheil sinn buailteach, tha eachdraidh an t-saoghail, tha breitheanais De gu riochdail a’ dearbhadh, gu’n do pheacaich gach uile. Ach ge do tha
[47] gach dearbhadh againn gu’
r i so ar staid,
gidheadh tha moran ann nach ’
eil a’
mothachadh an cionta,
nach aidich am peacaidhean,
agus leis nach miann an trèigsin.
G’
ar toirt air ar n’
ais a dh’
ionnsuidh Dhe,
agus g’
ar deanamh deigheil air slàinte Chriosd,
tha è gu h-
àraidh feumail gu’
m bi fior-
eolas againn air ar staid.
Gu’
s am bheil sinn deirbhte,
gu’
n do chaill sinn le peacadh Adhamh iomhaigh Dhe,
gu’
n d’
fhàs ar cuirp agus ar n-
anama truaillidh;
agus gu bheil an staid so gu h-
araidh cunnartach,
cha ghuidh sinn tròcair,
cha’
n iarr sinn gràs.
Tha focal De a’
toirt beachd soilleir d’
ar staid,
agus g’
ar deanamh deigheil air slainte Chriosd: ’
se mo rùn air an àm,
le comhnadh Dhe,
a nochdadh,
ciod a tha na Scriobtuir gu h-
araid a’
teagasg mu dheimhin staid an duine thaobh nàduir.
Agus tha sinn a’
foghlum air.
I. Gu’n do chaill e a chumhachd, breith a thoirt air nithe spioradail ’na thuigse.
Tha ’n t-Abstol Pol gu riochdail a’ teagasg so. Ann an scriobhadh a chum an dream sin do bhaile Ephesus, a chaidh iompochadh, tha e gu h-àraid ag radh, na imichibh a so suas,
[48] mar a tha na Cinnich eile ag imeachd,
ann an diomhanas an inntinn fèin.
Aig am bheil an tuigse air a dorchachadh,
air dhoibh bhi ’
nan coimhich do bheatha Dhè,
thaobh an aineolais a ta annta tre chruas an cridhe.
Agus ann an deigh so,
tha e a’
cur an cuimhne dhaoibh,
gu’
n robh iad uair-
eigin ’
nan dorchadas. ’
Na Litir chum Thituis,
tha e mar an ceudna ag radh,
gu bheil araon inntinn agus coguisean an dream nach ’
eil a’
creidsin truaillidh.
Mu theid a radh,
gur è is brigh amhain do na briathra so,
gun robh an dream mu bheil an t-
Abstol a’
labhairt gun solus focal De,
tha eadhon so a’
daighneachadh ar teagasg;
oir tha so ag aidmheil,
gu bheil an duine gun fhocal De ann an dorchadas,
agus ann lorg so nach urrain e le reusan féin nithe Spioradail a thuigsin.
Agus tha e soilleir gur i so air staid,
o na chàidh a radh ris na h-
Iudhaich,
ged’
a’
bha suilean aca,
cha ’
n fhac iad;
ged’
a bha aca araon an reusan agus focal Dè,
cha ’
n fhac iad.
C’
arson a thachair so?
An ann do bhrigh nach bu mhiann leo?
cha ’
n ann amhain ach cha b’
urrain iad gun soillseachd Spioraid De.
Leughaibh an seathamh caibeideil do fhaigheadaireachd Isaiah,
agus chi
[49] sibh gun do chuir iad an aghaidh solus an spioraid a bha soillseachadh mu’
n cuairt doibh,
agus uime sin chaidh a thoirt uatha.
Ann an lorg so le ’
n Piobail am measg an làmh,
agus le làn chleachda an reusain,
dh’
fhan iad ann an dorchadas;
chuala,
ach cha do thuig,
chunnaic,
ach cha d’
aithnich iad.
Ach tha ar Slànuighear fein a’
deanamh an ni so co shoilleir re solus an latha, ’
nuair a tha è a’
teagasg,
gur ann trìd oibreachadh an spioraid amhain air ar n’
inntin,
a tha sinn a’
faotainn fior-
eolas air nithe spioradail.
Na nithe so ars’
esan,
labhair mi ribh,
air dhomh bhi ’
m chomhnuidh maille ribh;
ach an Comhfhurtair,
an Spiorad naomh,
a chuireas an t-
Athair uaithe a’
m’
ainmse,
teagaisgidh esan dhuibh na h-
uile nithe,
agus cuiridh e’
n cuimhne dhuibh na h-
uile nithe a labhair mise ribh.
Agus a ris tha è ag radh, ’
nuair a thig Spiorad na fìrinn,
treòraichidh e sibh chum gach uile fhìrinn oir gheibh e do m’
chuidse,
agus nochdaidh e dhuibhse è.
Tha ’
n leithid so do bhriathra gu riochdail a’
dearbhadh doille inntin dhaoine.
Tha eadhon aineolas agus mearrachd na’
n Abstol mu theagasg Chriosd,
gu soilleir a’
nochdadh,
nach urrain daoine
[50] gun oibreachadh an spioraid,
nithe spioradail a thuigsin.
Ciod is brigh do gach athchuinge a tha sinn a’
cur suas re Dia ann an ùrnaigh,
mur bheil ar tuigse thaobh naduir dorcha.
An gairmeadh Daibhidh co tric agus co durachdach air Dia a theagasg,
mur mothaicheadh e dorchadas a’
comhduchadh anama, ’
nuair nach robh spiorad De a soillseachadh air.
O na nithe so uile tha e soilleir,
gu bheil ar tuigse thaobh naduir dorcha,
agus nach urrain sinn le’
r reusan fèin,
eolas fhaotain air nithe spioradail.
Ach tha focal De a’
teagasg ’
san,
II. Gu bheil an duine ciontach, truaillidh. Tha foillseachadh an lagha a’ nochdadh so. Na ’m bitheadh an duine foirfe, bhitheadh an lagh uile an taobh a stigh dheth, agus bhitheadh foillseachadh an taobh amuigh gu tur neo-fheumail. C’ arson a rachadh lagh modhanna fhoillseachadh do na h-Aingil naomha, a tha cheana gu h-iomlan air an cumadh araon re nadur agus toil De. ’Na staid neochiontach, cha robh feum aig Adhamh gu’m bitheadh lagh air a thoirt dha ’n taobh amuigh; bha ’n lagh le gradh dha
[51] sgriobhte air a chridhe,
agus cha b’
urrain e dol air seacharan uaithe,
gun dol an aghaidh a naduir fein.
B’
e leagadh an duine,
b’
i a chionta a rinn lagh taisbeanta feumail;
a chum le’
r nadur agus ar giulan a thoirt gu riaghailt iomlan,
gu’
m faiceamaid ar fior-
staid,
tobar gach truaighe a tha sinn a’
fulang air an am,
agus gu’
m bitheamaid eagalach mu thoradh ar seacharain an taobh thall do’
n uaigh.
Tha’
n soisgeul a’
teagasg an ni ceudna,
tha gach sgeul aoibhneach,
tha gach gealladh ann a’
cur an ceill ar peacadh agus ar cionta;
oir gun so cha bhitheadh feum againn air geallana an t-
soisgeil.
Tha’
n ni so mar an ceudna gu riochdail air innseadh ann an iomadh earrann do fhocal Dè.
Mar dhearbhadh neartmhor do-
aicheadh air an fhirinn,
eisdibh ris an ni a tha Pòl ag ràdh,
ann am briathraibh Dhaibhidh.
Cha’
n’
eil ionracan ann,
cha ’
n ’
eil fiu a h-
aon.
Cha’
n ’
eil neach ann a thuigeas;
cha’
n ’
eil neach ann a ta ag iarruidh Dhe.
Chlaon iad uile as an t-
slighe,
tha iad uile mi-
tharbhach,
cha’
n eil neach a ta deanamh maith,
cha’
n ’
eil fiu a h-
aon.
Mar so tha e soilleir,
gu bheil an saoghal uile
[52] ciontach am fianuis Dè.
Ach tha na scriobtuir a’
teagasg ’
san,
III. Gu bheil an duine ea-comasach math a dheanamh. Tha iad a’ cur an ceill gu bheil ni àraidh annain da’n ainm an fheoil, anns nach ’eil ni math sam bith a’ gabhail comhnuidh. Tha so air ainmeach’ lagh a pheacaidh; tha cumhachd lagh air a thoirt dha, do bhrigh gu bheil e a’ stiuradh uile thograidh ar criodhachan; agus tha e air ainmeach’ lagh a pheacaidh, do bhrigh gu bheil e a’ stiuradh ar tograidh chum an ni sin a ta peacach. Tha e air innseadh gu bheil an lagh so ’g oibreachadh annain air mhodh co-threun, as gu bheil e toirt air uile bhreathnachadh smuaintidh ar criodhachan a bhi olc an comhnuidh. Tha e air innseadh mar an ceudna, gu bheil a chumhachd co mhòr, is nach urrain ni sam bith ach cumhachd Dhe a bhacadh; oir an uair a ta sin a’ cur na aghaidh, tha e air a chur an ceill dhuinn, gur e Dia a tha ’g oibreachadh annain araon an toil agus an gniomh d’a dheadh-ghean math féin. Tha cumhachd agus eifeachd a pheacaidh co-mhor, as gu bheil sinn a’ foghlum, an uair
[53] a tha ’
n spiorad a’
miannachadh ’
na aghaidh,
eadhon air an am sin,
nach urrain sinn na nithe bu mhiann leinn a dheanamh. ’
Se so an sgeul a ta focal De a’
toirt air an aomadh sin a ta ann an nadur an duine chum an uilc.
C’
aite ma seadh am bheil cumhachd an duine chum math a dheanamh?
Mhothaich an t-
Abstol Pol gu’
n robh e-
fein gu tur gun chumhachd.
A ta mi ars’
esan a’
faicinn lagh a’
m’
bhallaibh a’
cogadh an aghaidh lagha m’
inntinn,
agus ga m’
thabhairt am bruid do lagh a’
pheacaidh a ta ann am bhallaibh.
Och is duine truagh mi!
co a shaoras mi o chorp a’
bhais so.
Mar so,
thug mi dhuibh o fhocal De sgeul air staid an duine thaobh naduir,
tha e dall,
ciontach,
anmhunn.
Tha ’
n staid so gun amharus brònach,
agus tha gach neach a tha innte fuathach gràineil ann am beachd Dia na naomhachd. ’
Se mo run anis ’
san
IV. Cunnart na staid a chur an ceill.
Gus am mothaich daoine, araon an staid agus an cunnart a thaobh naduir, cha’n iarr iad saorsa, cha teich iad o’n fheirg a ta re
[54] teachd.
Guidheam ma seadh,
bhur n’
aire ’
nuair a bheir mi oidhirp bhur cunnart a chur an ceill.
Ach co as urrain so a chur gu ceart an ceill,
tha cunnart pheacairean do-
thuigsin agus do labhairt.
Tha ’
n t-
uile-
chumhachdach air a dhaighneachadh féin ’
nan aghaidh.
Tha ghnuis na ’
n aghaidh;
oir mar so tha Daibhidh ag ràdh,
gu bheil gnuis De an aghaidh nan daoi,
gu’
n cuimhne sgrios o’
n talamh.
Tha chridhe ’
nan aghaidh,
oir is fuath le Dia uile luchd-
deanamh na h-
eacorach;
agus tha e gach la ’
n corruich re peacairean.
Tha a’
lamh nan aghaidh,
mar so bhagair e gu’
m bitheadh a lamh an aghaidh clann Israel,
mar a bha i an aghaidh an aithreacha,
mur d’
thugadh iad eisdeachd dha.
Tha a’
bhuaghan gu leir ’
nan aghaidh;
mar so tha a cheartas mar chloidheamh lasrach air a rusgadh ’
nan aghaidh.
Tha ceartas De co teann,
as gu’
m feum e diòladh fhaotain gus an fheoirluing dheireannach:
tha e glaodhaich feirg agus corruich,
trioblaid agus amhghar air gach aon anam a ni olc.
Tha naomhachd Dhe làn naimhdeis ’
nan aghaidh;
mar so tha e air innseadh,
gur fuath leis luchd an uilc,
agus
[55] gu bheil eadhon gràin aige dhoibh.
Agus mar a thuirt muinntir Bhetsemeis,
co a dh’
fheudas seasamh ann an lathair an Tighearna Dia naomha so.
Tha cumhachd Dhia mar chanan millteach air a shocrachadh ’
nan aghaidh.
Tha gloir a chumhachd re bhi air a foillseachadh ann an sgrios na muintir sin,
aig nach ’
eil eolas air,
agus nach ’
eil a’
toirt geill do’
n t-
soisgeul.
Agus co a’
dh’
fheudas tairneanach a chumhachd san a thuigsin;
no co riamh a chruadhaich e fein ’
na aghaidh,
agus a thug buaidh air.
Tha gliocas De ann an tì am milleadh.
Mur pill iad,
chuir Dia faobhar air a chloidheamh,
lub è a bhogha,
dheasuich è a shaighde, ’
s rinn e acfuinn,
air fad ullamh.
Tha firinn Dhe a toirt mionn ’
nan aghaidh.
Agus mur breugaichear esan,
gheibh an dream sin gu cinnteach bàs,
a chaitheas am beatha do rèir na feòla.
Thuille air so,
tha làn chumhachd aig an Abharsoir orra,
tha e ’
g oibreachadh annta,
tha iad ’
nan traillean dìblidh dha,
tha e gan iomain o pheacadh gu peacadh.
Tha ’
n cionta fein na luidhe air am muin mar bheinn, ’
s trom do-
ghiulan gun amharus an eallach so,
leag i gu làr eadhon Slanuighear
[56] an t-
saoghail.
Tha ’
n lagh a’
dortadh gach aon d’
a bhagraidhean agus d’
a mhallachdan orra,
agus O cia uamhasach tairneanach an lagha!
Tha eadhon an soisgeul fein a’
toirt damnadh siorruidh mar bhinne ’
mach ’
nan aghaidh,
agus ’
gan ceangal gu daingean air an anama.
An tì ars’
Pol,
a rinn tair air lagh Maois,
bhasaich è gun trocair,
cia mòr is measa na sin am peanas air am measar esean toillteanach a shaltair fuidh chois mac Dhe.
Fa dheoigh,
tha fùirneis dioghailteis shiorruidh air a teasachadh fa chomhair pheacairean.
Tha ifrinn agus leir-
sgrios a’
fosgladh am beoil,
agus a’
sgaoileadh an gial gu farsuing as a cheile chum an slugadh a suas.
Agus am feud an cridhe fulang,
no an làmhan a bhi laidir anns an là anns am buin an Tighearna riu.
Agus co is urrain giulan le lasair shiorruidh,
no comhnuidh a ghabhail ann an teine caiteach. ’
S iad so na nithe d’
am bheil peacairean buailteach. ’
sì so ’
n staid chunnartach anns am bheil iad fhad ’
sa tha iad ’
nan naimhde do Dhia,
agus ’
nan coigrich do ghràs slainteil Chriosd.
Air dhuinn mar so staid agus cunnart pheacairean a chur
[57] an ceill,
deanamaid anis foghnadh aithghearr.
Ann an gabhail beachd araon d’ ar staid, agus d’ ar cunnart, ’s eigin dhuibh aidmheil, gu bheil iad le cheile eagalach brònach. ’S bochd an ni do dhaoine, aig am bheil anama neo-bhasmhor, a bhi gu tur dall, ciontach agus anfhann. Agus fhad sa tha iad anns an staid so, tha iad a’ fàs ni’s doille, tha ’n cionta a’ meudachadh, tha iad a’ call ni’s mo d’ an treòir. Agus cia truagh an nì a bhi teicheadh gach là ni’s fhaide o Dhia, agus a bhi à’ dlùthachadh ni ’s tinne re Ifrinn, agus doruinn shiorruidh. Tha cunnart na staid so mòr do-labhairt. Cia uamhasach an ni a bhi cogadh an aghaidh Tighearna nan sluagh, a bhi gach là a’ dusgadh a chorruich le’r giulan. Cia dàna an nì a bhi sìneadh a mach ar lamha ’n aghaidh Dhia, a bhi gar neartachadh fèin an aghaidh an uile chumhachdaich; a bhi ruith ’na chòdhail, eadhon air a mhuineal, air bolga tiugh a sgèithe. An gliocas a bhi re sùgradh ris an dara bàs, na dol le dànadas do ’n locha sin
[58] a ta losgadh le teine agus pronnasc.
Cha’
n urrain sinn cainnt na coimeas fhaotain,
a chur an ceill cuthach oillteil an dream sin,
a tha dol air an aghaidh gach là le dànadas ’
nam peacaidhean.
Gabhaibh beachd ann an trà d’
ar staid,
agus d’
ar cunnart,
agus guidhibh air Dia bhur dusgadh o chadal a pheacaidh,
chum as nach coidil sibh cadal a bhàis.